[253]

An Gradh Nach Searg

RUAIRIDH MACLEOID

DHUIN e an leabhar is rinn e mèaran. Chuala e cloc na h-Eaglaise Móire ri bùireanaich dusan turusbha am meadhon-oidhche ann agus làn àm aige leigeil dheth a bhith aleughadh bàrdachd na Ròimhe. Thug e sùil a mach air an uinneig agus chunnaic e na mìltean de reultan adeàrrsadhs adeàlradh anns an iarmailt. Bu bhriagha an oidhche a bhann agus shaoil leis gun toireadh e ùrachadh do inntinn cuairt a ghabhail roimh àm cadail.

A muigh air an t-sràid bha carbad asitheadh seachad le cabhaigs adol a mach á sealladh cho luath ri peileir á gunna. Bha am baile mór aig fois agus sàmhchair air tuiteam mar bhrat air gach sràid agus togalach. Bha na soluis mhóra bhuidhe asìneadh a mach an soillse ghrànda acòmhdach achabhsair le trusgan -nàdurra. Choisich e air a shocair sìos an rathad, a làmhanna phòcaid, agus a bhrògan adèanamh frig-frag air na leacan-cloiche. Bha sràidean abhailenan tàmhsnan tosd ach cha robh fois aig inntinn luasganach Alasdair.

Ràinig e ceann na sràide agus chuala e fuaim achiùil atighinn o thaobh eile an rathaid. Bha tigh-bìdh an sin a bha fosgailte a lathas a dhoidhche agus ar leis gum bu chòir dha dhol a null agus cupan a ghabhail a bheireadh air cadal na bfheàrr. Bha an tigh-bìdh làn ach aig abhòrd ri taobh an doruis cha robh ach caileag ògna suidhe aleughadh pàipear-naidheachd. Shuidh Alasdair sìos fa comhair. Cha bann sabhaile mhór a bha aigne agus a smuaintean. Chaidh a mhac-meanmna air iteig air ais troimh na mìosan, thar bheann, thar fairge . . . . . .

Cha dìochuimhnicheadh e gu bràth an oidhche a thug e an aire do Shìne airson na ciad uaire. Chunnaic e i iomadach uair roimhe sin achs ann air an oidhche bhriagha samhraidh ud a thug e fainear an toiseach nach robh aingeal o nèamh a thug bàrr oirre ann am maises ann am mìlseachd. Bha a falt camagach dualach òr-bhuidhe atuiteam sìos air a gualainn mar eas drillseanach copach asruthadh sìos aodann na beinne. A sùilean mar na seudan a dhannsasnan ceudan an uair a bhoillsgeas gathan na gréine air aghaidh lìomhta achuain; nas guirme na an dearcag fo dhealt na h-oidhche. Fiamh a gruaidhean mar an speur mu fheasgar an déidh don ghréin a bhith air a bàthadh ann an uisgeachan aChuain Shiar. A bilean dearg nas bòidhche na an ròs as cùbhraidh a dhfhàs riamh. A deud cho fìor gheal ri sneachd na h-aon oidhche. A guth cho binn ri teudan na clàrsaich; a cumadh, a cruth, a còmhradh gun smal, gun bheud. O dhuine, cha robh rìgh riamh air thalamh cho sona ri Alasdair an oidhche ud. ’S ann a shamhlaich e i ri Eilidh á Tróas, ri Cleopatra, ri Deirdre, ris aMhàiri Bhàn Og aig Donnchadh Bàn . . . .

Cha dìochuimhnicheadh e ri bheò achiad uair a ghabh e fhéin is Sìne cuairt troimhn choille. Rinn iad suidhe air abhruaich uaine ri taobh na h-aibhne a bha ri coireals ri crònan làmh riu. Os an cionn bha na h-eòin bheaga agleusadh an rann agus ag innse don t-saoghal


[254] uile gu robh an samhradh air tighinn. Bha fàile ùrail an fhraoichs nan dìthean atighinn uca thar na h-aibhnebha gach mar a bàill leo. Cha robh mothachadh aig Alasdair no Sìne air nithean tìmeils iad an glacaibh a chéile ann am flaitheas nach iarradh iad fhàgail . . .

Na chridhe fhathast bha e acluinntinn an òrain a bhiodh a leannan aseinns iad acoiseachd air amhachair ann an ciaradh an fheasgair. Bhiodh tiamhaidheachd an fhuinn daonnan atighinn air ais thuige an uair a bhiodh ena aonar:—

Mo ghaols mo luaidh, thug buaidh air càch
Am maise aodainns deise com,
Mo ghràdhs mo mhiann cha chrìon gu bràth,
A laoich as bòidhche measg nan sonn.

Bha cuimhne aige air an latha a fhuair e an litir a dhinnis gu robh àite dha anns an Oilthigh agus gum biodh aige ri aghaidh a chur air abhaile mhór. Le aigne shùnndach rinn e air tigh Sìne a dhinnse an naidheachd. “A ghaoil,” ars ise, “nach mi tha toilichte. Ach a mises tu fada bhuam ann an dùthaich nan Gall?”

Mar gum biodh ann am prioba na sùla chaidh an samhradh le shùgradhs le shubhachas seachad; bha an latha asìor sheargadh agus an oidhche afàs fada. Thàinig an oidhche bhrònach ud, an oidhche mu dheireadh air am biodh iad còmhla, agus an dithis aca miannachadh nach tigeadh i gu crìoch. Bu ghoirt an cridheachans bu throm an ceum air an t-slighe dhachaidh. Dhfhan iad air an starsaich gun fhacal atighinn ás am beul. “O Alasdair, a leannain,” arsa Sìne mu dheireadh, “na bi fo ghruaim. Bidh mise cho dìleas is a bha caileag riamh agus cha tig latha nach sgrìobh mi litir.” Phòg e na bilean blasda blàth agus sguab e air falbh achiabhag-fuilt a bha air tuiteamna sùilean. “A chagair, tha fhios agam nach inniseadh tu breug. Tha mise agealltainn nach dèan mi fiùs coimhead air téile gus an till mi a rithis.” Leis na deòirnan sùilean dhealaich iad agus ghabh Alasdair an t-slighe troimhn choille air an robh e cho eòlach.

Bhiodh cuimhne aige gu bràth a bhith ag éirigh tràth air madainn an ath-latha. Bha aghrian air a turus troimhn speurs cha robh oiteag gaoithe ann. An uair a chaidh e air bòrd abhàta chunnaic e Sìnena seasamhna làn àilleachd air achidhe, asuathadh a neapaig ri a sùilean. Ghluais am bàta on lamairig agus fhuair e an sealladh mu dheireadh air annsachds i asmèideadhs aguidhe gun tilleadh e gu sàbhailte . . . .

Bu mhór an toileachadh a thug e dhà a bhith atighinn air ais on Oilthigh gach latha agus a bhith aleughadh nan litrichean aig Sìne. Dhéireadh a chridhe a rithis agus ann an tiotan bhiodh e air ais aig bruaich na h-aibhne is Sìne ri thaobh. Mus tilleadh e air ais do a chuid leabhraichean shuidheadh e sìos agus sgrìobhadh e litir. “A Shìne a ghràidh, O mar a tha migad ionndrain an nochds tu cho fad air falbh . . . .”

Cha robh fhios aige ciamar a thachair an Shasannach ris. Bha i afuireach glé fhaisg air an tigh far an robh e fhéin agabhail còmhnaidh agus glé thric bhiodh iad acoiseachd air ais còmhla on Oilthigh. Aon oidhche chaidh iad le chéile don tigh-dhealbh, agus bha Alasdair


[255] a’ faireachdainn lasadh beagna chridhe agus aoibhneasna cheum . . . . .

An ceann seachdaine thàinig litir o Shìne agus dhaithnich Alasdair mus do dhfhosgail e i gu robh -eigin ceàrr. “Fhuair mi litir o nighinn Dhòmhnaill Mhóir an ,” leugh e, “agus tha i ag ràdh gu faci thu fhéin is téile atighinn a mach as an tigh-dhealbh. Thusa agealltainn nach coimheadadh tu air téile gus an tilleadh tu! Chan eil mi dol a ghabhail gnothach riut tuilleadh agus cha ruig thu a leas sgrìobhadh air ais le leisgeul oir cha dèan mi ach an litir a shadadh air mullach an teine gun a fosgladh.” Chaill làmh Alasdair a lùths is thuit an litir chun an ùrlair. An fhaodadh e bhith gu robh e fìor? Sìne, an aon dhan tug e gaol riamh air fhàgail, air a thréigsinn. Och, carson a ghéill e do mhealltaireachd na Sasannaich? Le ghòraiches le amaideachd fhéin bha e air briseadh-dùil is briseadh-cridhe fhaighinn . . . .

Ach a nis bha Alasdair agus a smuaintean air ais anns abhaile mhór. Cha robh ann ach dìomhanas a bhith acaoidh nithean air nach robh leigheas. Dhòl e balgam is thug e sùil airson na ciad uaire air an a bha air taobh eile abhùird. Chuir i bhuaipe am paipear-naidheachd agus choimhead i air gu mionaideach.

Chan e . . . . ? Alasdair!”

Sìne!”

Cha robh feum air facal. Bha am Freasdal a sgar iad o chéile a nis air na cridheachan briste a chàradh.

titleAn Gràdh nach Searg
internal date1961.0
display date1961
publication date1961
level
reference template

Ruairidh MacLeòid in Gairm 35 %p

parent textGairm 35
<< please select a word
<< please select a page