[259]

1 Is iomadh rud a tha an cois an fhoghluim

Cha robh mi riamh ann an co-chomunn ri oileanaich ar dùthcha gus an tàinig mi air abhliadhna so gu Obar-Dheadhain. Tha am baile fhéin gun teagamh air thoiseachd ann am bòichead agus ann an gloinead air baile sam bith eile a thadhail minam chuairt, ach chan ann air a sin a tha mo sheanchas.

Air dhomh a thighinn gu Obar-Dheadhain cha be idir am mór-shluagh dhan tug mi maire, ach an oigridh a chruinnich ann, á ceàrnaidhean iomallach an t-saoghail, co-dhiùbh tha iad an so dubh agus buidhe. Le sin tha e furasda a thuigsinn gu bheil iomadh caochladh dòigh a measg an grunnan cheud tha so agus iad ann ás gach treubh agus fine, á Africa agus Aràbia, ás na h-Innseachan agus na Hearadh.

Is fhada bho chuala mi ann an amhran gu robh cofaidh gu leòr ri fhaotainn ann am Brazil. Ma thà cha chreid mi nach iarr iad a h-uile gràine dheth dha na daoine pàiteach sin. Fireann agus boireann, tha iad an sud ag òl achofaidh bho mhoch gu dubh. Ach tha nas miosa na sin air achùis. Cha robh barrachd deathaich ann an Tigh nan Cailleachan Dubha ann an Uig na tha anns an fhàrdaich ud aig biasdan phàisdean òga smùideadh air tombaca, no mar a chanadh cailleach a dhaithnichinn fhìn: “asmùideadh air fagaigeadh.” Co-dhiùbh tha am fasan sin an diugh air a chleachdadh aig an tigh agus bhon tigh.

Rud eile a chuir fìor iongantas orm, ’s e sin na trusgain neònach a bhios air achlann-nighean. Chì mi cuid dhiubh le sgiortaichean cho teann mun tòin agus cho cuibhrichte mu na glùinean agus gu mionnaicheadh duine nach tigeadh an latha a gheibheadh an dàrna glùin seachad air an téile. An uair a ni iad ceum, is e fear glé ghoirid. Saoilidh mi fhìn gum biodh acheart uiread a shaorsainn aca ceangailte ann am buarach. Tha cuid eile dhiubh calg-dhìreach an aghaidh sin. Tha cuairt mhór ann an earbaill nan sgiortaichean acasan agus iad làn mar siùil le deagh shoirbheas, ach cha chreid mi gur e gaoth thagan lìonadh ged nach do thuig mise riamh thann. A mach air a sin tha na stocainnean an diugh air dath dearg, gorm, glas agus dubh. ’S ann a bhamheas air an t-sìoda. Cha bhi fios aig balach a bheil na cuislinn cnapach tha sud anns na casan aca no nach eil. Chan eil fiùs cnapan nam bròg nach eil air caochladh. Tha dèanamh nàmhadach orra, àrd agus cho biorach ri ceann na taraig; mo thruaighe fear a gheibh e[260]


[261] fhéin fo shàil dhan fheadhainn ud. Co-dhiùbh is beag feum a dheanadh iad air ational biathadh maoraich.

A thuilleadh air an aodach agus air am brògan tha na h-ìghneagan ag atharrachadh dath an craicinn agus cumadh falt an cinn gus am feumadh fear sealltainn uair ri aca mus biodh e cinnteach tha aige. Chì mi falt aon lathana chuibhleachan air mullach a cinn, aguss maithid an ath latha gum bi e mar earball gearrainna leth-sheasamh a mach bho chùl a cnuacainn. Tha cuid eile aca agus chan eil mi smaoineachadh gu bheil iad acur cìr ris uair sam bith. Bithidh na dosain sìos ma sùilean agus an còrr dheth atuiteamna pheallagan an suds an so.

Tha na tha sin glé mhì-thlachdmhor, achs e tha cur aghoirreiseachadh buileach orm na spuirean ìnean fada dearg a chì mi air cuid dhiubh, agus na bilean air an dearbh dhath. Chan eil cupan air an cuir iad gab air nach bi cruth agus cumadh am bileanna ràth dearg. Tha mi faicinn a nis gu bheil fasan ùr eile aca, aguss e sin a bhith acur guirmein air rasgan an sùilean. An àite so snas a chur air an dreachs ann a tha e afàgail rang dubh-ghorm mu na sùilean aca mar gum biodh iad air a bhithnan caithris bho raoir, air a neo air galair am bàis fhaighinn an àite-eigin. Co-dhiùbh sin an latha air a bheil iad.

Nach ann air an t-saoghal a thainig an latha? Ach ged tha mise sgrìobhadh so mar cheithir-cheàrnach chan eil fios nach dean iad beatnik dhiom fhathast.

CALUM MACLEOID (Nis).

title1
internal date1961.0
display date1961
publication date1961
level
reference template

Calum MacLeòid in Gairm 35 %p

parent textTroimh Shùilean nan Oileanach
<< please select a word
<< please select a page