2 “Orduighean Pittodrie”
Latha bha sud, bha mi gabhail orm gu socair sìos Sràid an Rìgh an Obar-Dheadhain is a’ mealtainn àile shoilleir an latha, ’s gun aon nì anns an t-saoghal a’ cur dragh orm ach cho cruaidh, trom ’s a bha na cabhsairean air mo chasan bochd, seach am fraoch eutrom a b’ àbhaist dhomh a bhith a’ saltairt air a leithid so de latha brèagha.
Is e Di-Sathuirne a bh’ ann, mu dhà uair feasgar, agus mar a bha mi a’ dol sìos an rathad thug mi ’n aire gu robh móran sluaigh air feadh nan sràidean agus gu robh iad gu math cabhagach ’nan ceuman. Mar a chùm mi orm thainig e a steach orm gu robh iad a’ fàs na bu lìonmhoire agus na bu phailte. Chuir so iongnadh orm agus thòisich mi air smuaineachadh càite idir bha iad a’ dol. An sin smuainich mi gu robh òrduighean a choreigin ann, agus gur ann an sin a bhitheadh iad a’ gabhail orra; oir chan fhaca mise àireamh cho mór de dhaoine bho Di-Sathuirne Orduighean Bharbhais. Leis a sin chuir mi romham dol cuide riutha, oir bha mi de ’n bheachd gur e ministear sònraichte maith a bha toirt a mach na bha so de dhaoine.
Co-dhiùbh, lean mi iad gus mu dheireadh thall ràinig mi an t-àite far an robh na ceudan dhiubh a’ dol a steach. Chuir e iongantas mór orm gu dé seòrsa de eaglais a bh’ ann, oir cha robh mise faicinnn ach
Bha duine ’na sheasamh anns a’ gheata so, agus thuig mi gu gasda gur e dèacon a bh’ ann, oir bha e glé choltach ri fear a dh’ aithnichinn anns a’ bhaile againn féin, seach nach robh aodach no ad dubh air.
Chunnaic mi gun robh na daoine a bha air thoiseach orm, mar a bha iad a’ gabhail seachad air an duine so, a’ toirt airgid dha, agus an uair sin gu robh iad air an leigeil a steach air geata beag iaruinn de sheòrsa nach fhaca mise riamh roimhe, oir bha e dol mun cuairt ann an leithid de dhòigh agus gun robh e na bu choltaiche ri cuibhle na ri geata; ach, airson sin, ’s e geata a bh’ ann.
Chuir mise mo làmh ’nam phòcaid, is rug mi air sé sgillinn, agus a dhuine, ’s ann a dh’ amhairc e orm gu geur agus thuirt e gu maith dalma: “Dà thasdan, ille, dà thasdan.” “A Rìgh beannaich mi,” thuirt mise rium féin, “dà thasdan, nan robh Dòmhnall Camshroin a’ deanamh so cha rachadh duine beò a dh’ éisdeachd a’ mhinisteir mhaoil a th’ againn san Eaglais Shaoir.” Ach biodh sin mar a thà, thug mi dhà dà thasdan agus leig e a steach air a’ gheata mi.
Chan fhaca mise eaglais no eaglais nuair a chaidh mi steach, ach bha staidhre air mo bheulaibh agus a suas ghabh mi. Thainig mi mach air a ceann, agus is ann an sud a bha ’n sealladh.
Bha mi ann an seòrsa de choire mhóir coltach ri Coire na Féidh ann am Mùideart, agus bha na bruaichean làn daoine. Ma bha na ceudan dhiubh a muigh air na sràidean, bha na mìltean dhiubh a stigh an so. Bha dail beag air ùrlar a’ choire mu dhà acair de mheud, agus bha mu fhichead balach a’ ruith ’s a’ réiseadh a thall ’s a bhos ás déidh bàlla beag, a’ fiachainn ri bhreabadh. An dràsda ’s a rìs bheireadh fear aca air, is bheireadh e breab air a chuireadh do cheann eile na dail e, agus an sin dh’ eubhadh na h-uile a mach agus thilgeadh iad an adan an àird. Bha feadhainn de na balaich gu math sgiobalta, agus nuair a bha am bàlla an àird anns an adhar, leumadh iad agus bhuaileadh iad le an cinn e. Bha seòrsa de àite, air a dhùnadh a stigh le lìon, aig gach ceann de ’n dail, agus rinn mi mach gu robh feadhainn de na balaich a’ fiachainn ris a’ bhàlla a chur a stigh do ’n lìon, agus feadhainn eile a’ fiachainn ri chumail a mach. Mu dheireadh thall fhuair fear dhiubh a stigh e, agus ’s ann an sin a bha ’n ùpraid uabhasach! Shaoil leamsa gun deach iad ás an ciall, oir bha a h-uile neach sa’ choire a’ glaodhaich ’s a’ sgriachail “gaol, gaol, gaol,” ’s gun mi fhéin fhaicinn móran de ghaol no de ghràdh idir san àite ud, oir bha na balaich air an dail na bu choltaiche ri muinntir a bha mach air a chéile.
Ged a bha ’m bàlla coise a’ cordadh glé mhath leam, cha robh mise faicinn gu robh móran feum ann, agus a chionn agus nach robh ministear ri fhaicinn, no searmon ri chluinntinn, thog mi orm dhachaidh. Mar a bha mi a’ gabhail an rathaid bha mi a’ beachd-smuaineachadh air cleachdaidhean agus dòighean muinntir Obair-Dheadhain, agus gu sònraichte air “Orduighean Pittodrie.”
“ADHBHAR SAGAIRT.”
title | 2 |
internal date | 1961.0 |
display date | 1961 |
publication date | 1961 |
level | |
reference template | “Adhbhar Sagairt” in Gairm 35 %p |
parent text | Troimh Shùilean nan Oileanach |