[263]

3 Sabaid nan Oileanach

Thachair gur ann air abhliadhna so chaidh a dhfheumadh ceannard ùr air an Oilthigh a thaghadh an àite Iain Mac Ille na Brataich, agus is àbhaist sabaid a bhith ann eadar na feachdan a tha cumail taobh ri fear seach fear de na daoine a ghabh orra seasamh airson Taghadh aCheannaird. Is e an t-sabaid so an rud a bannasaiche dhòmhsa de na nithean a chunnaic mi bhon thainig mi gu Obar-Dheadhain, agus bha dùil ri spòrs gu leòr mun faiceadh sinn a ghabhadh, de na cóig buidheannan a bha fiachainn an aghaidh a chéile.

Cho luaths a bha àm bidhidh seachad air feasgar Di-ciadain, theann an fheadhainn nach robh gabhail gnothaich anns achòmhstri ri cruinneachadh ann an ceithir-ceàrnaig de na colaisdean: cha robh uinneag mun cuairt air an àite nach robh lìonta le gillean is caileagan afiachainn ri sealladh math fhaighinn air na bha dol gu h-ìseal. Cha bfhad bhagainn ri feitheamh gus an tainig achiad bhuidheann san t-sealladhiad aseinn aig àirde an clagainn agus coltas an duine dhuibh air a h-uile duinaca. Ach mas e sin an coltas a bha orra an uair ud, bha iad buileach dubh mun do sguir iad.

Chuir na balaich cuid mhath den latha seachad arùileach anns na cùil thalls a bhos far am faigheadh iad piollag bhriogais no léine no peitean a dheanadh achùis an àite a bhith salach an aodach ceart. Bu choma dhut ged a bhiodh toll air do léine no air do mhuilichinn ann a shud, oir cha bfhada dhaithnicheadh tu dath nan sùl fhéin leis na bhann de shalachar.

Bha a h-uile fear diubh agiulain uireads a rachadh aige de àirneis-shabaid, a bharrachd air na bocsaichean agus na pocannan làn den stubh a bu mhì-thlachdmhoire na chéile, a bha aig gach buidheann. Am fear aig nach robh stocan càilna làimh, bha seann trosg air ghréim aige no stamh bog air choreigin, ris am faigheadh e buille fhiachainn air duine sam bith a thigeadhna aghaidh.

Bha cus cabhaig air na balaich gu tòiseachadh, agus fada mun do gheàrr am fear-breithimh fead air an fhìdeig, bha steall de bhuntàta agus uineanan groda, agus uighean agus iasg lobhta gun stad adol o thaobh gu taobh den cheithir-cheàrnaig. An dràsdas a rithis shadadh lasair fùdar-teine a measg an luchd-amhairc air eagals gun tuiteadh sinnnar cadal, agus fhuair fear no dhà ploc salach mu chùl an h-amhaich.

Cho luaths leigear cead leo, theann na buidhinn air màileidean làn min agus sùith a thilgeil air a chéile agus is iongnadh leamsa nach robh na h-innleachdan so aig ceàirdean Steòrnabhaigh o chionn fhada, nuair a bhiodh iad ri sabaid sràide air oidhche Dhi-Sathuirnecuiridh mi geall gur iad fada a bfheàrr na na botuil. Eadar min agus smùid an t-sùith agus ceò nam bomaichean fàilidh, pronnaisg, chaidh roinn mhath den bhlàr-talmhainn ás ar sealladh fon sgò-smùir so.

Bha bratach gach buidheann air am bualadh suas ris abhalla air an taobh fhéin, agus am buidheann a gheibheadh gréim air bratach na nàmhaid agus a dheanadh an gnothaich air a chur suas air abhalla aca fhéin, is iad a ghabhadh. Chaidh an ceòl air feadh na fìdhle buileach


[264] glan, nuair a rinn gach buidheann deann-ruith an aghaidh a chéile; eadar sabaid is carachd is putadh is breabadh is bualadh cha robh fhios bhan aghaidh mu dheireadh thall.

Chunnaic mi dithis no triùir air a dholnam mucan buileach glan le mire-chatha, agus iad aslaiceadh air a chéile le na dùirn, gun ghuth air fiachainn ri bratach an taoibh eile fhaighinn. Sud agad fear eilena roid, ’s e asiapadh stéice-bràghad (air a dhathadh le dath fala agus an sgamhan acrochadh ris fhathast) os cionn a chinn, agus e toirt brag air achluais a bfhaisge thigeadh air.

S ann mar sin a lean an t-sabaid, agus is coma co-dhiùbh am feachd a thug a mach abhuaidh, fhads a chòrd an latha ris a h-uile duine. Is iomadh briogais agus léine a fhuair cùl an teine an oidhche ud, oir cha chathadh ceàrd fhéin iad, le salachar, samh agus fàileadh sabaid nan oileanach.

DOMHNALL MACAOIDH (Cataibh)

title3
internal date1961.0
display date1961
publication date1961
level
reference template

Dòmhnall MacAoidh in Gairm 35 %p

parent textTroimh Shùilean nan Oileanach
<< please select a word
<< please select a page