4 Tigh-bidhe nan Daoine Buidhe, agus Tigh nan Annasan Luachmhor
Nach iomadh sealladh iongantach a chì balach air aineolas sa’ bhaile mhór. Goirid dhuinn an déidh a thighinn a dh’ Obar-Dheadhain, bha mi fhìn ’s mo charaid a’ gabhail cuairt air àird-shràid a’ bhaile agus a chionn gu robh sinn air iomradh a chluinntinn air tigh-bidhe nan daoine buidhe, dé b’ fheàrr na dhol a steach.
Is e a’ chiad rud air an do laigh mo shùil, na deilbh neònach a bha air a’ bhalla. Chunnaic mi an uair sin na fir-frithealaidh, ’nan deiseachan dubha, le clùd beag, geal air an gàirdean, ’nan ruith bho bhòrd gu bòrd. Cha b’ ann idir sa’ bhaile mhór a shaoil leam a bha mi nis, ach an dùthaich céin. Bha na bha sin a sheirbheisich cho coltrach an dàrna fear ris an fhear eile. Cha robh gàire na gruaim, na fiamh air domhain, a’ tighinn air an aodann. Agus a bharrachd air a sin, cha chluinninn fuaim an cas air ùrlair. Bha na h-aghaidhean buidhe aca a’ coimhead cho marbh, agus an uair a thainig fear orm gun fhios bho mo chùlaibh, chuir e briosgadh gu leòr orm. Dh’ fheòraich e gu solt, modhail, ann am Beurla bhrògach, dé bha sinn a’ raghnachadh ithe.
Co-dhiùbh, ged bu daor leinn e, dh’ iarr sinn air an duine chòir, cas circe, gràn, agus cuilc Innseanach. Dh’ fhalbh e mar a thainig e, mar an cat, ach cha robh mo laochan fada tilleadh leis na dearbh ghoireasan a mhiannaich sinn. Bha pailteas dh’ an ghràin ann, agus bha e blasda gu leòr. Ach cha deanainn càil ris a’ chuilc. Cha chreid mi fhathast nach e gasan buaghallain a fhuair sinn an riochd na cuilc. Shaoil sinn daor dha-rìribh am biadh, ach airson gun cuireadh sinn crìoch cheart air ar turus, smaoinich sinn gum blaiseadh sinn air an tì annasach a bha iad a’ reic, agus air an cuala sinn iomradh. Rinn sinn sin, ach mo chreach, ’s ann bu choltaich i ri bùrn a’ bhuntàta na ri tì. Dh’ fhalbh sinne ás an tigh-bidhe, agus cha chreid mi gun cuir sinn dragh air na daoine buidhe tuilleadh.
B’ e tigh nan annasan luachmhor an dara àite air an do ghléidh mi cuimhne. Is e togalach mór brèagha tha so, air a shuidheachadh mu
Anns an ath sheòmar tha corra chlaigeann bristeach dubh, le fiaclan buidhe-ruadh air nach deach toothpaste a riamh, agus dha na thrì chroisean Ceilteach, agus gràbhaladh co-dhualach air obrachadh sa’ chloich. Nach mór an t-saothair a ghabh bodach bochd a choreigin bho chionn fhada, a’ toirt cumadh snasail air aon de na clachan sin, le sgeilb is òrd.
Bu chòir do ’n fheadhainn a bhios a’ rannsachadh gnè nan creag, turus a thoirt a thigh nan annasan luachmhor. Tha pìosan creig dh’ an a h-uile seòrsa—dubh, geal, dearg is dath an òir, air cùl gloinne, agus e air innse dé ’n ceàrnaidh de ’n t-saoghal ás an tàinig gach aon dhiubh.
Tha an uair sin faoileagan is fulmairean is a leithid sin, agus an iolaire rìoghail, mhosach, le uan air ùr-bhreith fo spuirean. Air an taobh eile de ’n t-seòmar tha na bàtaichean-siùil a bha aig ar sinnsrean air an deilbh gu grinn ann an cumadh is ann an cruth, gun chearb air bith.
Tha an sin innealan-cogaidh a bha aig na Gaidheil, linn an déidh linn, an sud am follais—dagaichean is biodagan is claidhnean. Chan eil càil air am buail do shùil anns an talla mhór so nach eil a’ buntainn ri eachdraidh is caithe-beatha nan linntean a chaidh seachad. Sgoil ann na ás, saoilidh mi gum bu chòir do gach duine ceum a thoirt timcheall nan annasan so.
DONNCHADH MACGILLEIOSA (Nis).
title | 4 |
internal date | 1961.0 |
display date | 1961 |
publication date | 1961 |
level | |
reference template | Donnchadh MacGilleIosa in Gairm 35 %p |
parent text | Troimh Shùilean nan Oileanach |