[268]

Ju-jitsu

AILEAN MACGILLEATHAIN (MUILE)

AN do dhfhiach thu riamh cearc a chur ás an amhaich? Bha mi uair anns an Eilean Dubh faisg air àm na Nollaige agus chaidh mi oidhche chéilidh air fear aig a bheil sgaoth chearcan. Mas deach an oidhche seachad thuirt bean-an-tighe gu robh dhìth oirre cearcan a mharbhadh airson an cur air falbh anns amhadainn. Chaidh sinn le solus a steach do thigh nan cearc. Thòisich achailleach ataghadh nan cearc bu rimhe a bha air spiris agus mar a shìneadh i don bhodach bheireadh e fàsgadh oirre an cùl achinn agus bha i cho marbh ri sgadan am brioba na sùlach.

Ach chunnaic sinn feadhainn eile afiachainn ri circ a chur ás an amhaich agus bhiodh blàr ann mar gum biodh abhagan an caraibh achéiletoinneamh adol an amhaich an eòin mar a chunnaic mi iad afiachainn ri càraichean a chur a dhol an uair a thainig iad do Na Hearadh an toiseach. Uair a chanadh tu bhiodh achearc marbh, agus uair a thigeadh i cho beò ri cat-fiadhaich. Mu dheireadh bheireadh i suas an deò; dheadh a tilgeadh air an ùrlar agus an uair a shùigheadh amurtair fhallus bheireadh e làmh air a phìob agus e cho uailleil ás fhéin agus ged do bhiodh e air Joe Louis a chur air slaisnich a dhroma. Ach an uair a bha an tumbaca air a ghearradhna dhòrn bheireadh achearc plabadh aisde; bheirteadh oirre mas toireadh i a mach am blar-a- muighagus thòisicheadh Ju-jitsu a rithist.

nach cuala iomradh air circ a chaidh a thoirt a steach an tigh rag-mharbh airson na poite agus a chuir an tigh bun-os-cionn an uair a fhuair i a h-anail air ais far a deach a cath a steach fon bhòrd.

Is tric a chualas, “Chan eil lùths circe ann.” Chan i creutair gun lùths a tha sachirc idir. Tha ceann agus amhaich air achirc cho cruaidh ris na gadangu math nas cruaidhe na tha air a bhuileachadh air mac-an-duine.

Bha coileach cho briagha agus a chunnaic mi riamh aig feadhainn a chleachd a bhith fuireach an ath dhorus ruinn; bha e cho spaideil ris an fhear a chì thu air Gairm, no am fear a tha aig “Pathe” anns na dealbhan. Chan e mhàin gun robh e spaideil ach bha e cho seòlta ri sionnach agus cho olc ri sàtan. Cha tigeadh cat no mu astar dha. Cha robh coileach anns achoimhearsnachd ris an deanadh e sabaist, aguss e an cur-seachad a bha aige a bhith aleum air achuile duine a thigeadh an rathad. Duine gun diù dha bheatha a dheadh air àrainn gun armna làimh. Bha eagal mo bheatha orm gun toireadh e na sùilean ás achloinn; agus chan eil teagamh nach do rinn e sin nan dfhuair e an cothrom. Seòlta! An uair a chitheadh e atighinn thu thigeadh e cho dòigheilna do choinneamh agus ghabhadh e seachad ort air a thaobh fhéin den cheum cho modhail ri morair agus cho neo-chiontach ri manach. Ach cho luath agus a gheibheadh e cùl do chinn ris chuireadh e làn char dheth air do shàil, a ghob ri làr agus e ag at leis an olc uimhir ri coileach-frangach. Cho luath agus a gheibheadh e an t-astar a bha a dhìth air bhuat leumadh enad chìrein.

Latha bha so chaidh mi seachad air achoileach agus cho luath


[269] agus a chaill mo shùil e thionndaidh mi ris. Bha e adèanamh orm. a thachair a bhithna mo làimh ach sàbh. An uair a leum esan thug mi dhà oir an t-sàibh le mo theann neart mun amhaich. Thuit e cho marbh ri coileach-dubh. Chaidh mi a steach an tigh agus thuirt mi gun robh mi air mo nàrachadh gun do mharbh mi an coileach aig na daoine eile mu dheireadhcha bi sin achiad sgal a fhuair e bhuam; agus cha bi an mu dheireadh. Sheall mi a mach an ceann tacain agus bha an coileach còmhla ris na cearcan. Taing do Shealbh!

Tha eòin eile ann nach eil cho dalma sin. Marbhaidh tu achorra-ghriodhach leis an eagal. Tha feadhainn eile ann gu math nas seòlta na an coileach. Ma loisgeas tu air abhuna-bhuachaille agus a shùil ort theid e fodha mas ruig an urchair e ròn acheart rud. Tha an giadh-glas cho pongail agus gum bi fear aca air faire eagal gun tig dad orra gun fhios daibh an uair a tha iad ag ionaltradh faisg air baileagus creid thusa nach eamadan gun eòlasa gheibh a steach air aghiadh-ghlas.

Tha ian eile againn agus tha còrr is cheud bliadhna bho dhfhiachadh ri cur ás dhaeadar An t-Arm Dearg, Urracha Móra na Rìoghachd, Mithean is Maithean na Gaidhealtachd, ministirean, lighichean, bàilidhean, siamalain-sitig agus maighistirean-sgoile, shìos is shuas, thall is a bhos chaidh fiachainn ri cur ás da. Chaidh ceud car a churna amhaich. Ghearradh na sgiathan aige. Spioladh an t-earball ás. Dhfhiachadh ri cur ás da leis an acras. Fhuair e puinsean nan radan. Agus a liuthad duine an diugh leis am bu mhath stùr de na h-itean a chur ás. Tha còrr agus ceud bliadhna bho sgrìobh fear le mór uaill agus mór dhòchas gun robh an t-ian so an imis dol ás am Muile. Is iomadh matrachd a chaidh a dheanamh air bhon latha sin. Ach tha e beò fhathastagus tha e aneadachadh an déidh achuile rud. Tha mios aig na ceardainean air; agus tha cuid eile annfeadhainn nach deach an coguis a mhùchadh le beagan foghluimaig a bheil mios air cuideachd. Their An Comunn gu bheil iad fhéin air a thaobh. Neo-ar-thaing nach toigh leotha air fad an ceilearadh aige. Agus ged tha na nàimhdean lìonmhor cha chan mi fhéin gun do rinn e -thalachd air duine riamh.

Innsidh sinn uair eile ciamar tha dol dhà.

titleJu-jitsu
writersAlan MacLean
internal date1961.0
display date1961
publication date1961
level
reference template

Ailean MacGilleathain in Gairm 35 %p

parent textGairm 35
<< please select a word
<< please select a page