An Sgeilp Leabhraichean
Bùrn is Aran, le Iain Mac a’ Ghobhainn (Gairm, 5/6) .
RUGADH is thogadh Iain Mac a’ Ghobhainn ann am Pabail an Leódhus, ’s chaidh oileanachadh ann an Ard-sgoil MhicNeacail agus an Oilthigh Obar-Dheadhain. Tha e a’ sgrìobhadh an dà chuid ann am Beurla is ann an Gàidhlig, ’s tha a’ bhàrdachd a rinn e am Beurla air deagh chliù a chosnadh cheana. Ach cha do leig e a’ Ghàidhlig air chùl, agus tha e air earrannan de bhàrdachd is sgeulachdan goirid an Gàidhlig a chlo-bhualadh ann an Gairm, is a chraobh-sgaoileadh air an ràdio, ach so a’ chiad uair a chaidh an cruinneachadh còmhla san aon leabhar. Gu dearbh, fhad ’s as fhiosrach dhòmhsa so a’ chiad leabhar de sgeulachdan goirid a th’ againn idir ann an Gàidhlig, mura meas sinn na sgrìobh Caraid nan Gaidheal, Dòmhnall MacFhionghuin is ùghdairean de ’n t-seòrsa sin mar gheàrr-sgeòil. Tha naoi sgeul is fichead dàn anns an leabhar so.
Chan eil e idir cho furasda ’s a shaoileadh duine naidheachd ghoirid a sgrìobhadh, oir chan eil ùine no farsaingeachd aig an ùghdair nochdadh dhuinn gnè nan daoine ’s an suidheachadh anns a bheil iad. Tha sgil àraidh air iarraidh air an duine a dh’ fhiachas ri so a dheanamh, ach tha alt aig Iain Mac a’ Ghobhainn air. Ann am facal biorach no dhà tha e ag innseadh dhuinn na tha feumail mu na daoine san sgeul. Chì sinn so ma sheallas sinn air Turus Dhachaidh—2. So sgeulachd mu dhà bhràthair a bha ’g obair air croit an athar. Dh’ fhalbh aon diubh gu New Zealand, agus an déidh dà bhliadhna dheug tha e a’ tilleadh do ’n tigh. Air an t-slighe tha e a’ sealltainn air ais—innleachd a tha Mac a’ Ghobhainn ag ùisneachadh gu tric— ’s a’ cuimhneachadh an latha dh’ fhàg e an tigh. Bha athair a’ guidhe air fuireachd, coltach ri bhràthair, ’s cha robh a bhràthair ag ràdh smid ach
“ ’na sheasamh le dhà bhròig mhóir a’ fàs ás an talamh.”
Sa’ chaigeann bhriathran sin, tha dealbh againn do shlaod mór de dhuine, gun mhac-meanmainn, gun mhothachadh, mall anns gach dòigh, gun iarrtas sam bith air siubhal no atharrachadh.
Tha móran de na sgeulachdan ag innseadh mu dhaoine a chaidh am mealladh san t-saoghal; a thòisich air an t-slighe am blàth an òige, làn dòchais is smuainteanan faoine, ’s tha sinne a’ coinneachadh riutha nuair a tha iad nas aosda ’s nas glice. San sgeulachd An Coigreach chì sinn duine a dh’ fhàg a dhachaidh nuair nach robh e ach ’na bhalach, ’s a chaidh a Chanada a dheanamh fhortain. An déidh cóig bliadhna deug tha e tilleadh. San t-seanchas eadar e fhéin ’s a mhàthair tha sinn a’ faicinn mar a bha e ’na bhalach, mar a bha rudan eadar e[280]
Tha Iain Mac a’ Ghobhainn a’ nochdadh tuigse psychology agus ùidh ann am féin-fhiosrachadh dhaoine sna sgeòil ghearra. Ann am Bùrn, chan eil nì cha mhór a’ tachairt, ’s chan eil againn ach eachdraidh smuaintean saighdeir ’s e ’na sheasamh a’ coimhead Gearmailteach, ’s a’ cumail gunna dìreach air a bhroilleach.
Anns na sgeulachdan aig Iain Mac a’ Ghobhainn tha sinn a’ faireachdainn gu bheil sinn a’ cur seachad uair no dhà le cuideigin, a’ leughadh an smaoinean, no mar gum biodh a’ sealltainn a stigh troimh uinneig, ach aig deireadh na sgeula tha fhios againn nach e sin uile. Chan eil an deireadh a’ dùnadh dorus ach a’ fosgladh fear, ’s tha so a’ toirt biadh do mhac-meanmainn an leughadair, ’s a’ toirt air smaointinn.
Is annamh a gheibhear duine a sgrìobhas bàrdachd ann an dà chànain, oir tha gach cànan ag iarraidh gnàthachadh sònraichte dha fhéin. Gus an so, b’ e bàrdachd Bheurla d’ an tug Iain Mac a’ Gobhainn aire, agus leis a sin chan eil mi smaointinn gu bheil e fhathast cho ealamh sa’ Ghàidhlig. Chan eil brìgh a bhàrdachd ri fhaighinn ri bhith ’ga leughadh aon uair, ’s feumaidh an leughadair beagan oibreach a dheanamh cuideachd, ach ’s fhiach i sin. Tha ’n dòigh smuain aige duilich a leantail, tha na samhlaidhean neo-ghnàthach, buadhach, is am measg nan cuspair tha rudan cho deifirichte ri Am Buachaille ’s a Leannan, An Déidh an Dealbh “Dunkirk” Fhaicinn, Do Sheonag Nic Coinnich a’ seinn “Milleadh nam Bràithrean,” Tha thu air Aigeann m’ Inntinn, agus tha e a’ sealltainn air gach aon ann an dòigh ùr, neo-choitcheann, a bheir oirnn smaointinn a rithis mu na beachdan againn fhéin. Tha Eòghann MacDhiarmaid a’ deanamh a mach nach do ràinig ’s nach ruig bàrd Albannach a’ phrìomh inbhe le bhith sgrìobhadh am Beurla. Feumaidh e bhith dìleas do ’n chànan a labhair ’s a chuala e nuair a bha e ’na phàisde ma tha iarrtas air bàrdachd as fhiach a sgrìobhadh. Ma tha so fìor, dh’ fhaoidte gun toir Iain Mac a’ Ghobhainn barrachd de dh’ ealantas a làimh dhuinn an déidh so ann an Gàidhlig, ’s gun lorg e gu bheil nithean ann nach gabh cur an céill am Beurla. Co-dhiùbh, so leabhar a bheir uairean de thlachd ’s de thoil-inntinn do neach sam bith a leughas e.
CATRIONA NICFHIONGHUIN.
title | 1 |
internal date | 1961.0 |
display date | 1961 |
publication date | 1961 |
level | |
reference template | Catrìona NicFhionghuin in Gairm 35 %p |
parent text | An Sgeilp Leabhraichean |