[281]

From Barbour to Burns, An Anthology of Scots Poetry,deas. le Raibeart Scott, agusScottish Harvest, An Anthology of Scottish Prose,deas. le Iseabail NicPheidearain agus F. Philip Kitchen (Blackie agus a Mhac, Lunnainn agus Glaschu, 1960.)

Anns na cóig bliadhna deug roimhn chogadh mu dheireadh agus achogaidh sin bha dùsgadh mór ann an Albainn a thaobh nithean litreachail agus phoiliticeach. Bann anns an linn sin a thainig móran de na comunnan nàiseanta poiliticeach gu fearachas, no seòrsa de fhearachas, agus bann aig an àm sin cuideachd a ghabhadh ri sgrìobhadh nan ùghdairean ainmeil sin Uisdean MacDhiarmaid agus Niall Gunn agus Edwin Muir. Bha gu leòr a bharrachd orra sin ag obair thalls a bhos, mar a bha Bridie asgrìobhadh dhealbh-chluichean,


[282] Uilleam Power air na paipearan-naidheachd, Iain Grierson acur filmichean ri chéile, Dewar Gibb, am fear-lagha ainmeil, asgrìobhadh mu staid na h-Albann, agus bha achuid mhór den t-saothair aca air a stéidheachadh air an dòchas a bha aca a thaobh an dùthcha fhéin.

Tha gu leòr an Albainn nach do thréig an dòchas sin fhathast, ged a tha cus ann a chaidh a thoirt a thaobh le geallaidhean fàsa nan comunnan móra poiliticeach agus nam paipearan-naidheachd. Bha grunn bhliadhnachan ann an déidh achogaidh nuair a shaoileadh duine gun deach an dùsgadh mór sin bàs, ach tha e a cheart cho dòcha gur h-ann a bha an sluagh aleigeil an anail. Tha comharradh no dhà ann a bheir oirnn a chreidsinn gun cluinn sinn tuilleadh a dhaithghearr.

Goirid an déidh achogaidh bha e aithnichte air Roinn an Fhoghluim an Dun Eideann gu robh an dùsgadh sin air àiteachan àrda a ruighinn. Bha sin aithnichte cuideachd, ann an tomhas, air na h-Oilthighean, agus thòisich iad acur barrachd ùidhe ann an litreachas agus ann an eachdraidh na h-Albann, agus anns aGhàidhlig cuideachd. O chionn grunn bhliadhnachan tha toradh na h-ùidhe singa nochdadh anns na sgoiltean, agus bhiodh e nàdurrach gu leanadh an toradh sin greis fhathast. Tha an leabhar ùr a tha fo ar comhair an so mar phàirt den toradh sin, agus anns an aon dòigh tha leabhar bho leabhar mu eachdraidh na dùthcha atighinn am follais agusga chleachdadh anns na sgoiltean. Tha aGhàidhlig an còmhnaidh beagan air deireadh anns na cùisean so, ach chan eil i ro fhada air deireadh an turas so.

Tha e feumail agus iomchuidh gum biodh an leabhar so air an cur an tairgse nan sgoiltean, ach am foghluim achlann barrachd mu dhòigh-beatha agus mu rian-smuain an co-luchd-dùthcha. Gheibh iad an so taghadh grinn de bhàrdachd na h-Albais, air a chur ri chéile leis an duine tha teagasg Beurla ann an Ard-sgoil Steòrnabhaigh. Cha bhi achuid as sine dhith furasda a leantainn gun chòmhnadh on fhear-teagaisg, ach cha mhotha tha bàrdachd Chaucer, a tha gu cumanta air a leughadh anns na sgoiltean. Cha robh eagal air an fhear-deasachaidh roinnean móra fada a thoirt seachad den bhàrdachd aig Henryson, fìor bhàrd a bha beò anns achóigeamh linn deug, agus a sgrìobh an dàn fada, The Testament of Cresseid,bàrdachd a dhfhaodar a coimeas ris na sgrìobh Chaucer agus Shakespeare air an aon chuspair. Tha e cuideachd ataghadh bhon bhàrdachd aig an Rìgh Seumas a h-Aon, Uilleam Dunbar, Gavin Douglas, Allan Ramsay agus feadhainn eile, gus an ruig e Burns.

Chan eil ach aon ghearain againn an aghaidh an leabhair so, aguss e sin nach eil gu leòr de mhìneachadh ann air facail a tha air a dhol a mach á cleachdadh. Ach tha an taghadh ealanta, agus tha an leabhar gu fìor ghrinn air a chur an clò, agus bheir e toileachas do dhiomadach fear, anns an sgoil agus aisde.

BithidhScottish Harvestgu math nas fhasa a leughadh don mhór-chuid. Tha an chuid Albais agus Beurla ann, aguss ann Gaidhealach a tha cuid mhath de na cuspairean. Bheir e gu ar cuimhne a rithist turus an Ollaimh MhicIain agus Sheumais Boswell don Ghaidhealtachd, Murt Ghlinne Comhann agus amhì-thruacantachd sgriosail sin


[283] a chuir fuadach air na Gaidheil anns an ochdamh linn deug agus gu h-àraidh anns an naodhamh linn deug. Ach bheir e fo ar comhair cuideachd an latha-an-diugh, beatha is bàs astrì ri chéile ann am baile mór Ghlaschu, agus bòidhchead na dùthcha so air taobh muigh nam bailtean móra. Tha eachdraidh agus sgeulachdan an latha-an- agus an latha-an-diugh ann. ’S e leabhraichean den t-seòrsa so bonn-stéidh an dùsgaidh ùir a thig, is dòcha, roimh dheireadh na linne so.

R. McT.

title2
internal date1961.0
display date1961
publication date1961
level
reference template

Ruaraidh MacThómais in Gairm 35 %p

parent textAn Sgeilp Leabhraichean
<< please select a word
<< please select a page