“Stories from South Uist. ”Eadar-theangaichte le Iain Lathurna Caimbeul. Clo-bhuailte le Routledge & Kegan Paul (30/- ).
Is e rud cho duilich ’s a tha air an t-saoghal sgialachd no bàrdachd a chur ás aon chànain gu cànain eile a’ cumail brìgh agus fuaimneachadh (no rannaigheachd) na ciad chànaine. Chan eil a’ bhrìgh cho duilich, ach tha an còrr deamhnaidh.
Sin an gnìomh a ghabh Fear Chanaidh os làimh anuair a thug e làmh air còrr agus da fhichead sgialachd a chaidh a recòrdadh dha ann an Gàidhlig fharumach Uibhist le Aonghus Mac’ Ill’Fhaolain, no Aonghus Beag mar as fheàrr as aithne dhuinn e.
Tha trì beannachdan a’ tighinn còmhla anns an leabhar so. Tha an sgialaiche math; tha an t-eadar-theangaiche sgileil thar tomhais; chuir na clò-bhualadairean a mach leabhar a tha cho furasda a leughadh agus a tha e taitneach r’ a làimhseachadh.
Rugadh Aonghus Beag ann am Poll an Torrain ann an 1869. Bha e ’na bhalach anns na làithean anns an robh an tigh-céilidh aig àirde. Bhuilicheadh cuimhne air leth air agus ri linn ’s gun robh e eòlach air móran de na sgialaichean a b’ fheàrr ann an Uibhist thaisg e beairteas iongantach de sheann sgialachdan ’s de bhial-aithris. Chuir e seachad cóig bliadhna diag ’na ghille tuathanaich air tìr mór agus, mar sin, thog e móran sgialachdan bho thaobh eile a’ Chuain Sgìth.
Bho 1949 recòrd e an saoghal bràth de ’chuid sgialachdan do Fhear Chanaidh agus do Chalum Mac’Illeathainn nach maireann, agus tha sinn an dòchas gu faic sinn iad uile an clò. (Chunnaic sinn feadhainn dhiubh mar tha; ’nam measg Táin Bó Cuailnge a chlò-bhuail Calum Mac’Illeathainn).
Roghnaich an Caimbeulach an leabhar so a chur a mach ann am Beurla anns an dòchas gun leughar e le feadhainn a dh’ fhaochnaicheas an Riaghaltas gus cuideachadh a thoirt do na buidhnean a tha a’ strì, agus an ùine ’nan aghaidh, gus bial-aithris na Gaidhealtachd a thrusadh agus a thasgadh mus caillear móran a tha luachmhor. Ge be dé a thachras a thaobh sin leughar an leabhar so, no tha mi air mo mhealladh, le na mìltean do ’n toir e toileachas-inntinn agus cur-seachad agus ùidh ás ùr anns a’ Ghaidhealtachd.
Tha an leabhar ann an seachd earrannan, a’ tòiseachadh le “Sgialachdan na Féinne agus Seann Sgialachdan eile” agus a’ crìochnachadh le “Sgialachdan Siubhail agus Gàbhaidh.” Tha feadhainn de na sgialachdan aig am bheil an leithidean air feadh an t-saoghail agus ann an iomadh cànain. Tha móran dhiubh a chuala mi fhéin aig glùin fear seach fear de mo sheanairean.
Bha sinn eòlach air Boban Saor anns na Hearadh, mar chuspair sgeòil, agus tha iomadh saor air ainmeachadh (no fhar-ainmeachadh) as a dhéidh fhathast. Chuala sinn cuideachd mu bhuidsichean Chinn t-Sàile agus mu MhacMhuirich. Agus chuala sinn carson a tha am muir saillte.
Chan eil sin r’ a ràdha gur misde an leabhar seann eòlaich a bhith air an tasgadh ann. Is e neart agus cudthrom nan sgialachdan sin gu bheil iad de ghnè a lorgar ann an iomadh eilean agus a measg iomadh sluagh air feadh an t-saoghail.
A thuilleadh air na sgialachdan tha roinn mhór de ’n leabhar a’ toirt cùnntas air eachdraidh nan sgialachd, cho fad ’s a ghabhas sin lorg, air facail neo-àbhaisteach a tha a’ nochdadh annta, agus air ràdhan a tha dual ann an Uibhist ged nach eil sinn eòlach orra ann an àiteachan eile. Tha fios againn gur e brod an sgoileir a tha ann am Fear Chanaidh, agus tha sinn ’na chomain airson cho mionaideach agus a tha e ann an so. Tha mi toilichte nach eil e a’ deanamh strì gun bhrìgh gus na h-earrannan Gàidhlig aig deireadh an leabhair a chumail“pure. ”Tha e ’gan toirt dìreach mar a thainig iad far bilean Aonghuis Bhig, agus mar sin, tha sinn a’ faicinn ciamar agus càite a thainig buaidh na Beurla eadhoin air deagh Ghàidhlig Uibhist.
Aig toiseach an leabhair tha cùnntas air beatha agus òige Aonghuis dìreach mar a dh’ innis e fhéin i. Cha bu chòir do dhuine sam bith a dhol an luib nan sgialachdan gun a’ chùnntas so a leughadh an toiseach oir, ann am brìgh agus ann an siubhal, tha i a’ soillseachadh an dubhaidh agus an dathaidh a tha an sgialaiche fhéin a’ cur air na seann sgialachdan.
Tha e coltach gu bheil teip an làthair a rinn Aonghus Beag ag ìnnse eachdraidh a bheatha fhéin. Tha sinn an dòchas gun cuirear an clò i a dh’ àithghearr ann am Beurla agus ann an Gàidhlig.
Mar a thubhairt mi is ann am Beurla a tha na sgialachdan air an cur sìos, ged a shaoileas an leughadair gu bheil e a’ cluinntinn srann agus farum na Gàidhlige mar a tha e ’gan leughadh. Anns an t-saoghal anns a bheil sinn beò tha daoine a’ fàs sgìth de ’n mhurt ’s de ’n t-salachar a tha cho bitheanta anns na leabhraichean a gheibhear an diugh. Mar sin tha féill air leabhar a tha rudeigin eadar-dhealaichte agus fallain agus glan. Tha mi air mo làn mhealladh mura bi féill do-chreidsinn air an fhear so. Ceannaichibh e fhad ’s a tha e fhathast anns na bùthan.
F. McD.
title | 3 |
internal date | 1961.0 |
display date | 1961 |
publication date | 1961 |
level | |
reference template | Fionnlagh I. MacDhòmhnaill in Gairm 35 %p |
parent text | An Sgeilp Leabhraichean |