[284]

Leabhar Bliadhnail Sgoil MhicNeacail an Steòrnabhagh (1960)

Mar a tha duine afàs nas sine agus a chuimhne air làithean sgoilega fiaradh is dòcha le luasgan nam bliadhnachan, tha e dualtach nach toir sgrìobhadh nan sgoilearan òga uiread de thlachd dhas a thug obair a cho-aoisean nuair a bha e fhéinna ghlas-ghille. Tha mi anabarrach taingeil aideachadh nach bann mar sin a thachair dhomh idir nuair a leugh mi leabhar na bliadhna so. ’S ann a dhfhairich mi snuadh na h-òige air mo sheann ghruaidhean, agus buille-cuisle a bha min dùil a


[285] bha mi air fhàgail anns an t-seann aitreabh sin air Springfield abhliadhna a thòisich an cogadh.

Tha an leabhar bliadhnail so mar bhann a tha aceangal nan seann eòlach ri sgoil na cuimhne, agus gheibh iad criomag an suds an so a bheir an co-aoisean agus uaireannan an seann luchd-teasgaisg gu an smuain a rithist. Bithidh móran ann a ni toileachas ri aodann Alasdair Urchardain fhaicinn, agus ri leughadh na thaig Iain MacArtair ri ràdh mu dheighinn. Tha naHighersfhathastnan trioblaid mar a bha iad riamh, agus bithidh gu leòr ann nach gabh an deagh chomhairle a tha air a tairgse le M. McL. :—

Nise sibhse tha fhathast òg innt’,
Obraicheadh sibhse mar is còir dhuibh:
Is e mo dhùrachd is mo dhòchas
Nach tachair dhuibhsmar thachair dhòmhsa.

S e bu mhotha a chuir de mhoits de thoileachas orm fhaicinn na thanns an leabhran de Ghàidhlig agus de dheagh Ghàidhlig. Tha facal ann bhon mhaighstir-sgoile fhéin, agus an déidh sin rosg is bàrdachd, araon aotrom agus sòluimte, ann an deagh chumadh agus le brod abhlais. Chan eagal don Ghàidhlig fhads a sgrìobhas clann na sgoile i anns an dòigh so.

R. McT.

title4
internal date1961.0
display date1961
publication date1961
level
reference template

Ruaraidh MacThómais in Gairm 35 %p

parent textAn Sgeilp Leabhraichean
<< please select a word
<< please select a page