Rubair
le IAIN A. MACLEOID (Dun-dèagh)
Airson comhfhurtachd air chuibhlichean (Le cead bho Dunlop Rubber Co., Ltd.)
BHA e san dàn dhòmhsa mo bheò-shlaint’ a chosnadh ann an ceàird a tha buileach eadar-dhealaichte o mo cho-aoisean ann an sgoil Tairbeart na Hearadh is Ard-Sgoil Phortrìgh. Anns a’ cheàird so fhuair mi mion-eòlas air an stuth iongantach a tha ’na chuspair labhairt agam an dràsda, agus tha mi an dòchas, anns na mionaidean a bhios sinn còmhla ri chéile, gun teid agam air beagan eòlas ùr, buannachdail, agus a bheag no mhór de thoil-inntinn a thoirt dhuibh.
Gabhaibh beachd airson mionaid no dhà air feumalachd rubair dhuibh féin aig an dearbh mhionaid so ri taobh bhur teine. Is iongnadh leam mur eil paidhir bhòtunnan no dhà an ceann shìos an tighe? An do lìon sibh am botul teth, ’ga chur san leabaidh mun do shuidh sibh? Chan eil móran agaibh ás eugmhais solus an dealain. Tha e a’ tighinn do bhur n-ionnsaigh ann an dà ròp chaol de chopar, ach cha tigeadh e idir ás eugmhais a’ chòta thana de rubair a tha a’ sgaradh an dà ròp chopair o chéile.
Tha daoine a’ deanamh feum de rubair ann an còrr is leth-cheud mìle cumadh. Cha rannsaicheadh iad doimhneachd a’ chuain is doimhneachd na talamhainn ás eugmhais; cha tilgeadh na Ruiseanaich
Cia ás matà am faighear an stuth tha so. Anns a’ chiad àite gheibhear e an cruth bainne—bainne nach eil móran eadar-dhealaichte o bhainne bà ri amharc air. Ach a’ faotainn a’ bhainne so tha daoine a’ “bleoghainn” craoibhe—craobh annasach da-rìribh.
Chan ann a mhàin mar choltas fhaicsinneach a chì sinn an co-ionnanachd ri bainne a’ chruidh. Ma dh’ fhàgar ’na sheasamh e, thig uachdar air agus an ceann ùine fàsaidh e goirt agus faodar “càise” a dhealachadh bho ’n uisge. Gu dearbh is ann mar sin a tha rubair tioram air a dheasachadh, ach gu bheilear a’ cur fìon-geur anns a’ bhainne airson an gnothaich a ghreasadh air adhart.
Mun abair mi an còrr air tuathanachas an stuth, bu toil leam facal no dhà innse dhuibh air eachdraidh, oir chan eil ach ùine glé ghoirid bho ’n fhuair an duine eòlas air rubair, taca ri na stuthan eile air a bheil iad a’ cur feum, mar gual, iarunn, gloinne, luaidh, fiodh is leathar.
Gheibh sinn a’ chiad iomradh air rubair ann an criomag de na sgrìobhaidhean aig an t-seòladair sgairteil ud as aithne dhuibh uile Crìosgan Columbus. Anns a’ bhliadhna 1493 lorg esan an Saoghal Ur air taobh thall a’ Chuain Shiar agus am measg gach naidheachd a thug e dhachaidh bha an t-iomradh so air gillean òga Innseanach a’ cluiche le ball coise a’ bhochdadh air an talamh nuair a’ bhreabadh iad e. Sheall iad dha a’ chraobh o ’n d’ fhuair iad bainne a bha a’ tioramachadh ’na chnapan de ’n stuth a bha so. Bha iad cuideachd air uairean a’ spuaiceadh a’ bhainne air an casan agus air dha tioramachadh bha craicionn an sin a dheanadh deagh bhrògan dhaibh.
Am measg gach naidheachd mhór a bh’ aige cha d’ fhuair a’ chriomag bheag a bha so móran aire.
Aig toiseach an t-siathamh linn deug nuair a bha Iompaireachd na Spàinne craobh-sgaoilte air feadh an t-saoghail gheibh sinn iomradh air na saighdearan aca, ann an dùthaich Mexico, a bhith a’ deanamh an còtaichean dìonach bho uisge le bainne chraobhan àraidh.
Ach co-dhiùbh bho ’n chiad iomradh a rinn Crìosgan Columbus air an stuth chaidh faisg air trì cheud bliadhna seachad mun do ghluais daoine ri bhi fiachainn feum a dheanamh dheth agus is ann do na Frangaich a bheir sinn an t-urram airson a’ chiad cheasnachadh a chur air bonn. Thug na fir-ealain aca cnapan de ’n stuth dhachaidh do ’n Fhraing is thòisich iad air cnuasachadh.
Theireadh na h-Innseanaich Dhearga“cahutchu”ris a’ chraoibh—ainm a tha ciallachadh sa’ chànain acasan “craobh nan deur” do bhrìgh mar a shileadh am bainne uaithe mar dheur nan sùil. Gus an latha an diugh is‘caouthchuc”an t-ainm a tha air rubair anns a’ chànain Fhrangaich agus facal glé dhlùth ris sin aig na Gearmailtich.
Anns an dùthaich againn féin is e am fear ealain ainmeil sin, an Dotair Iòsaph Priestley anns a’ bhliadhna 1770 a fhuair a’ chaid shealladh air criomag de ’n stuth. Bha duilleag phaipear ’na dhòrn air an robh e a’ sgrìobhadh le peann luaidhe agus air dha am paipear a shuathadh leis an stuth so ghlan e ás an sgrìobhadh. Gun dàil thug e an t-ainmrubberair—an t-ainm a lean ris anns a’ Bheurla.
Cleasachd airson na Cloinne (Le cead bho’nNatural Rubber Bureau)
B’ e chiad eòlas a fhuair na fir ealain gun gabhadh an rubair leaghadh anns an ola ris an abair sinnturpentineagus anns an staid sin bha e glé fharasda a spuaiceadh air anart, agus air dhà tioramachadh dheanadh an tàillear còta dheth a bha dìonach o uisge.
Bha aon tàillear ann an Glaschu air thoiseach orra uile—Teàrlach Mac an Tòisich—tàillear a bha cho ainmeil is gun do lean an t-ainm aige eadhon gus an latha an diugh ri còta aotram a tha dìonach o uisge. Nach eòlach sibh uile air an ainm “Mac” ’ga ghabhail air a leithid sin de chòta.
Ach co-dhiùbh, feumail ’s ged a bha na còtaichean annasach so, bha aon choire mi-shealbhach orra. Ann am fuachd a’ gheamhraidh bha iad ’nan stob cruaidh reòta agus ann an teas an t-samhraidh bha iad a’ fàs bog, leanailteach agus a’ tuiteam o chéile. B’ e so coire a bha anns an rubair gu nàdurra agus gu dearbh cha robh e gu móran feum gus a’ bhliadhna 1844.
Bha dithis dhaoine, Tómas Hencock ann an Sasuinn agus Teàrlach Goodyear an Ameireaga ag obair gu dìcheallach air a’ cheist mhóir a bha so oir bha deagh amharus aca air an fheumalachd a bha anns an stuth nan deidheadh aca air cur ás do ’n aon choire so—an droch dhiòl a dheanadh fuachd is teas air.
Gun fhios da chéile dh’ obraich iad agus gun fhios da chéile ràinig iad an dearbh fhuasgladh agus gus an latha an diugh tha móran deasbad eadar Breatannaich is Ameireaganaich có aca a bha air thoiseach.
Fhuair iadsan an t-eòlas gum faodar rubair a mheasgachadh le pronnasc (pronnasdair) agus air teas a chur ris tha atharrachadh iongantach a’ tighinn air.
Chan eil móran buaidh tuille aig fuachd a’ gheamhraidh no teas an t-samhraidh air, agus an nì as fheumaile buileach an uair a theid a lùbadh, a shlaodadh no a thoinneamh air a chéile pillidh e gu grad gu chumadh féin.
B’ e so an iuchair a dh’ fhosgail an dorus agus thòisich daoine air tuilleadh is tuilleadh feum a dheanamh dheth. Anns a’ bhliadhna sin, 1844, còrr is ceud bliadhna air ais, thainig luchd dà cheud tunna a steach do ’n dùthaich. Anns a’ bhliadhna 1957 thainig do ’n dùthaich luchd còrr is dà cheud mìle tunna!
Fàsaidh a’ chraobh rubair ann an dùthaich a tha teth agus fliuch eadar seachd ceud mìle tuath is seachd ceud mìle deas air cearcall meadhoin na talamhainn agus aig toiseach ar n-eachdraidh bha a’ chuid mhór de na craobhan a fàs ann an dùthaich Bhrasail ri taobh abhainn mhór Amason. B’ éiginn mhór a bhith a’ slaodadh á doimhne na coille agus le daoine a bhith deanamh tuilleadh feum de rubair cha b’ fhada gus an robh barrachd iarrtas na ghabhadh sàsachadh.
Bha luchd riaghlaidh ar dùthcha fo mhór chùram is chuir iad Sasunnach d’ am b’ ainm Eanruic Wickham air turus gu ruige Brasail air teachdaireachd dìomhair. Aig cunnart a bheatha o ghàbhadh na coille is o shaighdearan na dùthcha thàrr e ás le còrr is tri fichead mìle de shìol na craoibhe rubair.
Rainig e Lunnainn gu sàbhailte is chaidh an sìol a chur an gàrradh Kew. O’n tri fichead mìle sìol dh’ fhàs dà mhìle planndrais agus thugadh iad air bàta gu Eilean Ceylon. Chuireadh san talamh iad is ghabh beagan dhiubh riamhaich is dh’ fhàs iad. Uathasan thugadh sìol ùr gu ruige Malaya agus chuireadh air bonn an tuathanachas mór feumail sin air am bheil an saoghal uile an crochadh. Le dìcheall is deagh aire nan tuathanach cha b’ fhada gus an robh na craobhan fada, fada nas torraiche na bha iad ann an coilltean Bhrasail.
Anns a’ bhliadhna 1888 chaidh innleachd a chur air chois a bha ri atharrachadh mór a chur air eachdraidh ar saoghail agus spàirn mhór a chur ann an tuathanachas an rubair. Bha daoine a’ deanamh oidhirp air siubhal an rathaid air an each iaruinn (no mar a their sinn ambicycle). Le chuibhlichean cruaidh air rathaidean creagach gu dearbh b’ éiginn a bhith suidhe air, agus dìreach ann an deagh àm chaidh aig Iain Dunlop air pìob chaol rubair a ghleidheadh gaoth, a cheangal ris a’ chuibhill. Cha b’ e a’ chiad neach a smuainich air a so ach feumar an t-urram a thoirt dhàsan agus tha an t-ainm Dunlop gu minic ri fhaicinn ’s ri chluinntinn san latha an diugh. Is math is airidh e sin, air son an t-socair a thug e do gach fear is té a tha ’nan cabhaig siubhal.
An déidh an eich iarruinn thainig an càr ’s an t-itealan agus is ann sna cuibhlichean acasan a tha a’ chuid mhór de rubair an t-saoghail air a chur gu feum.
Sin agaibh matà eachdraidh an rubair gu h-aithghearr agus bu toil leam a nis facal no dhà a ràdh air an tuathanachas. Tha a’ chraobh air a cur mar phlanndrais—ceud chun an acair. An ceann seachd bliadhna thathar ’gan tanachadh gu ceithir fichead chun an acair agus tha am “bleoghan” a’ tòiseachadh. Aig briseadh an latha ni am fear oibre strìoc an rùsc na craoibhe le sgian air faobhar lannsa lighiche—obair sgileil oir ma theid e mìr na h-òirlich ro dhomhainn cuiridh e
[Dealbh]
Bleothann na craoibh rubair
(Le cead bho’nNatural Rubber Bureau)
Tha na cuinneaganlatexair an cruinneachadh ann an tuba mór agus an uairsin air an gortachadh le fìon-geur. An sin theid an rubair ’na chnap slaopach, fliuch, coltach ri cnap gruth no càise a dheanadh bean a’ chroiteir. Tha so air a thaosnadh is air a dheagh nighe ann am bùrn. An déidh sin tha e air fhàsgadh eadar rollan làidir iaruinn ’na leacan tana, geala.
Tha cuid dhiubh air an tioramachadh mar sin is thig iad thugainn marcrepe rubbera chì sibh air buinn bhrògan ach tha a’ chuid as motha dhuibh air an crochadh ann an tigh ceotha agus dìreach mar ankipper ,tha dath òrdhonn a’ tighinn orra. Nas fheàrr na sin, tha buaidh ann an ceò fiodha a ghleidheas rubair o bhith fàs liath mar càise.
Nis, matà, tha na leacan sin air am fàsgadh ri chéile mu mheud ciste-tea agus air an cur do ’n dùthaich so air bàta-smùid. Tha mi cinnteach gu bheil iomadach seòladair ann a tha eòlach air rubair anns an staid so. Tha mi féin eòlach air iasgair no dhà a fhuair cnap rubair ann an lìon sgadain an déidh a’ chogaidh, á bàtaichean a chaidh a chur fodha.
Bu toil leam facail a ràdh air an deasachadh a ni sinn air rubair anns an tigh-ceàird—leithid an àite anns a bheil mi féin ag obair.
Thuirt mi mar thà gur e pronnasdair an nì as fheumaile a tha sinn a’ measgachadh ris an rubair. Tha sinn ’ga theasachadh is ga thaosnadh air rolair làidir iaruinn gus am fàs e bog mar photaidh agus an sin
An déidh na stuthan a mheasgachadh gu cùramach ris an rubair theid e troimh innleachdan a bheir an cumadh ceart air agus mu dheireadh theid fhàsgadh gu teann agus teas a chur ris airson ùine àraidh—is dòcha mu chairteal na h-uaire a rèir tighead is cudthrom.
Their sinn ris an obair sovulcanisingagus mas cuimhne leibh bhur leabhraichean sgoile bha aig na Ròmanaich a measg an cuid dhiathan aon air an robh ainmVulcan—Dia an Teine.
Anns an dealachadh dh’ fhàgainn agaibh smuain no dhà:—
(1) Smuainichibh air na carbadan a’ siubhal an rathaid. As eugmhais rubair nach ann an sud a bhiodh a’ ghliog ’s a’ ghlag ’s a’ ghlunngaraich.
(2) Smuainichibh air na h-itealan móra a’ siubhal nan speur. Cha b’ urrainn iad an talamh a bhualadh gun rubair a’ gleidheadh gaoithe anns na cuibhlichean.
3) Smuainichibh air na tighean eiridinn agus na h-innealan aig làimh an lighiche.
(4) Smuainichibh air na ròpan caola copair le ’n còta tana rubair a’ toirt thugaibh neart an dealain; guthan air an radio; guth bhur càirdean air an telefon.
(5) Smuainichibh air an òigridh le ball-coise, golf, tennis is gach seòrsa spòrs.
(6) Ma tha fear an tighe a’ toirt thuige na pìob tombaca airson ceò dheireannach na h-oidhche biodh fios aige nach eil an cas chruaidh dhubh na pìoba ach—rubair is pronnasdair!
title | Rubair |
internal date | 1961.0 |
display date | 1961 |
publication date | 1961 |
level | |
reference template | Iain A. MacLeòid in Gairm 35 %p |
parent text | Gairm 35 |