[225]

Tea Feasgair

RUARAIDH MACTHOMAIS

BHA foinne mhór dhubh air an t-sròin aice. Ged a dhfhiachadh e ri aire a chumail bhuaipe dhfhairicheadh e a shùilean alaighe air an fhoinne a rithist. Bha i mar chloich-tharraing ann an teis-meadhon an aodainn bhàin. Bha e acur seòrsa de nàire air cho -mhodhails a bha e. Cha leigeadh e leas. Dhfhaodadh na sùilean móra ciùine innse dha nach robh dragh aice. Bha bòidheachas den t-seòrsa sin seachad. Cha robh ionndrain aice air, nas motha na bha ionndrain aig achat stùthach air earball. Ach cha robh fhios aige-san air a sin.

Cha robh ann ach mar gun canadh tu bothan. Bha cheann cloiche air gun teagamh, aguss e iarunn-lurcach a bhair na taobhans air amhullach. Bha e blàth as t-samhradh is fuar, fuar sagheamhradh. Nuair a bhuaileadh fras air dhùisgeadh am fuaim ás do chadal thu, agus cha chluinneadh tu do chòmhradh fhéin nuair a bha na clachan-meallain ann. Cha robh e a leth cho seasgair ris an tigh-dhubh, ach bha iad asmaoineachadh gu robh e tòrr na bfheàrr.

S e rùm a bhann. Aig an teine bha dreasair is bòrd beag is séir fiodha is stòl. Nam biodh barrachd air triùir a stigh dhfheumadh cuideigin seasamh. Bha Bìoball Gàidhlig anns an uinneig, is paidhir de speuclairean saora ri thaobh. Bha peile bùirn ri taobh an dreasair, is ceann fiodha ann. Sement a bhanns an làr, is bha e corrach, làn thuill, ’s e dubh le smùr na mònach. Bhathasga sguabadh corra uair, ’sga nighe na bainneimhe na sin. Chuireadh Murdag dhith na bòtannan-beaga nuair a thigeadh i steach, is chuireadh i oirre na bonnagan.

S e an geamhradh a bhann. Thug an aimsir rapach geamhradh eile gu cuimhne Chatrìona. “Sud abhliadhna,” ars ise, “a bha mo mhàthair fon abhàs. Bha gaiseadh anns abhuntàta, agus bha amhin ateirigeachdainn. Bfheudar dhuinn maorach a thoirt ás an tràigh a h-uile latha, is be sin an obair fhuar. Cha robh sinne ach beag, agus bha mathair air bàsachadh bhliadhna roimhe sin.”

Beag. Og. Thug e sùil air an fhoinne a rithist. Bha i mór, tiugh, tromna corp, còta-drògaid oirre, striop an déidh striop de na h-ioma dathan, glas is gorm is buidhe-ruadh is dubhaon, dhà, trì, ceithir, cóig, striop ghorm eilechan fhaigheadh e air an cunntadhis polca den t-seann seòrsa os a chionn, le gorm is dearg ann, is plèada ma ceann, cha be currac, cha robh currac an uair sin ach air corra chaillich, ’s i bhiodh air a sheanmhair mar bu chuimhne leis i.

Bhiodh sinn dìreach air ar lathadh, ’s gun oirnn ach na piullagan co-dhiùbh. Chailleadh tu do mhùn leis an fhuachd.”

a fios a thaig abhalach,” thuirt Murdag, ’s i toirt sùil air a piuthair.

Nach eil mig innse dha ach am fios aige,” ars an t-seann te, ’s cha robh na sùilean cho buileach ciùins a bhà iad.

Bha sradag innte. Dhìricheadh i a ceann air a guaillean uaireannan mar sin, is chreideadh tu an uair sin gu robh i òg uaireigin. Bha falt


[226] tiugh oirre fhathast, ged a bfhada bho liath i, ’s e air a tharraing teann air gach taobh de a ceann, ’s air a chur suas ann an ciutha. Bha maoil mhór gheal oirre gun a bhith preasach idir, is sgraob os cionn na sùla, is laigh a shùil air an sgraob a nis. Cha robh i cho dubh no cho faicsinneach ris an fhoinne, ach thuirt e ris fhéin: “Carson a tha i fàgail sud oirre?”

So a ghràidh far an deach bior tromham, ’s mi fighe geansaidh dhì-se. Cha deanadh ise fighe a bfhiach bruidhinn air, an luidsear grànda.” Thug i an t-sùil mhì-thruacanta sin air a piuthair. “Ach an uair a bha mise falbh na puirt cha robh bheag ann a dheanadh fighe cho grinn rium.”

Cha robh gu dearbh, a Chatrìona,” ars an téile, agus cha be brosgul a bhaice.

“ ’S cha be a chuile gille gheibheadh geansaidh snàth bhuam.”

Bha sin ann cuideachd! Gillean, is dibhearsain, is brìodal is dòcha. Air chùl an aodainn bhàin. Mus do dhfhàs an fhoinne. Mun deach am bior an sàs.

Bheil cuimhne agad air agheansaidh a rinn thu do Chalum Dhonnchaidh?” thuirt Murdag, ’s i crathadh a cinn.

Thà, glé mhath,” ars a piuthar. “Cuir thusa an coire air an teine, is cus còmhraidh aruith ort.”

Bha Murdag an còmhnaidh atarraing feirge oirre fhéin mar sin. Bha iad cus ann an cuideachd a chéile is dòcha.

seòrsa dhaoine tha sin agaibh anns achampa?” ars ise ris abhalach.

Sasunnaichars esan.

A, nach iad tha grànda grobhail,” ars ise. “ tha na coin odhar sin ag iarraidh a so?”

Chan eil iadsan ag iarraidh a bhith so idir,” ars esan, “ach gu feum iad a bhith ann.”

thagan cur ann?”

Thà an Rìghs aPhàrlamaid.”

An Rìgh! Be sud am buidhean beag eile! ’S aPhàrlamaid! am feum a tha iad adeanamh a so?”

Tha iadgar dìon, gun fhios nach tig an nàmhaid oirnn.”

O chuilein ort.”

Bha ina tosd. Cha bfhiach leatha bruidhinn na bfhaide air na rudan grànda sin.

O chait bhochd! Cha chreid mi gun dhith thu càil an diugh. A Mhurdag, an tug thu iasg dhan achat?”

Thug, an trusdair.”

Thoir rudeigin dha, ma tha. Than t-acras air.”

Tud, a rud grànda. Chan eil e sgur a dhith.” Ach thilg i bloigh scona thuige is chuir an cat a bhus air.

Bhan coire mór dubh a nis agoil, is sgol i aphoit-tea is chuir in tea innte. Dhfhàg i aphoitna suidhe ris aghrìosaich, is chaidh i mach air cheann-gnothaich.

Shuidh iad, acoimhead an teine, gun smid a ràdh. Bha ise le a meuran acnagadh a sliasaidean, an còta-drògaid aruighinn nan aobrannan, is brògan àrda oirre, ’s iad fosgailte. Bha stocainnean


[227] glas oirre, de shnàth nam bobananfeadhainn chlaiseach. Bha fàd mònach fo gach cois: ’s iad bu bhlàithe na an làr sement.

Nuair a dhfhalbhas so,” ars ise, “cha bhi sibh ach mar a tha càch.”

So?” ars esan. “Tha mi duilichchan eil mi atuigsinn tha sibh ag ràdh.”

Seadh, so,” ars ise. “A chuile càil a thagar ceangal ris an àite so, is ris na daoine bhon tàinig sinn. ’S e galair gabhailteach a thanns an adhartas. Nuair a thainig sinne dhan an tigh tha so, bhann ach sinn. Cha bfhiach an tigh-dubhs cha bfhiach an t-slabhraidh. Cha bfhiach an t-aran-eòrnas cha bfhiach achòcaireachd a bhagainn. Ach cha robh clann againn a chumadh an t-adhartas adol is dhfhàs sinn coma dheth. Ach far a bheil teaghlaichean tha an t-adhartas acumail roimhe. Tha làr fiodha adol an àite an làir sement, is stòva dol an àite na cagailt, is rud nas fheàrr na sin adol an àite na stòva.”

Chan eil mise smaoineachadh,” ars esan, “gu bheil an teine-dealain dad nas fheàrr na an teine agaibh-se.”

Tha thu air do mhealladh ma tha, a ghràidh”, ars ise. “Thà, fada nas fheàrr. Chan e gu bheil misega iarraidh. Bha mi ro chleachdte ris a rud eile. Ach tha min dòchas nach fhàs sibh ro choltach ris na Sasunnaich.”

Tha bith uabhasach agaibh dha na Sasunnaich,” ars esan.

Chan eil,” ars ise. “Tha iad mar a chruthaicheadh iad, ’s chan eil cothrom aca air, ’s tha math is donanam measg, mar a thanar measg fhìn. Ach cha bhiodh e nàdurrach dhuinne bhith coltach riutha. Bithidh e acur cais orm nuair a chì mi gu bheil sinn afiachainn ris, is cha mhotha orm an uair sin iad na na coin.”

Thug min aire dhan a sin,” ars esan.

Ach is dòcha,” ars ise, “gu bheil dòigh ann air sinn fhìn a chumail beò ged a gheibheadh sinn tighean geala is teineachan is biadh mar a thaig na Sasunnaich. Fiach thusa a faigh thu mach an dòigh tha sin.”

Thug e sùil a mach air an uinneig. Bha amhòinteach man coinneamh, ’s i fliuch riabhach, le feur beag goirid an réisg afàs oirre, ’s na caoraichga chriomadh lom. Laigh a shùil air aBhìoball san uinneig, is shaoil e gu robh e cho dubh ris an fhoinne air a sròin.

Chunnaic i far na laigh a shùil. “Ath-ghineamhainn tha dhìth oirnn,” ars ise, “chan e teaghlaichean idir ach ath-ghineamhainn.”

Bha e ro anmoch dhìse.

Leig e beannachd leatha ’s chaidh e mach gun a thea a ghabhail.

title“Tea Feasgair”
internal date1961.0
display date1961
publication date1961
level
reference template

Ruaraidh MacThómais in Gairm 35 %p

parent textGairm 35
<< please select a word
<< please select a page