[229]

Leasachadh Innis le Siol-Chur Uachdrach

(Air a dheasachadh le Colaisd Tuathanachais Ceann-a- tuath Alba, agus air eadartheangachadh le Iain M. MacIlleMhaoil agus le Iain M. MacLeòid, Sgoil Liurboist.)

BE Mgr. Alasdair Ailein, Murfad, an Dotair Clouston agus Mgr. Aonghus MacLeòid, ball de Cholaisd Tuathanachais Ceann-a- tuath Alba, a chuir air bonn roimhn chogadh mu dheireadh an dòigh air an innis a leasachadh le bhith acur feòir an uachdar na talmhainn. Cha deachaidh móran a dhèanamh aig àm achogaidh, oir cha robh an luchd-ùghdarrais abrosnachadh an t-sluaigh gu bhith acur na talmhainn fo fheur gun bhithga threabhadh. Gu o chionn glé ghoirids ann saGhaidhealtachd agus anns na h-Eileanan an Iar a chaidh achuid bu mhotha de shìol-chur uachdrach a dhèanamh o dheireadh achogaidh.

Airson feum na h-obrach a dhearbhadh cha robh móran éifeachd ann a bhith acur achaidhean beaga le croitearan fa leth. Ann an 1947 dhatharraich Mgr. Grannd, Fear-seòlaidh na Ceàrnaidh, agus Mgr. Aonghus MacLeòid, ball den Cholaisd, an gnàthachas so, gu bhith ag obair ann an co-bhuinn ri bailtean iomlan air còirichean nam bailtean; mar bu bhitheanta acur mu fhichead acair gu ìre còmhla. Dhearbh so do na croitearan an luach a bhann an leasachadh innis.

Bann am Barbhas Leódhuis a chaidh achiad achadh de fhichead acair a stéidheachadh airson luach na h-obrach a shealltainn; thug Mgr. Boots seachad an t-airgead a chosg oirre. Chaidh achaidhean eile co-ionnan ri so a shuidheachadh ann an sia ionadan sna h-Eileanan an Iar agus air Taobh Siar na Mórthirachosgais air a tarraing á Ionmhas Comunn Leasachadh na Talmhainn. ’Na dhéidh sin thainig cosgais achaidhean-dearbhaidh á Ionmhas MhicAmlaidhann an Dail-bho-thuath, Ceann-a- tuath Bhradhagair, Siadair an Rubha, Suaineabost, Breascleit, Grabhair, Cearsiadair, Cromór, Leumrabhagh, Lacasaidh agus am Baile an Truiseil. Chosg aCholaisd fhéin air achaidhean na bu lugha, ann an caochladh bhailtean. Air tàille Ionmhas MhicAmhlaidh bha e comasach barrachd de achaidhean-dearbhaidh a chur air chois an Leódhus na an àite air bith eile.

Thug na croitearan greis mun do lean iad an eiseamplair so, ach a nis tha iad glé dheònach air còirichean am bailtean a leasachadh. Cha mhór nach eil 4,000 acair an diugh fo shìol-uachdrach an Leódhus.

Croitean agus Croitearan Leódhuis

Tha croitean Leódhuis bochdchan eil móran de thalamh-àitich ann. Mar as trics e mòintich staoin le fraoch afàs air uachdar an réisg a tha ann an còirichean nam bailtean. ’S e riasg rùisgte thann an cùl amhórchuid de na bailtean. Mar as bitheanta tha uachdar na talmhainn fliuch.

Chan eil an Leódhusach acur seachad ach cuid de thìde ag oibreachadh na croit. Mar as tric cha ghabh e gnothach ri leasachadh innis ach mar fhear-pàirt ann an obair baile, ged a tha grunn chroitearan


[231] air pàirt den croitean a leasachadh. (Tha mu shia ceud acair air a chur anns an dòigh so).

S e an fheadhainn a leanas, mar as trice, a tha agabhail os làimh Obair Leasachaidh air Innis:—

l. Breabadairean a tha acosnadh mu £10 san t-seachdain nuair a tha féill air achlò, no £3 — £5 nuair nach eil cùisean asoirbheachadh. Chan eil iadsan afaotainn tiodhlac-airgid nuair a tha iad dìomhain. Tha achaochlaideachd sonan teachd-an-tìrna deagh aobhar gun leasaicheadh iad an talamh ach tha i cuideachdgam bacadh.

2. Luchd-obrach sna mùillean a tha cosnadh, sachumantas, faodaidh e bhith £10 san t-seachdain. Tha an teachd-an-tìr-san nas cinntiche co-dhiùbh tha iad ag obair no tha iad dìomhain, ach tha iad afrithealadh uairean agus tha iad acall móran tìde asiubhal eadar an dachaidhs an obair. Chan eil móran tìde aca dhaibh fhéin anns agheamhradh.

3. Iasgairean, seòldairean agus luchd-tòir na muice-mara.

4. Am fear aig a bheil carbad-slaodaidh, ceannaiche 7c. sachoimhearsnachddaoine bheir seachad rudan air dàil: rud a tha glé chudthromach.


Dòighean air Rian a chur air Obair Leasachaidh Innis.

Tha trì nithean ann a tha adeanamh Leódhuis freagarrach airson sìol-chur uachdrach:—

1. Tha an aimsir blàth agus fliuch.

2. Chan eil samhòintich ach sgrath thana le fraoch afàs oirre.

3. Tha tiùrran math de ghainmheach shligeach ann.

Tha an obair adol air adhart mar so:—

Theid deich tonna chun na h-acair den ghainmheach shligeach a thoirt le làraidh ás an tiùrr as fhaisgeadar l agus 35 mìltean air falbhagus theid sin a dhòrtadh ri taobh an rathaid. Tha i an uair sin air a toirt troimh mhòintich abhaile chun an làraich le tractair, le bara-cuibhle, le eathar no le na croitearan fhéin ann am pocannan air am muin, a réir càite a bheil an làrach, agus theid a dòrtadhna tiùrran beaga. Chan fhaigh tractair gu cuid de na làraich agus tha an rathad cho briste gu feadhainn eile is nach gabh luchd nan tractairean an obair os làimh. Gu ruige so tha am baile ag obair mar-aon. An déidh sin tha an làrach air a roinnna earrannan, agus thatar acur croinn air na h-earrannan. As déidh sin tha e air a dhleasadh air gach fear aig a bheil co-roinn san obair, an aol, aghainneamh, an todhar is an sìol a sgaoileadh air achuibhrionn a thainig air. Tha e an uair sin furasda gu leòr fhaicinn càite bheil dearmad agus obair rapach, agus tha farmad anochdadh a cinn. A chùl air sin tha buidheannan eadar 3 agus 5, le ceannard, air an suidheachadh agus gabhaidh iadsan a rithist os làimh cuibhrionn den obair-lann leis an aon toradh. Tha an todhar is an sìol air an cur aig àm sam bith eadar achiad latha den Ghiblein agus an latha mu dheireadh den Iuchair, agus ma ghabhas e bhith dèante theid eadar 30 agus 50 caora chur air an talamh gun dàil, ach an stàmp iad e.


[230]

STEÒRNABHAGH AGUS NIS.
EÒROPAIDH (40 Ac.)
Cóig Peighinean (28 Ac.)
Cnoc Ard (40 Ac.)
EÒRADAL (30 Ac.)
LÌONAL D. (35 Ac.)
Sgiogarta (34 Ac.)
TÀBOST (70 Ac.)
Suaineabost (80 Ac.)
CROS (50 Ac.)
DAIL FO TH. (40 Ac.)
DAIL FO DH. (30 Ac.)
GABHSUNN (83 Ac.)
BORGH (11 Ac.)
BORGH (100 Ac.)
SIADAIR (110 Ac.)
BAILE AN TRUISEIL (100 Ac.)
BARBHAS (37 Ac.)
BARBHAS (40 Ac.)
BRÙ (37 Ac.)
TOLSTADH (75 Ac.)
BHATASGEIR (40 Ac.)
COL (22 Ac.)
TUNGA (100 Ac.)
LACASDAL (90 Ac.)
STEÒRNABHAGH
STEINIS (43 Ac.)
GARRABOST (30 Ac.)
SIADAIR (32 Ac.)
AN CEANN BEAG (5 Ac.)
NEWLANDS (30 Ac.)
PORT VOLAIR (35 Ac.)
AN ÀIRD (40 Ac.)
SEISIADAIR (25 Ac.)
PABAIL (100 Ac.)
SUARDAIL (25 Ac.)
AN CNOC (40 Ac.)
RARNIS (11 Ac.)
LIURBOST (57 Ac.)

Achaidhean-feòir
Ac. – Acair fearainn
- -- -- Ròidean


[232]

Uig agus An Taobh Siar
Bhaltos (20 Ac.)
Crùlabhaig (20 Ac.)
Eilean Bheàrnaraigh
Tobson (17 Ac.)
Hacleit (30 Ac.)
Breacleit (25 Ac.)
Loch aGhainmhich (40 Ac.)
Breascleit (150 Ac.)
Tolstadh aChaolais (50 Ac.)
An Cnoc (40 Ac.)
Càrlabhagh
Siabost (140 Ac.)
Bradhagair (Ceann a deas) (65 Ac.)
Bradhagair (Ceann a tuath) (60 Ac.)
Arnoil (50 Ac.)
Brù (37 Ac.)
Barbhas (40 Ac.)

Tha an ùine bheirear ris an obairs gach àite glé eadar-dhealaichteeadar 3 agus 8 mìosanagus tha iomadh aobhar air sin. Ann am baile iomallach far a bheil iasgairean, seòldairean agus luchd-tòir na muice-mara acòmhnaidh, faodaidh e bhith gun dèan iad an obair còmhla agus ann an ùine glé gheàrr. Ann am baile anns a bheil amhór-chuidnam breabadairean a dhfheumas na h-uimhir de chlòitean a chumail ris na mùillean, math-dhfhaoite nach bi e comasach dhaibh obair a dhèanamh ach an déidh trath-dìnneir Di-Sathuirn anns aGheamhradh, agus san fheasgar san Earrach agus san t-Samhradh. Tha an oidhirp as motha, acair air an acair, air iarraidh o na bailtean far a bheil na daoine asiubhal gu mùillean Steòrnabhaigh a h-uile latha. Tha iad afàgail na dachaidh tràth agus atilleadh anmoch, agus gu minig tha e duilich dhaibh an obair-innis a chrìochnachadh. Tha e duilich do chuid de bhailtean air na Lochan làrach còmhnard gu leòr a lorg, agus uaireannans fheudar do gach duine uimhir ri deich tonna gainmhich a làimhseachadh o thaobh an rathaid chun an làraich.

Feumaidh gach duine mu £5 a liùbhraigeadh don Chléireach agus feumar rudan eile fhaighinn air dàil sachoimhearsnachd gus am faigh iad an subsadaidh. * Bithidh iad afiachainn ris aghainmheach fhaighinn air dhàil on fheadhainn aig a bheil làraidhean agus tractairean. Bithidh iad afaighinn ghnothaichean-lann, todhar agus sìol air dhàil o luchd-malairt ghnothaichean-fearainn sachoimhearsnachd, o bhancaichean agus gu dearbh aig amannan o dhuine sam bith san àite a tha math dheth. Anns acheann thall cosgaidh e eadar £3 agus £5 agus leth-cheud uair a thìde dhobair gach acair, don chroitear.

Tha an subsadaidh atighinn o Choimisean nan Cmitearan agus onAgricultural Lime Department.


[233]

An Dòigh air Leasachadh Innis a chur air Chois

Tha Comhairlich na Colaisd atadhal air gach Cléireach isga sparradh gu ionnsaigh chur air na croitearan a thighinn gu coinneamh-baile. Aig achoinneamh so bithidh Comhairliche na Colaisd amìneachadh gach tha an cois na h-obrach agus tha gach neach a tha agabhail pàirt air a mhisneachadh gus a bheachdan a thoirt seachad. Thatar afiachainn ri lorg fhaighinn air neach sam bith a tha an aghaidh na h-obrach agus gheibh esan eisdeachd cuideachd. Tha bhòt an uair sin air a gabhail, gun an Comhairliche bhith làthair, agus ma rùnaicheas am baile dhol air adhart leis an obair cuidichidh an Comhairliche ri a cur air chois agus a cumail suas.

Cumail Suas na h-Obrach

Faodaidh e bhith nach eil càil ann as cudthromaiche bliadhna sam bith na cumail suas nan achaidhean-feòir a chaidh a chrìochnachadh anns na bliadhnaichean a chaidh seachad. Ma theid aon dhiubh so a dholaidh millidh e càch uile. Tha e air a chur air na Cléireachan gun cruinnich iad an t-airgead bhuapasan a tha agabhail pàirt, airson todhar gach bliadhna agus airson ionaltraidh gach beathaich a tha aca air na h-achaidhean-feòir.

NA LOCHAN
Airigh aBhruthaich (10 Ac.)
BailAilein (56 Ac.)
Lacasaidh (40 Ac.)
Ceòs (12 Ac.)
Clìb Cheòis (31 Ac.)
Gearraidh aBhàird (21 Ac.)
Cearsiadair (20 Ac.)
Grabhair (30 Ac.)
Leumrabhagh (10 Ac.)
Cromór (30 Ac.)
Rarnis (11 Ac.)
Liurbost (57 Ac.)
A Steòrnabhagh

Toraidhean

Anns gach baile aig a bheil achaidhean-feòir a tha co-dhiùbh trì bliadhna a dhaois, tha an àireamh cruidh ameudachadh. ’S e as aobhar don so gu bheilear acumail nan laoghs nan aighean. ’S e


[234] glé bheag de bheathaichean thair an ceannach, oir chan eil ach na h-uimhir rim faotainn sachoimhearsnachd.

Tha an fheadhainn a tha astrì ris an obair-sa mothachail gu bheil beathaichean nas fheàrr aca airson na margaidh, agus tha am mnathan afaicinn gu bheil barrachd bainne aig achrodh— ’s e am barrachd feòir prìomh aobhar air so. Tha cothrom aca air gréigheireachd nas fheàrr a dhèanamhcumail uan-reithean fo smachd, ageamhrachadh othaisgean, àite-breith airson nan caorach, muilt an òrdugh nas tràithe 7c.

Tha an sean-fhacal ag ràdh“ ’S e farmad a treabhadh,” agus tha e fìor gur h-e còmhstri eadar bhailtean a sìol-chur.

Obair ri Teachd

Faodar an t-uabhas obair a dheanamh fhathast an Leódhus a leasachadh innis, agus bithidh na croitearan air am misneachadh gu leantainn air an adhart acur feòir air amhonadh. Achs e achùis as cudthromaiche a thann gun teid faicinn gum bi aghréigheireachd nas fheàrr, gus am bi am feur math a tha ri fhaotainn air a chur gu feum mar as fheàrr a ghabhas.

Feumar fuil nas fheàrr fhaighinn anns an stoc, agus feumar am beathachadh as fheàrr a thoirt do na beathaichean. ’S e an aon dòigh anns am pàidh aghnothaich don chroitear gum bi stoc fallain agus tarbhach aige.

titleLeasachadh Innis le Sìol-chur Uachdrach
internal date1961.0
display date1961
publication date1961
level
reference template

Gairm 35 %p

parent textGairm 35
<< please select a word
<< please select a page