[299]

Air An Spiris

AN turus so tha Gairm còrr agus mìos air deireadh, rud nach do thachair riamh roimhe. Thachair so a chionn agus gu robh sinne cho trang le chéile ri ar n-obair làitheil agus nach robh rian againn coinneachadh gus an clò a dheilbh sinn fhighe.

Tha e duilich uaireannan do ar luchd-leughaidh a thuigsinn cho trom agus a tha an obair a tha co-cheangailte ri ràitheachan den t-seòrsa so. Chan e gu bheil sinn agearain, oir tha an tlachd a tha sinn afaotainn gu tric nas motha nan tàire. Ach tha aon dòigh anns bu toil leinn cuideachadh iarraidh air ar leughadairean… .

Mar a tha na bliadhnachan adol seachad, tha e afàs caran nas dlighe dhuinne luchd-sgrìobhaidh ùr a lorg, agus, mar a tha fios agaibh, riamh bho thòisich sinn, tha sinn air a bhi strì ri Gairm a chumail ùrair, beòthail.

Tha sinn daonnan ableideachadh nan càirdean air am bheil sinn eòlach, gus am bheil iad buailteach fàs leamh dhinnged nach dthuirt duine sin rinn fhathast an clàr an aodainn. Agus tha sinn adol rud-eiginnar bodaichan cunnart lorg a chall air sgrìobhadairean òga a tha ag éirigh suas.

Sin far an urrainn dhuibh-se ar cuideachadh. Ma tha sibh fhéin den ghinealaich sin mu dheireadh, cuiribh thugainn sgialachd no bàrdachd no eile bho àm gu àm. No mas aithne dhuibh duine den ghinealaich sin cuiribh thugainn an t-ainm agus ni sinne an iarraidh.

Chan ìongnadh ged a bhitheamaid adolnar bodaich! Tha an àireamh so aco-dhùnadh na naoidheamh bliadhna de Ghairm. Tha naoi bliadhna bhon a thuirt sinn ruibh— “Bheir sinn dhuibh co-dhiùbh bhliadhna de ràitheachan ùr Gàidhlig… .” A nise, air starsach na deicheamh bliadhna tha an aon fhonn againn.

Chan eil sinn adeanamh uaill as Gairm a chionn gun do mhair e na bfhaide na bha dùil aig móran. Is ann a tha sinn taingeil dhoibhsan a rinn so comasach. Iadsan a sgrìobh sgrìobhaidhean. Iadsan a reic na ceudan àireamh. Iadsan a cheannaich agus a leugh.

Aig deireadh aon bhliadhna agus aig toiseach téile, tha sinn atoirt taing dhaibh sin uile, agusgan sparradh chun abharrachd dìchill.

titleAir an Spiris
internal date1961.0
display date1961
publication date1961
level
reference template

Gairm 36 %p

parent textGairm 36
<< please select a word
<< please select a page