[325]

Aitreabh Nan Gaidheal

AN drochaid. Agus anuairsin Aitreabh nan Gaidheal air Sràid Elmbank. A nise Aitreabh ùr air Sràid Berkeley faisg air Talla an Naoimh Aindreis far am bheil na cuirmean móra Gàidhlig a h-uile Oidhche h-Aoine fad aGheamhraidh.

Ach feumar a chuimhneachadh gu bheil feuman aGhaidheil ag atharrachadh. Tha an Gaidheal òg a thig a Ghlaschu an diugh an tòir air goireasan air nach robh guth aig aghinealaich roimhe. Chan e mhàin àite coinneachaidh a tha dhìth air. Chan e mhàin àite céilidh. Ach club tlachdmhor far an toir e a chaileag no a charaid airson feasgar taitneacheadhoin airson gloinne liùnn. Mura faigh e comhartachd agus goireas anns an Aitreibh ùir theid e air an tòir a dhàiteigin eile.

Ach ge be a thachras chan urrainn dhuinn gun uaill a bhith againn ás an fheadhainn a shoirbhich ás leth na h-Aitreabh so. Bha uair a bha dùil aig móran nach gabhadh an t-airgiod mór a bha dhìth togail gu bràth. Ach chaidh a thogail. Agus a thaing sin dhoibhsan a shoirbhich gun dùil ri taing no duaisair an ceann Iain Moireach. An so shuas tha an taing as motha a gheibh iadAitreabh ùr Ghaidhealach a bhiosna carragh-cuimhne dhoibhsan mar a bhios ina carragh-cuimhne do Ghaidheil eile a thug na bhaca ann an aobhar ciatach.

Anns an ath àireamh de Ghairm tha sinn an dòchas gun teid againn air làn iomradh (le deilbh de gach seòrsa) a thoirt air AITREABH NAN GAIDHEAL.

titleAitreabh nan Gaidheal
internal date1961.0
display date1961
publication date1961
level
reference template

Gairm 36 %p

parent textGairm 36
<< please select a word
<< please select a page