[327]

Mod Thorgaboil

Le TORMOD MACNEILL

THACHAIR rudan uabhasach abhliadhna a bha am Mòd Nàiseanta ann an Torgabol, an Eilean Scàrasaigh. Is beag an t-iongnadh, gu dearbh, ged a thigeadh car ann an sròin nan urracha móra nuair a bhuaileadh samh na Gàidhlignan cuinnleanan. Fhuair iad de Ghàidhlig abhliadhna sin na ghàrraicheadh Moffat-Pender fhéin, is tha pàirt de na dreunachan a chaidh an sàs an uair sin nach do charaich ás an aodannan fhathast, ged is iomadh ceann a chaidh an aid dhuibhs am bonaid iteagach bhon sin.

Bha sin anns abhliadhna Anno Mundi 3959 (a réir cunntais na seann Eaglais Chruithnich), anns an Fhaoilleach. “Faoilleach air droch chladach”— ’s ann an uair sin a chaidh an seanfhacal atharrachadh. Agus gus achùis a dheanamh na bu mhiosa, droch Fhaoilleach. Eadar lamraigean gun rèileachan agus sitigean gun Izal, agus tea air a treas tarraingach cha leig an gaorraiseachadh leam smaoineachadh air a h-uile h-uabhas a bhuail luchd aMhòid eadar shròin is shàil.

Ge be chuir am Mòd a Scàrasaigh cha bhi fhios againn gu sìorraidh. Dearg amadan, is dòcha, a fhuair àite gun fhios do chàch air an Ard Chomhairle, is dùil aige gur h-e na Goill a bu chòir a bhith falbh bhon tighean gu Mòd, an àite na Gaidheil. Be sin lagh nan linntean a chur bun-os-cionn, achs ann aig Coinneamh Ghàidhlig a chaidh an rud a chur an dara taobh. An rud a nithear anns an dorcha bheir an solus am follais e, aguss e sin a thachair nuair a chaidh deasbad shuarach na coinneimh ud eadartheangachadh gu Beurla. Ach bha an ceòl a nis air feadh na fìdhle: bhathas air brath a chur gu luchd aChoimitidh ann an Torgabol gu robh am Mòd Nàiseanta atighinn thuca air an ath Fhaoilleach, agus gu robh a làn thìde aca tòiseachadh air airgead a thional.

Is na creid nach robh feadhainn ann a thuirt gur h-e deagh phlana a bhann. Bha eadar deich agus fichead mìle anam air Eilean Scàrasaigh, agus Gàidhlig aig a h-uile duine aca, ged a bha an sgoil atoirt freanadh aisde mus biodh iad ullamh dhith. Ach bha i atighinn thuca a rithist nuair a chuireadh iad cùl ris an fhoghlum. Bha feadhainn de na h-Ard-Chomhairlich ag ràdh nach be droch rud idir a bhiodh ann nan deidheadh am Mòd gu Scàrasaigh: gun cluinneadh muinntir an eilein na h-òrain Ghàidhlig air an gabhail ceart, agus gu faiceadh iad neart aChomunn dlùth air an dachaidhean fhéin. Bha dòchas àrd aig Fear-gairme Comunn na h-Oigridh gun stéidhicheadh e feachdan ùra air an Eilean, agus gun ionnsaicheadh na gillean camanachd, an àite bhith falbh nan sitigean ri ball-coises ri caithris-na-h- oidhche.

Bha aobhar-dòchais eile aig an Ard Chomhairle. Bha an Gaidheal mór sin, Ministear Stàite nam Fo-thìrean thar Muir (chan eil sin idir aciallachadh an Cuan Sgìth), air chòisir Ghàidhlig a stéidheachadh ann am Buganda, agus bha e apàidheadh nam faraidhean aca chun an ath Mhòid.


[328]

Chuir an Coimitidh ann an Torgabol seachad abhliadhna sin gu math dripeil. Cha dfhuair iad móran cothrom air airgead a chruinneachadh gus a robh am feur aca anns na sìgean agus am buntàta air a thogail, agus bha droch amharus orra an Oifis aChomuinn ann an Glaschu gum biodh saibhlean fàsa aca an sin an ath bhliadhna. Ach cho luaths a bha obair an fhoghair ullamh ghairm Clàrc aChoimitidh coinneamh anns an tigh-sgoile, agus thòisich iad ataghadh fo-chomhairlean, a réir iarratas na h-Aird-chomhairle. Thaghadh Sandaidh Sheòrdaidh mar Fhear-gairme Fo-chomhairle nan Tallachan. Bha ena bhall den choimitidh a bha strì ri talla fhaighinn ann an Torgabol, agus mar sin bha beachd aige air bha roimhe. Thaghadh Bean Chaluim Doll gu bhith os cionn Fo-chomhairle na h-Aoigheachd. Cha robh ach an aon tigh-òsda anns abhaile, ach bha ise eòlach air luchd nan òrduighean a phacaigeadh a-steach anns an tigh aice fhéin, is cha robh duine air an sgìre a bha cho èasgaidh rithe air seid a dheanamh nuair a theirgeadh na leapannan.

Coma leibh co mhiad fo-chomhairle a bhann. Bha iad cho lìonmhor ris na sligean. Ach airgead? Ciamar a rachadh aca air airgead a thogail? Sgrìobh am maighstir-sgoile gu Carnégie, a thug iasad dha fhéin nuair a bha e anns an Oilthigh, ach cha robh rian aig Carnégie air rud a thoirt seachad. Sgrìobh e an uair sin gu Gulbenkians gu Rockfellers cha dfhuair dad. Chuir iad an sin cuairt air abhaile is fhuair iad ceithir puinnds a deich. Chùm sin ann a stampaichean iad greis, is iad asgrìobhadh thalls a-bhos. Cha robh nach robh litir afalbh a shireadh airgid, is a h-uile dha no tri lathaichean thigeadh diùltadh.

Bha droch eagal air Sandaidh Sheòrdaidh, leis mar a bha cùisean, nach fhaigheadh iad na dhèanadh talla, is gun talla aca. Ach an latha so nach ann a thainig fios bhon fhear a bha os cionn stàite Eirinn (bha iad ag ràdh gur h-e Spàinneach a bhann), agealltainn mìle not bhon Riaghaltas acasan, a chionn rud cho annasach a bhith aca ri Mòd air aGhaidhealtachd. Chuir so spionnadh eagalach ann an Sandaidh, agus mus dfhuair càch an anail bha e acur a dhiarraidh talla mór fiodha. Be sin Mòd an àigh do Thorgabol: fhuair iad an talla a bha a dhìth orra o chionn deich bliadhna.

Cha do rinn càch gearain mun talla, ach air don mhìle falbh cho aithghearr dhfhàg sin iad le tuilleadh airgid a chruinneachadh gus cosgais aMhòid a phàidheadh, agus beagan iomlaid a chur gu Oifis aChomuinn an Glaschu. nis a dheanadh iad? Bha e feumail gur h-e bana-Shasunnach a bhann am Bean aMhaighstir-sgoile. Thuirt ise ris an duine aice gum bu chòir dhaibh rafail a dheanamh. Bha fhios nach còrdadh so ris aMhinistear, ach gus nach biodh an gnothach cho trom air a chogais-san, dhaontaich iad gun cuireadh iad na ticeardan rafail uile air falbh gus na bailtean móra, far a robh iad eòlach air a bhith reic an leithid. Chlo-bhuaileadh na mìltean dhiubh, agus sgapadh air feadh Ghlaschu, is Dhun Eideann, is Obar Dheadhain, is Duns is Lunnainn iad. Cha robh duine de Ghaidheil mhóra nam bailtean sin nach dfhuair lethcheud leabhar, agus bha iadgan creic ri chéile an sin gus na sgreamhaicheadh a h-uile duine a bhann. Ach cheannaicheadh iad na leabhraichean, air eagal gu saoilte spìocach


[329] iad, is bha rudan grinn air an tairgse dhaibh cuideachd: beathach caorach, is duis, is mulchag chàise, is lethbhreac de bhàrdachd Gobha na Hearadh, is paidhir de stocainnean nam bobanan, is fuigheagan clò a dheanadh sgiort, is a leithid sin.

Co-dhiùbh, ged nach do theirig mo sheanchas, chaidh an geamhradh seachad, is thàinig Faoilleach. Bha na tuinn bhorbagan sgailceadh ris na creagan àrsaidh liatha a bha mar bhalla-dìon air seann fhonn Scàrasaigh, agus bha na seann leacan os cionn Thorgaboil afreagairt gu mùgach corra ghathan fann na gréine. Thainig an sin an t-uisge: boinneag an suds an so an toiseach, ’s an uair sin cnap, is chùm i oirre asileadh gus na dhrùidh i air na cruachan mònachs gus na sheac na cearcan gu ìre eireagan, ’s nach deanadh na coilich fhéin gairm. Chan deidheadh duine a-mach don t-sabhal a dhiarraidh tràth bhuntàta gun bhòtannan air agus còta ma cheann. Bha na saibhearan acur thairis is bha an rathad-mórna aon lòn.

Sin an uair a thainig bàta-smùid Mhic-a- Bhriuthainn don loch, is a thòisich luchd aMhòid ataomadh do na h-eathraichean beaga a bhagan toirt gu ruig an lamraig. Fliuchs ga robh e, bha Fo-chomhairle na h-Aoigheachd rompa air an lamraig, agus Bean Chaluim Doll air an ceann, le oilisgean buidhe oirre agus umbairella os a cionn. Abair thusa sporghail air an lamraig nuair a thainig Ceann-suidhe aChomuinn, na h-Iar-chinn-suidhe, an Rùnaire, an t-Iar-rùnaire, an t-Ionmhasair agus an Leas-ionmhasair, Fear-gnìomha na h-Airde Deise, Fear-gairme Chomunn na h-òigridh (le caman fo achlais) agus Fear-gairme Chlann an Fhraoich gu tìr. Chluinneadh tu gnùsd an sud isoichan so, ’s an dile-bhàite atabhairt dhaibh mu na maiseachan-mullaich. Thug Bean Chaluim Doll ticeard an urra dhaibh, le ainm an duine aig am biodh iad afuireach, agus àireamh an tighe.

Ach bha na treallaichean aca ri thoirt ás an eathar fhathast: ciste mhór làn de leabhraichean an Ionmhasair, is chiste eile làn de leabhraichean aChomuinn: Ceud-fhuasgladh do na Daoine Leòinte, Cleasan Gaidhealach, Cobhair as na Speuran, agus Is Ann. Sin agus treallaichean Comhairle an Ealdhains aGhnìomhachais: crùisgeanan is truinnsearan is poitean is spliuchan Dhonnchaidh Bhàin. Sud a h-uile duine suas an rathad le eallach air a dhruim, is cha bfhada gus na ràinig iad na tighean.

Bithidh biadh mur coinneamh aig sia uairean, anns an Talla,” arsa Bean Chaluim Doll, “is fiachaibh gun tiormaich sibh sibh fhéin gu math is gun cuir sibh oirbh stocainnean tioram.”

Bha dùil agam,” thuirt an Rùnaire, “gum bann anns an tigh-òsda bhiodh sinn.”

Smaoinich sinn,” arsa Bean Chaluim Doll, “gum biodh e iomchuidh na farpaisich a chur don tigh-òsda, oirs ann an sin a tha am piàno.”

Cha burra dhaibh a ràdh nach be an ceartas a bha sin, is chaidh gach fear chun an tighe a bha air a chomharrachadh air a chairt fhéin. Bha na leapannan is na seideachan deiseil air an cionn, is abair gun dfhuair iad gabhail aca, is ceistean mu na càirdean an Glaschu. Bha so trom air an fheadhainn aig nach robh móran Gàidhlig, is bha pàirt den Ghàidhlig a bhaca trom air muinntir Thorgaboil, ach fhuair iad


[330] air iad fhéin a thiormachadh, iss ann an uair sin a bhuail an t-acras orra. Bha e gu bhith sia uairean, is ghabh iad suas chun an talla.

Bha brod abhìdh afeitheamh orra an sin: buntàta is sgadan, trì sgadain an duine agus na thogradh iad de bhuntàta, agus ás déidh sin bòla stapaig agus tea làidir dhubh.

Fhads a bha h-uile càil a bha so adol air adhart bha càch air a thighinn air tìr is bha iad adèanamh air an tigh-òsda is air gach tigh anns a robh oisean no seid air fhàgail. Bha iomadach seòrsa ann: feadhainn le móran Gàidhlig is feadhainn le beagan, feadhainn le féileadh orra is feadhainn le briogais, is feadhainn leis an chuid. Bha An Comunn air cuireadh a thoirt do Mhorair Chat a thighinn gu bhith air ceann fear de na cuirmean, a chionn cho bàidheils a bha a shinnsrean ris na Gaidheil, atoirt feannagan dhaibh ri oir achladaich. Chaidh esan don tigh-òsda, is ged nach robh cairt aige bho Bhean Chaluim Doll (is gun fhios aice gu robh e tighinn) fhuair iad àite dha ann an clòsaid.

Thainig bàta eile le còisirean bho dheas, is bha driftearan atighinn á suds á so, ás na h-eileanan eile, le còisirean is le farpaisich. Mun tainig meadhon-oidhche bha Torgabol acur thairis le luchd aMhòid. Cha robh seòmar no sabhal nach robh làn leotha, cuid ag òls aseinn is cuid eile le cur-na-mara orra fhathast. Bha farum aig aphiàno anns an tigh-òsda, is na còisirean atoirt an stiallaidh mu dheireadh air na h-òrain aca.

Bha Sandaidh Sheòrdaidh anns an Talla gus a robh e uair samhadainn, acrochadh tartain ris na ballachan, agus acur an òrdugh badan fraoich (a chuir Calum Ceanadaidh thuca á Lunnainn) air an ard-ùrlair.

Co-dhiùbh, chaidh iad mu thàmh mu dheireadh, agus an uair a dhéirich iad an ath mhadainn bha aghrian asoillseadh.

Bheireadh e ùine mhór ag innse gach a thachair air an t-seachdain sin. Chan urra dhuinn an so ach corra rud ainmeachadh de na bhann. ’S e comharraidhean-chaorach a bhaig na farpaisichbha luchd aChoimitidh na beòlaich orra sud na bha iad air na figearan( ’s e cho duilich Gàidhlig a chur air feadhainn aca). Dhéigheadh Fear na CathrachBàrr taisgeal is beum fòidh,” is thigeadh rùta ás na Hearadh chun an àrd-ùrlair; “Rubadh sachluais taisgeil is bheum,” is thigeadh othaisg bhàn bharr Taobh Siar Leódhuis air adhart a ghabhailCha bann dubh a bha mo leannan.’ Cha robh na comharraidhean cho math aig muinntir Ghrianaig, is mura be gu robh tinneas na mara fhathastgan claoidh bha buaireadh air a bhith ann.

Leis a h-uile cail a bhann cha do rinn na Deasaich cho maths a bàbhaist dhaibh. Bha iad fada bhon tigh, ’s cha robh an t-seinn aca acòrdadh ro mhath ri muinntir Thorgaboil, is bha eagal air na breitheamhan duaisean a thoirt dhaibh. “Tha bochd air a thighinn air aMhòd,” theireadh fear á Dun Eideann,” nuair nach dfhuair Grianaig no Glaschu duais idir.” Bha còisirean an sud nach cualas iomradh orra riamh roimhe: Scarastadh is Tolstadh-fo-thuath, An Scarp is Am Baile Sear, is iad atogail nan duaisean mar gum be na gobagan ás an tràigh a bhiodh annta. Ach chaidh dhuais gu deas: Aithris Bàrdachd ann an Co-sheirm, agus roinn Norton Park agus Ard-sgoil


[331] Ghrianaig achiad duais eatorra. ’S e Murdag NicCoinnich is Fionnlagh MacNèill na breitheamhan a bha air acho-fharpais sin. Rud annasach eile, chaidh an bhonn òir a Chanaidh.

Ach ged is ann muladach a bha cùisean air feadh na seachdanachs ann air an oidhche mu dheireadh a rinn iad cuis-mhagaidh buileach den Mhòd. Nuair a dhéirich Morair Chat gus òraid thoirteil a thoirt seachad ann an cànain a shinnsrean (aBheurla), chan éisdeadh iad idir ris. Bha coigrich air a bheulaibhs air a chùlaibh oir ged is duilich dhuinn innse, ’s e luchd-Gàidhlig a bha air an àrd-ùrlair air fad: bodaich á Heisteadal nach do bhruidhinn Beurla riamh ach ris an each, agus na cailleachan a bha bruich an sgadain anns an Talla an oidhche eile. Nuair a thòisich e còmhradh shaoil iadsan gur h-e rud ris an can na Goill interval a bhann, is thòisich a h-uile duine air seanchas. Ach is dòcha gu robh feadhainnnam measg cuideachd a bha eòlach air eachdraidh na Gaidhealtachd.

Cho luaths a shuidh am Morair, chaidh iadnan tosd, is thòisich na h-òrain an ceann greise. Tha mi cinnteach gun shaoil an duine bochd gur h-e -mhodh eagalach a bhann, is gu dearbhas e sin a bhann. Chaill An Comunn an oidhche sin ceatharnach smiorail nach cuireadh a làmh a chaoidh tuilleadhna sporan a thoirt cobhair do adhbhar na Gàidhlige.

Bha an t-sìde mhath air leantainn bho Dhi-màirt, ach bithidh Dihaoine uair no uaireigin an aghaidh an seachdanach, is mus robh meadhon-oidhche ann thòisich an tàirneanaichs an dealanaich, is bha fise-faise aca adèanamh air na leapannans air na seideachan. Mun dfhuair iad air a h-uile leabhar a chur a-steach don bhàta an ath mhadainn bha i air drùidheadh air duilleagan nam breitheamhan, is tha iad ann á Grianaig is á Inbhir-pheotharain nach do lorg a riamh carson a chaill iad na comharraidhean airson Gàidhlig.

Nuair a bha iad a-mach an loch amhadainn ud, mu aon uair deug, chuala iad crodh Thorgaboil anuallan, ’s e air a dhol seachad air àm am bleoghain.

titleMòd Thorgabail
internal date1961.0
display date1961
publication date1961
level
reference template

Tormod MacNeill in Gairm 36 %p

parent textGairm 36
<< please select a word
<< please select a page