Gnothaich Bhoireannach
MURDAG NICCOINNICH
CHAN EIL ràith nach eil stuth ùr air choreigin ’ga thoirt am follais agus ged nach eil té sam bith a’ strì ri cumail suas ris gach goireas tha a’ chuid as motha eòlach a nis, chan ann a mhàin air bri-nylon, orlon, terylene ’s an seòrsa, ach air na trioblaidean a bhios ’nan cois. Saoileam gur h-e cho deònach ’s a tha na stuthan so air gach salchair a thogail agus gach dùis a tharraing thuca as sàsaidh idir. Fiachaibh gun buill-earraidh de naidhlon a chrochadh ri balla air a bheil paipear. Chunnaic mi bho chionn ghoirid rùm far a bheil e ’na chleachdadh còtaichean-móra fhàgail crochaichte troimh ’n latha. Chaidh an rùm-sa ùr-phaipearachadh bho chionn trì mìosan. Cha robh smal air òirleach de ’n bhalla ach far a robh dàoverallde naidhlon ’gan crochadh; bha am paipear an sin sgreataidh, cho dubh ris an t-sùith.
Ach tha sinn air ceum a ghabhail seachad air na stuthan sin. ’S e duail-ghloinne(fibre glass)an stuth as fhasanta airson chùirteinean a nise. Chaith mi seachdain a’ sgrùdadh an aodaich-sa, bho àm gu àm, an grunn bhùitean. Tha Vertona (dèante le Tootal) agus Uniglass r’ am faotainn.
Cha chaill iad an dath ge be meud deàrrsadh na gréine; cha teid iad a-steach ’s cha chaill iad an cruth ri linn nighe; chan fhaodar an t-iarunn a chur faisg orra, oir gabhaidh iad an nighe ’s an crochadh a rithist ann an deich mionaidean; ma thogras a’ bhean-tighe, agus gun teid smal orra, faodaidh i an suathadh le clùd fliuch far a bheil iad; cha teid iad ’nan smàl; leigidh iad solus na gréine a-steach agus aig a’ cheart àm cumaidh iad an teas bho ’n àirneis; chan fheum iad lìnigeadh, ’s cha bhlais an leòmainn orra. Chan eil an stuth daor idir. Gheibhear e bho dheich tasdain is sia sgillinn suas gu mu sheich ar fhichead an t-slat—a réir bhur togair—agus tha e mu dha-fhichead agus a sia òirlich an leud.
Earail no dhà mu dheighinn: chan fhaod na cùirteinean a bhith suathadh an làir, no bonn na h-uinneig, oir caithidh suathadh iad, agus cha ghabh na fàitheaman am preasadh cho réidh ri anairt, ach ma tha sibh a’ strì, gun móran làmh-an-uachdair a chosnadh, air deathach agus dùis a’ bhaile-mhóir a chumail sìos, is math as fhiach an stuth-sa sùil a thoirt air. Tha na dathan tlachdmhor agus na deilbh dàna soilleir taitneach, cho math ri geal agus aon-dathan bàna.
THUG mi iomadh mionaid a’ sgrùdadh àirneis cuideachd. Bha mi an toir air àirneis seòmair-cadail, agus mo bhriathran cha b’ e a lorg bu dorra idir ach rudeigin a thaghadh ás na bhathas a’ tairgsinn. Aon nì a tha deisealach san latha ’n diugh, nach feumar ansuitegu h-iomlan a cheannachd. Gheibhear na buill air leth mar as deònach leibh.
Tha móran de ’n fhiodh air beagan tearmainn bho theas agus bho sgròbadh na cloinne fhaotainn a nis; ach ’s e Melamine as sàbhailte buileach. ’S e so am fiodh nach do dh’ fhàs a riamh air monadh. Is ann dèante gu h-iomlan le làimh an duine a tha e. Cha dearg teas no càil eile air; tha e beagan nas daoire agus car trom r ’a thogail ach tha e snasail, ann an dathan soilleir nach eil foillseach air an dusd.
CLUINNEAR nach eil cor a’ chlò-mhóir cho fallain ’s a bu docha leinn. Nach eil e làn thìde aig an luchd-deilbh agus dreachadaireachd oidhirp a dheanamh air cumail suas anns an réis ris an latha sam bheil iad beò? Is fhada agus cian bho dh’ fhàs sinn seachd seann sgìth de na dathan ’s na deilbh a bh’ ann bho linn ar seanar, le beag tùsalachd agus gun dànachd air domhain. Tha aon mhuilinn an Steòrnabhagh far am faighear clò sgileil am measgachadh dhathan, àlainn agus tlachdmhor agus ùr— ’s e sin Clansman. Chan e mhàin sin, ach tha ceairt chothrom aig té sam bith a tha airson ìmpis a thoirt air clò a dhealbh a dh’ aon ghnothaich dhi fhéin, an dealbh a thoirt do ’n Chlansman agus fighidh iad dhi e, ma ghabhas i seachd slatan. Bha còta-uisge orm, an riochd clò, agus ann an tiota thuirt am fear a bh’ aig a’ bheairt: “Dheanadh sin clo-mór bòidhneach.” Tha iad so a’ lorg dhathan ùra. Nach bochd nach robh barrachd mì-shuaimhneach leis na seann dòighean.
Ach, a réir ’s mar a tha mi a’ cluinntinn, chan e clò-mór an aon aodach a tha gu bhi a’ tighinn a Leódhas a dh’aithghearr. Tha Caiptean Perrins, aig am bheil Oighreachd Gheàrraidh-na-h- Aibhne, air aon de bhùthan clò Steòrnabhaigh a cheannach agus tha e fhéin ’s a bhean a’ dol air ceann buidheann a bhios a’ deanamh clò aotrom airson dreasaichean bhoireannach. Tha bean a’ Chaiptean air a bhi a’ deanamh rannsachadh anns a’ chùis, agus tha i làn chìnnteach gu bheil margaidhean an t-saoghail fosgailte dhoibh. Anns a’ chiad dol a mach tha i an dùil gu reic iad dha gach seachduinn de na clòthan ùra bho gach breabadair a bhios ag obair dhoibh. Tha e duilich a ràdha ciamar a shoirbhicheas leis na Perrins, ach tha aon rud cìnnteach, tha iad le chéile sgileil ann am margadh. Is e Caiptean Perrins fear de na h-àrd fhir anns a’ bhuidhinn a tha ainmeil airsonLea and Perrins Sauce.Ma ni e an clò ùr cho ainmeil ris an t-sabhs cha bhi aobhar gearain againn. Bithidh sinn a’ cumail sùil air a’ chompanaidh ùir a bhios ag obrachadh fo ’n ainm“Ceemo, ”agus a’ guidhe gu math dhoibh.
Bho chionn suas ri sia bliadhna a nis rinn mi oidhirp bho àm gu àm air càirdean a thoirt gu tuath do na h-eileanan. Bha iad deònach air prìs cho àrd ri prìsean thir-móir a phàidheadh, ach có ghabhadh iad?
Mas e pròis a tha so, tha làn thìde sgrios iomlan a chur oirre. Mas e fiatachd, no iomagain ìochdranachd a tha so, nach ann orra tha dìth na céille? Tha beag fhortan ri an làimh nan atharraicheadh iad an suidheachadh inntinn. Tha na tighean a nis cho goireasach comhfhurtail ris a’ chuid mhath air tir-mór. Nam faiceadh sibh cuid anns a’ Chòrn no an iomadh àite feadh Shasuinn! Dé mu dheighinn na seòmair a gheibhear feadh cuid de ’n Fhraing, de ’n Eadailt agus na ceàrnaidhean a tha deanamh an caitheamh-beatha ás an luchd-tadhail? Fuasglaibh ur dorsan, a mhnathan nan eilean. Chan eil aobhar nàire sam bith anns a’ ghnothaich agus gheibh sibh fhéin agus na coigrich a thig mu ’n chagailt móran buannachd.
AN CLAR FUINE
Sunderland Cake:So seann dòigh a fhuair mi bho chaillich á ceann a tuath Shasuinn. Chan fhaca mi a riamh a’ dol ceàrr e.
An Stuth: —6 ùnnsa de dh’ ìm no de dh’ ìm na bà neònaich.
6 ùn. siùcair.
1 phunnd sultana no raisin.
1 phunnd currantan.
¼ phunnd de rùsgan measgaichte (faodar siristean a chur ris).
¾ phunnd de fhlùir nàdurraich.
4 uighean.
½ cupain siorap.
½ cupain de bhainne blàth
1 spain-tea (air a stràcadh) de nutmeg
1 spain-tea (air a stràcadh) de shoda-arain.
Branndaidh no ruma mas toigh leibh.
Dòigh deasachaidh:—
1. Glanaibh na dearcan-frangach ’s na measan caoinichte eile. Cha ruigear a leas móran tiormachaidh a bhàrr air crathadh math ann an criathar-fuine.
2. Buailibh an t-ìm ’s an siùcar gus am fàs e bog geal mar bhàrr tiugh.
3. Blàthaichibh am bainne agus dòrtibh so a-measg an t-siorap gus a bheil e leth-leaghta.
4. Dòirtibh so a nis uidh air n-uidh a-measg an ime ’s an t-siùcair gus a bheil e uile sleamhainn lìomhach.
5. Ma thatar deònach air branndaidh no ruma, feumar làn spain-mhóir a chrathadh a nis air feadh nam measan agus iad uile a mheasgachadh an ceann an ime ’s na tha ’na chois.
6. Nuair a tha so uile troimh a chéile, cuiribh a’ mhin agus na h-uighean ’na mheasg mar so: trì ùnnsachan min-flùir agus aon ugh, ceithir uairean, ’ga chur mun cuairt gu math eatorra.
7. Mu dheireadh feumar an nutmeg agus an soda-arain a chrathadh air, agus a mheasgachadh.
8. Cuiribh so a nis, agus tha e car bog r’ a fhaicinn ach na cuireadh sin dragh sam bith oirbh, ann an soitheach deasachaidh.
9. Cuiribh e car uair a thìde anns an àmhuinn aig 350° F., agus leasaichibh an teas an uair sin gu 250° F. fad thrì uairean a thìde eile, gus a bheil e donn, bruich. Cha bu chòir an àmhuinn fhuasgladh air chor sam bith fad na ciad uair a thìde.
title | Gnothaich Bhoireannach |
internal date | 1961.0 |
display date | 1961 |
publication date | 1961 |
level | |
reference template | Murdag NicCoinnich in Gairm 36 %p |
parent text | Gairm 36 |