[351]

Rud Nach Fhaic Suil

CAILEIN T. MACCOINNICH

CHA do dhealbh duine riamh innleachd, cleas no ceisd nach do lorgadh aig neach air choreigin eile eagnaidheachd a bha comasach coinneachadh ris an t-suidheachadh. Dhearbhadh sin tric a thaobh uidheam sgrios a lorgadh le aon ríoghachd an àm cogaidh; cha bfhada gun amaiseadh rìoghachd eile air dòigh a cur gu neo-bhuil. Tha ceudna fìor mu innleachdan luchd dòibheart. Saoilidh gach fear is a tha deilbh uilc gun do lorg iad an cleas coimh-lionta gu dol ás o shùil gheur an laghagus an dearbh deireadh na sgeòil dhoibh nach e an lagh idir a bha air a mhealladh ach iad fhéin.”

Bha Cathal aliubhairt an t-searmoin àbhaistich air eagnaidheachd an lagha, amaideas luchd droch-bheart agus cothromachd duais an uilc. Cha bannas sin oir bi bheòshlaint a bhith cur nan ciontach fo chìs; chan e mhàin gun drinn e ainm dha féin sachùirt lagha, ach uair is uair bha gleusdachd a chomhairlena mheadhon air meirleach no mortair a chàradh an crògan greimeil nam maor.

Ach mun fheadhainn a chaidh ás on laghna coirich nach dfhuaradh riamh?” Bha mi deònach iteag a chur ás an sgéith aige.

Fìor gu leòr,” fhreagair e, “ach chan eil sin abreugnachadh mo bharail idir.” “Ciamar sin,” arsa mise.

Rinn e gàire. “Tha mig aideachadh gu bheil cuid fa sgaoil an diugh a bu chòir a bhi am prangasair neo an àites miosaach tha iad saor, chan ann air sgàth nach robh mearachdnan cleasan ach a chionn nach do thachair don mhial-chu lagha cheart a bhith air an tòir. Chan urrainn a h-uile fear-sgrùdaidh ceilg san tìr a bhith sàs anns gach eucoir a nithear shìos is shuas air feadh na rìoghachd. Sin suim na cùise.”

Cha robh feum a bhith connsachadh no deasbaireachd ris. Bha e air a shnìomhs air a dhealbh an gleusdachd nam fear-lagha. Ged bhiodh tu làn chinnteach gu robh e ceàrr cha robh dòigh air a mhearachd a dhearbhadh. Ach bhuail smuain mi agus thog mi paipeir naidheachd na maidne on bhòrd.

Tha thu air do chùnntais am measg an luchd sgrùdaidh as feàrr san dùthaich. Faiceam na buadhan somharraichte agad den chùis so,” arsa mi fhéin agus theann mi leughadh dha ás aphaipeir, naidheachd cho neònachs a thàinig riamhnam rathad.

Bha chùnntas air a clò-bhualadh fon ainm-chuspairAn Tarbh a Ghabh an Iteag’, agus bi so an sgeul, an aithghearrachd.

Cheannaich tuathanach á ceann a tuath Shasuinn tarbh air an tug e còrr is cóig mìle deug not. Thugadh am beathach dhachaidh thun na tuath an déidh a chur fo airgead-urrais airson a luach. Mu mhìos an déidh an tarbh a cheannach dheònaich an tuathanach, Seòras Greumach, a chur suas gu tuath a bhràthar Uilleam faisg air baile Obar-Dheathain. Be sin beagan is ceithir uaire fichead mun do nochd an naidheachd anns aphaipeir.

Chaidh an tarbh a chur sabhocsa, a tharraing air carbad rothaid mu dhà dhusan mìle gu stéisean Cheanndail far an deach a chur air


[352] bòrd carbad na smùide bha ruith gu ruige Caralaibhs. An sin rachadh atharrachadh gu each-iaruinn eile bheireadh a dhAlba e. Ach mar thachair, cha do ràinig an tarbh riamh Caralaibhs; chaidh am bocsa a thogail beò slàn bhàrr acharbaid rothaid aig stéisean Cheanndails a chàradh air aon de chairtean fosgailte an eich-iaruinn, cha robh stad no eadhoin moille air carbad na smùide eadar an stéisean, ach nuair a ràinig am bocsa Caralaibhs cha robh aca ach an t-àite san robh an tarbh. Bha an tuathanach a bha siubhal sabhocsa maille ris abheathachna shìneadh sachonnlaich air an ùrlar, a réir gach coltais, fo bhuaidh cungaidh-codail. Bha còrr is uair a thìde dhastair eadar an stéisean agus mhionnaich an geàird nach robh stad air an t-slighes nach robh an t-each-iaruinn adeanamh na bu lugha na leth-cheud mìle san uair air an rathad.

Chaidh dithis sgalag air an tuath fo mhionnan gu robh an tarbh sabhocsafàgail na tuatha, chaidh triùir luchd frithealaidh stéisean fo mhionnan ceudna gu robh am beathach air bòrd nuair a dhfhàg an t-each-iaruinn Ceanndails bha fhios aig an t-saoghal nach robh ladhar na adhairc dheth an làthair aruigheachd Charalaibhs.

Sin agad e, a sheòid,” arsa mise, ’s mi lìbhrigeadh aphaipeir thairis do Chathal, “Innis thusa dhòmhsa ciamar a chaidh tarbh anns an robh suas ri tunna chudthrom a spìonadh beò slàn bhàrr each-iaruinn a bha siubhal aig còrr is leth-cheud mìle san uairna a rinn a leithid a dheuchd. Cha chuala mi leithid on sgaoil Pegasus a sgiathan os cionn Helicoin air beinn Pharnassus na on àm a chunnaic Eachann Leódhasach an t-Iùdhach Sgiathach air mòinteach Lìonadail.”

Fhads a bha mise ri goileam mar sin bha mo charaide amion-sgrùdadh aphaipeir, a bheul druidte gu teanns claisean domhainn na smuainna bhathais. Mu dheireadh thog e cheanns sheall e orm.

Seadh,” arsa mi fhéin, “ tha an eanchainn mhór adeanamh dheth?”

Tha amharus math agam thachair,” fhreagair e, “ach mar as trice chan eil móran stàth an amharus gun dearbhadh. Nach e sin a bhios tu fhéin ag innse dhòmhsa nuair thogas mi ball reusanachaidh nach bi còrdadh riut.” “ mu dheidhinn an t-amharus a chur gu dearbhadh,” fhreagair mi, “tha mi faicinn gu bheil Buidheann an Airgid Urrais atairgse mìle not do neach sam bith a lorgas an tarbh.”

Bha Cathal greiseagna thàmhs an sin dhéirich ena sheasamh. “Glé mhathars esan, “chan eil àm colach ris an àm tha lathairs cha chòir dìmeas a dheanamh air slighe sam bith nuair tha mìle not aig a ceann.” Bha còrr is trì fichead mìle eadar sinn is baile Charalaibhs ach fad áss ga robh e cha bfhadaga ruigheachd. Bha Cathal aithnichte an iomadh ceàrna, ’s le còmhnadh prìomh mhaor abhaile fhuair sinn cead dol a-steach don stàbull mhór far an robh bocsa na tubaists e fhathast air achairt a thug á Ceanndal e. Bha e gun bheantainn ris, ’s dithis mhaorga gheàird cho cùramachs ged bhiodh tarbh na còig mìle deug not fhathastna bhroinn. Dhìrich Cathal gu mhullach, chaog e shùilean ris gach toll is fosgladh a bha sna cléithean ri chliathaich, shnàg e mun cuairt air, ’s fo dheireadh chaidh e steachna bhroinn. Cha robh e fada gun tighnn a-mach. “Fhuaras an tuathanachna shuain air an ùrlar a-measg na connlaich,” arsa fear


[353] de na maoir. “Fhuair,” arsa Cathall; “nach fhada on chuala tu an ràdh‘ ’S beannaicht an duine sin nach gluais, air leabaidh chruaidh nan sop,’ ach càite a bheil am beannachd an so chan aithne dhomh.”

Thug e taing do na maoir airson am modh is thionndaidh e air falbh acrathadh a chinn. Bha amharus agam nach fhac e móran a chuidich e, ge be an comhdhùnadh a ràinig e mun dfhàg e an tigh. Ghlac mi misneachd gu ceisd a chur air. “Am faodar fhoighneachd a chunna tu mun bhocsa?” “Chan fhaca ,” ars esan, “ni a bha dùil agam fhaicinn. Chan ann an so a tha fuasgladh na ceisde ged tha fhianuis fhéin aig abhocsaga thogail. Faodaidh gur fheàrr dhuinn an Greumach fhéin fhaicinntha mi tuigsinn gu bheil e fhathast anns abhaile.” Thog sinn oirnn a rithist.

Lorg sinn an tuathanach an tigh-òsda, beagan astair on stéisean, ’s ged a bha e fhathast rud beag tuainealach an déidh a dhroch ghiollachd bha e deònach gu leòr ar faicinns ceisdean a fhreagairt. “ ’S ann o Bhuidheann an Urrais a bhios sibhse?” ars esan nuair a chuir e fàiltoirnn.

Chan ann,” arsa Cathal, “ach on tha iad atairgse mìle not do neach air bith a gheibh robhas air an tarbh tha mise cho togarrach riutha fhéin air a thòir.” Dhinnis e sin sinn agus fàth ar turuis. Theann na ceisdean. Aig ceann uair a thìde ar leam nach do leudaich mo charaid móran air na bhaige dheòlas air achùis a cheana.

bha maille riutga thoirt thun an stéisein?” dhfhoighnich Cathal. “Cha robh ach mi fhéins mo bhràthair. Thainig esan a-nuas á Obar-Dheadhain am feasgar sin fhéin le dhamh a cheannaich mi uaithe o chionn thrì mìosan. Chuir e aghaidh air an dachaidh cho luaths a fhuair sinn an tarbh air bòrdbha agh òg aige tilleadh sabhocsa san tainig na daimhs bha cabhag air gu bhith air ais.”

Dìreach sin,” arsa mo chompanach; “carson nach do thìll thu maille ris sacharbad rothaid.”

“ ’S an tarbh fhàgail gus an t-slighe dheanamh leis fhéin air an astar ud? A charaid, cuimhnich chosg am beathach dhòmhsas na biodh iongnadh ort nach fóghnadh na bu lugha dhomh na bhith maille ris sabhocsa fad na slighe.” Bha Cathal sàmhach car greiseag. An sin theann e air ceasnachadh a rithist. “Cha robh mar sin aig do bhràthair ach iasad den tarbh?”

Cha robh,” ars am fear eile, “ ’s cha leiginn air iasad e gu duine beò, eadhoin mo bhràthair, gun mi fhéinna cheann.”

Dìreach sinchan eil min dùil gu bheil aobhar an còrr dragh a chur oirbh. Móran taing airson ur cuideachadh agus latha math leibh.” Thog Cathal ad agus rinn sinn le chéile gu bhith falbh. Ach stad mo charaid aig an dorus. “Aon beag eile,” ars esan, “robh am beathach doirbh a chur air bòrd?”

“ ’S esan nach robh sin. Ainmhidh socair, somalta. Rinn e nuallan na dhà nuair bha am bocsaga thogail air bòrd an eich-iaruinn, ach cha robh an còrr bruaillean ann tuilleadh. Bha e cho fìor shocair, ged bha cheann ceangailte ri cliath abhocsa, ’s gur ann a thuit neul eadail orm greiseag an déidh Ceanndal fhàgail.”

Tapadh leibh,” arsa Cathal, agus air aphong sin dhealaich sinn ris an tuathanach.


[354]

Càite nis?” arsa mise, ’s mi fàs rudeigin sgìth dhen ghnothaich. “Dìreach air an tigh,” fhreagair esan, “Chan eil aobhar dol thun na tuaths ni tha aobhar a dhol gu stéisean Cheanndail. Ma tha mo reusanachadh ceart, agus tha min dùil gu bheil, ni na maoir an còrr. Tha an gnothach soilleir gu leòr dhòmhsas cha mhór an rud dhoibhsan dearbhadh na cùise a lorg aon uairs gun cuir mise air an t-slighe iad.”

Chaidh sinn dhachaidh, ’s cho luaths a ràinig sinn theann Cathal ri labhairt air afón ri oifis nam maor an Caralaibhs. Nuair a bha e deas tharraing e chathair gu taobh an teine agus las e phìob. Rinn mise an ceudna oir bha fhios agam gu robh deireadh na sgeòil ullamh gu bhith tighinn gu solus. Cha dubhairt mi diog ach dhfheith mi ris fhéin gu teannadh.

Tha trì nithean mun chùis so a tha somharraichte, ’s cha ghabhadh thairis orra ach duine dall. An toiseach, beachdaich air an àm a thaghadh airson an tarbh a chur air bòrd.”

Deich uairean as doidhche; tha anabarrach mu thimcheall sin? Tha mi tuigsinn gu bheil gach ainmhidh nas socraiche air an oidhches mar sin nas fhasa làimhseachadh.” Cha ghéillinn aphuing dha idir.

Faodaidh gu bheil,” ars esan, “ach tha còrr is leth-dusan each-iaruinn aruith troimh Cheanndail gu Caralaibhs an latha. Carson nach do thaghadh aon dhiubh sin? Carson nach deach am beathach a chur gu tuath air slighe rothaid? Bha bocsa chruidh aig Uilleam Greumach atilleadh air acharbad rothaids tha mi cinnteach gum bfhurasda an t-agh a chur thuige air an t-slighe-iaruinn uaireigin eile. Ach tàth thusa so suas ris achòrr den ghnothaichs chì thu gu bheil brìgh àraidh aige. Cha deach an tarbh idir atharrachadh o aon bhocsa gu bocsa eile aig an stéisean mar tha gnàthaichte. Leig oifis na slighe-iaruinn a chead leis a chionn nach tug e mach Urras orrasan ann a thaobh tèarainnteachd abheathaich air an t-slighe. Bha cheud Urras acoinneachadh gach tubaist a dhfhaodadh tachairt cia bith an t-àm nan t-àite.”

Sheall e orm ach dhfhan mi sàmhach. Bha puing aige an sud gun teagamh. Chùm e roimhe. “Rud eile, an do mhothaich thu riamh cho leisgs a tha luchd frithealaidh stéisein no cidhe gu dol an luib eich no tairbh ma ni cuideigin eile an roinn as cunnartaiche den obair. Tha mi làn chinnteach nach robh na portairean aig stéisean Cheanndail na bfhaisge air an tarbh ud na thug an éiginn orra— ’s tha mi cheart cho deimhinn nach do chuir na Greumaich éiginn mhór orra.”

Bheil thu ciallachadh gu robh làmh aig na bràithrean sachùis?” Bha e toirt dhomh beagan a bharrachds a burrainn mi shlugadh.

Bhà,” ars esan, “agus mar eil mise air mo mhealladh dearbhaidh na maoir sin an ùine nach bi fada. Bhan tarbh aig Uilleam sabhocsa atilleadh gu tuathfaodaidh air a dhath gu seòltaagus agh maille ris gu bhith amealladh maor sam bith a dhfhaodadh a bhith coimhead a mach airson tarbh asiubhal leis fhéin. O, bha na balaich gleusda, ach cha robh iad gleusda gu leòr.” Rinn e gàire beag mar gum biodh e deanamh dealbh dhe na seòid air a bheulaibh sachùirt lagha.

Ach bha mise fada o bhith sàsaichte; “ mun bheathach a bha air an each-iaruinn? a chunnaic na poirtearan sabhocsa?


[355] chual iad anuallaich aig steisean Cheanndail? mu Sheòras Greumach a bha fo bhuaidh achungaidh codail nuair ràinig an t-each-iaruinn Caralaibhs?” Thaom na ceisdean a-mach air sàilean a chéile.

Tha do cheistean cothromachagus farasdam fuasgladh. Bha samhla tairbhsa bhocsa; seice air a deanamh suas gu seòlta an cruth abheathaich bheò. Am bùirean a chualastha e farasda a dhèanamh le neach a thogadh am measg chruidh. Chuala mise feadhainn a dheanadh gairm coilich no ceileireadh eòin cho nàdurras nach eil duine beò a lorgadh an dealachadh.

Glé mhath mata. Cho luaths a dhfhàg an t-each-iaruinn Ceanndail chaidh mo laochan gu gnìomh. Dhfhosgladh an t-seice, thugadh aisde achonnlach agus sgaoileadh i maille ris a chòrr den straibh air ùrlar abhocsa. Rinn e pasgan den t-seicidh agus sheòl e mach i aig àite air choreigin air an t-slighe far an robh e cinnteach an togadh a bhràthair Uilleam i. Thug e balgam á botul beag de chungaidh-cadail, ’s an déidh am botul a shradadh a mach cuideachd, shìn e e féins chaidil eair leabaidh chruaidh na sop.’ Mfhacal-sa dhut, bidh an naidheachd saphaipeir agad ro dheireadh na seachdain. ’S e sin, mas fhiach na maoir lagha na tha iad acosg don rìoghachd.”

An ceann latha bha mi air ais an oifis Chathails paipear naidheachd an lathanam làimh. Bha deireadh na sgeòil an sin dìreach mar a thubhairt e. Rinn e gàire nuair a nochd mi san dorus. Ghabh mi steach. “Seadh,” ars esan, “bha e cho math nach do chuir thu geall.”

Ghlacadh Uilleam chan ann air an rathad a dhObar-Dheathain ach aig cidhe Airdroiseins e cur dhusan damh mór air bòrd bàta airson Eireann. ’Nam measg bhan tarbh, a dhath air atharrachadh gu snasail, mar thubhairt Cathal. Ar réir colais bha e gu bhith air a reic an Eirinn. Bha an dithis bhràithrean fo chìs aig an lagh afeitheamh cùrtach.

Bha thu ceart,” arsa mi fhéin, “ach tha aon an duabhar orm fhathast; bha thu ciallachadh nuair thubhairt thu gu robh am bocsa atogail fhianuis fhéin?”

Rinn e lasgan. “Nam bu tuathanach thusa bhiodh fhios agad nach bi beathach cruidh an crò nam prangas uair an uaireadair gun an t-ùrlar a shalach. Chan e bha sabhocsa a ghlac mo shùil ach an rud nach robh ann,” Thog e bileag liath bhàrr a bhùird ri thaobh. “Mìle not an luchd Urrais; duais mo shaothrach, ’s ma phàidheas buachar tairbh cho math dhan a h-uile fear, chan eil aobhar gearain aigeseachd àraid buachar nach robh ann.”

Chaidh an coileach a bha aig Murchadh Tàillear air chall (bhiodh na balaich dhubha adeanamh cus air) agus is ann air Tormod mór Dhòmhnaill Mhurchaidh a bha amharus aige, agus an uair a choinnich Tormod ris thuirt e,

Can thusa, a Thormoid, mar a chanas mise, ‘Mas e mise a mharbh an coileach na cuirim-sa aghaidh nam bonn air an fhonn chianda’ .”

Cha chan mise sein idir!” arsa Tormod.

O, a Thormoid, tha an coileach agamsa far an robh e an raoir.”

titleRud Nach Fhaic Sùil
internal date1961.0
display date1961
publication date1961
level
reference template

Cailein T. MacCoinnich in Gairm 36 %p

parent textGairm 36
<< please select a word
<< please select a page