Ann an Ceuman An Tighearna
Le ANNA NICCOINNICH
Via Dolorosa Slighe a’ chruinn-cheusaidh ann an Ierusalem. A’ tòiseachadh aig Lùchairt Phìlat, agus a’ crìochnachadh aig Beinn Chalbharaigh
CHAN eil glé fhada, a réir na cloinne ann an laoidh na Nollaige. Is fìor “gu bheil na nèamhan ag iadhadh umainn ’nar leanabain” agus canaidh mi gur i ’n fhìrinn a tha aig a’ chloinn; oir anuair a thubhairt ban-nabaidh bun-na-h- ursann riùm aon là “Cha robh thu air falbh am bliadhna, seadh cha do dh’ ionndrain mi air falbh bho’n tigh thu?” thubhairt mise “Bha mi ann am Bet-lehem o chunnaic sibh mi”.
’Se ùine glé bheag a bha eadar mi bhi dìreadh Chnoc Healoir ann an Aird an Rubha, Leòdhas, agus mi bhi dìreadh Beinn Shioin.
Faodar cadal bho Inbhirnis gu Lunnainn. Lorgaidh sibh an sin gun dragh sam bith cachlaidh na Roinn Eòrpa, agus bheir “Carbad na Saighid Oir” sibh gu aiseag. Air an taobh thall, gabhaidh sibh chun na h-Eadailt, agus “togaidh sibh siùil a Venice, dlùth do ’n àite sin anns am bris stuadhan an Adriatic an cala blàth measg bheanntan uain Illyria” mu eileanan air an do luaidh Byron, a’ gluasad le oiteagan ciùin, troimh àile liath-ghorm leugach gu Muir Meadhon-tìre.
Bha ban-uasal Eabhrach còmhla rium ’s a’ chùlaist-cadail, agus bha i ro dheònach air facail de ’n chànain ìnnse dhomh. “Anuair” ars ise “a thig fear a bhuineas dhuinn dhachaidh, an déidh a bhi air falbh an tìr eile, cuiridh sinn fàilt air leis an fhacal ‘Aliatha’— ’s e sin ‘Eirigh na Gréine’.
Nach minig a chuala sinn “Cha teid do ghrian tuilleadh sìos”.
“Gu dé” arsa mise, “am facal th’ agaibh airson Athair? ” ...
Air ball, air a socair, thuirt i “Abba” .
Stad mi le iongnadh. Nach tric a chuala sinn e ann an aoradh na cagailt, no anns na h-eaglaisean beag air feadh nan eilean? Tha diofar dhòighean air an fhacal a ràdha, ach tha “Abba” a’ ciallachadh gu bheil an leanabh aghaidh ri aghaidh risan Athair, ann an earbsa leanabais. Tha, mar sin, dàimh agus cathrannas an athar air an co-fhilleadh anns an fhacal.
Haifa. Fichead míle o Nasaret.
Ràinig sinn cala ’s a’ mhaduinn Di-Màirt—am Fearann Naomh fo ar comhair ann an lainnir na gréine, donna-bhuidhe caomh, an tìr bheag so a tha spioradail ann an cridhe an t-saoghail. Bha àile ciùin na maidne mar gum biodh sanas ag ràdha “Tha thu air aoidheachd san tìr so. Gabh do shaorsa. Tha fàilte romhad”.
Bha gach lios le craobhan pailme, agus lasadh de fhlùrain dhearg an sud ’s an so. Bha sìtheanan ann na bu phailte na càch, sìtheanan mìne, liath-ghorm a’ brùchdadh a-mach thairis air gach gàrradh. Bhuain mi cròilleagan dhiubh, anns an lios so, fo sgàil Charmeil, agus dh’ fhoighnich mi de fhear an tigh-òsda an ainm.
“Canaidh sin riutha”, ars esan “Gedechi. ’Se sin eadar-dhealachadh Chan eil e idir a’ ciallachadh sgaradh, ach comharra-crìche. Chan eil sinne a’ meas gu bheil e ceutach iarann gathach a bhi eadar sinn ’s ar nàbaidh, agus ’s iad na sìtheanan so an gàrradh-crìche, mar chomharra air càirdeas agus réite.”
Shaoil mi gur e smuain ionmhiannaichte, mhaiseach, a bha so, ach cha robh mi ach astar coiseachd á Nasaret, flùran Ghalilee, agus
Cha thomhais sibh gu dé fhuair sinn aig tràth maidne còmhla ri uighean agus tea? Fhuair, ma tha, gruth! Agus pailteas dheth. An aon seòrsa ri gruth Leódhuis.
Cha robh feasgar nach biodh banais anns an lios. Thigeadh na bodaich le adan farsainn agus bian mu’n oir. Thigeadh an sin, le ceum stòlda, an Rabbi a phòsadh na càraid, agus shònraich mi gàirdeachas ri tighinn an fhir nuadh phòsda. Dheanadh na daoine buaileag timcheall air, agus ghabhadh iad air adhart a’ seinn. Bha coltas iongantach aig rian nam pongan ris a’ Ghàidhlig. Thug e ’na mo chuimhne a’ chiad bhanais air an robh mi ’n Sgadabhagh. Aig àm an anmoich bha soluis a’ bhaile a’ lasadh cho briagha suas gu binneagan Charmeil. “Chan fheudar baile a tha air a shuidheachadh air sliabh fholach”.
Galilee. Cana Ghalilee.
Ghabh sinn a-steach troimh Raon Esdraeloin agus troimh Ghleann Israel, àite bòidheach torach air uisgeachadh le driùchd nam beann. Air aon taobh de ’n t-slighe bha sliabh àrd a’ togail a chinn. Bha sliosan farsainn de mhonadh donn ag éirigh gu flathail; bha cumadh snasail air a mhullach far an robh a’ ghrian a’ drùdhadh. B’ e so Beinn Thàboir, Beinn a’ Chruth-Atharrachaidh.
Beinn a’ Chruth-Atharrachaidh, Loch Ghalilee
Bithidh deilbh bheò againn ’gan tasgadh ann an ionadan dìomhair na smuain de na h-àitean so, ach anuair a dh’ amhairc mi orra ’nam maise bha ’n t-sàmhchair a bha ’g iathadh umpa mar gum biodh e luchdaichte le cumhachd, agus le earail bi-bhuan. Ghabh sinn tàmh aig Abhainn Iòrdain, uisge sèimh le seileach r’ a bhruaich. “An sin bithidh do shìth mar abhainn.” Tha a’ chiad sealladh air Iòrdan a’ co-fhreagairt so.
Anuair a thainig Galilee air fàire roghnaich mi bhith ’nam aonar. Bha na h-uisgeachan a’ sgaoileadh a-mach ann an cumadh clàrsaich chiùil, gorm mar Loch Carann air madainn shamhraidh ...
Sùil gan tug mi, bha Peadair, an t-òganach a stiùir sinn anns a’ bhus a Haifa a’ gabhail fasgadh bhon ghréin. “Tha iad fhathast” thuirt mi “ag iasgach air muir Ghalilee?” “O tha”, ars esan “Tha iad fhathast ag iasgach a’ Charabhanaich— ’se sin biadh na Sàbaid againne. Tha iad a’ sgoltadh ’s a’ glanadh fear mór agus fear beag, agus a’ bruich an éisg bhig am broinn an éisg mhóir. Cha mheas sinne gu bheil an t-Sàbaid seachad gus am faic sinn a’ chiad tri rionnagan an déidh do ’n là triall. Tha sinne a’ cumail na Sàbaide cus nas daingne na sìbhse am Breatainn.”
“ ’S e a tha mi a’ deanamh dheth” arsa mise “gu bheil ur Sàbaid iongantach coltach ris an t-Sàbaid againne anns na h-Eileanan an Iar”.
Dheanadh an t-airgead paipear (na notaichean) a bha iad a’ cleachdadh sna badan ud an gnothaich ciatach airson Steòrnabhaigh no airson Gheàrrloich. ’S e dealbh iasgair a bha orra, le thrusgan mara agus le ’chuid lìn is acfhuinn timcheall air!
Chaidh sinn air an fheasgar sin fhéin do Chana Ghalilee. Thug iad sinn gu làrach Tigh na Bainnse, far am bheil samhla na seann searragan.
Air beulaibh an t-sineagog an Capernaum bha na dearbh sheòrsachan chlacha bràth ’s a bh’ aig ar seanairean. ’Se baile beag suairc a tha ann an Capernaum. Bha na mnathan anns an t-seann thrusgan bho shean, dorch-shuileach sgiamhach.
Thug mi sùil sìos gu bàrr a’ chladaich far an deach an sluagh acrach a shàsachadh le iasg agus aran. “Tha mi a’ gabhail truais do ’n t-sluagh ... cha chuir mi uam ’nan trasg iad”. Bha sàmhchair ag aithris an segòil as ùr.
Nàsaret.
Galilee ghrianach nan iasgairean. Na h-eathraichean beag. Na linn a’ tiormachadh. Craobhan pailme ris an tràigh. Frasan de eòin bheaga a dòrtadh a-mach ás gach craoibh. A’ chlann bheaga air an casan-ruis, agus a’ ghainmheach eadar na h-òrdagan. An rathad a-steach do ’n bhaile a’ lasadh le craoibh dhearg an oleander. Tighean beaga de chloich bhàin le mullaich chòmhnard ri taobh gach cnuic. Gàrraidhean de chlachan tioram timcheall nan tighean mar a tha againn fhéin eadar a’ mhòinteach agus an talamh eòrna. Dùn mór arbhair ’ga bhualadh anns a’ ghréin ri taobh an rathaid, a’ toirt ’na mo chuimhne làithean bualaidh agus fasgnaidh. Clann òga ag imeachd air aiseil. Mnathan le crogain uisge air an cinn.
Abhainn Iordan, far an do bhaist Eoin an Tighearna
So Nàsaret! Mar gum biodh tìm ’na stad mu dhà mhìle bliadhna.
Thainig seann duine ’nar coinneamh le aodach air mar na deilbh a chitheadh sinn de Abraham. B’ esan a threòraich sinn air feadh an àite. B’ e fìor bhodach dòigheil a bh’ ann, agus ’na dhòigh shocair fhéin dh’ àithn e do gach duine bhi sàmhach a’ tighinn dlùth do na h-ionadan naomh. Thug e sinn gu Eaglais Naoimh Iòsaph, agus b’ e fiosrachadh do-rannsaichte a bh’ ann anuair a lean sinn e do dhachaidh an Teaghlaich Naoimh.
Chaidh sinn sìos mar gum b’ eadh air staran beag de chlachan-muile fo ’n eaglais, agus fhuair sinn sinn fhéin a-staigh anns an tigh. Dh’ àithn’ e rithist do gach duine gun eadhoin sanas a dheanamh, agus gun chamara a chur air ghleus. Bha mi fhéin toilichte, oir shaoil leam gur h-ann air clàr na cuimhne agus a’ chridhe a bu chòir an sealladh so a thasgadh. Bha a’ chreag bhuidhe lom timcheall òirnn. B’ e so na ballachan. “So” ars an treòraiche, agus e a’ cur a làimh ann an slag a’ bhalla “far am biodh am biadh.” Thainig grad bhoillsgeadh ’nam ìnntinn— “An àirigh!” Bha fosgladh beag air bàrr a’ bhalla airson gaoth fhionnar agus grian a leigeil a-steach. Ann an oisinn eile ’n tighe bha tobar anns an làr airson an t-uisge a chumail fionnar ri àm teas. Nach ann mar so a bha anns na fìor sheann tighean anns an dùthaich againn fhéin. Bhiodh ise “a ghléidh na nithean sin uile a’ beachd-smuaineachadh orra ’na cridhe”. Thug mi sùil eile air àrd-dorus beag an tighe agus thainig briathran ’nam chuimhne “Thig mi anns na rudan beaga, deir an Tighearna”. So far na roghnaich e tàmh, fo “ard-dorus beag cridhe an duine”.
Lean sinn am fear-treòrachaidh troimh mhargaidhean a’ bhaile do ’n t-sineagog a tha air a thogail air làrach an fhir sin anns an do leugh E Leabhar an Fhàidh Isaiah. Labhair an seann duine ann am briathran sìmplidh air an là bha sin, anuair a ghabh muinntir an Tighearna fhéin fearg ris. Sheall e dhuinn an sin, dlùth do ’n bhaile, sliabh na creige móire far an do dh’ fhiach iad r’ a thilgeil.
Thug mi sùil oirre rithist a’ fàgail Nàsaret, ach dh’ éirich sealladh eile a dhubh ás mo chuimhne i. Bha Beinn Thàboir ’ga togail fhéin gu buadhach àrd air a cùlaibh, a’ ghrian a’ deàlradh mar sheudan opail os a cionn. Do neach sam bith aig an robh cluasan chum éisdeachd bha an earail mar cheòl nam buadh “Is e so mo Mhac gràdhach”.
Gaidhlìg aig Lochan Bhetesda.
Bha e nàdurra gur h’ i a’ chànain Eabhrach a bha mu ’r tiomcheall air gach clàr, agus sràid, ach ’se cùis iongantais gur h i a’ Ghàidhlig fhéin air an do laigh mo shùil air an achadh-a- muigh ri taobh na beinn aig Lochan Bhetesda.
Tha eachdraidh an fhir so a chaidh a dheanamh slan aig an lochan. EOIN V, ann an ceud cànan agus cóig-diag thar fhichead. Tha a’ Ghàidhlig againn fhéin an sud, air clàr ri balla os cionn an lochain agus air a cur cho soilleir agus cho òrdail ’s gu robh e comasach dhomh a leughadh na mo sheasamh air an talamh!
Gàrradh Ghetsemane
title | Ann an Ceuman an Tighearna |
writers | Ann MacKenzie |
internal date | 1961.0 |
display date | 1961 |
publication date | 1961 |
level | |
reference template | Anna NicCoinnich in Gairm 36 %p |
parent text | Gairm 36 |