[363]

Ceol Na Pioba

IAIN MACAONGHAIS

Le FIONNLAGH MACNEILL

BHA e mu dhà uair dheug a dhoidhche, agus làrna-mhàireach bha na pìobairean gu bhith strì a rithist airson buinn òir na pìobaireachd anns an Oban. Bha sinn air tighinn á Fort George an sin fhéin ann an càr a bha cuideigin air toirt dhuinn airson an turuis. Bha an càr cho trom air apheatrol agus a bha na seann Ghaidheil air an uisge-bheatha, ach mu dheireadh ràinig sinn an tigh-òsda againn anns an Oban, agus nuair chaidh sinn a-steach do rùm àraidh an sin, bha sin ach biasd mhór de bhodach liath agus mu dheichnear dhaoinenan suidhe timcheall air ag éisdeachd gu mionaideach ris a h-uile facal a chanadh e. Be sin mar a fhuair sinn eòlas an toiseach air an Dotair Iain MacAonghais.

S ann an Gleann Eilg a rugadh Iain, agus a thòisich e air ionnsachadh na pìoba. Tha e ag ràdh gum biodh e acluich air an fheadan mar a gheibheadh e cothrom, ach nach dfhuair e riamh cothrom cho math agus bu mhiann leis. ’S ann de mhuinntir phìobairean a bhuineadh Iain, gu ta, oir bha bràthair athar, Calum MacAonghais, ainmeil a-measg phìobairean.

[364]
[365]

Cha robh e riamh ag ionnsachadh na Gàidhlig nuair a bha ena ghille òg, agus tha sin acur móran doilgheis air chun an an diugh, oir is e beachd Iain gu bheil aGhàidhlig glé fheumail don phìobaire. Ged nach do leugh e Gàidhlig anns an sgoil, dhionnsaich e i gun taing, agus tha làn a chlaiginn aige dhith an diugh.

Chaidh Iain MacAonghais oileanachadh ann an Ard-sgoil Ghlaschu, agus a rithist anns an Oilthigh anns abhaile sin, far an tug e a-mach an dotaireachd le deagh bheus. ’S ann an Sasuinn a chuir e seachad achuid mhór de bheatha nuair a bha e ag obair. Bha e ùine mhór air ceann ospadail an Sasuinn far an robh iad atoirt an aire air daoine nach robh buileach aca fhéin, agus tha e fhéin ag ràdh, le bloigh gàire, gu robh esan cho gòrach riutha mun do dhfhàg e.

Tha e nise beòna dhuine uasal, an déidh obair a leigeil seachad ann an 1952, agus bithidh e afalbh an suds an so mar thoilicheas e fhéin. Tha e afuireach an Sasuinn, ach chithear e gach bliadhna aig co-fharpaisean pìobaireachd air feadh na Gaidhealtachd, agus aon duinesean no ògcha bhigan tadhal a tha cho sunndach no cho frogail ris. Seallaibh fhéin ris an lasair a tha anns an shùil aige.

Ged a tha e nis tri fichead bliadhnas a cóig deug chan eil ach dha no tri sheachdainean bho choisinn e duais airson cluiche na pìoba aig co-fharpais a chumadh le Comunn Rìoghail nam Pìobairean Albanach an Dun Eideann.

Is iongantach gu bheil Iain idir cho measail aig pìobairean air fad agus bu chòir dha bhith, ach a mhàin aig achuideachd bhig a bhios aleantainn nan geamachan a h-uile bliadhna. ’S ann am feasgar a latha agus bho sguir e a dhobair, a tha e air tòiseachadh air puirt a chur ri chéile, agus ged nach eil e air móran de phuirt a sgrìobhadhs math-dhfhaoite, tha an fheadhainn a sgrìobh e snasail, math, le fìor shamh an fhraoich agus blas na Gàidhlig air a h-uile fear.

Is dòcha gur h-e na puirt as fheàrr a dhaithnicheas daoineDoctor Dorothy Main”—port a sgrìobh e do bhan doctair agus deagh charaid dha fhéin a bha fad bhliadhnachan ag obair còmhla ris agus a tha a cheart cho déidheil ris fhéin air aphìobagusPeter MacInnes,” fear a sgrìobh e mar chuimhneachan air a mhac fhéin a chaill e anns achogadh mu dheireadh. Tha e fhéin ag ràdh gu robh ena chadal, aon uairs e acur port ri chéile, nuair smaoinich e air earrainn àraidh den phort ùr. Leum e ás a leabaidh gun an còrr dàlach agus sgrìobh e sìos na puingean air paipear mus biodh iad air dol ás a chuimhne mun tigeadh an . Tha ena fhasan aige a bhith aruith thairisna inntinn, a h-uile h-oidhche anns an leabaidh mus caidil e, air ùrlar pìobaireachd. Nach mór an oidhirp a tha an sin air eòlas fhaighinn air acheòl mhór?

Tha an dotair air a h-uile pìobaire math a chluinntinn o chionn iomadh linn, agus tha e acumail a-mach gu bheil pìobairean an an diugh atoirt barrachd fad agus cuideam do phuingean àraidh anns na puirt a bharrachd air puingean eile, far am biodh iad nuair as cuimhne leis-san acluich nam port gu léir na bu réidhe air dòigh air choreigin, gun a bhith sìneadh a-mach puing seach puing.

Chan eil móran ann mu thimcheall pìob no pìobaire air nach eil fios is eòlas aig Iain MacAonghais.

titleCeòl na Pìoba
internal date1961.0
display date1961
publication date1961
level
reference template

Fionnlagh MacNeill in Gairm 36 %p

parent textGairm 36
<< please select a word
<< please select a page