Sean Eolas-Luibh
(16) AN SEILEACH
ALASDAIR MAC’ILLEMHAOIL
THA iomadh seòrsa de ’n t-seileach ri ’m faotainn air feadh an t-saoghail, ach ’s e am bùnnsach no an caol bha am bitheantas ’gan cur gu feum sa’ Ghaidhealtachd. Bha ar n-athraichean glé sgilear aig deilbh a’ chaoil. Thogadh iad an sabhal air an t-seòl so, agus chunnaic a’ chuid mhór againn na cléibh ’s na sgùlain a dh’ fhigheadh na h-eòlaich.
Bha gad no slat caoil air a chur gu iomadh feum, ach gu h-àraidh ann a bhith a’ giùlan éisg. Tha againn ann a so bonn an t-seanfhacail: “Cha robh agam ach an gad air an robh an t-iasg.”
Bha na gadan air an cumail tais ann an uisge air neo chrìonadh iad. Is ann o ’n chleachdadh so a dh’ éirich an earail: “Is mithich a bhith bogadh nan gad,” a’ ciallachadh gu robh an t-àm air tighinn gu bhith ’g ullachadh fa chomhair turuis no gnìomh sam bith.
Bhitheadh an tuath ann an glinn chas na Gaidhealtachd a’ cur cleithean caoil ris na cairtean, no na càirn, gus innear no mòine iomchair. Theirteadh càrn-lòban (càrn-lògan ann an Cataibh) ris a’ bheairt so, agus tha cuid de ’n bheachd gur ann o ’n fhacal a thogadh an sloinneadh “Lobban” agus “Logan.”
title | Sean Eòlas-Luibh |
internal date | 1961.0 |
display date | 1961 |
publication date | 1961 |
level | |
reference template | Alasdair Mac’IlleMhaoil in Gairm 36 %p |
parent text | Gairm 36 |