An Sgeilp Leabhraichean
Gaelic Poems for Interpretation,deasaichte le Dòmhnall MacThómais (An Comunn Gaidhealach. 4/- ).
Tha An Comunn air leabhar beag grinn de bhàrdachd a chur a-mach a bhios glé fheumail anns na sgoiltean àrda, agus a dh’ fhaodadh toileachadh a thoirt do dh’ iomadh duine a tha an déis an sgoil fhàgail.
Ach ’s e na sgoileirean a bhios a’ fiachainn deuchainnean na sgoile (naLowersagus naHighers) a tha anns an amharc aig a’ Chomunn, agus aig Comitidh Gàidhlig an E.I. S., a rinn an taghadh air a’ bhàrdachd. Gheibh iadsan sàrachadh gu leòr leis, ach ni e feum dhaibh.
O chionn trì bliadhna deug, no mar sin, chan eileas ag iarraidh air na sgoileirean móran de eadartheangachadh a dheanamh air bàrdachd anns na deuchainnean so. Tha earrann de bhàrdachd air a cur mu ’n coinneamh is tha ceistean air an cur orra m’ a deighinn, is feumaidh iad a nochdadh gu bheil iad a’ tuigsinn brìgh na bàrdachd agus na h-uiread co-dhiùbh de ’n rìomhadh cainnte agus de ’n ealain a tha fuaighte rithe. Mar sin, tha ceistean mu choinneamh gach earrainn bàrdachd san leabhar so, agus ’s e duine fiosrach nach bi am mearachd uair no uaireigin mun ruig e a cheann.
Tha da fhichead earrann ’s a dhà anns an leabhar so—na chumas beagan cagnaidh ri oileanaich uair san t-seachdain fad thrì ràithean na sgoile. Aig ceann a-muigh an leabhair tha lethcheud cuspair air am faod iad oidhirp-litreachais a sgrìobhadh.
Tha a’ bhàrdachd air a taghadh bho shaothair gach linne, bho ’n t-seachdamh linn deug gu ruig an linn againn fhìn. Shaoil mi nach bu mhisde e beagan a bharrachd a bhith ann bho thoiseach ’s bho dheireadh na h-aimsir sin: is dòcha dha no trì eile de na seann òrain, agus dàn no dhà anns an nòs ùr, duilich ’s ga bheil e ann an dòigh. Ach tha an taghadh math, is tha an deasachadh grinn, is tha ar taing aig a’ chòmhlan a chuir ri chéile an leabhar, is aig an duine a dheasaich e airson a’ chlò.
Gheibhear an leabhar bho ’n Chomunn Ghaidhealach, 65 Iar Shràid Regent, Glaschu, M.2.
R. McT.
title | 1 |
internal date | 1961.0 |
display date | 1961 |
publication date | 1961 |
level | |
reference template | Ruaraidh MacThómais in Gairm 36 %p |
parent text | An Sgeilp Leabhraichean |