An Ribheid Chiùil, air a dheasachadh le Alasdair Moireasdan. (A. Learmonth ’s a Mhac, Struighlea. 12/6. )
THIGEADH e dhuinn fàilte chridheil a chur air an leabhar so, anns a bheil Mgr Moireasdan a’ cur an clò na thionail e de ’n bhàrdachd aig Iain Eirdsidh MacAsgaill (1899-1933), fear de bhàird Bheàrnaraigh na Hearadh. Tha mòran a thuilleadh air bàrdachd anns an leabhar, gu h-àraidh cunntas air Eilean Bheàrnaraigh agus air caitheamh-beatha an t-sluaigh, móran sloinnteireachd, agus eachdraidh beatha a’ bhàird fhéin. B’ e sin an cunntas taitneach.
Ged a tha na h-eileanaich air fad glé cheangailte ris an dùthaich san d’ fhuair iad altrum, saoilidh sinn gu bheil gràdh a’ Bheàrnaraich nas ro làidire na gin eile, mar gum biodh e ’na bhall de aon teaghlach aig a robh an t-eilean uile mar oighreachd. Chì sinn cuideachd gu robh, is gu bheil, freumhan na bàrdachd air greimeachadh gu daingeann anns an fhonn so. Is duine sam bith aig a bheil eòlas air muinntir an eilein, tuigidh e gu bheil loinn agus snas air a’ Ghàidhlig a thainig mar dhìleab orra, is chan eil móran an Albainn an diugh a ghléidh an dìleab sin cho cùramach riutha. Nan tuigeadh daoine an luach a tha ’nan cainnt fhéin, chitheadh iad gu bheil beairteas cainnte am Beàrnaraigh a b’ fhiach a chladhach. Ged nach biodh ann ach facail annasach fhéin, tha an saoghal bràth dhiubh an so air nach do dh’ amais luchd nam faclairean fhathast. Nach bochd nach cuimhnicheamaid na bu trice air briathran Seònaid NicLeòid á Eige: “Riaghladh goirid air an òr, ach riaghladh fada air an òran”. ’S iomadh 12/6 a chosgas sinn mus tig sinn gu ceann na tha de bhiadh anns an leabhar so.
Cha duirt sin gu bheil a’ bhàrdachd so gu léir coimhlionta. Gu dearbh tha móran rannaigheachd san leabhar nach toir cus ùrachaidh do dhuine aig a bheil ùidh ann am bàrdachd. Tha sinn ro eòlach air an smuain a th’ innte, is tha sinn ro eòlach air a’ chumadh a th’ oirre. Tha sinn a’ lorg ann am bàrdachd smuain ùr, air neo cumadh cho annasach no cho coimhlionta air smuain chumanta agus gu bheil am briosgadh a gheibh ar n-inntinnean co-ionnan ri ùr-smuain. Tha luchd-rannaigheachd gu mór nas pailte na bàird anns an t-seagh choimhlionta so. Tha Iain Eirdsidh MacAsgaill an dà chuid ’na fhear-rannaigheachd agus ’na bhàrd, agus a rèir na fianuis a tha a bhàrdachd a’ togail ’s ann a’ fàs a bha a chomas nuair a thainig crìoch air a thurus, fada bho ’n tigh, ann an Astràilia.
Tha iomadach cuspair aig Iain MacAsgaill: cuilean, tarbh Ruisgearraidh, eathraichean, stoirm ann an Astràilia. Ach mar as trice, tha e a’ tilleadh ’na inntinn gu ruig Beàrnaraigh. ’S e gràdh-dùthcha is gràdh air na h-eòlaich a tha a’ riaghladh a smuain, agus tha so a’ dol ’na chianalas nuair a tha e ’ga fhaighinn fhéin glaiste an taobh an iar Astràilia:
’Nam ònar an còmhnaidh
’S nach còrd rium an Gall.
B’ e bhith cuimhneachadh nan càirdean a chuir gu bàrdachd e:
’S mo spéis-sa bha blàth dhoibh
An diugh ga mo chràidheadh,
Chuir creithleag na bàrdachd
Fo àirneis ’nam cheann.
’S ann o ’n òran Companaich m’ òige a tha na sreathan sin. The e so air aon de na h-òrain as fheàrr anns an leabhar. Nach minig a chunnacas bodach leithid an fhir so:
’S am bodach ag éisdeachd,
’S e blasad cho déidheil
Té dhubh-sheileach fhéileil
’S a dheud oirre teann.
Tha liut air leth sgileil aig a’ bhàrd air dealbh a dheanamh de eòin ’s de chreutairean a’ gluasad. Chì e na h-eòin “dol thairis ’nan ciadan Air fiaradh nan gleann”. Faic an cuilean ’s an naosg:
Bidh cuilean caoil-snuig aotrom seang
Clisgearsaich ri ’n taobh air bheannd;
’S sian aig naosg ’s e sraon a nall
’S a chùrsa càm fo cheò-fhrois.
Agus thall an Astràilia,
Tha breac-nathair fhalbhach
Gu pailt feadh nan garbhlach,
Sraonagach ’s an anmoch
Neo-chearbach ’na snàig;
’S mur teich mi bho ’n chealgaich
Neo-thurtach is falachaidh,
Gu séid i ’m bior gearrghuin
Bhios marbhtach bho gàir’.
Tha aotromachd gu leòr anns an leabhar so cuideachd, ach chan eil cus ann nas eirmsiche na Mo Chòmhradh ri Uisdean Dubh. (Math ’s ga bheil Mgr Moireasdan air sloinnteireachd cha tug e sloinneadh do dh’ Uisdean Dubh). So an seòrsa fear a bh’ ann:
’S ann ort fhéin tha ’n claigeann a tha annasach ’s neònach,
’S aodann cù-nuigeach dubh reamhar, sùil a’ mhadaidh cho beò ann;
’S leis gach fiacail tha mach as, ceart cho fada ri m’ òrdaig,
’S ann aig Dia a bha tlachd dhìot nuair a chairt e cho bòidheach
Lìon-mór do bhrat.
Faigh an leabhar so, a leughadair, ach an toir thu misneachd do ’n fhear-deasachaidh aige tuilleadh de ’n obair ionmholta so a dhèanamh.
R. McT.
title | 2 |
internal date | 1961.0 |
display date | 1961 |
publication date | 1961 |
level | |
reference template | Ruaraidh MacThómais in Gairm 36 %p |
parent text | An Sgeilp Leabhraichean |