[312]

Laraichean Ainmeil

Le A. I. M. M.

Caisteal Dhun-Staimhnis


[313]

THA iomradh air an daingnich so ann am beul-aithris co-cheangailte ri eachdraidh bhuaireasach seann rìoghachd Dhal-riata. A réir gach seanchas, bann an Dun-Staimhnis a shuidhicheadh air tùs Clach Rìoghail Albainn, Lia Fàil, le Fearghas Mór ciad rìgh na tìre àrsaidh so. Laigh achlach an sin gus na dhiomchair Coinneach Mac Ailpein i gu ruige baile Scàin sabhliadhna 849. Ach, mar a tha fios againn, thog Eideard I, Rìgh Shasainn, leis i, gu ladarna, agus tha in diugh air a càireadh fon Chathair Rìoghail an Lunnainn.

Tha e air a ràdh gu robh an caisteal so a thana sheasamh aig beul Loch Eite agus beagan mhìltean tuath air an Oban Latharnach, ’na ionad rìoghail aig rìghrean nan Albannach sìos gu tìm Rìgh Coinneach II, mu mheadhon an naodhamh linn. Aon a tha cinnteach, chan eil cunntas earbsach air an togalaich gus an ruig sinn linn nan Lochlannach, nuair a bha Innse Gall acasan fo chìs. Tha e coltach gur e so aon de na dùin làidir a bha air an stéidheachadh gu casg a chur air ionnsaigh bhorb nan coigreach. Tha dearbhadh air gur e fear Eóghainn, Tighearna Latharna, a thog achuid mhór de na ballachan a tha fhathast rim faicinn.

Ghlac an Rìgh, Raibeart Brus, Dun-Staimhnis sabhliadhna 1308, oir aig an àm thaobh Clann Dùghaill Latharna ri Rìgh Shasuinn, Thagh am Brusach Artair Caimbeul mar fhear-gleidhidh an Dùin. agus troimh ùine fhuair Mac Cailein Mór làn shealbh air Dun-Staimhnis. O so a-mach gheibhear iomradh gu tric air achaisteal ann an eachdraidh na h-Albann.

Thadhail an Rìgh Seumas I an so, agus rinn e còmhail ris na ceannardan a dhéirichna aghaidh fo stiùireadh Dhòmhnaill Bhallaich sabhliadhna 1431. A rìs nuair a thainig ùghdarras Tighearna nan Eilean gu crìch1493ràinig Seumas IV Dun-Staimhnis, far an dfhuair e gealladh dìlseachd o chinn-feadhna nan Eilean.

Chuir Cromwell saighdearan dearga san dìdein nuair a cheannsaich e Albainn, 1652-60.

Mu chóig bliadhna fichead an déidh so chithear Mac Cailein Mór atighinn gu Dun-Staimhnis le buidheann a bha gu ionnsaigh a dheanamh an aghaidh Rìgh Seumas VII. Ach thainig so gu neoni. Sgapadh na reubalaich leis aMhoireach, agus chuir e teine ris an dùn. Rinneadh oidhirp air a thogail ás ùr, ach cha tugadh an obair a riamh gu crìch.

Am Bliadhna Theàrlaich bhan caisteal aig an Riaghaltas mar thigh-tasgaidh armachd is mar phrìosan, agus tha e coltach gun chuir aMhaighdean Uasal Fionnghal NicDhòmhnaill greis seachad san tùr, is i fo dhaors airson a treibhdhireas a thaobh aPhrionnsa.

A measg gach deasbaireachd mu thoiseach is aois an dùin, their luchd-fòghluim gur e so an dearbh làrach air an robh bunait Dhun Monaidh a bhana àite-dìon aig Clann Uisne. Co-dhiùbh tha Loch Eite air ainmeachadh gu tric san sgeulachd thùrsachLaoidh Chlann Uisne.”

titleLàraichean Ainmeil
internal date1961.0
display date1961
publication date1961
level
reference template

A. I. M. M. in Gairm 36 %p

parent textGairm 36
<< please select a word
<< please select a page