Turus A Shaoghal Eile
Le EILIDH HAZRA
(1) AN T-SLIGHE CHUN AN EAR
Eilidh Hazra comhla ri banacharaid mun do rinn Eilidh an imrich an ear.
AN uair a phòs mise dotair Innseanach chuir mi romham “ge be taobh a rachadh esan gu rachainn-sa, agus gum b’e a shluagh-san mo shluagh-sa”. Mar sin, an uair a fhuair Jyoti tairgse air obair ann an Assam dh’fhalbh mi fhéin agus Anil, an aon leanabh a bh’ againn an uair sin, agus gach nì eile a bhuineadh dhuinn, ’na chois. Chan eil mi a’ dol a ràdha nach robh an cianalas orm a’ fàgail Alba agus mo chàirdean, gu ruigeas idir air mo mhàthair is m’athair, ach bha fiosam gur e so dleasdanas nach b’ urrainn dhomh àicheadh.
Bha mi riamh bhon a thachair mi ri Jyoti cìnnteach ás aon rud—gu feumadh a’ chlann fàs suas cho Innseanach ’s a ghabhadh dèanamh. Bha teaghlach Jyoti an toiseach cho fada ’nam aghaidh-sa agus a bhiodh iomadh teaghlach Albannach an aghaidh Innseanach a thighinn ’nam measg. Cha dean math dhuinn a dhì-chuimhneachadh nach eil sinne an còmhnaidh ceart a chionn gu bheil sinn geal. Tha mi an dòchas gu fàs a’ chlann againne suas ’nan deagh bhuill de shluagh an athar.
Ach tha leum an doill eadar creideamh is dèanadas, agus cha b’e cur na mara an aon rud a bha a’ cur dragh ormsa an uair a bha an Circassia air a slighe sìos taobh an iar Phortugal air an rathad gu Bombay.
Ach feumaidh mi aideachadh gu robh an t-slighe, là an déidh là, a’ fàs na bu togarraiche, agus nach robh fada gus an robh mi air bhiod ’s ’na mo bhoil a’ faicinn sheallaidhean nach robh dùil agam aon uair gu faicinn gu bràth.
Creag Gibraltar. Am Muir Meadhon-thìreach a’ deàrrsadh anns a’ ghréin. Ceann a tuath Afraca air an dara làimh, agus an Roinn Eòrpa air an làimh eile. Ach a dh’ aindeoin sin cha chreid mi gun do dh’ atharraich an saoghal uile gu léir dhomh gus an do thadhail sinn ann am Port Said.
Creag Gibraltar, air a togail far an Circassia. Agus, gu h-ìosal, Sràid Mhór Gibraltar far an do rinn sinn beagan ceannachd
An uair a chaidh sinn air tìr bha tàire againn a’ faighinn suas chun a’ bhaile leis na ceudan de bhleideirean a bha ’gar cuartachadh. Fear a’ reic sud ’s fear a’ reic so, agus gach aon aca coltach ris an fhear a bha air an radio uaireigin ann anItma “feelthy post-cards, pliss? ”
Tha Port Said fhéin ’na mheasgachadh uabhasach de bhaile, le “cùiltean groda far am bheil an lobhadh fàis” air an dara làimh, agus tighean móra gleansach ùr air an làimh eile. Dealbhan de Nasser air gach balla. Na cabhsairean làn de bhoireannaich ann am purda—bhéilichean dubha air an teannachadh cho teann ’s a ghabhas iad mu’n aodainn ’gan deanamh coltach ri manaidhean ás an droch àite. Nigheanan sgoile—cìochan is cruachain—le sùilean dubha a’ cuireadh nam fireannach a bha còmhla ruinn. Cuileagan a’ cliathadh anns gach oisean. Balaich bheaga (air an còmhdach ann am pyjamas mar bu trice) ’gar leantainn ’nan dròbhan gus sealladh fhaighinn de Anil anns a’ phram—carbad nach fhaca iad riamh roimhe a réir choltais! Cha robh mi idir duilich Port Said fhàgail, ged a bha mi toilichte fhaicinn.
Suez? Iosal, ciùin, leis an fhàsaich a’ sìneadh air a chùl. Bha e duilich an carragh-cuimhne aig De Lesseps fhaicinn mìllte mar a chaidh fhàgail an déidh na h-ionnsaigh a thug Breatainn ’s an Fhraing air an Eiphit.
Aden. Làn de luchd reic—croitearan a’ tighinn a steach far na dùthcha le ultaichean de gach nì a dh’ fhàsas air an cìnn. Na ceannaichean-siubhail ag iathadh mu’n chidhe a’ fiachainn ris gach nì fo’n ghréin a reic. Cheannaich mi uaireadair Suisseach, agus fhuair mi càr beag do Anil air cóig tasdain diag—an dearbh sheòrsa a chunnaic
[Dealbh]
Port Said, a’ sealltainn carragh-cuimhne De Lesseps air a mhilleadh
Ach nam faiceadh sibh Karachi. So an saoghal an ear a’ tòiseachadh. Fhuair triùir againn gréim air taxi—Chevrolet mór uabhasach—agus shiubhail sinn am baile fad dà uair a thìde, agus cha do chosg e dhuinn ach cóig tasdain an urra! Ged a thuirt mi gu bheil an saoghal a sear a’ tòiseachadh ann an Karachi chan eil an saoghal an iar idir a’ sgur, oir tha na rickshaws air an t-sràid air an tarraing le motor-bighseagailean!
Am faca sibh riamh Sràid EarraGhaidheal ann an Glaschu air Di-Sathuirne mu mheadhon-là? Smaoinichibh ma tha air sràid nach eil ach a leth cho leathainn sin agus le dhà uiread de shluagh. Sin ris am bheil am bazaar ann an Karachi coltach. Ach cha do chuir sin maill air an t-saoghal air fear an taxi againne; chuir e ’chorrag air an dùdaich ’s ghabh e steach. Cha do mharbh e duine cho fad ’s is aithne dhomh. Agus cha chuireadh duine ás a leth gu robh gnothaich aige ris a’ chorp a’ bha a’ seòladh beagan shlatan bhon a’ chidhe gun duine a’ coimhead an taobh a bha e. Bha làmhan a’ chuirp air an ceangal le ròp air a chùlaibh.
Aon uair ’s gun do dh’ fhàg sinn Karachi cha do stad an Circassia tuilleadh gus an do ràinig sinn Bombay. Bhuail an cianalas a rithist mi an uair a chaidh sinn air tìr, oir fhad ’s a bha mi air an Circassia bha mi, mar gum b’ eadh, ’ga mo dhleas fhéin mar chuideigin air thurus,
Ràinig sinn an cidhe aig uair feasgar, ach bha e cóig uairean mus d’ fhuair sinn troimh ’n tigh-chuspainn. Bha oifigich a’ chuspainn gun iochd. Am baga nach fosgladh rachadh a shracadh; am bocsa bha rag rachadh a bhriseadh agus na bha ’na bhroinn a thilgeil ’na ràth mun cuairt. Cha robh ach dithis air nach deachaidh dragh a chur. Fear-gnothaich beairteach á Bombay ris nach leigeadh an t-eagal leotha guth a ràdha, agus sinn fhéin. Thug Jyoti dòrlach airgid do fhear de na h-àrd oifigich agus dh’ fhoghainn sin!
Thòisich an àmhghair an uair sin, a’ barganachadh ri fear taxi ’s a’ toirt buinn airgid an sud ’s so do na portairean air an robh geansaidhean lefree portersgrìobhte air am brollaich, mar a bhiodh ainm a’ bhàta air an robh iad uaireigin air seòldairean MacBrayne. Cha togadh duine lùdag gun phàidheadh (ged nach robh am pàidheadh ach beag taca ri Breatainn) agus cha robh gearain a’ dol a dheanamh feum sam bith oir bha na h-uachdarain na bu mhiosa na na h-ìochdarain. An uair a ràinig sinn an trèan bha iad a’ diùltadh an còrr àirneis a leigeil air bòrd, ach beagan rupees ann an làmhan fear an stèisein ’s chaidh na bha againne anns an t-saoghal air bòrd.
Chan eil fhiosam dé a chanas mi mu’n turus air an trèan. Thug sinn sia uairean diag thar fhichead agus cha do dh’ fhairich mi teas riamh coltach ris. Bha e rudeigin coltach ris an teas a thig a-mach ás àmhainn gas a tha air a bhith a’ dol greis aig Regulo 5. Bha sùith agus dust a’ dòrtadh a-steach agus ged a bha luchd glanaidh a’ tighinn a-steach aig a h-uile stèisean bha na suidheachain cho dubh ’s a bha iad riamh leth-uair an déidh dhoibh falbh. Cha do sguir Anil a chaoineadh bho leth-uair an déidh deich anns a’ mhadainn gu cóig uairean feasgar, agus cha b’ urrainn dhòmhsa mo cheann a thogail gus sùil a thoirt air. An uair a ràinig sinn Dhanbad bha an leanabh cho tinn ’s a ghabhadh e ’s a’ ghrian air a bhualadh.
Cha robh sinn eadhoin letheach slighe ann an Dhanbad. Cha robh sinn ach a’ fuireach greiseag còmhla ri Amal, caraid do Jyoti, gus am faigheadh Jyoti cothrom cùisean a chur air dòigh.
Cha robh an teas dad na bu lugha, ach bha a dh’ aon mhaitheas againn gu robh sinn ann am broinn tighe. Bha na brodan a’ dol air na h-uinneagan aig naoi uairean sa’ mhadainn ’s bha sinn a-stigh le na cuartachain-gaoithe a’ dol gus an robh e sia uairean feasgar. Chan e gu robh an còrr agam r’ a dhèanamh. Cha robh e ceadaichte dhòmhsa a dhol a-mach troimh na sràidean. Am beagan siubhail a rinn mi bha mi dùinte ann an taxi. Ged nach biodh an còrr ann, cha robh agamsa an uair sin ach dà fhacal Hindi— “mosquito” agus “uisge” —ach bha feum agam orra le chéile.
Bha mi gus a dhol dhiom fhéin gus an do dh’ fhàg sinn Dhanbad, oir bha fios agam nam faighinn air falbh beò gu robh an aimsir na bu chàilear anns an Darjeeling far an robh sinn a’ dol a dheanamh an ath stad.
An Hotel Metropole ann an Karachi
Mu dheireadh thàinig an là. Chaidh sinn a-steach do Chalcutta far an do theab na portairean aig an stèisean a dhol dhiubh fhéin an uair a chunnaic iad na bha againn de bhocsaichean ’s de bhagaichean. Ann an Calcutta cha ghiùlain portair rud sam bith ach air a cheann agus cha chreideadh sibh na cisteachan móra a bha iad a’ giùlan dhuinne. Theab fear dhiubh a dhol far na h-amhach a’ fiachainn ris a’ phram aig Anil a chur air mullach a chìnn, ach ged a sheall mi dha gun gabhadh e putadh no eadhon togail ’na ghàirdeanan cha deanadh sin an gnothaich. Dh’ fheumadh e dhol air a cheann.
Bha Calcutta marbhteach, agus bha mi ’na mo lòn fallais fad an t-siubhail. An toiseach bha mi air mo nàrachadh leis cho salach ’s a bha mi. Shaoileadh duine nach fhaca mi uisge fuar no teth riamh. Ach thuig mi gu robh bliadhnachan de dhust Ghlaschu ’na mo chraicionn, agus thuig mi cuideachd gur e am fallas a tha iad a’ cur dhiùbh a tha a’ fàgail nam boireannach Innseanach le craicinn cho bog briagha. Cha robh mo chraicionn fhéin riamh cho math ’s a tha e nise. Chan eil cadag de phùdar air a dhol air mo shròin bho chionn fhad an t-saoghail, agus chan eil guth agam airCoty Vitamin A-D Creamagus rudan de ’n t-seòrsa sin. Ann an seachdain chaill mi clach de chuideam leis an teas.
Taing do ’n t-Sealbh b’ ann air an itealan a shiubhail sinn bho Chalcutta. Cha robh de atharrachadh air an itealan seach itealan Breatannach ach gum b’ i ban-Shìneach a bha a’ coimhead ás ar déidh. Bha an t-atharrachadh bu mhotha air an t-saoghal romham an uair a ràinig sinn talamh agus a ghabh mi an t-slighe suas sliasaid nam beann gu Kurseong ann an càr....
(Ri leantainn)
title | Turas a Shaoghal Eile |
internal date | 1961.0 |
display date | 1961 |
publication date | 1961 |
level | |
reference template | Eilidh Hazra in Gairm 36 %p |
parent text | Gairm 36 |