[323]

Is Agus Esan

Cha robh duine anns an réidhlean ach an dithis acaise agus esananns an t-solus do-aithris a bha dòrtadh á toiseach an t-saoghail. Bha an t-aon ubhal a’ deàrrsadh mar fhuil air a’ chraoibh, cho dearg ri ròs, cho lìomhte ri gloinne.

Tha mi ag iarraidh an ubhail,” ars ise. Bha a sùilean ciùin mar shùilean leanaibh, mar nèamh. Bha ainglean dorcha a’ sgiathalaich annta.

Chan ann leinne an t-ubhal,” ars esan ’s a shùilean làn smaointean mu dheidhinn dhé, ’s mu dheidhinn saorsa, ’s mu dheidhinn nàduir....

Tha mi ag iarraidh an ubhail,” ars ise ’s a sùilean a’ slaodadh chuice am meas a bha dèarrsadh mar leug anns an adhar.

Thionndaidh e air falbh bho a sùilean ’s sheall e ann an sùilean nan ainmhidhean a bha boillsgeadh mar bhùrn. Chan fhaiceadh e càil ach e fhéin annta-san. Ach, ’na sùilean-se....

Seall,” ars esan, “mar a bha na craobhan a’ fàs ’s mar a thug iad gu breith an t-ubhal sin. Nach eil e mìorbhaileach mar a chuidich a’ ghrian ’s am bùrn ’s na reultan. Nach eil e cur iongantas ort, a bhith faicinn òrdugh na cruinne- mar theudan chlàrsach?”

Tha mi ag iarraidh an ubhail,” ars ise. ’S sheall e rithe. Bha ainglean dorcha ’na sùilean, ’s thòisich e dol air chrith mar chraobh ann an stoirm. Loisg e ann an teine a sùilean. Chunnaic e i a’ cur duilleagan nan craobhan timcheall oirre mar cheò ghorm timcheall na gréine.

Ghabh na reultan seachad ’nan òr is ’nan airgead ’s chunnaic e ise ’gan snìomh mar ghlas-làimh le a làmhan geala gus an deach iad ann an cruth nathair. Leig e éigh ás ach chaidh an saoghal air a chasan a rithist: cha do bhrist a’ ghloinne. Chuir e a ghàirdean suas, is stad is thionndaidh e, ach bha a sùilean mar theine air aodann, a’ losgadh troimh a chnàmhan mar phaipear. Sheall e sìos: bha na duilleagan timcheall oirre. Spìon e an t-ubhal bho ’n chraoibh agus chunnaic e na fiaclan cho geal ri neo-chiontas a’ sracadh craicionn na meas.

Bliadhnachan móra ’na dhéidh rinn e bàrdachd mu dheighinn.

IAIN MAC A’ GHOBHAINN.

titleIs Agus Esan
writersIan Crichton Smith
internal date1961.0
display date1961
publication date1961
level
reference template

Iain Mac a’ Ghobhainn in Gairm 36 %p

parent textGairm 36
<< please select a word
<< please select a page