Teasgasg Na Gàidhlige Sna Sgoilean
DONNACHADH MACDHUNLEIBHE (Pretoria, Africa-a- deas)
LEUGH mi gu tric anns na bliadhnachan so a chaidh gu bheil barrachd cloinne a’ faighinn teagasg an Gàidhlig na bha riamh roimhe an Albainn, ach chan eil mi an aontas ris an ràdh sin idir. Chan eil fhios agam ciod e àireamh na cloinne a tha air an teagasg an Gàidhlig an diugh, ach tha fhios agam nach bu aithne dhòmhsa neach sam bith, fear no bean, am Muile a bha, abair, os cionn cóig bliadhna deug na bu shinne na mi fhéin nach robh comasach air an Bhìoball agus an Salmadair a leughadh, fiù ged a bha cuid de na fìor sheann daoine aig nach robh facal Beurla. Agus mar an ceudna anns na h-eileanan eile a bha dlùth-làimh agus, ar leam, an leth uachdrach Earraghaidheil gu iomallan. Agus tha mi am beachd gu robh mar an ceudna an àitean eile oir b’ aithne dhòmhsa Peairtich á Cillfhinn agus Calasraid, far nach cluinnear facal Gàidhlig a nis, a bha glé chomasach air labhairt, air leughadh, agus air sgrìobhadh na Gàidhlige.
Chan agair mi gu robhar uile comasach air sgrìobhadh na Gàidhlige gu coitcheann, ach bha roinn dhiubh a bhà. Bha mo sheanair agus mo athair fhéin cho deas an sgrìobhadh an Gàidhlig is am Beurla, agus cha do sgrìobh mo mhàthair-chéile dhòmhsa uair sam bith ach an Gàidhlig ged a b’ ann am Beurla a sgrìobhadh i do a nighean fhéin. Ach cha robhar uile comasach no a’ cleachdainn sgrìobhadh na Gàidhlige, agus aidichidh mi gu robh, math-dh’fhaoite, cus de an fhìrinn aig Iain Og Ileach nuair a sgrìobh e gu tarcuiseach nach robh de sgrìobhadairean na Gàidhlige uile aon dithis a sgrìobhadh no a chubadh a réir a chéile. Chan eil sinn buileach saor o an lochd sin fhathast. Is e mo bharail fhéin nach robh an mhór-roinn a’ faighinn de theagasg ach leughadh an Bhìobaill agus nach robh móran de an teagasg na bu doimhne na sin.
Ach o chionn ceud bliadhna air ais bha an Tobarmhoire, a bharrachd air triùir sgoilean eile, sgoil Ghàidhlig san bhaile, agus chumar an cheud Mhòd san bhaile sin an 1862, agus bha ùnnlagh peighinn air gach neach airson gach facal Beurla a labhradar. Cha robh tigh anns nach robh Bìoball Gàidhlig, agus, an taice ris, Turus a’ Chrìosdaidh, a bharrachd air leabhar-òran no dhà, agus iad uile air an deagh làimhseachadh. Ach cha robh an teagasg cho foghluimte ’s a tha e an diugh agus cha robh a leithid de rud ri leabhraichean cloinne air an smaointinn orra.
B’ e an cheud rud a thug m’ athair dhomh fhéin r’a leughadh “Cha bu ghaisgeach Alasdair Mór.” Ach ciod air bith an àireamh a bha a’ faighinn teagaisg, no an gnè teagaisg, o chionn ceud bliadhna, thainig an t-atharrachadh mu an do rugadh mise, le Achd an Oideachais an 1872, gnìomh a bha an geall air an Ghàidhlig a mhùchadh tur ás. O chionn sin cha d’ fhuair an t-àl de an robh mise teagasg an Gàidhlig, ach is e a fhuair sinn ar liodairt leis an tàs nan labhradhmaid facal Gàidhlig san sgoil no taobh a-stigh callaid na h-ionaid chluiche. Ar leam gum bu sinn an aon chlann san Iompaireachd Bhreatannach (agus bu fharsainn i anns an àm ud) do nach robh e ceadaichte a bhith air an teagasg troimh an cànain mhàthaireil fhéin. Cha robh Gàidhlig aig aon de an luchd-teagasg agus tha mise an leth bheachd gu robh iad air an taghadh gu sònraichte o chionn nach robh Gàidhlig aca. Agus tha mi fòs an leth bheachd gu robh ar luchd-teagaisg am barail gum bu e gnè de phoca a bu inntinnean na cloinne agus gun gabhadh am poca sin a bhith air a shumhlachadh is air a dhinneadh cho teann le Beurla, gu àraidh le bàrdachd Bheurla, gus nach biodh àite air fhàgail airson na Gàidhlige.
Nach tric a chuireas mi fhéin fhathast iongantas air mo luchd conaltraidh leis cho deas is a tha mi air aithris na bàrdachd Bheurla agus cho leudach is a tha mo aithne oirre. Bhatar ri an dìcheall an ruamhar na Gàidhlige asainn ach mar bu doimhne a bhatar a’ ruamhar is ann bu doimhne a bha freumhaichean na Gàidhlige a’ gabhail bun.
Chuidich e gu mór sinn gu robh Seumasachd cho beò an aigne nam Muileach an làithean m’ òige-sa is an làithean Mhic Mhaighstir Alasdair, agus ghabh sinn ris a’ bhàrdachd Sheumasach mar chat ri bainne. Bhiodh smùid againn a ghnàth air “Cha chaisg aon nì ar n-ìota, ge b’ fhìon e, ach fìor fhuil Shasuinn,” no “Càite am faict’ mac màthar air sràid no faiche,” agus air òrain an chorporal MhicFhionghuin a bha sinn a’ meas mar shìneadh de an bhàrdachd Sheumasach. Bha “Cha robh math do nàmhaid gluasad dh’ iarraidh buaidh orra sna blàraibh” agus òrain eile de an ghnè sin ’gar lìonadh le uaill agus meud-mhór anns na daoine againn fhéin agus ’nar cànain uasal fhéin gus nach gabhadhmaid ar ceannachadh gu bhith ’nar Goill no ’nar Sasunnaich. Gu dearbh is ann a bha sinn fìor shuarach orra le chéile. Agus bha seann Donnachadh Camshron ’gar teagasg am bàrdachd na Féinne, agus tha “An Mhuileartach” agam air mheamhair fhathast mar a thog mi uaithe-san e: “Latha do ’n Fhéinn air tulaich shoir ag amharc Eirinn mu a timcheall.” Ach bha an “luchd-foghluimte” ’nan aghaidh a ghnàth, agus fiù ged bu Ghaidheil na ministearan bha iad ’gar coireachadh o chionn sinn bhith ’nar “reubalaich.” Ach bu e sin an ite a b’ àirde ’nar bonaid.
Cha chreid sibhse an gamhlas a bha ris a’ Ghàidhlig an làithean m’ òige-sa, agus cha b’ ann a mhàin aig Goill is Sasunnaich agus luchd-dreuchd ach aig móran de na Gaidheil fhéin, ministearan is luchd-teagaisg is a leithid sin a fhuair am beagan foghluim a bha aca agus a rinn am beagan adhartais a choisinn iad tre mheadhoin na Beurla. Tha móran Leódhusach a’ leughadh Gairm. Seadh matà, so mar a sgrìobh maighstir-sgoile Leódhusach sna làithean ud: (gabhaibh mo
Tha gach cothrom agaibhse a nis. Am bheil an aigne agaibh? An gabh rudeigin a dhùsgadh an aigne na cloinne ionann ris an t-Seumasachd chum fadadh lasair uaill agus meud-mhór annta fhéin agus ’nan cànain agus eachdraidh? Ar leam gun gabhadh sin a dhèanamh, agus ma ghabhas bithidh an latha leibh.
Aon fhacal molaidh de Achd an Oideachais: dh’ éiginnich e a’ chlann uile a dhol do an sgoil. Bha sin feumail oir bha roinn mhath de na croitearan anns an bharail nach robh foghlum sgoile gu feum sam bith airson croitearachd no iasgaireachd. Agus a nis, an co-dhùnadh, bheir mi dhuibh abairt (am Beurla á aithisg 1871, romh-ruithear Achd an Oideachais): —“The Gaelic language may be what it likes, both as to antiquity and beauty, but it decidedly stands in the way of the civilization of the natives making use of it, and shuts them out from the paths of their fellow countrymen who speak the English language . . . . It ought therefore to cease being taught in all our national schools. We are one people and we ought to have but one Language. ”Nar a leigeadh Dia gum bu Shasunnach mise.
title | Teagaisg na Gàidhlige sna Sgoilean |
internal date | 1961.0 |
display date | 1961 |
publication date | 1961 |
level | |
reference template | Donnachadh MacDhunléibhe in Gairm 37 %p |
parent text | Gairm 37 |