[47]

Sean Eolas-Luibh

(17) AN UBHAL

ALASDAIR MAC’ILLEMHAOIL

DHFHAS an ubhal-fhiadhain, no achuairteag, anns aGhaidhealtachd bho shean. Chan e a mhàin gu bheil an ubhalna meas taitneach blasda, ach bha rùsg na craoibhe feumail gus achlòimh a dhath buidhe, agus bha sùgh na cuairteig air a chur mar leigheas ri sgotha féithe.

Bho bhriathran ann am bàrdachd Oisein faodar a thuigsinn gu robh na Gaidheil fiosrach gu leòr mun ubhal. Tha Pliny, an seann sgrìobhaiche Ròmanach, ag ràdh gu robh na craobhan-ubhal am Breatainn fìor thorach, agus tha cunntas air cho pailts a bha iad ann am Moireibh anns an treas linn.

Ge be àite san robh na manaich air an suidheachadh thogadh iad ubhal-ghoirtean, agus chithear fhathast faisg air manachainnean, a than diugh fàs, sean chraobhan a chuireadh leotha. Tha sin gu h-àraidh fìor mu Abaid Mhanachainn Mhic Shimidh.

Than ubhal gu tric air a h-ainmeachadh ann an litreachas is bàrdachd iomadh tìre, agus sin gu minic ag aithris air bòidhchead is cruth pearsa.

Mar chrann-ubhal am measg chrann na coille is amhail mo rùn-sa am measg nan òganach: fo a sgàil mhiannaich mi, agus shuidh mi sìos, agus bha a thoradh milis dom bhlas.”

Sheinn Donnachadh Bàn mu na cuairteagan a dhfhàsmun Ruadh-aisridh, clùmhor, cuachanach, cuannar àrd.”

titleSean Eòlas-Luibh
internal date1961.0
display date1961
publication date1961
level
reference template

Alasdair Mac’IlleMhaoil in Gairm 37 %p

parent textGairm 37
<< please select a word
<< please select a page