Ceilidh Mullach Na Beinne
AM BARD BOCHD
BHO chionn oidhche no dhà bha mi stigh ’s gun anail fo na cabair ach mi-fhìn ’s an cat ’s mi ann an cathair an taic an teine ri leughadh paipeir an là. Gu dearbh cha robh mi ri faighinn tlachd sam bith ás na bha mi ri leughadh—cogadh am Bizerta, aimhreit mu Kuwait agus ceannardan nan dùthchannan móra a’ cur an corragan ri ’n sròinean ri chéile airson Berlin. Co-dhiùbh dh’ fhalbh an cadal leam agus mar as trice ann an cadal ceàrnach chì fear rudan a chuireadh iongnadh air ’na dhùisg; —agus chunnaic mise.
Bha mi ’gam fhaicinn fhìn a-stigh ann an talla mór làn dhaoine, fireann is boireann, sean is òg agus de gach dath. Aig ceann shuas an talla bha àrd-ùrlar agus gu h-àrd os a chionn bha sgrìobhte ann an litrichean móra “Céilidh mullach na beinne.” Air an àrd-ùrlar so bha sleaghaire de dhuine dreachmhor aig bòrd. Bhiodh e mu aois mheadhon là no seachad agus bha malaidhean air cho tiugh agus cho fada ’s gu robh iad a’ deanamh brat-dubhair de ’n chòrr de aodann. Thuirt cuideigin faisg orm gum b’e sud ceann-suidhe comunn—ach cha do thog mi dé an comunn, oir aig an àm sin thainig fear de’n luchd-frithealaidh a-steach le muga àrd gloine làn de uisge soilleir agus chuir e air beulaibh fear na cathrach e ag ràdh “Deoch Chruis” neo rudeigin mar sin, agus theich e. Cha do thog mise ceart dé thuirt e agus cha chreid mi gun do thog no fear na cathrach fhéin oir sheall e ás déidh an fhir a dh’ fhalbh agus sheall e an sin ris an uisge. Thog e am muga ’s thug e balgam ás, ’s chuir e dréin air. Sheall e a rithist ris an uisge ’s thug e balgam eile ás—balgam na bu mhotha. Chuir e sìos am muga gu cùramach is shuidh e air ais sa’ chathair le osna thaitnich, agus phriob e orrasan a bha ’nan suidhe anns na suidheachanan a b’ fhaisge air—— —dìreach mar gum priobadh mulan-feòir ort.
Ann am beagan ùine nuair a chiorstalaich na bha stigh iad fhéin sheas fear na cathrach ’s chuir e fàilt orra ann an Gàidhlig shusbainteach. “Tha fios agaibh,” ars esan, “carson a tha sinn cruinn an so a-nochd. So céilidh mullach na beinne ris am bheil móran an urra. Tha bonn òir ri a chosnadh an so agus chan e giugaire á Leódhus no, gugarlach á Barraidh a choisneas e. Tha ceithir cheannardan nan dùthchannan móra ri dol a thoirt dhuinn òran agus danns air leth— —òran a rinn iad fhéin le fonn a chuir iad fhéin air agus ’s e sibhse a luchd-éisdeachd na breitheamhan. Tha gach làmh a theid suas a’ cunntadh aon chomharradh, agus feuchaibh nach bi duine agaibh cho suarach ’s gun cuir e suas an dà làimh còmhla. Cha chan mi an còrr, is bheir mi an t-urram do ’n aois agus éighidh mi an toiseach air . . . .”
Chan eil sian a dh’ fhios agam co air a dh’ éigh e. Mar a thuigeas
Is mise Cruis á Ruisia
Thug greis mu ’n aona bhòrd,
Ri Melancof is Bulganin
Gun tug mi dhaibh a’ bhròg;
’S fear-riaghlaidh mór a nise mi
’S chan eil air thalamh beò
Mo choimeas ann an cumhachd
Leis a’ chorran ’s leis an òrd:
’S toirt fianuis air a’ chomas
A tha agam shìos is shuas,
An duine th’ anns a’ ghealaich
Thug mi dhà i ’n toll na cluais;
Is ged nach seall e chùlaibh dhuibhs’
Tha dhealbh agams’ air clàr,
Le gach bréid is toll is tarrag
Th’ air a’ bhriogais tha mu mhàs:
Is cuiridh coin is balaich dhomh
Le fead a chur ’nan cluais,
Mu dhusan car mu ’n talamh so
Mus dùisg sibh ás bhur suain:
Chan ionnan sin ’s na grìochairean
Ni bòsd le móran fuaim,
Ma chuireas iad an canastair
Car’ mhuiltean dhan a’ chuan.
’S tha bodaich an Taobh Siar a nis
Le deuchainn a’ dol borb,
An dùil le bagradh bhriathran bhuap’
Gun cuir iad bodach orms’:
A’ maoidh gun tig na rocaidean
’Gam chlàbhadh ás gach àird;
Ach spreadhaidh mis’ gu talamh iad
Mar a spreadh mi U a dhà:
Tha geasan anns an òrd tha so
’S tha ’n corran grad gu sgath,
Is leughaidh sibh ’n tul fhìrinn sin
’S an t-soisgeul a réir Marx.
Sguir e, agus ma tha fuaim bualadh bhois a’ ciallachadh molaidh fhuair e pailteas ged nach do shaoil mi fhìn móran de a sheinn agus na
Sheas fear na cathrach an sin agus cha chreid mi gu robh e idir cho cinnteach ’na cheum ’s a bha e roimhe. Chuala mi fear air mo chùl a bha le blàthachadh math air ag ràdh: “Tha rud anns a’ mhuga as fheàrr na ’m bùrn.” Co-dhiùbh ghairm fear-an-tighe air an ath fharpaiseach agus nochd ceatharnach òg tapaidh le rudha a’ mharaiche ’na ghruaidhean ged nach robh fiamh an toileachais air aodann. “So agaibh,” arsa fear na cathrach, “fìor Ghaidheal. Is iomadh fàd dubh Gaidhealach a bhuain a shean-seanmhair aig Abhainn na Cloich mus deach i air imrich air sguab-mhuran gan an Talamh Fhuar—Ha-ha. Siuthad ille, suas leis, ’s dean gàire ris an luchd éisdeachd.” “Cha dèan,” ars esan, “ghoid e am fonn orm,” ’s e toirt sùil cholgach gu taobh chlì an ùrlair.
“Coma leat, coma leat,” arsa fear an tighe, “Có an Siarach a riamh nach deanadh a chùis air Earach. Siuthad dall air le fonn ás ùr, ’s bidh do dhuais da réir.”
Mar a thuirt, dhall e air le fonn, agus thabair fonn—fonn ùr da-rìribh. Cha chreid mi gu lorgadh Uilleam MacMhathain fhéin sinnsir dha. Fhuair mi air cumail air chuimhne na leanas:
Yankie doodle, Yankie,
Yankie doodle-doo,
Mar a ceannaich mile le dollars sibh
Gun clòdh mi sibh le U’s.
Chan fhaigh sibh air an t-saoghal so
An ear no deas no tuath,
Mo choimeas ann am beartas,
Ann an àrmachd no am fuaim:
Yankie doodle, Yankie . . . .
Is seasmhach airson saorsa mi;
Nach saor iad thug dhomh làmh,
Chiang Kai-Shek is Salazar,
Is Franco anns an Spàin:
Yankie doodle, Yankie . . . .
’S ma bhios sibh airson dollarsan
Gu faigh sibh iad gu dearbh,
Gun phrìs sam bith ach mallachadh
Na balaich bhuidh’ is dhearg:
Yankie doodle, Yankie . . . .
Is caidlidh sibh gu saorsaineil,
Gu h-àraidh ’n tìr an fhraoich,
Is rocaidean an Uibhist leam
’S polàris san Loch Naomh.
Yankie doodle, Yankie . . . .
Is ged tha cuid troimh amharus
’Cur teagamh ’na mo rùn,
Tha càirdean leam an N.A. T.O.
Nach dean Castro orm co-dhiùbh:
Yankie-doodle, Yankie . . . .
’S mar ceannaich mi le “dollars” sibh,
’S mar clòdh mi sibh le U’s,
Ni caileagan Coill Eidhinn
Sibh bhur mealladh le ’m priob-shùil:
Yankie doodle, Yankie . . . .
Is bidh gach neach a leanas mi
Le ionmhas mór is stòr;
Is gheibh sibh an tul-fhìrinn sin
’S an t-soisgeul a réir Fòrd.
Yankie-doodle, Yankie,
Yankie-doodle-doo;
Mar a ceannaich mi le “dollars” sibh
Gun clòdh mi sibh le U’s.
Chan eil fhios agam an robh e deiseil ach air a’ phong mu dheireadh a sheinn e leig am misgear a bh’ air mo chùl a-mach gairm a’ choilich—Cock-a- doodle-doo—cho àrd is cho briagha ’s a chuala mi riamh e air madainn samhraidh a’ tighinn ás an tràigh-mhaidne. Ach thug an luchd éisdeachd le bualadh bhois is feadaireachd comharraidhean molaidh do ’n t-seinneadair a lean trì mionaidean. Chan eil fhios agam na chòrd sin ris no nach do chòrd, ach choisich e air falbh gu taobh a deas an ùrlair agus shuidh e air séir an sin is aghaidh air mar rud á cridhe na h-àirde tuath ag amharc a-null air a’ cho-fharpaiseach a bha le gàire bho chluais gu cluais ’na shuidhe mu choinneamh ri toirt faobhar air a’ chorran leis an òrd.
Sheas fear an tighe ’s bha deagh choltas air gu robh an gnothaich a’ còrdadh ris-san. “Bha sud,” ars esan, “sàr mhath. Cha deanadh uiseag ceann an Téib fhéin na b’ fheàrr.” “Gheibh sinn a nis,” ars esan a’ leantainn air, “òran bho fhear a tha aithnichte dhuibh gu léir, dubh-ogha a’ chroiteir a b’ fheàrr a chuir cas air spaid a riamh deas air a’ Charbh, no tuath air cuideachd. Tha an Gaidheal ’na fhuil ’s ’na ainm. Thig ’s thoir srannadh air a bhalaich, is seall dhaibh gun do dh’ ith do sheanmhair lite.”
Thainig sgleò air m’ aisling mu ’n àm so gus na thòisich an t-seinn, ach gun cuala mi am misgear ag ràdh, “Nach e tha cumhad‘lugubrious, ’ge bith dé bha sin a’ ciallachadh. Cha chreid mi gu robh mi
Carson a bhios mi cuimhneachadh na làithean dh’ fhalbh cho bras,
Tha ’n diugh ’nan aobhar cianalais gur iad a liath mo stais;
Mo choguis nis toirt dìteadh orm mar shlaod mi-fhìn bhur cas,
Le bhith cho tric ag ìnnse nach robh nì a riamh cho math:
O, och is och is ochan, mar a thuirt mo sheanmhair chòir,
Ged chuir mi càr do ’n gharage dhut is“telly”air do bhòrd,
Ce mar bhios sin ’na shòlas dhut le fiachan suas gud’ shròin,
Is Ionmhasair na Rìoghachd le chuid chìs gad’ fheannadh beò:
O, càit an deach na muillionnan nach teirgeadh dhomh gu bràth!
Chan eil an diugh san t-seotal so aon chlóran ruadh no bàn;
’S ged dheidhinn chun a’ Cheanadach ’s mo bhonaid ’na mo làmh,
’S e their e“ ’N‘Common Market’ort is coisinn mar ri càch:”
Mar bhàlla-ghaoith roimh chamain mi, ’gam iomain gach-a- taobh,
—Ged nach bu chòir dhomh gearain ’s gun mi annasach air gaoth—
Tha ceannardan nan dùthchannan air cùl a chur ri m’ ghaol,
’S chan éisd iad anns a’ chòmhail rium gu’n lùb mi dhaibh mo ghlùin:
Cha robh mise ’g iarraidh ach mo làmh bhith air an stiùir;
Nach b’e sud dual an t-Sass’naich is a’ chòir a bh’ aig bho thùs?
Ach lìon na K’s le tùrsa mi ged nach fhaicear sin ’nam shùil,
Gan cluinntinn seinn mu U an so is iadsan cho Non-U.
Ni mi nis co-dhùnadh is gun dùil agam ri nì,
Ach dorus Tigh nan Tighearnan tha miaranaich rium fhìn;
Ach cumaibh cuimhn’ gu sìorruidh nach robh iarrtas orm ach sìth
Mar bh’ air an truaghan sèumarlan bha uaireigin san tìr-s. ’
Sguir e agus airson mionaid de thìde cha chluinneadh tu anail ’ga tharraing. Bha eadhon am misgear fhéin sàmhach. Bha e mar gum biodh e air drùidheadh air na bha ’g éisdeachd agus air toirt làn air gach neach a chuala e. Bha an t-sàmhchair a bha sud ’na comharradh molaidh fada na bu chumhachdaich na ’m bualadh bhois a fhuair càch. Thuig an seinneadair fhéin sin. Thug e mach neapuig is shuath e a dhà shùil is choisich e gu cùl an àrd-ùrlair gun sùil a thoirt air a cho-fharpaisich.
Ach cha do lean an t-sàmhchair nuair a sgioblaich fear an tighe a chasan fodha ’s a sheas e, agus nuair a nochd an ath fharpaiseach, gu dearbh bha làn sùla ann, le feabhladh a chanadh tu bhiodh ro bheag do bhalach nan cóig. “So agaibh,” arsa fear na cathrach, “Gall, fear de na Goill againn fhein, ’s chan e fear de na Goill a dh’ aithnicheas sinne. Tha mi cinnteach gu bheil sibh ’ga mo thuigsinn. Mar a chì sibh tha e seachd làmh choille air àird, agus faodaidh mi a ràdh gu bheil e co-dhiùbh deich làmh choille ’na bheachd fhéin, agus carson
Leis an t-sùil sìos troimh shròin a thug an Gall so air shìolaidh fear an tighe air ais do chathair fhéin is gu a shùilean dh’an a’ mhuga. Chuir am farpaiseach a shròin dh’an adhar agus a ghàirdeanan a’ dol mar ghàirdeanan croiteir a’ feuchainn ri caora cheannairceach a chur troimh gheata caol. Thug e dhuinn:
Vìve agus Vìv;
Mi-fhìn is mi fhìn;
Chan eil ann an tìr;
Cha robh ann an tìm,
Ard uasal no rìgh,
Thig fagus domh fhìn
An gliocas, am brìgh, ’s an àrdan:
Tha fios g’ eil e fìor,
Nach fhaighear gu sìor,
’M beul aithris no sgrìobht,’
Mo cho-shamhail fhìn,
Ach aon ’na mo thìr
Thig dlùth do m’ làimh chlì,
An nìghneag—Seonag na h-Airce:
Ach cha b’ ise Degòl,
Oir ghlacadh i beò,
’S ged dh’ àrdaich e glòir
Gun d’ rinneadh dhith ròsd,
Cha chual’ i na slòigh
Mar chuala Degòl
Ag éigheachd Degòl, “Triath nan àrd-uil’ .”
Vìve agus Vìv
Mi-fhìn is—
Stad e mar gun deidheadh am peileir ann, ’s bu bheag an t-iongnadh. Rinn mac nam mallachd a bh’ air mo chùl fuaim le bheul mar am fuaim a dheanadh fear a’ leigeil na gaoithe air a shocair áit-fhithich. Chaidh na bha stigh gu gàireachdainn, ach chuir aon sùil cholgach bho ’n fharpaiseach clos nan eun orra. Choisich e air falbh ’s a shròin dh’an adhar gu taobh a deas an ùrlair, far na sheas e mar charragh-cuimhne cloiche gun ghluasad gun anail.
Ach cha robh fear na cathrach fada gun cùisean a chur air dòigh. Sheas e is mhol e gach seinneadair air leth. “Cha chuala mis, ’” ars esan, “an leithid a riamh bho bha Mòd Thorgaboil ann, ’s cha chuala mi an sin fhéin e. Bha iad uile cho glan ’nam briathran ’s cho binn ’nan ceol ’s gu bheil mi cinnteach gum bi e doirbh dhuibhse a
“Ni ’n t-Earach a’ Circassian
’S an Siarach a’ Cha-cha;
Is gheibh sibh sgiobalt’ ealanta
Bho ’n Deasach Hula-ha;
Is gheibh sibh danns’ an t-sabhail
Is an Tuathach clis ’san ruidh’l,
Is cuiridh mise fallas dhiubh
Le port dhaibh air cìr-mhìn;
Ach feumaidh sibh bhith modhail
Fhad ’s a . . . .
Dh’ fhairich mi crathadh air mo ghualainn agus chuala mi am briathran greannach:— “Carson a leig thu ás an teine” —agus tòrr a bharrachd.
Bha a’ chailleach air tilleadh.
title | Céilidh Mullach na Beinne |
internal date | 1961.0 |
display date | 1961 |
publication date | 1961 |
level | |
reference template | Am Bàrd Bochd in Gairm 37 %p |
notes | Am Bàrd Bochd = Tormod MacLeòid |
parent text | Gairm 37 |