[73]

Nigheadaireachd

CAIRISTIONA DICK

THA minam shuidhe so an ceann a deas Shasuinn anigheadaireachd no, ’se bu chòir dhomh a ràdh, tha minam shuidhe fhads a tha an inneal-nighidh anns an Laundrettega deanamh dhomh. Chan eil dad agamsa ri dheanamh ach an t-aodach a chur dhan inneal agus an dorus cruinn gloinne a dhùnadh. Tha i an sin alìonadh le uisge agus an uair a lasas solus beag dearg tha mi acur phùdar innte agusga fàgail. Tha sreath dhe na h-innealan sin ris abhalla agus sreath shéirichean comhfhurtail mun coinneamh air am bheil boireannaich agus fireannaich cuideachdnan suidhe afeitheamh gus am bi an obair deiseilcuid aleughadh, cuid asmaoineachadh, cuidnan cadal, cuid acoimhead le sùilean gun fradharc air an aodach adol mun cuairt troimhn ghloinne mar gum biodh iad acoimhead air telebhisean, agus dithis Fhrangaich abruidhinn len aodainn agus len làmhan.

Fhads a tha mise afeitheamh, tha minntinn adol air ais a dhUibhist agus an nigheadaireachd a bhithinn adeanamh ann an sin. Tha mi acuimhneachadh air an nigheadaireachd mhòr a bha agam ri dheanamh do Mhàiri, mo liùdhag (doll) .Chruinnich mi a h-aodach agus thug mi an coire dubh gu ceann an tighe agus lìon mi pucaid nan laogh le uisge blàth. Chaidh mi an sin a-stigh agus fhuair mi pacaid phùdair. Chrath mi is chrath mi am phùdar dhan uisge gus an robh cop brèagha geal abrùchdadh a-mach air beul na pucaid. Thòisich an obairasuathadh, is afàsgadhs astealladh cop gus an robh na corragan again làn rocan. ’ bha math. ’S bhair mo dhòigh gus an do nochd mo mhàthair.

Nach robh thusa an Tigh Iain Ghròit! an cosg siabain a tha so? Fhalbh agus dean do chuid nigheadaireachd anns an lòn.”

Ach bha mi deiseil co-dhiùbh. Bha an t-aodach cho glan ris an òr agus cho cruaidh ri creig le siaban. Chroch mi air aweir-stopach e agus cha robh an còrr cuimhne air gu ceann latha na dhà nuair a thachair Màiri bhochd rium a-stigh fon t-séisidh is i dearg rùisgte. Leum mi a-mach chun an fheansaidh ach cha robh sgòd air fhàgail ach luideag bheag an suds an so. Bha an gamhainn Tearach air a h-uile traoit a bha aig Màiri ithe.

Aig deireadh an Earraich, air latha brèagha, nuair nach biodh aghrian ro theth no aghaoth ro làidir, bhiodh mo sheanmhair anighe nam plangaidean agus bhithinn fhèin is Lachaidh is Iaingan stàmbadh. Thogadh mo sheanair teine mònadh aig ceann an tighe. Nuair sin thairngeadh e cuinneagan uisge á Tobar na h-Udraid agus lìonadh e an[74]


[75] coire-dath air an teine. Fhads a bha esan ris an obair sin bha mo sheanmhair acruinneachadh nam plangaidean far na leabannan agus atoirt an fheadhainn ghlana ás na cisteachan air alobhtaidh gus an cur a-mach air achnoc a leigeil na gaoithe agus na gréine thucaplangaidean brèagha Gaidhealach a dhfhigh i fhèin.

Bha na gillean acluichd ann an Lòn nan Each ach an uair a chunnaic iad an deisealachadh a bha aig an tigh thàinig iadnan ruithsnan leum is iad cas-rùisgte. Bha sinnnar triùir cruinn mun teine is aghrian adeàrrsadh air an fhochann ghorm a bha afàs cho tiugh saphàirc sìos bho cheann an tighe. Bha sinn acoimhead air an uisge agoil anns achoire agus thuirt Lachaidh ri Iain,

“ ’S ann a tha so colach ris an sgeulachd a bha sinn aleughadh mun amhisionaraidh agus na daoine dubha ann an Africa.”

Anns amhionaid bha ceithir sùilean deàrrsach acoimhead ormsa.

Mi fhèins tu fhèin a Lachaidh na daoine dubha,” arsa Iain, “agus Chrissie am misionaraidh.”

Thòisich iad ri dannsadh timcheall orm is iad ag eubhach,

Dhan choire leis amhisionaraidh, bruichidh sinn am misionaraidh. Huba! Huba! Huba!”

Leis am fuaim a bha iad adeanamh thàinig mo sheanair a-nall ceann an tighe dìreach ann an àm gus am misionaraidh a shàbhaladh mun deach i dhan choire is ràn bàis air a teangaidh.

Thòisich mo sheanair air an uisge thaomadh dhan tuba agus an uair a bha e ullamh chuir mo sheanmhair an siaban ann. Thug an sin mi fhéin is na gillean greis mu seach anns an tuba astàmbadh nam plangaidean agus nuair a chunnaic Mòrag bheag cho maths a bha e acòrdadh ruinn, agus gu h-àraid cho fliuch is a bha sinn, dhfheumadh i fhèin ar cuideachadh. Thog sinn dhan tuba i agus is gann a bha a ceann anochdadh air a bhàrr. Fhads a bha sinne astàmbadh, bha mo mhàthair is mo sheanhmair afàsgadh an fheadhainn a bhair an nighe agus nuair a bha an crodh anochdadh air mullach agheàrraidh ann an àm airson an eadraidh bha sreath de phlangaidean geala air an fheansaidh sìos chun an rathaid mhóir agus bha mo sheanair adòrtadh an t-seipleis air a phlanntrais anns aghàrradh.

Ach ged a bha toileachas an cois nam plangaidean, chan urrainn dhomh sin a ràdh mu phocannan flùir MhicPhàrlain. Be so na pocannan anairt anns am biodh na bolaichean mineadh atighinn dhachaidh. Bha ena chleachdadh aig mo sheanmhair a bhithgan cur air na cluasagan fo na cuibhrigean cluasaig. Ach bha móran ri dheanamh riutha roimhe sin. Bha “MacFarlane’s Flour” sgrìobhte gu math dubh air na pocannan agus bha so ri thoirt dhiùbh. Nuair a bhiodh grunn falamh bha mo sheanmhairgam chur-sa dhan abhainn leo. Ann an sin bhithinnga sìneadh a-mach air creig dìreach fon uisge agus agabhail dhan sgrìobadh le slacan. Suass a sìos, suass a sìos, astialladh MhicPhàrlain, is mi ag ràdh rium fhèin,

Gu ma h-olc dha. feum a bhaige air ainm a chur air na pocannan cho dubh so? Cha leig e leas uimhir a mhoit a bhith air gu dearbh. Cha mhór as t-fhiach am flùr aige co-dhiùbh. tha mo


[76] sheanmhair ag iarraidh le tuilleadh anairt dha na cluasagan? Tha gu leòr aice mar thà. Biodh e dol!”

Dhfhàgainn ann a sud iad airson greiseag agus rachainn a bhuain dìtheanan-scentna dìtheanan beaga dearg a tha afàs air na cnuic. Saoilidh mi gum bheil mi afaighinn an fhàileidh aca fhathast. Chuirinn ann am botul beag iad agus lìonainn le uisge na h-aibhneadh e. Bha e nis ri dhol ann an àite fuar dorcha airson seachdain agus bfheàrr na chur fon t-saibheir. Ach chan eil e gu deifir cho trics a dheanainn so cha robh scent na scent agam an ceann na seachdaine. Cha robh ann ach uisge grod.

O well ma tha, ’s fheàrr dhomh tilleadh chun an anairt.” Suass a sìos, suass a sìos air “MacFarlane’s Flour” is na curracagan ag éigheach os mo chionn mar gum biodh truas aca rium.

Tha an inneal-nighe a nis air stad aguss fheàrr dhòmhsa minntinn a thoirt air n-ais a Shasuinn. Tha mi adol le bara beag agus atoirt na h-aodaichean gu inneal eile a thiormaicheas iad an àite bhithgan crochadh air an fheansaidh far am biodh iad air an siabadh le gaoth chùbhraidh on bheinns on chuan. Ach tha aon mhaitheas air an dòigh mhì-nàdurra so, chan fhaigh an gamhainn Tearach gréim orra.

titleNigheadaireachd
writersChristine Dick
internal date1961.0
display date1961
publication date1961
level
reference template

Cairistìona Dick in Gairm 37 %p

parent textGairm 37
<< please select a word
<< please select a page