[81]

Cumhachd An Smuirnein

Le IAIN A. MACLEOID

Feallsanaich a’ deasachadh an reactor.

AIR latha samhraidh bho chionn ceithir bliadhna deug chualas gun do leagadh inneal spreadhaidh air baile Hiroshima anns an robh cumhachd fichead mìle tunna T.N. T. Ged nach robh ann ach beagan phùnnd de uranium mharbhadh ceud mìle de shluagh Hiroshima is chaidh na ceudan mìle eile a leòns a losgadh le creuchdan a bhios orra rim beò.

Fhuair baile Nagasaki buille den aon seòrsa an ceann trì latha agus chrìochnaich sin an cogadh.

Dhaithnich daoine gu robh cumhachd an so nach fhacas is nach cualas riamh a leithid. Tha an cumhachd so doirbh a thuigsinn ach bu toil leam beagan a ràdha mu dheidhinn bhon eòlas a tha agam fhéin air. Oir is e mo bharail gum bu chòir do gach neach aig a bheil tonaisg a bhith feuchainn ri faotainn abheag no mhór de eòlas air. Mar sin, air an aon làimh fuadaichear eagal is ginear irioslachd.

Carson a tha daoine an tòir air achumhachd so?

Thà airson socair is comhfhurtachd a churnam beatha.

Aig an àm so fhéin tha sinn adeanamh feum air an neart a tha ann an gual, ann an ola, ann am bùrn is anns an dealain.

Anns na dùthchannan anns an dean an sluagh feum dhiùbh sin tha beartas, comhfhurtachd is soirbheachas. Anns na dùthchannan far nach eil aig neach ach neart a ghàirdean is gann a chumas e e fhéin is a theaghlach beò— “am fallus a ghnùise ithidh e aran.”


[82]

Tha cuimhne agaibh thachair bho chionn bhliadhna dheug air geamhraidh an reothaidh mhóir, agus nas fhaisge air làimh nuair a chaidh sinn féin is an Eipheit a-mach air a chéile is a ghearradh ás sinn bhon ola air taobh an ear Suez. Cha deanamaid móran nan tiormaicheadh an thobar mhór sin. Feumaidh sinn tobar eile.

Tha e farasda thuigsinn mar a loisgeas sinn gual is mòine is ola gus teas fhaotainn a chuirear gu feum ationndadh chuibhlichean. Ach chan eil e cho farasda thuigsinn ciamar a chuireas sinn gu feum an smùirnean a tha cho beags nach fhaca, is nach fhaic, duine riamh aonna aonar. Ann an luchd spàin-tea de stuth sam bith tha mìltean de mhìltean de mhìltean de mhìltean de mhìltean do-àireamhàireamh as motha na gainneamh tràigh an iar na Hearadhàireamh nach gabh an inntinn fhéin a-steach.

Is e smùirnean (no mar a their sinn saBheurlaatom”) achriomag as lugha de stuth sam bith. Tha iomadh stuth anns an t-saoghalcuid anns nach eil ach aon stuthna aonar mar iaruinn, òr, airgead, aluminium , oxygen, hydrogen, nitrogen, iodine, “phosphorusis mar sin air adhart. Their sinn riutha sinelements. ”

Tha seòrsa eile de stuthan ris an abair sinncompoundsmar uisge, salainn, aol, clach, feur, feòil, cloimh agus ceudan de mhìltean eile. Ach nuair a rannsaicheas sinn, chan eil anns nacompoundsach a dhà, no trì, no ceithir, no tuilleadh deelementsceangailte ri chéile.

An t-uisge dhòlas sibh, is ehydrogenisoxygenceangailte ri chéile a thann, agus is furasda do ghille no caileag òg anns an àrd-sgoil an elementa sgaradh o chéile agus an ceangal air ais a rithist mar uisge.

Anns an t-salainn a dhitheas sibh aig gach biadh tha element”— “sodiumaguschlorineceangailte dhearg phuinnsean air leth bho chéile, ach, ceangailte, cho feumails cho blasda is a thaig duine. Dhfhaodainn mìltean de eiseamplairean a thoirt dhuibh ach tha ar gnothaich ri as cudthromaiche.

Chan eil buileach ceudelementanns an t-saoghal gu léir.

Thuirt mi gur eatoman smùirnean as lugha de stuth sam bith. Nan robh inneal agaibh a bhriseadh, abair, cnap iaruinn le bhithga eadar-sgaradh nas lugha is nas lugha, mu dheireadh thall ruigeadh sibh an t-atom agus nam faiceadh sibh e dhaithnicheadh sibh gur e iaruinn a bhann.

Ach a nis, is e so mìorbhuil nam mìorbhuilean, nan deanadh sibh eadar-sgaradh air anatomis ann a chitheadh sibh nach e idir cnap beag cruaidh daingeann a thann. ’Na dheas mheadhon tha cnap fìor bheag, mu mheud a mhìlibh cuid de, agus thimcheall air tha cnapan beaga beaga beagaga chuartachadh dìreach mar tha an saoghal is na reultan acuartachadh na gréine. Eadarra is an cnap meadhon tha falamhachd. Their sinn ris achnap mheadhoinnucleussmùirnein agus ris na cnapan adol mun cuairtelectrons. ”

Chì sibh gu tric na facailsplitting the Atomagusnuclear fissionagus is ann ris annucleustha so tha ar gnothaich. A rithis, ged is meanbh do-labhairt e chan aon chnap e, ach móran, a tha ceangailte fìor-theann ri chéile.


[83]

Am faca sibh riamh bàta-smùid ceangailte ri lamraig is i slaodadh air an ròp làidir? Ma bhriseas an ròp leumaidh e mar beò is an neart a bhanns an t-slaodadh air a leigeil fa sgaoil. Is iomadh neach a leònadh gu goirt le ròp mar so abriseadh. Air amhodh cheudna, ma théid againn airnucleusan smùirnein a bhriseadh gheibh sinn uaithe beagan den neart thaga chumail cho teann ri chéile.

Ach ciamar air thalamh a bhriseas duine rud cho beags nach fhaic e e?

Brisidh, ma tha, le bhith losgadh peileir airpeileir a tha nas lugha nannucleus”—aon de na cnapan beaga tha ceangailte anns annucleus. ”Their sinn ris apheileir soneutron. ”

Tha cuid de stuthan air an t-saoghal is on latha chruthaicheadh iad, tha iad acnàmh air falbh gu socair, mallcho slaodach is gun toir criomag bheag ceudan bliadhna asearg.

Ann a bhith cnàmh thanucleusan smùirnein aca abriseadh agus anns abhriseadh tha e aleigeil fa sgaoilneutronno dhà, a shiùbhlas aig astar do-labhairt. Is aon de na stuthan so am meatalradiumagus ris na peileirean a leigeas e fa sgaoil their sinnradiation. ”Tha iad asiubhal cho luath is gun loisg iad feòil duine agus mar sin feumarradiuma chumail ann am bocsa tiugh de luaithe.

A nis tha galair a bhuineas ri feòil an duine ris an abair sinncanceragus cuirear stad air le bhith leigeadh nam peileirean so á cnapradiumbualadh air, agus mar sin amarbhadh a’ “chancer.” Ann

[Dealbh]
Tuill airson nan slatan a cheannsaicheas cumhachd nan smùirnean.


[84]

an earrainn mhór de luchd euslaint achancer theid an leigheas, co-dhiùbh ma ghlacar iad an àm.

Tha meatal eile glé choltach riradiumris an abair sinnuraniumagus thana ghnè gu faodar cabhag a chur ann e bhith cnàmh air falbh.

Tha sheòrsa uranium bitheanta— “uranium 238 agus uranium 235” —aon aig am bheil cheud agus ochd deug cnap air fhichead anns annucleus, ”is am fear eile trì a dhìth air an àireamh sin.

Anns an talamh, agus is ann glé thearc agus an àitean aonarach a gheibhear iad, tha an uraniumrim faotainn. Airson gach pùnnduranium235 tha ceud gu leth punnduranium 238ceangailte ris agus is e anuraniumas tearca as fheumaile gu mór. Tha cosgais mhór airgid an sgaradh bho chéile agus an glanadh bho gach stuth eile tha ceangailte riutha anns an talamh.

A nis, tha e farasdanucleussmùirneanuranium235 a bhriseadh agus mìr bheag de neart a leigeil fa sgaoil. Tha cuimhne aig móran agaibh mar a thogadh maighstir no bana-mhaighstir sgoile (agus iomadh athair agus màthair) tàs leathair agus chuireadh iad neart an gàirdean ann a bhithga chur air ghluasad. Dhaithnicheadh sinn an neart so mar theas ann am bois na làimhe no air iomall eile de ar cuirp. Tha neart an smùirnein ationndadh gu teas mar an ceudna. Agus ged is meanbh do-fhaicinn teas aon smùirnein cuimhnichibh an àireamh do-labhairt a thann dhiubh, agus le chéile ni iad teas mar aghrian fhéin.

A nis tha cothrom aig smùirneanuranium 235briseadh is teas a leigeil dheth agus aig an aon àm leigidh e dheth neutrona bhriseas smùirnean eile faisg air. Brisidh na dhà sin ceithir smùirnein, na ceithir sin ochd, na h-ochd sin sia deug agus ann am priobadh tha na mìltean de mhìltean do-àireamh air briseadh, agus teas fa sgaoil a leaghas eadhon na creagan mar a leagh e clachan togalaichean baileHiroshima .

A thuilleadh air sin tha naneutronsa dhfhalbhas ás gach smùirnean comasach air fuil is feòil is cnàmhan a mhilleadh agus mar sin is e inneal eagalach cogaidh tha so.

Ma bhitheas sgonn deuranium 235agaibh nas lugha na mu dhà phùnnd de chudthrom cha dean e spreadhadh idir oir gheibh naneutronsa leigeas e dheth ann a bhith cnàmh cothrom teicheadh bhàrr uachdar gun smùirnean eile a bhualadh is a bhriseadh. Ach ma bhios an sgonn móran nas motha na phùnnd tha cothrom nas motha aig naneutronsair snùirnean a bhriseadh agus tachraidh an spreadhadh air an do labhair mi.

A nis ann a bhith cur ri chéileatomic bombfeumaidh tu mar gum biodh pìob fhada agus sgonn deuranium 235a cheangal aig gach ceann; gach sgonn nas lugha na phunnd. Cuirear pocan fùdair air cùlaibh gach sgonnuraniumagus inneal airson am fùdar a losgadh aig an àm àraidh.

Tilgear an sgonnuraniumgu chéile agus buailidh iad. Tha againn an sin sgonn anns a bheil eadar trì is ceithir pùinndsgonn nas motha na mar a their sinnthe critical sizeagus ni e spreadhadh.

A nis is e teas an spreadhaidh so a tha sinne ag iarraidh airson a chur gu feum agus chì sibh nach dean spreadhadh cabhagach mar so feum,


[85] oir cha ghleidheadh soitheach e. ’S i acheist a bhith acur moille anns an spreadhadh isga cheannsachadh.

Dùn-reatha ann an 1959

Nithear sin, agus tha daoine adeanamh sin gach latha ann an innealan mun cuala sibh—“atomic pileagusnuclear reactor. ”Tha aon dusan co-dhiùbh san rìoghachd, agus aon ainmeil anns aGhaidhealtachd an Dùn-reatha an Cataibh.

Tha anuranium” ’ga chur an cumadh slatan caola fada de chudthrom nas lugha na phùnnd agus air an còmhdach le céis thana dealuminium” .

Tha iad air an seasamh dìreach air an ceann beagan òirlich o chéile ann an tuill, an cnap de stuth ris an abair sinngraphite”—an dearbh stuth a tha ann am peansail. Thagraphiteacur maille air naneutronsafalbh ás gach slaituraniumagus mar sin atoirt dhaibh barrachd cothrom air slatan eile a bhualadh. Ann an tuill eadar gach slaturaniumtha slatan caola de mheatalcadmium. ”

A nise tha cumhachd ann ancadmiuma bhith tarraing dha fhéin naneutronsa dhfhalbhas áuraniumgus nach faigh iad gu ruige na slatan eile. Tha againn, mar sin, dorus a dhfhosglas no dhùineas sinn air naneutrons” .Ma thogas sinn na slatancadmiuman àrd ás an rathad, gheibh naneutronsa bhriseadh smùirnean agus gu leigeil teas fa sgaoil. Le bhith leigeil sìos nan slatancadmium” ,gearraidh sinn ás iad bho bhith briseadh a chéile.


[86]

O sin a-mach thaatomic piledìreach mar teine guail a theasaicheas uisge airson smùid a thogail is cuibhlichean a chur air ghluasad. Tha uimhir de neart anns anuraniumdo bhrìgh àireamh do-labhairt nan smùirnean, gum faighear uiread de theas á aon phùnnd dheths a gheibhear á ceud gu leth tunna guailá aon tunnauraniumtha teas trì muillean tunna guail. Chumadh aon phùnnduraniuman tigh agaibh blàth airson sia ceud bliadhna.

Chan eil am beannachd tha so gun mhallachd, agus ged tha gual salach a bhithga losgadh tha e glan taca riuraniumged nach fhaicear salachar anuraniumidir. ’S e so naneutronsbheaga tha faigheil fa sgaoil agus adeanamh a leithid de mhilleadh air corp duine is ainmhidh. ’S ann airson naneutronsso a ghlasadh a-steach a dhfheumar na ballaichean móra tiugha a thogail timcheall airatomic pilesagus tha Gaidheil Chataibh eòlach gu leòr air so oir chì iad am balla mór iaruinn a thogadh an Dùn-reatha.

Sin agaibh eachdraidh bheag shìmplidh air cumhachd an smùirnein, agus dhfhaodadh gun tug mi dhuibh abheag no mhór de thuigse is de thoil-inntinn. Tha min dòchas nach do dhorchaich mi bhur n-inntinn gu buileach, oir is e so cuspair air an do sgrìobhadh móran leabhraichean.

Cha bhiodh e idir, tha min dùil, ás an rathad mi bhith crìochnachadh le briathran an t-seann Tiomnaidh á beul Mhaois— “Tha mi agairm nan nèamh agus na talamhainn mar fhianuiseannur n-aghaidh air an n diugh gun do chuir mi beatha agus bàs fa ur comhairbeannachadh agus mallachadh. Uime sin roghnaich beatha chum gum bi thu féin is do shliochd beò.”

titleCumhachd an Smùirnein
internal date1961.0
display date1961
publication date1961
level
reference template

Iain A. MacLeòid in Gairm 37 %p

parent textGairm 37
<< please select a word
<< please select a page