[19]

Riaghladh An Fhreasdail

Le IAIN PEATARSON

THA mi-fhéin air tighinn chon acho-dhùnaidh a thaobh crannchur na beatha so nach eil ceartas aig an Fhreasdalga riaghladh idir,” arsa Dòmhnall is e asìneadh a-null nan gloineachan chon an fhir-frithealaidh a bha air cùl achuntair.

Bha mise air tachairt ri Dòmhnall ann an Glaschu a bhliadhna an t-samhraidh-sa chaidh, is mi air mo rathad gu tuath.

Tha esanna mhaighstir sgoile anns abhaile, agus chan eil duine eadar am Buta Leódhusach agus crìochan Shasuinn nach aithne dha.

Cha robh sinn air achéile fhaicinn o bha sinn còmhladh anns an Oilthigh roimh àm achogaidh; agus cha robh dol ás agam, mar sud na mar so ach gum feumainn a dhol a-steach còmhla ris dhan tigh-òsda a bha so airson drama bheag air sgàth seann n-eòlais.

Bha sinn abruidhinn air na companaich a bha againn anns aChomunn Oiseanach, agus mar a sgap iad. Cuid dhiubh a fhuair air adhart, is cuid nach dfhuair; feadhainn ris an do thachair cruaidh chàs ri linn achogaidh, is feadhainn a chaill am beatha, agus fear no dithis air a robh seun a thàrr ás gun fiù is a dhol ann an aona ghàbhadh.

Nuair a thìll na gloineachan làna a-nall thuirt Dòmhnall, “Thugainn a null chon an t-suidheachain ris abhalla anns an oisein agus innsidh mise dhut aon rud a tha seulachadh dhòmhsa nach eil ceartas air a riaghladh idir idir.”

Thog sinn na gloineachan a-null agus shocraich sinn sinn fhéin aig bòrd cruinn a bha sin. Thug Dòmhnall a-mach pacaid thoiteanan agus shìn e dhòmhsa. Chùm mise maidse ris fhads a bha ega lasadh. Thug e sglantag as aghloine liùnn agus tarrainn air an toitean agus shéid e buaileag ceòthadh a mhullach an tighe far a robh na slatan soluis meadhrach còmhdaichte ann an céisean ioma-dhaithte adeàlradh òirnn le solus blàth.

A bheil cuimhne agadars esanair Aonghus Og?” “Plato,” mar a chanamaid ris.”

Tha glé mhath,” arsa mise. “ ’S i achuimhne as fheàrr a tha agam air e bhith gabhail òran Mhic Leòid— ‘Nuair chuir e chuairt’ —an oidhche mu dheireadh a bha sinn còmhladh air céilidh aChomuinn Oiseinich.”

Seall am fear leòmach a tha sin aig ceann shìos achuntair còmhla ris abhoireannach anns achòta béin. An canadh tu gur e bràthair do Phlato a bha ann?”

Thog mi mo ghloine mar leisgeul agus sheall mi gu giar air an dithis mhear a bha sud, ri drabasdachd is ri droch cainnt ri ceanna-bhith an tighe. Fear is air a robh coltas airgid gu leòr a bhith aca.


[20]

Bhiodh esan aplocadh ris an da fhichead bliadhna. Bhaaodann plamach cruinn is a shliopan ruiteach gorm agus abhlàth orra gun do dhòl e barrachd is achòir de dheoch làidir. Bha a làmhan plumach bog le meuran reamhar cruinne is neul bànaidh ruadh an tombaca orra suas seachad air na h-uilt. Bha fàinne mór òir air a lùdaig chlì. Bha e sgeadaichte ann an deise dhorcha dhonn den aodach a bfheàrr. Bha i air a gearradh is air a cumadh cho gleusdas a dheanadh rogha ciùird tàilleir i. Ach an déis sin cha robh i afreagairt air, bha i acoimhead mar nach robh i far am bu chòir dhi bhith, mar gum faicte aodach ùr air bodach-ròcais. Bha an t-seacaid le brollach dùbailte fosgailte asealltainn a léine gheal shìoda agus na tai leathainn dhearg glacte ann an cleaspaich òir, sìos gu bann na briogais. Ach bha na buill-a- raghdainn a bha an cùl na h-amhach aige os cionn far an robh an fheòil abòiceadh a-mach air uachdar achoileir abreugnachadh an atharrais a bha aigesan air duine uasal.

Se sgonbhair de bhoireannach mór cnàmhalach a bha innte-se. Bha falt fad dualach air dath an eòrna fhoghair sìos air a leth-cheann. An taobh nach robh rium dhe h-aodann chithinn anns an sgàthan a bha air cùl na sgeilpeadh air a robh na streathan bhotuil.

Crochte ri a cluais, a bha ris, bha bubaide de dhfheilbheig aruigheachd sìos letheach slighe gu a gualainn. Bha a bilean cho dearg ri cìrean coilich is a h-ìnghnean mar an scàrlaid cho fada biorach ri spuirean iolaire aspìonadh amhionaich á uain earraich. Ach bha cruas a cainnte agus a roc ghàire anochdadh nach robh anns na bha ri fhaicinn on taobh a-muigh ach peant briagha air maide mosgain.

Thuirt mise rium fhéin, “Gu dearbha chan eil càil a choltas agadsa ri Plato, na aice-se ri a bhiodh esanna comunn.”

Se bhann am Plato ach balach stuama, cho ciùin is cho glic ri aon fhear riamh ris an do thachair mi. Nach e aghliocas a bu choireach gun tug balaich clas na feallsanachd Plato mar fharainm air. Bu mhinig a chunnaic mi e am meadhon còmhlain dhiùbh agus dreach a ghruaidhean aco-fhreagairt ri a sheacaid chlò chrotail. ’Se connsachadh muMhathis muOlc”, muCheaetasis muEucoira bhiodh aca mar a bu trice.

Chuir mi sìos mo ghloine agus thug mi tarrainn air an toitean. “Moire! Chan eil sian a choltas aig an t-siad ud ri Plato còirthuirt mi ri Dòmhnall.

Chuir Dòmhnall stuadh eile ris an dealbh a bha e atarrainn le chorraig ann am fliuchadh a bha air abhòrd— “An a laghachainn chan eilach nach i achuiseag a dhfhàsas anns an òtraich as àirde a thogas a ceann.”

Bha mi an dùil gur ann ás an aon eilean riut fhéin a bha Plato.” Dhfhàg e claigeann toisich giar gointe long chogaidhna stob an àird ás na stuadhan is sheall e orm—“ ’S ann, ’s ann, a bhalaich ach chan ann a rugadh e idir. ’S i banntrach Aonghuis Ruaidh far na Ceanna-mhuir a dhàraich e ach cha bi a mhàthair. Nach iongantach leat a dhuine mar a thig an fhìrinn a-mach air a cheann mu dheireadh . . .”

Stad e treis fhads a bha e acur beul is deireadh ris an luing. “ ’S ann o fhear a bha an urra ri tigh dhìlleachdain, a dhaithnicheas mi a thaobh na sgoile, a fhuair mi a-mach mar a bhà . . . .”


[21]

Fhliuch e a chorrag a rithist agus ann am falp bha an obair-àrdna h-àite.

Cha robh aig an t-soideanach sin shìosSeoc, mar a chanas achòta béin risagus aig Aonghus OgPlato, mar a bfheàrr a dhaithnicheadh tu e, ach droch athair is chan i am màthair dad a bfheàrr.

Rugadh iad ann an crùban de thigh beag salach ann an ceàrna bhochd de Ghlaschu an àm achiad chogaidh mhóir. Le misg is -rian thug an athair an saoghal fo cheann agus dhfhàg e ann an sud a bhean leis an dithis bhalach; Seoc bhliadhna dhaois agus Aonghus Og sia mìosan.

Cha bfhada gus an do dhfhalbh am màthair i fhéin le troc de shaighdeir. ’Se na polasmain a fhuair an dithis bhalach gun bhiadh gun chòmhdach amàgaran feadh an tighe agus iad arànaich is abiacail leis an acras. Thugadh dhan tigh dhìlleachdain an uair sin iad.”

sgrìob eile leis achorraig ealanta ud agus bha na cruinn air am bonn. Nuair a bha na cruinn air an rigneachadh thòisich e a rithist

An oidhche rosaideach ud a chailleadh anIolaireair Biastan Thuilm, bha Aonghas Ruadh far na Ceanna-mhuir ìnnte aguss e chiad fhios a bha aig a bhean bhochd air mar a thachair, iad a bhith tighinn thuice le a chorp. Leis abhristeadh cridhe, bha dùil aice gun deidheadh i ás a ciall agus airson a h-inntinn a thogail smaoinich i gun gabhadh i balach mar dhalta. ’Se Plato, bràthair an fhir sin shìos, a fhuair i, agus thug i ainm an fhir nach bu mhaireann air. Dhfhàs e suasna bhalach smiorail ciatach agus ma bha mios aicese airsan bha pailt uiread a mhios aige-san oirrese. Bha ceann fosgailte aige agus choisinn e duais a thug dhan oilthigh e. Nuair a thòisich an cogadh roghnaich e an néibhidh agus cha bfhada á déidh sin gus an do chuireadh gu muir e ann an slub.”

Bha long an deilbh asìor dhol an uidheam is le strìochd ghoirid bha bann mun an fhaonal aice. Mun do lean e air a naidheachd choimhead Dòmhnall oirre mar gum biodh e ameas a robh na tòimhsean ceart.

“ ’S ann aig balach Leódhusach ris an do thachair mi air céilidh oidhche Shathurna ann an so a chuala mi mar a dhéirich dha.

Bha am balach Leódhusach so ann am bàta a bhana còmhdhalaiche aig an slub air an robh Aonghus Og, agus dhaithnicheadh e glé mhath e. Nach ann a bha mac-mo-laghachainnSeoca tha shìos ann an sin agad, air an slub cuideachd agus gun sian a dhfhios aig a h-aon seach aon aca gur e bràithrean a bha annta. ’S i piuthar a mhàthar a thog Seoc agus a réir an t-seòrsa caithe-beatha a tha aigesan feumaidh nach robh ise móran na bfheàrr na a mhàthair . . . .”

Thug Dòmhnall tàmadh eile air aghloine liùnn agus chuir e cnap ceothadh troimh shròin a dhfhalaich an dealbh. Nuair a sgaoil acheò bha mheòir a rithistga fliuchadh agus cha bfhada gu robh drochaid chuimiseach air an luing——

Ach càite an drinn am fear so shìos an t-airgead?” dhfhoighneachd mi-fhéin.

Cha bhiodh long chogaidh gun ghunnaichean ach gun fheum is mun dubhairt Dòmhnall facal eile chuir e gunna air a toiseach is fear air a deireadh.


[22]

A! rinn, a charaid, air aghadachd is air an t-slaighdeireachd areic trealaich airm á déidh achogaidh, agus a rithist aceannach is areic sheann chàraichean. An diugh tha marsantachd mhór aige ann an càraichean agus tha mi acreidsinn nach eil e adeanamh car no cuirean eadar cheann na bliadhna mar a cuir e ainm an dràsdas a rithist ri cùnntais . . . .”

Bha an long a nisena làn uidheam agus cha robh air ach a cur an gréim, agus mar chomharra air a so chuir e bratach mhór a bha uiread rithe fhéinna deireadh. Mar gum biodh e làn riaraichte le obair a làimhe, ghéir amhairc e air an dealbh car tamuill mus do lean e air eachdraidh Aonghuis Oig . . . .

An oidhche mus do sheòl an slub aig Aonghus Og airson an turuis dheireich bha e fhéin agus am balach Leódhusach air tìr còmhladh. Air an rathad air ais chon nam bàtaichean choinnich iad ri mo liagh, Seoc, is suaineach mhath air is e còmhla ri goillseach de nighinn.

A dhaindeoin is mar a chomhairlich iad dha tilleadh còmhla riutha fhéin agus aca ri bhith air bòrd roimh aon uair diag chan fhuilingeadh e strad fuar na teith dhaibh agus chan eil fhios an t-àite truagh anns an do chuir e seachad an oidhche.

Se a thainig ás a sin gun do sheòl an slub ann an coinnimh còmhlain a bha atighinn á Ameireaga agus gun sgial air Seoc. Is ann air an t-slighe dhachaidh is iad mu chiad gu leth mìle an iar-thuath air cladach Eirinn a chaidh an slub ás an rathad. Bu mhath a bha cuimhne aig an Leódhusach air an dearbh mhadainn; madainn fhuar earraich le fliu de shneachda on ear-thuath, agus ars e fhéin, “Cha be sùgradh a bhithga chothachadh is tuna do chrùban air cùl gunna mhóir astampadh do chasan fiach an cumadh tu an neibhealaich as na h-òrdagan.” Dhe na bha sud a bhàtaichean bha dàimh aig an Leódhusach ris an t-sluib bhig shuas air an fhuaradh, agus fhios aige gu robh Aonghus oirre. Ach càite an robh an giud so shìos achna laighe ann an ospadal gu seasgair blàth le dotaireanga fhrithealadh airson galair a thug e air fhéin le a dhol a-mach.”

Bhog Dòmhnall a mheòir a rithist agus chuir e seòladair àrd stobachna sheasamh an coinnimh na gaoithe air toiseach an t-soithich. So dèante thionndaidh e rium a rithist:

Thuirt am fear Leódhusach rium gu robh call na slub seachad ann am priobadh na sùla; cha robh aige ach aon sealladh dhith adol suasna h-aon spùt teine. Nuair a ràinig iadsan an làrach cha robh ri fhaicinn ach flò mór ola agus sprodagan mhaidean is bonaidean sheòladairean air an siabadh mar sud is mar so air uachdar na mara.”

Chuir Dòmhnall aghloine liùnn air a cheann agus chrìochnaich e na bhìnnte. Chuir e sìos le snag i agus shàth e null bhuaidhe i tarsainn abhùird agus bha an long-chogaidh air a dubhadh ás.

Cha robh fhiosam gu a theirinn, ach mun dfhuair mi gréim air facal bha ar n-aire air an dorus agus Seoc is achota béin afalbh a-mach. Chuala mi a-miosg na cabraich a bha orra ise ag ràdh ris an òsdair gu robh i fhéin agus Seoc a dol suas dhan Ghàidhealtachd airson mìos agus gu robh iad adol a chur cuairt air na h-eileanan.

Nuair a fhuair mi cothrom thuirt mi ri Dòmhnall gum bfheàrr dhomh a bhith togail orm, ach rinn sinn gaoim gun coinneicheamaid


[23] a rithist aig Céilidh Mór Comunn Leódhuis is na Hearadh.

Sin mar a bhà, chunnaic mise Dòmhnall a rithist ann an Talla Naomh Anndrais aig achéilidh so. An sin dhinnis Dòmhnall dhomh mar a choinnich Seoc is a chuat ri Banntrach Aonghuis Ruaidh.

Air an siubhal troimh na h-eileanan thadhail iad anns aCheanna-mhuir agus chan eil fhiosam an e bruithinneachd an latha no an e biachdadh an uisge-bheatha a thug orra stad aig tigh beag tughaidh ann an sin fiach am faigheadh iad deoch a dhuisge fuar; agus an dearbh tigh a dhamais iad air ach tigh Banntrach Aonghuis Ruaidh.

Ged is e uisge a dhiarr iad cha bè a fhuair, ach bainne cròiceach milis na ruaidhe. Is achailleach alìonadh nan timileirean air bòrd an dreasair ás an t-siuga sheipinn, chan aithneichiste oirre na chaidh i troimhe anns an t-saoghal so, ach gu robh beagan crith air tighinn anns an làimh aice. Bha iadsan acoimhead le annas air achuibhill shnìomha agus air na rolagan agus gu h-àraid air asguaib bhig mhurain a bha an crochadh ri sgeilp-an-t- simileir.

An sin laigh an sùil air dealbh a bha air an sgeilpidh os a cionn. Dealbh Aonghuis Oig is e ann an deise an néibhidh. Ma dhaithnich Seoc am fear a bha anns an dealbh cha do leig e dad air. Cha do rinn e ach a chùlaibh a thionndadh is tòiseachadh ri mireag le mheòir chruinn reamhar ris achat a bha air tighinn a mhiodal mu chasan.

Dhfhoighneachd ise dhe an chailleach an seòladair òg a bha anns an dealbh. “Thaars ise, “suaip aige ri Seoc timcheall nan sùl.”

Cha dfhuair mise an còrr dhe an t-seanchas. Thàinig fear a bhreith air làimh air Dòmhnall agus, anns achlabhs a bha ann, chan fhaca mise tuilleadh an oidhche sin e, agus cha chuala mi bhuaidhe on uair sin. Cha mhotha na sin a chunnaic na chuala mi an còrr iomraidh air Seoc is a chuat. Ach tha fios agam gu bheil Banntrach Aonghuis Ruaidh fhathast gu fùiseil asnìomh is afighe stocainn is acoimhead ás deaghaidh na ruaidhe ged a tha ciabhan beagan nas gile is an crith a thana làimh nas nochdaidhe.

Thachair dhomh dhol airson co-la-diag as t-samhradh-sa chaidh a dhEirinn. Chuir mi seachad lathaichean ann am baile beag an cois achladaich anns acheann an iar-thuath. Aon fheasgar chuir mi cuairt air achladh a bha timcheall na h-eaglaise am meadhon achlachain. Ann an sin chunnaic mi clach uaigh seòladair.

Fon drùis de dhealta an fheasgair Shamhraidh a bha oirre leugh mi: “Seòladair a chailleadh anns an dara cogadh mór.”
agus gu h-ìosal a rithist an earrainn so:

Mar is aithne don Athair mise
is aithne dhòmh-sa an t-Athair.”

Bha na h-eòin bheaga aseinn an òrain feasgair timcheall nan craobh iubhair a bha os cionn na cloiche mar gum biodh iad atàladh an fhir udna chadal sìorruidh. Chuir an suidheachadh luasgan air minntinn agus shaoileam gun duirt guth on taobh thall rium gum be Aonghus Og, no Plato mar a chanadh na h-oileinich ris, a bha sìnte an sud; agus thug mi dhìom mo bhonaid ann an ùmhlachd agus chuimhnich mi air an rud a thuirt Dòmhnall rium san tigh òsda an Glaschu— “Tha mi fhéin air tighinn chon acho-dhùnaidh a thaobh crannchur na beatha so nach eil ceartas aig an Fhreasdalga riaghladh idir.”

titleRiaghladh an Fhreasdail
internal date1961.0
display date1961
publication date1961
level
reference template

Iain Peatarson in Gairm 37 %p

parent textGairm 37
<< please select a word
<< please select a page