“Banais Aig An Tigh”
MAIRI MHOIREASDAN
THA fios gu banais tlachdmhor leam ge be air bith dé ’n àird ás a nochd e— ’se sin ma tha cothrom nàdurrach ann faighinn chun na bainnse. Ach nuair is fios e gu banais aig an tigh nach mór a bharrachd toileachas a ni mi? Bha feagal orm o chionn bliadhna no dhà gu robh iad sin sìor dol á fasan is nach b’ fhada bhiodh daoine an dùil gu robh iad air a snaidhm a dhaingneachadh ceart mur deidheadh iad a Ghlaschu a phòsadh—neo a Steòrnabhagh co-dhiùbh. Ach o chionn bliadhna phòs Magaidh Aonghuis a’ Phublaig agus Mairi Isaac aig an tigh. Agus a nis, agus gu freasdalach am meadhon ceadna-sgoile, bha mo bhana-nàbaidh Seonina Chaluim a’ dol a phòsadh. Bu mhór a rinn an smuain mo chridhe a thogail measg dheuchainnean Obair-Dheadhain.
Co-dhiùbh, dhachaidh gun tàinig mi“ ’s mo chas air a bàrr,” an dubhairt am bàrd. Bha gnothaichean cheana an gluasad is an latha mór an amharc a’ bhaile. Bha seachdain fhathast ri dhol seachad, ach bha tigh Chaluim gach oidhche le luchd-tadhail agus b’ èasgaidh Bean Chaluim agus na caileagan a’ toirt aoigheachd dhaibh. Bha na “preasanan” mar a chanas sinn, romhainn ann an aon rùm—agus abair thusa gibhtean riutha! Chan eil mi creidsinn gu bheil bean òg sa’ bhaile mhór a’ faotainn trian na bha f’ ar comhair an sin: plaidichean, is anart de gach seòrsa, soithichean agus fiù ’s àirneis-tighe. Bha so a’ nochdadh suim an càirdean do bhean is fear na bainnse. Fear na bainnse? O, chan eil math a dhìochuimhneachadh, rud is tric a thachras mu bhanais! B’ esan gille àrd dorch snasail feir Càrnan Shiaboist—Calum Beag Choinnich Uilleim. Bha sinn a’ cur eòlas air riamh bho ’n chiad latha stad a chàr aig staran Chaluim. A nis bha shuirghe coimhlionta agus bha an dà bhaile is na càirdean eile cur meal-an-naidheachd air a’ chàraid leis na tiodhlacan luachmhor bha so.
B’ ann Di-ciadain, an latha roimh ’n bhanais, a thòisich an fhìor obair chruaidh agus le sin an toileachas, am fuaim ’s an dibhearsan. Ged nach robh an latha ro mhath bha na mnathan a-muigh aig na praisean san fhasgadh, deas gu smùid a chur ás na cearcan mar a thigeadh iad—oir b’e so latha Spìonadh nan Cearc. B’e feòil nan cearc, maille ri feòil chaorach, na h-annlain. Abair gum biodh pailteas ann! Agus abair cuideachd gum biodh obair aig na mnathan ’gan deanamh deiseil. Cha b’e mo leithid-sa a bha ’n urra ris an obair ealanta chudthromach a bha ’n so, ach Curstaidh Aonghuis Ruaidh, Anna Fìdhleir, Mairi Anna Ruairidh Thormoid is feadhainn eile aig a robh fios math air an gnothaich. (Bha sin cho math: an déidh ruaig
Bha feadhainn eile sàs ann an dà phoca buntàta air cùl an tighe, ’gan rùsgadh. Bha Sarah, Bean Alasdair Choinnich Uilleim ann—té nach buineadh do ’n Ghaidhealtachd idir ach a ghabh ri ar cleachdaidhean mar an t-eun ris an iarmailt. Bha Coinneach Isaac ann le sgian-arain seach nach lorgadh e ’n còrr, Noraidh Ruairidh Thormoid agus Alasdair fhéin, is cha b’ fhada gus a robh gach sìolag geal rùisgte agus deiseil.
A-stigh bha obair cuideachd: bha àirneis an tighe ri chur mach ás a rathad, na bùird ri chur air dòigh agus an t-àite ri dheisealachadh airson na cuirme. Bha buidheann gu trang a’ còcaireachd—eanbhruich leis an fheòil, “trifles” is nithean milis eile ’gan deanamh. Bha na thainig le cearcan is tiodhlacan eile a’ faotainn blasd bidhe is dibhe a bha blasda da-rìribh, is an obair a’ sìor dhol air adhart. Ach cha robh cabhaig no boil anns a’ chùis, bha tìde ann son seanchas beag an sud ’s an so anns an dol seachad, airson coinneachadh càirdean nach fhacas o chionn fhada—nì a thachras tric air banais.
Latha na bainnse, dh’ aithnich sinn gu robh preasan eile air a bhuileachadh. ’Se Freasdal fhéin thug do Sheonina ’s do Chalum an aon latha math a bh’ ann air a’ mhìos—mìos anns a robh na rùghain mònach bog air na puill. Bha an Di-ardaoin grianach, gaothach, dìreach mar a dh’ iarramaid ach am biodh gach duine air a dhòigh a-muigh ’s a-stigh, agus na brataich a bha ’n àird aig gach dorus a’ danns ’s a’ buiceil ann an ruidhle dhaibh fhéin.
Bha Seonag ’s mi fhìn air fios fhaighinn chun a’ phòsaidh, is mar sin bha sinn shìos air an staran aig 2.30 a-measg a’ chòmhlain a bha falbh air na carbaidean gu Eaglais Bharbhais. Thainig Seonina a-mach air ghàirdean air a h-athair agus gu cinnteach bha an trusgan geal a’ tighinn math dhi. Bha a’ ghrian a’ soillseadh agus fhuair gach camara ’nar measg an deagh dhealbh dhith fhéin, de ’n dà Chairstìona, de Pheigi ’s de ’n dithis bheaga a bha mar nigheanan comhailteach. Bha Dòmhnall ’an Biodaidh ann leis a’ phìob mhóir, cur ceòl ri dealbh cho brèagha ’s a chunnaic Bradhagair o chionn fhada. Chaidh iadsan gu léir sìos gu na càraichean a bh’ air an toiseach. Lìon na bh’ againne sia bhanaichean agus dà bhus air an cùlaibh agus air falbh gun ghabh sinn. Chunnacas bean na bainnse a’ smèideadh gu sònraichte a dh’ ionnsaigh geata air taobh shìos an rathaid, far a robh a seanmhair ’na seasamh ’ga coimhead.
Bha an t-seirbheis pòsaidh sìmplidh, sòlamaichte mar as bitheanta an so. An uair a dh’ fhàg a’ chàraid òg Dhòmhnallach an eaglais chruinnich sinn gu léir chum meal-an-naidheachd a chur orra. Thog Dòmhnall air a’ phìob a rithist agus air ais gu na carbaidean gun ghabh sinn. Air ais do na carbaidean leinn uile agus a-mach á so air sreath a chéile a-null thar mòinteach Bharbhais a Steòrnabhagh. B’ fheàrr leam gu robh dealbh agam de ’n adbhans ud—an réiseamaid de innealan
Thog sinn oirnn air ais aig a sia, cheart cho aighearach ’s a dh’ fhalbh sinn co-dhiùbh. Seach gu robh am pìobaire againn ann a bhan Móragain, dé b’ fheàrr na stad aig Tom Roisneabhat gu ruidhle a dheanamh? Bu ghrinn Iain Iain ’an Ceit is Aonghus Iain Tólas a’ cur nan caran. Steach a rithisd gu ruige Barbhas agus bu mhór ar sunnd a’ tilleadh.
Air ais an tigh na bainnse bha bòrd a’ phòsaidh an toiseach, gach nì fo rian Mhairi ’an Biodaidh, an deagh bhean-tighe a bha ’n urra ri gach nì fhad ’s bha càch air falbh. Leughadh na telegrams is ghabh an càirdean a’ chiad bhlasd maille ris an dithis ùr-phòsda. O sin air adhart bha na bùird a’ dol, bòrd na waitearan, bùird na cloinne, agus bùird do na h-aoighean uile, aig a robh iad air an sàsachadh le gach biadh tha math do chorp an duine. Chòrd a’ chùis gu ro-mhath ris na h-aoighean, a réir coltais. Shaoil leinn gu robh còrr is cóig ceud air suidhe aig bòrd. Ach chan eil mi ’g àicheadh nach robh an com-pàirt a b’ fheàrr buileach againne a thug an oidhche a’ waitigeadh a-stigh. Bha ceòlaireachd gach bòrd againne, agus chuala sinn gach òran a sheinn Anna Dholaidh, Ceiteag Bhuirgh, Fionnlagh ’an Philip agus na seinneadairean eile. B’ fhiach sud dà chas ghoirt gu cinnteach, agus bhiodh iad air a bhith nas cràitiche nam biodh sinn air an oidhche a thoirt a’ danns maille ris na h-aoighean eile.
Bha an latha geal ann an uair a dh’ éirich am bòrd mu dheireadh agus a chuir sinn gu léir ar cùrs air an dachaidh—clann le moit orra son gun d’ fhuair iad an àirde cho fada, gun d’ fhuair iad a-steach do dhanns nan daoine móra, gun d’ fhuair iad orainsearan is ùbhlan is làn am broinn, òigridh a bha air ith is òl is danns is fealla-dhà, cailleachan is bodaich nach robh air danns on bha ’bhanais mu dheireadh sa’ bhaile. Chan fheumadh duine aca crònan no turraban gu cadal. Chaidil mi gu grad cuideachd, is rinn mi mocheirigh, aig deich uairean. “Cha bhi duine air chois romham an diugh,” arsa mise leam fhìn. Ach sùil gan tug mi, bha Anna, Bean Chaluim, sìos an Tigh-sgoile leis a’ chrodh. Cha b’ fhada bha ise a’ tilgeil a sgìos dhith.
Their cuid nach deanadh iad banais aig an tigh air na chunnaic iad riamh. Tha obair ann nach beag, is saothair is uallach. Tha e cur an tighe bun os cionn. Chan e idir “coisich a-steach” mar anns a’ bhaile mhór. Ach nuair a tha iad ann comasach agus deònach air toil-inntinn a thoirt do ’n bhaile, tha sinn toilichte thighinn còmhla is a ràdh, mar ri Seonina is Calum:
“Slàinte a h-uile duine, sìos air an dàrna taobh is suas air an taobh eile. Slàinte dhaibhsan a choisinn so dhuinn.”
title | Banais aig an Tigh |
writers | Mary Morrison |
internal date | 1961.0 |
display date | 1961 |
publication date | 1961 |
level | |
reference template | Màiri Mhoireasdan in Gairm 37 %p |
parent text | Gairm 37 |