Catriana Chaluim Chiobair agus Iain Peutan
Le AONGHUS BEAG
BHA cailleach ann, Catriana Chaluim Chìobair a chanadh iad rithe; chaidh i latha a-mach dha ’n tigh againn a dh’ iarraidh éisg, agus fhuair i sin, pòca do dh’ iasg a bheireadh i leatha. Nuair a bha i tighinn a-stigh a bheinn, có thachair oirre ach an cìobair, fear a mhuinntir an Eilein Sgitheanaich, Iain Peutan a chanadh iad ris, do leath-amadan mór. Dé shaoil leis an fhear sin ach gur h-e cloimh a bha i cruinneachadh air feadh na beinneadh a bh’ aice. Bha e treis a’ bruidhinn ri Catriana, agus thionndaidh esan:
“Ah, ’s duilich leam gu bheil eagal agad romham” ars esan, ’s e tionndadh rithe.
Cha do smaointich ise sian an toiseach, ach stad i ’n seo thuirt i fhéin:
“Gu dé, a rasgail” ars ise “an t-eagal a bhiodh agamsa romhad? An ann a’ smaointinn a tha thu gur h-e cuid chàich a th’ agam?”
Dh’ fhalbh i agus thilg i am pòca dhith. “Siod an rud a th’ agamsa as a’ phòca” ars ise “iasg a fhuair mi o ’n Chrìosdaidh eile ann an Loch Aoineort. Thus’ a mheàrlaich dhuibh!”
An sin thill Iain Peutan ’s thugadh dhà no trì shracan dha ’n bhata dhi. Dh’ fhalbh i ’n sin ás a’ rànaich, ’s ghabh i far an robh Teàrlach Mac ’ill’ Sheathain, ’s e bh’ ann an Gearrabhailteas an uair sin. Dh’ inns i do Theàrlach, ’s e ’na Ghiustas of Peace, an dìol a rinn Iain Peutan oirre sa’ ghleann, a theab a marbhadh leis a’ bhata. Thugadh Iain Peutan gu cùirt. Bha collas air Teàrlach a bhith cho aotrom air Iain Peutan ’s a b’ urrainn dha; bha Catriana ag innse an dìol a rinn e oirre, “paitseachan gorma fhathast” ars ise “ann am chraiceann far an robh e ’g obair orm leis a’ bhata.”
“O, well, gu dearbh, Chatriana” ars esan, “nam biodh fianais agad air, liginn-sa fhaicinn do dh’ Iain nach deanadh e leithid gu sìorraidh tuilleadh, gum biodh e gu math searbh dha dhol a bheantail dhu’sa, Chatriana; ach chan urra mise sian a dheanamh air o nach robh fianais agad air.”
“B’ fheàrr dhomh” ars Iain “nam biodh fhios agam air a’ sin, bha mi air urad eile thoir’ dhi.”
“Cha robh agam” arsa Teàrlach “ach mo chùlaibh a thionndadh ris, cha dug an creutair eile fo ’n ear gu dé rud a thuirt e; dhìt e e fhéin air mo bhialaibh, ge b’ oil leam ’s mise fiachainn ri thoir’ a-nuas!”
(Air a recòrdadh le Fear Chanaidh.)
title | Catriana Chaluim Chiobair agus Iain Peutan |
internal date | 1961.0 |
display date | 1961 |
publication date | 1961 |
level | |
reference template | Aonghus Beag in Gairm 37 %p |
parent text | Gairm 37 |