“Air Lorg Nan Reultan”
IAIN A. MACLEOID
THA òran a chluinnear gu bitheanta an diugh anns am bheil “slighe dhoirbh gu beanntan àrd ar n-eilein.” Aontaichidh gach Hearach a tha beò gur sud beanntan as fhiach siubhal thuca ge doirbh an t-slighe is ge garbh an dìreadh, air an tug Seumas MacCoinnich iomradh. *
Bha daoine riamh a’ togail an sùil a chum nam beann agus tha tarraing air leth daingeann aig beanntan air spiorad an duine. Ach an diugh is ann a tha móran shùilean air beanntan fada, fada air falbh; is an dà rìoghachd chumhachdach sin, an Ruis agus Amaireaga, a’ strì có aca a chuireas a’ chiad chas air beanntan àrd na gealaich. Ars am bàrd “Tha slighe dhoirbh gu beanntan àrd ar n-eilein” ach is beag do-labhairt sin ri taobh an dà cheud gu leth mìle de mhìltean eadar an talamh is a’ ghealach.
Tha sibh uile air a bhith a’ cluinntinn is a’ leughadh mu ’n othail is an ùpraid tha dol air adhart, aig Rubha Chanaveral anns na Stàitean Aonaichte agus, tha sinn cìnnteach, na dearbh nithean ann an cùil aonarach de ’n Ruis, air nach fhaod sùilean coigrich a bhith sealltainn.
Chan urrainn gu bheil móran air an t-saoghal nach cuala an naidheachd mhór ud bho chionn beagan sheachdainean, air mar a chaidh an Ruiseanach, Yuri Gagarin is an t-Amaireaganach Ailean Mac a’ Chìobair air turuis rocaid do ’n iarmailt.
Chuir na naidheachdan iongnadh air móran, eagal is uabhas air cuid eile ach, ann an Gaidhealtachd na h-Alba bha feadhainn do ’n do ghluaiseadh an smuaintean air ais seachd bliadhna fichead: cha robh ann an tàirneanaich so nan rocaidean ach Mac Talla ag aithris fuaim a chualas a cheana am measg beanntan àrd na Hearadh.
Tha mi cìnnteach gu bheil feadhainn a’ leughadh so a sheas còmhla riùmsa air cladach Caolas an Scarp air là samhraidh anns a’ bhliadhna naoi ceud diag ’sa ceithir deug thar fhichead. Cha robh mi ach ’nam bhalach anns an sgoil agus is dòcha nach eil mo chuimhne mion-cheart anns gach dad oir is iomadh nì a thachair bho ’n àm ud.
Bu toil leam iomradh a dheanamh air mo chuimhne fhéin air an là ainmeil—là mu nach cuala móran agus is dòcha, là a tha cuid air a dhìochuimhneachadh mu dheighinn, ach gun teagamh sam bith là a chuidich gu ruige naidheachdan móra na bliadhna so fhéin.
Tha Eilean Scarp air taobh an iar na Hearadh, sgaraichte uaithe le leth mhìle de ’n chuan, caolas a bhios garg, fiathaich ri stoirm. Chan eil an t-eilean ach beag am meud is an sluagh, ach tha e air leth ainmeil airson foghlum is sgoilearachd nan gillean a chaidh àrach ann.
Beagan ùine roimh an là so, air am bheil mi a’ bruidhinn, rugadh leanabh anns an eilean do bhean aig an robh dùil ri dithis. Dh’ éirich duilgheadas air choireigin agus b’ fheudar ullachadh a dheanamh airson a’ mhàthair a ghiùlan gu eathar, a h-aiseag thar a’ chaolais ’s a giùlan thar a’ mhonaidh gu carbad a bheireadh i gu tigh eiridinn Steòrnabhaigh. Aig a’ cheann thall chaidh gach nì gu math is rugadh
* Tha òran eile le Seumas MacCoinnich air t.d. 143
Gerard Zucker ag ullachadh na rocaid
Mar is dual, sgrìobh na paipearan móran air cruadalan nan eileanach is chuireadh ceistean ann an Tigh na Pàrlamaid air cor nan rathadan mora is nan aiseagan, ach cha b’ fhada gus an do dhìochuimhnicheadh an tachartas, is chaidh caitheamh beatha nan Hearach is nan Scarpach air adhart mar cheana.
Co-dhiùbh mhothaich feallsanach Gearmailteach an naidheachd—fear d’ am b’ ainm Gerhart Zucker. Bha esan a’ deanamh rannsachadh air rocaidean, gu h-àraidh air rocaidean a ghiùlaineadh litrichean gu àitean aonarach far nach robh rathad—thairis air beanntan agus thar mara is aibhnichean.
Bha e gann de airgead airson na h-oibre agus smuainich e, le tighinn gu àite a bha ainmeil anns na paipearan-naidheachd mu ’n àm so, gura dòcha gun tigeadh a chuid oibreach fo chomhair duine beairteach a chuidicheadh e gu obair a chrìochnachadh.
B’ ann mu dheireadh na h-Iuchair a ràinig e Tairbeart na Hearadh le dithis chompanach—air feasgar Diardaoin, mas math mo chuimhne. Chaidh fios air feadh nan gillean gu robh nithean annasach gu bhith tachairt agus chruinnich sinn aig bùth-saoirsneachd Dhòmhnaill Alick, far an robh iad a’ cur an innealan ri chéile. Leig iad leinn seasamh an sud ag amharc orra, ach ma bha facal aca mu ar deighinn ’nan cànain fhéin cha do thuig sinne guth.
Bha an rocaid air cumadh pìob mheatail, mu shia troighean air àirde is cóig òirlich dhiag air liad. Bha sròn bhiorach air a bàrr agus
Ann am bùth an t-saoir chuir iad ri chéile inneal de stiallan fiodha agus cearcaill iaruinn mar creathall, anns an seasadh an rocaid aig àm a losgadh. Bha dà ròp làidir de rubar mar clach-bhogha(catapult)airson grad-leum a thoirt do ’n rocaid a-mach as a chreathaill. Aon uair is gu robh an rocaid air ghluasad bha inneal a’ losgadh an fhùdair is bha neart spreadhadh an fhùdair a’ cur astar ìnnte gu a ceann-iùil.
Chrìochnaich iad an ullachadh air an Tairbeart is thug iad Scarp orra.
Tràth Di-luain ghabh gach carbad a ghluaiseadh sìos gu Hùisinis agus sheas a’ chuid mhór againn aig oir na mara dìreach mu choinneamh Eilean Scarp.
Bha móran aig baile far na Galltachd a chaidh a-null chun an eilein—luchd nam paipearan naidheachd, fir a seirbhis na rìoghachd is bho ’n arm, ceannardan a’ Phost Oifis a chuir an clò dealbh comharraidh ùr airson an là aig prìs leth chrùin.
Chaidh faisg air cóig mìle litir a sgrìobhadh airson an giùlan anns an rocaid. Bha litir gu Righ Deòrsa, gu Prionnsa Eideard, gu daoine ainmeil na dùthcha agus bho chàirdean gu càirdean air feadh an t-saoghail gu léir. Tha cuimhne agam sinn a’ deanamh fealla-dhà air a’ phost gum feumadh e na brògan mòra tacaideach fhàgail air thalamh air sgàth an cudthrom.
Beagan astair gu tuath air far an robh sinn a’ seasamh, bha tràigh leathann de ghainmhich ghil air an robh Maighstir Zucker an dùil cuimiseachadh an rocaid a chur gu talamh an déidh a turuis thar a’ chaolais.
Bho ar n-àite feitheimh chitheamaid na feallsanaich ag ullachadh na rocaid. Uair no dhà chaidh iad am fasgadh na creige agus dh’ fhuirich sinn sàmhach le iongnadh is eagal ach a-mach thigeadh iad a rithis a dheanamh ceartachaidh.
Mu dheireadh, is sinn a’ call foighidinn, is ann a ghlacadh gun fhios duinn sinn; chunnaic sinn spreadhadh de cheothaidh agus ’na dhéidh bhriseadh an t-sàmhchair le sgal is tàirneanaich an fhùdair.
Chaidh gach eun is ainmhidh gu othail is dhùisgeadh Mac-Talla nam beann mar nach do dhùisgeadh riamh roimhe e. Thionndaidh gach sùil gu tuath chun na tràghad ghil ghrianaich ach cha tàinig air a h-aghaidh aon lorg no smal.
Sheall sinn air ais thar a’ chaolais gu cladach Scarp agus b’ ann an sud a bha an sealladh. Bha an rocaid ’na laighe sgàinte agus oiteag ceothaidh aiste; a’ chreathall fhiodha briste is sgaoilte fad is farsainn; is na cearcaill iaruinn air an toinneamh ri chéile. Bha an cladach geal le litrichean mar cur sneachda, agus fir a’ ruith an sud ’s an so a’ cur ás nam feadhainn a bha air theine. Bha Maighstir Zucker bochd an taic creige ’s a’ cheann gu muladach eadar a dhà bhois. Chuir sud crìoch air rocaid an Scarp. Spreadh am fùdar ro luath mun robh an rocaid air a’ chreathaill fhiodha fhàgail agus ghlac na sgiathan ann an aon de na cearcaill iaruinn.
Chuir iad a’ choire air fùdar Breatannach a b’ fheudar dhoibh a bhith losgadh do bhrìgh is nach do leig Hitler leotha am fùdar ceart a thoirt a-nall bho ’n Ghearmailt.
A nis, tha feallsanaich ag ionnsachadh ann am fàilneachadh cho math ri ann an soirbheachadh. Beagan mhìosan an déidh so, chunnaic mi iomradh air Maighstir Zucker a’ losgadh rocaid eadar Eilean Wight agus ceann a deas Shasuinn, agus shiubhail i so troimh an iarmailt ged nach so chùm i cùrsa mar bu mhiann leis.
Thill e do ’n Ghearmailt is cha chualas an còrr iomraidh air. Chan eil teagamh agamsa nach deachaidh a chur gu obair ann am baile Peenemunde bho ’n tàinig na rocaidean móra sgriosail V 2 aig deireadh a’ chogaidh, le ’n eallach de stuthan spreadhaidh a’ cur móran de Bhaile Lunnainn gu fàs.
Bha mise uair no dhà am Baile Lunnainn nuair a thainig té dhiubh gu talamh, agus tuigidh sibh carson, aig an àm sin, a shiùbhleadh mo smuain gu là grianach samhraidh ri taobh Caolas Scarp. Air an aon dòigh, ann an naidheachdan na bliadhna so fhéin le ’n cuid rocaidean is cainnt air siubhal gu ruige na gealaich cha robh dhòmhsa is do m’ èolaich a leth-uimhir de chùis-iongnaidh is a bha do chuid.
Tha coltas gun cluinn sibh tuilleadh is tuilleadh mu dheighinn siubhal adhair anns na làithean air thoiseach òirnn agus, bu toil leam facal no dhà a ràdh air a’ chuspair, oir, bho thoiseach eachdraidh, chì sinn miann an duine a bhith a’ tàrr ás bho ’n ghréim a tha aig an talamh air a chorp.
Chaidh móran a mharbhadh is a leòn a’ deanamh sgiathan dhaibh fhéin mar eunlaith an adhair. B’ ann le“balloons”a rinneadh a’ chiad turus adhair, pocannan móra de phaipeir a ghleidheadh gaoth. Chan eil ach naoi fichead bliadhna bho rinn Steuphan agus Iosaph Montgolfier anns an Fhraing“balloon, ”a lìon iad le gaoith theth, le teine a lasadh fodha, agus ann am bascaid ceangailte ris shiubhail iad cóig mìle, aig àirde cóig ceud troigh os cinn na talamhainn. Ged is ann acasan a tha an t-urram, tha amharus againn gu do rinn na Sìnich an dearbh nì bho chionn cóig ceud bliadhna.
Lorg na feallsanaich an eileamaid“Hydrogen”a tha móran nas aotroma na ’ghaoth agus is ann le“Hydrogen”a lìonadh na luing adhair air am bheil sibh eòlach; na“Zepellins”aig na Gearmailtich agus an fheadhainn Bhreatannach “R 34” agus “R 101.” Cha tàinig luing adhair riamh gu móran feum oir tha iad slìgeach an siubhal, tha iad lag an aghaidh stoirm is doinnean agus tha Hydrogen air leth cunnartach do bhrìgh mar a loisgeas e.
Is fhada bhon a bha bàtaichean mara air an gluasad le inneal ris an abair sinn“propellor”air am bheil an leithid de chumadh, an uair a thionndaidhear e anns an uisge tha e ’ga shàthadh uaithe agus mar sin a’ gluasad a’ bhàta ris am bheil e ceangailte. An nis ged nach fhaic sibh gaoth tha cuid de nàdur an uisge innte.
Ma thionndaidhear“propellor”anns a’ ghaoith sàthaidh e bhuaithe a’ ghaoth agus gluaisidh e, a’ tarraing ’na dhéidh na luing adhair a tha ceangailte ris. Do bhrìgh gu bheil a’ ghaoth cho tana is cho aotrom, feumaidh am“propellor”tionndadh aig astar air leth luath agus sgiathan leathann a bhith air an luing airson an cudthrom aice a sgaoileadh.
“. . . an cladach geal le litrichean . . .”
B’ iad dithis bhràithrean Aimearacanach d’ am b’ ainm Wright aig am bheil an t-urram a’ cheud turus a dheanamh. Chan eil ach tri fichead bliadhna bho ’n la a dh’ éirich an t-inneal a chuir iad ri chéile far na talamhainn, is shiubhail e trì cheud slat le tarraing a’ phropellor ann an aon mhionaid na h-uaire. Cha robh a’ chiad turus so ach glé ghoirid ach dh’ fhosgail e rathad mór ùr do ’n duine. Bha mise ann am baile Dayton, Ohio, anns na Stàitean Aonaichte, baile àraich nan gillean Wright agus chunnaic mi an long adhair anns an d’ rinn iad an turus ainmeil ud agus ag amharc air na slatan fiodha, stiallan canabhais agus ròpan a bh’ ìnnte cha b’ iongnadh leamsa mar a chaidh móran de ’n coimh-aoisean a leòn is am marbhadh a’ fiachainn éirigh far na talamhainn.
Tha an“Aeroplane”an diugh cho bitheanta is nach leig mi leas móran a labhairt mu deidhinn, ach abram facal air na“jet” planes.Tha iadsan as eugmhais“propellor”ach tha iad a’ tarraing a-steach gaoth troimh tholl anns an toiseach, ’ga mheasgadh le ola is ’ga losgadh ann an inneal àraidh. Tha ghaoth theth a’ spùtadh a-mach á tuill an cùl nan sgiathan le neart a tha a’ sàthadh na luing air adhart. An nis feumaidh“balloon”agus long adhair gaoth air an seòl iad; feumaidh“aeroplane”gaoth air an sàth am“propellor”agus feumaidh“jet”gaoth a tharraingeas i a-steach airson a spùtadh a-mach.
Ach chan eil àirde na gaoithe os cinn na talamhainn ach tana, tana an coimhmeas ri àirde nan speur agus mar sin chan éirich aon de na h-innealan sin ach beagan mhìltean do ’n adhar—cha dìrich iad móran thar deich mìle. Tha a’ ghealach dà cheud gu leth mìle de mhìltean air falbh—cha dean“hydrogen, ”cha dean“propellor, ”cha dean“jet”feum sam bith.
Tha moran agaibh a loisg urchair neo a chunnaic gunna ’ga losgadh. Ann an spreadhadh an fhùdair tha an gunna a’ leum air ais. Chan eil ann an rocaid ach mar gum biodh gunna, pìob làn fùdair agus i fosgailte gu ceann deiridh. Ann an losgadh an fhùdair tha a’ phìob a’ gluasad air adhart. Tha mór sgil ann a bhith deanamh fùdar a loisgeas gu socair is gu còmhnard, agus anns am bi neart spreadhaidh as motha airson an cudthrom as lugha. Tha sgil do-labhairt ann a bhith stiùireadh na rocaid le mìorbhuilean an“radio”thar astar mór de mhìltean. Chan fheum an rocaid cùl-taic sam bith ris an sàth i agus mar sin seòlaidh i fada an àird seachad air mullach na gaoithe, agus, có aig tha fios, is dòcha gun ruig i a’ ghealach fhéin là-eigin. Thuirt Maighstir Ceanadach, Ard fhear-riaghlaidh nan Stàitean Aonaichte an là roimhe, gun cuir an Riaghaltas aige-san mu seach còrr is trì mìle million not airson duine a chur gu ruige na gealaich is a thoirt air ais gu sàbhailte mun ruith deich bliadhna.
title | Air Lorg nan Reultan |
writers | John Angus MacLeod |
internal date | 1961.0 |
display date | 1961 |
publication date | 1961 |
level | |
reference template | Iain A. MacLeòid in Gairm 38 %p |
parent text | Gairm 38 |