[131]

An Cuan ’S Na Faoileagan

IAIN MAC A’ GHOBHAINN

BHA Napóleon ’na shuidhe ris achladach acoimhead nan tonns ag éisdeachd ri sgriachail nam faoileagan. Bha na suallaichean geals iad ag éirigh mu choinneamh mar bhiasdan le cop mun carbadan. Cha robh càil ri fhaicinn ach fairge is faoileagan.

Anns an fhairge chunnaic e armailtean acogadh, sgeadaicht ann an gorm is ann an uaine. Chunnaic e eich gheala ag éirighs atuiteams chual e gaoir nan leòint. Ri thaobh bha aon fhaoileag le gob bhuidhe: ’s ann a bha i coltach ri sròin fhada Wellington. Chaidh e air chrith leis an deuchainn asmaoineachadh air.

Bfheàrr leam gum burrainn dhomh am batail ud fhiachainn a rithist. Bhiodh fhios an uair sin a bfheàrr.”

Bha ena shuidhe ann an cathair acoimhead abhatail, esan a bha mar dhia, a thug bàrr air nàdur achinne daonnda. Bhuail an armailt a chéiles a-mach ás aghoil thill iadarmailt fhéin.

S a nis bha e air an eilean ud, fo riaghladair lag-inntinneach. Thog e clachna làimhs shad e i. Thuit i don fhairge. Cha robh e afaireachdainn fuar ged nach robh grian ann. Bha gach latha ag éirigh mar na h-Alps mu choinneamh Hannibals dhfheumadh en dìreadh. Chaitheadh e pàirt de gach latha adeachdadh, pàirt eile acoiseachd anns an lios, pàirt eile acluich air tàileasg, ’s pàirt aleughadh. ’S e amhadainn bu mhiosa.

Thug iad uaithe a thrusgan seanalair, ’s dhfheumadh e sealltainn dhaibh gach litir a sgrìobhadh e. Bha iad aleughadh gach litir a bha atighinn thuige. Nam biodh pian sam bith air, thigeadh an dotair.

Bha uimhir de thìd aiges nach fhaigheadh e air càil a dhèanamh. Chuir so iongnadh air nuair a smaoinich e an obair a dhèanadh e uair ann an ùine glé ghoirid.

S ann a bha a bheatha mar bhruadar. chiall a bhaig na h-ainmeannanJena, Austerlitz, Lodi, ’s an còrr? achiall a bhaig Corsica far an do rugadh e? Smaoinich e air fhéinna bhalach òg acnuasachd leabhraichean cogaidh ann an rùm beagna aonarfo-uachdaran le saoghal ùrna cheann.

Chan fhaca mi duine riamh coltach rium fhìn,” ars esan ris na faoileagan.


[132]

Smaoinich e air an Eiphit agus air an Sphinx agus air na tagairtean a bhiodh aig na sgoilearans an t-soitheach mhór aseòladh fo na reultan ciùine. Gach oidhche bhiodh iadsan adeasbad le cop rim busan, ach, air a shon-san, ’s ann a bhiodh e ag éisdeachds ag ionnsachadhs gàirena inntinn. feum a bha an cuid facail adeanamh dhaibh, iadsan nach stiùireadh armailteans nach atharraicheadh an saoghal.

Bhiodh e cho math dhomh a bhith marbh,” ars esan ris fhéins e asealltainn tarsainn na fairge. “Chan fhaic mi an Roinn-Eòrp a chaoidh. Chan òl mi fìon ann an lùchairt, cha thionail timcheall orm gach reul a thanns an Fhraing, chan éirich mi tuilleadh ann am madainn cho fionnarach ri airgead, cha chluinn mi gliongan shrian nan each móra.”

Ach càiten deach e ceàrr? Chrom e cheann is smaoinich e. Thainig na h-ainmeannan air ais gu inntinn a rithist, Soult, Ney, Lannes, Moore, Wellington, a bhràthair Iòseph. Bha inntinn mar gum biodh i afighe obair-ghréis gun sguirs an eachdraidh ud agabhail seachad. Bha ena sheasamh air creig aig Boulogne acoimhead Bhreatainn, ’s aghaoth ghlan atogail fhalt, ’s na soithichean fodha. Bha e amarcachd troimh shneachds acoimhead Moscowna theine. Carson a rinn iad sud air? Cha robh e ceart dhaibh. Nach e iad fhéin a bha ceàrr a bhrist an còrdadh a rinn e ris abhalach thaitneach ud? Carson nach dèanadh iad an rud a bha eg iarraidh? Carson nach fhaiceadh iad gur esan a bha ceart?

S an latha dhfhàg e Moscow dhfhairich e ega fhàgailan cumhachd chinnteach ud a bhana bhroilleach a riamh gun àm sin fhéin. Dhaithnich e sin an uair a sheall e timcheall airs a thuig e gur ann leis an inntinnna h-aonar a bha e acoimhead an t-saoghail. Mharbh an sneachd ud blàthsna chumhachds bha an spiorad fhéin a nis fo fhuachd.

Cha tigeadh iad a chogadh ris. Bha eagal orra. Sin a bha ceàrr o thùs. Chaidh na saighdearan fodha anns an t-sneachd ach cha robh dragh aige. burrainn dha a dhèanamh? An robh e dol a chogadh ri Nàdur fhéin? Bha iad abàsachadh timcheall air ach iadsan co-dhiùbh? Dhfhàiling iad an uair bu chòir dhaibh buannachadh. air an t-saoghal a thuigeadh e? ris a bhruidhneadh e?

Sheall e mach ris amhuir. Bha am bùrn afàs na bu duirche a nis, is sgòthan adol thairis air aghréin. Bha na faoileagan fhathast asgiathalaich timcheall air. Smaoinich e air an lios a bha e atogailco-dhiùbh bha e toirt òrdughan do a sheirbhisich càite an cuireadh iad na sìtheanan, gus am fàsadh iad mar armailt ás an talamh, sgeadaicht ann an dearg is geal is uaine. Bha an lios atighinn air adhart glé mhaths e acòrdadh ris an riaghailtear fhéin, an duine beag reamhar lag-inntinneach ud.

Chan eil duine ann ris am bruidhinn mi,” dhéigh e ris fhéin. Nan cuireadh iad a dhiarraidh Wellington ach am bruidhneadh e riss gu faigheadh e mach seòrsa inntinn a bhaige. Dhfhaodadh iad bruidhinn mu dheighinn abhatail, ’s mar a bha e fhéin tinn an latha


[133] sin. Ach bha Wellington afalbh a-measg sheòmraichean móra Shasainn ag innse mar a bhuannaich em blàrs nach robh Napóleon cho mìorbhaileachs a bha daoineg ràdh. Wellington!

A dhaindeoin sin, dhfhaodadh e bruidhinn ris.

Agus bhuail e inntinn a rithist mar chlach: “Chan eil duinann ris am bruidhinn mi, ’s cha bhì tuilleadh, gu bràth tuilleadh. Cha fhaic mi ach am beagan talmhainn so, ’s am muir timcheall air. Chan éisd mi ach ris an aon chòmhradh gun bhrìgh, gun chumhachd. Gabhaidh an Roinn-Eòrp air a h-adhart, ’s chan fhaod mi suathadh innte.”

Chan urrainn mi a ghiùlan,” dhéigh e. Na daoine a bha beò, ’s na daoine a bhàsaich, nach robhnam measg iomadh fear a bhruidhneadh ris? Sgoilearan, bàird, fir-eòlais . . . . Ach bha fhios aige nach robh sin ceart. Chan fhac e duine riamh ris am bruidhneadh e. Mholadh iad e, ghéilleadh iad dha, ach cha bhruidhneadh iad ris.

Na shuidhe ris achuan acoimhead na suallaicheans acluinntinn sgriachail nam faoileagan ghuil e airson achiad uairna bheatha, acaoidh gun tugadh dha tàlantan cho mórs nach burrainn dha bruidhinn ris achinne-dhaonnda. Ann an sgriachail nam faoileag chual e asgriach udna inntinn fhéin cho geurs gun theab i a cheann a chrathadh ás a chéile. Dhfhiach e aodann le òrdagan. Bha e fliuch. Cha robh fhios aige an e deòirean no sàl a bhanns chaidh e air chrith le eagal. Sheas e: “ ?” dhéigh e ris achuan.

? ? . . . . ì . . . . ì?”

Anns amhionaid uabhasach ud, cha robh fhios aige an e esan a bha asealltainn ris achuan no an e an cuan a bha asealltainn ris fhéin: no an e fhéin an cuan: no an robh an cuan ann idir.

Chuir e làmhan air a shùileans choisich e cho luaths a burrainn dha ás an àit dheireannach ud air ais gus an lios an robh na sìtheanan afàs.

titleAn Cuan ’s na Faoileagan
writersIan Crichton Smith
internal date1961.0
display date1961
publication date1961
level
reference template

Iain Mac a’ Ghobhainn in Gairm 38 %p

parent textGairm 38
<< please select a word
<< please select a page