[203]

Air An Spiris

UAIREIGIN an ath-bhliadhna, tha sinn an dòchas, gheibh sluagh na h-Albann cothrom am beachd a thoirt seachad air a tha glé chudromach: ’se sin an dòigh sam bu chòir don dùthaich so a bhith air a riaghladh. Anns an anns a bheil sinn beò tha còir aig daoine am beachd fhéin a bhith aca mun chùis so. Chan e beachd an uachdarain a tha dhìth orra— ’s math nach èno beachd duine eile. Faodaidh aona bheachd a bhith nas ionnsaichte na beachd eile, ach chan ann air ionnsachadh a mhàin a tha so an crochadh.

Tha e an crochadh, ann an tomhas mhór, air iarrtas nan Albannach a thaobh an dùthaich fhéin. A bheil iad airson gun gléidh iad an dùthaich sin beò, le cuid de na subhailcean a tha air an ainmeachadh air na daoine a thinnte, no a bheil iad riaraichte na nithean sin a leigeil leis an t-sruth?

Fad na bliadhna so, gus a ruigear an t-suim tha dhìth orra, tha buidheann de dhAlbannaich ainmeil gu bhith strì a chum £100 ,000 a chruinneachadh, ach am faigh sluagh na h-Albann cothrom breith a thoirt air achùis so. Anns abhuidhinn so tha daoine a bhuineas do gach pàirtidh poiliticeach, agus feadhainnnam measg a thanam fìor chàirdean do na Gaidheil, leithid Iain Rollo, Tómas MacIain, Iain MacGille-na-brataich, an Ridire Tómas Tàillear.

Nuair a bhios an cruinneachadh airgid sin ullamh, tha dùil aca iarraidh air buidhinn ris an canar amPlebiscite Societyan obair mhór a ghabhail os làimh: ’se sin cothrom a thoirt do shluagh na dùthcha taghadh a dheanamh. Cosgaidh so còrr is £80 ,000.

an taghadh a bhios againn ri dhèanamh? Chan ann idir coltach ri taghadh Pàrlamaid a bhitheas so. Faighnichear do gach duine, ann an litir, a bfheàrr leis a bhith aig an dùthaich so (1) riaghladh mar a thagainn an dràsda, no (2) riaghladh air leth, le ceanglaichean laga ri Lunnainn, mar a thaig Ceann-a- tuath Eirinn, no (3) riaghladh air leth buileach, ach gu bheil an rìgh no abhànrigh ceangailte rithe, mar a thaig New Zealand.

Tha gu leòr ann mar thà nach eil riaraichte leis an t-seòrsa riaghlaidh a thagainn an Albainn. Ach chan eil iad asealltainn na diùmb ud aig àm taghadh Pàrlamaid, oirse tha rompa an uair sin Tòraidh, no Labour, no is dòcha Liberal, a chur a Lunnainn. Gheibh sinn uile cothrom an ath-bhliadhna rud eile a ràdhrud is dòcha a bheir gu toiseach slighe ùir sinn anns an t-seann dùthaich so.

titleAir an Spiris
internal date1962.0
display date1962
publication date1962
level
reference template

Gairm 39 %p

parent textGairm 39
<< please select a word
<< please select a page