Sgeulachd A’ Ghamhna Dhuinn
bho ANNA NICIAIN
BHA sud ann roimhe so duine uasal, agus phòs e bean rìomhach, eireachdail nach robh a leithid anns an dùthaich. Nuair rachadh i ’na h-éideadh ar leis gun robh i cho àluinn ris a’ ghréin ghil shamhraidh, agus ’na culaidh fhearmaid do gach té a bha anns an àite. Bha a leithid de uaill aig a fear-pòsda aiste agus gun robh e ’smaointinn nach robh rud sam bith air an t-saoghal briagha gu leòr dhi, agus thug e dhi gùn air dhreach nan reul, gùn de iteagan nan eun, agus gùn de chanach an t-sléibhe. Thug e dhi cuideachd bròg òir is bròg airgid; agus cìr a dh’ fhàgadh taobh òir agus taobh airgid air a ceann nuair a chìreadh i a falt. Bha triùir nighean aca agus bha iad cho sona ’s a bha ’n latha cho fada.
Thachair mu dheireadh gun do dh’ eug a’ bhean uasal, agus thuit lion-dubh is pràmh air an duine-uasal. Thug e mionnan is bòidean nach pòsadh e té eile gu bràth ach an té da freagradh bròg òir na mnatha. Chruinnich e gach bean a bha anns an dùthaich, òg agus sean, agus dh’ fhiach e a’ bhròg òir air gach té dhiubh, ach cha fhreagradh i a h-aon aca. Air deireadh thall thug e a thriùir nighean fhéin a-stigh do ’n t-seòmar gus a’ bhròg fhiachainn orra.
Dh’ fhiach e air an nighean bu shine i, ach cha rachadh i air barran a mèaran. Dh’ fhiach e air an dàrna nighinn i, ach cha rachadh i air a h-òrdaig mhóir. Dh’ fhiach e i air an té a b’ òige, agus bha a cas mar gum fàsadh i ’na broinn. Bha esan fo mhionnan ’s fo bhòidean, agus dh’ fheumadh e a nighean fhéin a phòsadh. Thuit a gudan ’s a gadan oirre-se nuair a chual’ i gum feumadh i so a dheanamh. Chaidh i gu laighe na leapa le mulad, agus i ag ràdh rithe fhéin gum b’ fheàrr leatha am bàs fhéin seach toil a h-athar a dheanamh. Thainig an oidhche, agus bha i leatha fhéin san t-seòmar dhorcha nuair a chual’ i strathail fo ’n uinneig. Choimhead i a-mach, agus ciod e bha ’n sud ach gamhainn donn.
“Tha thusa a sin, a chaileag bhochd” ars an gamhainn donn, “gu dubhach, brònach, agus tha mise an so gu furtachd ort. Dean deiseil, agus tog ort gu falbh còmhla rium. Tha ciste do mhàthar ann an oisein an t-seòmair agus tha gach rìomhadh a bha aice ’na broinn. Tog leat i agus thig a-mach, agus feir mise thu gu àite anns am bi thu saor o bhòidean t’athar.”
Nuair a chual’ an nighean so, sgioblaich i leatha na bhuineadh dhi fhéin agus ciste a màthar, agus bha i a-mach air an uinneig ann an tiota. Chuir i a’ chiste air muin a’ ghamhna dhuinn, agus chaidh i fhéin ann còmhla rithe, agus thàrr iad ás.
Bha an gamhainn donn a’ falbh agus a’ falbh fad trì latha is trì oidhche thar bheinne, is mhonaidh is sléibhe, gus an tainig iad faisg air baile mór briagha, agus daingneach rìgh ’na theis-meadhain. Stad an gamhainn donn air cnocan beag gorm faisg air a’ bhaile, agus thuirt e, “Thig thusa a nis bhàrr mo dhroma-sa an so, agus tog dhìom a’ chiste, agus tiodhlaigidh sinn sa’ chnocan so i. Theirig thusa a-stigh gu
Rinn an nighean mar a dh’ iarr an gamhainn oirre, agus fhuair i obair ann an citsin-dubh an rìgh, far am biodh i o mhoch gu dubh a’ nighe nam poitean agus na soithichean.
Air latha sònraichte chaidh fios air feadh a’ bhaile gun robh mac an rìgh a’ dol a dheanamh cuirm mhór mheadhrach, agus fhuair gach nighean òg a bha sa’ bhaile cuireadh.
Thainig oidhche na cuirme móire, agus sin far an robh an othail aig maighdeanan a’ bhaile ’gan deasachadh fhéin gu dol gu tigh an rìgh. Nuair a chruinnich na h-aoidhean uile, bha an nighean ’na h-ònar anns a’ chitsin-dubh, nuair a chual’ i strathail fo ’n uinneig, agus có bha ’n sud ach an gamhainn donn. “Carson nach eil thu aig a’ chuirm a-nochd?” ars esan.
“An dà,” fhreagair ise, “cha d’ fhuair mise cuireadh. Chan eil annam ach an t-searbhanta bhochd a bhios ag obair anns a’ chitsin-dubh.” “Thig thusa còmhla riumsa”, ars esan, “agus feir mise thu chun na cuirme.”
Dh’ fhalbh ise còmhla ris a’ ghamhainn donn agus ràinig iad an tulaich far an robh a’ chiste air a’ tiodhlaigeadh. Thog iad a’ chiste, agus thug an gamhainn donn a-mach an gùn de iteagan nan eun a bha aig a màthair, agus chuir e air a’ chaileig e còmhla ris a’ bhròig òir ’s a’ bhròig airgid, agus nuair a chìr i a ceann leis a’ chìr a dh’ fhàgadh taobh òir is taobh airgid air a ceann, cha robh aon ann an seòmar na cuirme a feireadh bàrr-urraim oirre.
“A nis,” ars an gamhainn donn, “gabh a-steach do sheòmar an dannsa, agus theid mi fhéin an urras nach teid do leithid air ùrlar ann a-nochd. Agus nuair a bhios tu sgìth dannsa thig a-mach, agus bidh mi-fhéin a’ feitheamh riut.”
Chaidh an nighean a-steach, agus ma chaidh, sheas gach sùil a bha fo chromadh an tighe a’ coimhead oirre aig a h-àilleachd. Thainig Mac an rìgh fhéin a dh’ iarraidh cead dannsa leatha, agus cha do leig e bhàrr an ùrlair i fad na h-oidhche. Tacan mun robh àm sgaoilidh ann, ghabh i fàth air a’ chuideachd agus shìn i a-mach gun fhios do dhuine, agus bha an gamhainn donn ’ga feitheamh aig an dorus mhór, dh’fhalbh e leatha chun a’ chnocain far an robh a’ chiste am falach, agus chuireadh an t-aodach rìomhach air ais do ’n chiste, agus thiodhlaigeadh i far an robh i roimhe agus bha an nighean air ais anns na luideagan sa’ chitsin-dubh nuair a sgaoil am bàl.
Bha mac an rìgh air a dhorranachadh gun do chaill e sealladh oirre, chionns gun do ghabh e a leithid de ghaol oirre is nach biodh fois oidhche na tàmh latha aige gus am faiceadh e a rithis i, agus is ann a chuir e cuireadh a-mach gum biodh cuirm mhór eile aige an ath oidhche agus gum bu mhath leis gun tigeadh a h-uile duine a bha aig a’ chiad chuirm a dh’ ionnsaigh an dàrna cuirm. Bha e air a sheanchas gun do ghabh mac an rìgh gaol air té de na caileagan, agus bha a h-uile té an dùil is an dòchas gur ann oirre fhéin.
Bha searbhanta a’ chitsin-duibh a’ glanadh agus a’ sgrìobadh nam poit mar a’ b’ àbhaist nuair a chual’ i strathail fo ’n uinneig, agus có
Thòisich an dannsa, agus bha mac an rìgh a cheart cho mór mu a deighinn ’s a bha e riamh, agus bha sàr dhùil aige mun teirigeadh an oidhche gum faigheadh e a-mach có ì na có às an tàinig i, agus gun leigeadh e a rùn rithe. Ach ghabh ise cothrom air sìneadh a-mach nuair nach robh esan ’na fhaireachadh. Bha an gamhainn donn aig an dorus, agus rinn e mar a rinn e roimhe, is nuair a chuireadh an t-aodach air ais do ’n chiste, thug e dhachaidh i do ’n chitsin-dubh, agus cha robh sgeul faighinn no faotainn aig mac an rìgh oirre.
Thug mac an rìgh an so bòid agus briathar nach rachadh oidhche eile seachad gun esan ’ga faotainn, agus chuir e a-mach an cuireadh ceudna airson an treas oidhche. Thachair gach nì mar a thachair air na h-oidhcheannan roimhe. Thainig an gamhainn donn ’ga h-iarraidh agus thug e i chun a’ chnocain uaine far an robh a’ chiste a’ falach, agus air an oidhche so chuir e oirre an gùn air dhath nan reul, agus gach rìomhadh eile mar a bha oirre air na h-oidhcheannan eile.
Thug mac an rìgh sanas do na dorsairean iad a bhith ’nam furachail, agus na faiceadh iad a’ falbh i, iad a dheanamh gréim oirre. Thachair gach nì mar a thachair roimhe. Cha tug mac an rìgh sùil air a h-aon ach oirre fhéin, ach fhuair i cothrom air èaladh air falbh nuair a bha ’m bàl a’ tighinn gu crìch. Bha an dorsair ’na fhurachail, agus rinn e oidhirp gu breith oirre, ach an déidh sin cha do rug e ach air sàil na bròige òir, agus nuair a thainig Mac an rìgh far an robh e, cha robh aige ach a’ bhròg òir! Rinn an gamhainn donn rithe mar a b’ àbhaist dha, agus bha ise sa’ chitsin-dubh mar a b’ àbhaist dhi aig àm sgaoileadh na cuirme.
Bha a nis a’ bhròg òir aig Mac an rìgh, is gun sgeul aige air có bu leis i. Smaointich e gun gairmeadh e a’ chloinn-nighean a bha aig a’ bhàl an oidhche roimhe, agus gum pòsadh e an té do ’m freagradh a’ bhròg òir. So mar a rinn e. Ach cha fhreagradh a’ bhròg òir a h-aon aca.
Bha nighean aig Cailleach nan Cearc, agus thug a màthair barran nam meur agus cùl nan cas dhi, agus chuir i suas i gu tigh an rìgh far an robh càch, agus nuair a dh’ fhiachadh a’ bhròg oirre, chaidh i oirre air éiginn. Thuirt mac an rìgh gum pòsadh e i mar a gheall e, ged bha e cinnteach nach b’i sud a roghainn. Is ann air Cailleach nan Cearc a bha an uaill nuair thainig Mac an rìgh a dh’ iarraidh na h-inghinn, is a dh’ fhalbh e leatha air fàlairidh ghil gus a pòsadh.
Cha deach iad fada air aghaidh nuair thainig eun beag, agus shuidh e eadar dà chluais an eich, agus thòisich e air ceilearadh. Agus nuair a dh’ éisd mac an rìgh, so an rud a chual’ e:—
“Cas a’ chriomaidh, cas a bhìdidh
Cha do dh’ éisd esan an còrr. Leum e bhàrr na fàlairidh, agus rug e air chois air nighean Cailleach nan Cearc, agus spìon e dhith a’ bhròg agus bha a’ bhròg làn fala, agus a cas gun bharran nam meur, gun chùl na coise. Thill e gu tigh na Caillich leis an nighinn, agus dh’ fhàg e aig a màthair i, agus ás a sin chuir e ’n t-each ’na dheann-ruith, gus an do ràinig e an citsin-dubh, far an d’fhuair e an té air an robh e an tòir. Dh’ fhiach e oirre a’ bhròg agus bha i mar gun dèanteadh d’ a cois i. Gun dàil dh’ fheumadh i a phòsadh. Bha cuirm na bainnse deiseil cheana ann am Palas an rìgh, agus chaidh am pòsadh a chur air dòigh airson an là-rna-mhàireach.
An oidhche sin, thainig an gamhainn donn chun na h-uinneige aice, agus thuirt e rithe:— “Chan fhaic thu mise tuille. Tha mi fàgail mo bheannachd agad. Tha iongnadh ort có mise. Is mise do mhàthair ghaolach fhéin, a chaidh ann an riochd a’ ghamhna dhuinn gus do theisriginn o bhòidean t’athar, agus a chaidh ann an riochd an eòin gu mac an rìgh a thoirt o innleachd Cailleach nan Cearc. Chan eil feum tuille agad air mo chuideachadh-sa, agus bidh thu sona còmhla ri Mac an rìgh. Gheibh thu ciste do mhàthar sa’ chnocan uaine, agus feiridh tu leat dhachaidh i, agus tha mo bheannachd agad fhéin agus aig do roghainn fad ’s is beò sibh.”
Phòs iad, agus rinn iad banais éibhinn, aighearach agus cha tug iad sgath dhith dhòmhsa.
title | Sgeulachd a’ Ghamhna Dhuinn |
internal date | 1962.0 |
display date | 1962 |
publication date | 1962 |
level | |
reference template | Anna NicIain in Gairm 39 %p |
parent text | Gairm 39 |