[249]

Sean Eòlas-Luibh

(19) AN CLUARAN

Le ALASDAIR MACILLEMHAOIL

CLUARAN Deilgneach, Cluaran Leana, Cluas an Fhéidh, Fothannan, Gìoganchan eil ann a sin ach cuid de na h-ainmean co-cheangailte ri iomadh seòrsa den luibh so.

Tha dlùth cheangail aig an fhothannan ri eachdraidh Albainn. Thagh Seumas I, Rìgh nan Albannach, an lus mar shuaicheantas, ach cha be so an cluaran a chaidh fhilleadh ann an gearradh-arm Albainn anns an t-siathamh linn deug. Gu dearbh is ann ainneamh a gheibhear fothannan na h-Alba (Onopordum Acanthium) afàsnar dùthaich. Roghnaicheadh e so, a réir beul-aithris, nuair a thug na Lochlainnich ionnsaigh nàimhdeil an aghaidh ar tìr. An dorchadas na h-oidhche chaidh aon de na coigrich a leòn le bior cluarain, agus chuir éigh a ghonaidh na h-Albannaich air am faicill.

Tha an Cluaran Oir (Carlina Vulgaris) mar chuimhneachan air aghaisgeach mhór Charlemagne. Dhéirich plàigh sgriosail a-measg a chuid armailtibh, agus chomharraich aingeal dha an cluaran so mar leigheas air an tinneas mharbhtach.

Bha am fothannan coisrighte do Thor, dia-bréige nan Lochlainneach, agus bhatar acreidsinn gu robh e chum feum gus lionn-dubh is dragh-inntinn fhuadach.

Gheibh sinn iomradh gu tric air an lus am bàrdachd ar daoine:—

An cluaran glas air chrom nan càrn,
Call gu mall a chalg le aois.” ( ‘Oisean’ .)

Agus a rìs o làimh Mhic Mhaighstir Alasdair:—

Gaoir bheachainn bhuidhis ruadh
Ri deoghail chluaran òir.”

titleSeann Eòlas-Luibh
internal date1962.0
display date1962
publication date1962
level
reference template

Alasdair Mac’IlleMhaoil in Gairm 39 %p

parent textGairm 39
<< please select a word
<< please select a page