[251]

Ciod A Chuireas Mi Orm?

Le IAIN A. MACLEOID

AR réir nam feadhainn a bhios adeanamh feala-dhà am briathran no an dealbh, is ann air na mnathan as motha tha cùram mu sgeadachadh na bodhaig. Tha iad daonnan an teagamh an ad non còta chuireas iad orra an diugh, agus feumaidh mi aideachadh gun dfhuair mi fhéin mo ghreasad an dràsdas a rithis, mi fhéin a sgioblachadhair eagal gun tigeadh neach a-steach a chéilidh.”

Is iomadh lìnn bhon ud a sgeadaich ar ciad shìnnsir iad fhéin le duilleagan cruinn-fhìge; agus is iomadh stuth a chuir daoine gu feum o sin gus an an diugh mar thrusgan.

Dhfhaodamaid greis a chur seachad gu taitneach abeachdachadh air an iomadh seòrsa aodaich a tha daoine acaitheamh, bho mhuinntir achraicionn dhorcha an tìrean teth le luideagan mum meadhonan, gu Eskimos an Taoibh Tuath a tha suainte gu fìor bhidean na sròine ann am béin.

Se tha romham-sa co-dhiùbh a bhith sealltainn air na stuthan a tha daoine acur gu feum ann a bhith deanamh aodaich dhaibh fhéin. Bha cuid de stuthan aca mun robh iad coramach air an eachdraidh a sgrìobhadh ach tha cuid eile nach eil ach bliadhna no dhà bhon chruthaicheadh iad le eòlas dhaoine.

Am bheil cuimhne agaibh air cùnntas a thug mi air rubair. Thàtar adeanamh móran nithean de rubair, ach anns an tigh-ceàirde far eil mise asaothrachadh tha sinn adeanamh innealan den rubair a chuirear gu feum an snìomh, an toinneamh, am figheadh, ann an dath agus anns gach seòl co-cheangailte ri obair aodaich. Bithidh mi afaotainn achoram a bhith ag amharc air ar cuid innealan-ne ri obair ann am muilltean anns an dùthaich so agus an dùthchannan céin, agus tuigidh sibh gur déidheil mo chnuasachadh air achuspair so oir is Hearach mi is cha robh srann na cuibhle agus glag na spàil fada o mchluais an làithean mòige.

Ma tha criomag de aodach ri bhur làimhan sìoda as mìne na lìon an damhain-allaidh no sgonn de chlò mòr nach fhaca muilinnchì sìbh gu bheil e air a dheasachadh bho ròineagan caola meanbha. Ma bheir sìbh an t-aodach ás a chéile chì sìbh nach eil móran neairt ann an aon ròineigna h-aonar. Ach lag is gu bheil aon ròineag, tha cuid de ghnèthean ròineig ann a dhfhaodar a thoinneamh ri chéile gu bhithnan snàilein làidir shubailte. Is mór an t-adhartas a rinn ar sìnnsir an uair a fhuair iad so a-mach.

A nis, tha móran stuthan air thalamh a tha an cruth ròineig gu nàdurra, agus stuthan eile a dhfhaodar an cruth-atharrachadh gu cumadh ròineig, ach chan eil iad uile freagarrach airson aodaich. Achs ann a tha mise adol a bheachdachadh air na stuthan sin a tha air leth freagarrach.

Feumaidh aodach a bhith tais ris achraicionn, agus a bhith comasach air uisge is fallus a shùghadh no a leigeil dheth, airson comhfhurtachd an duine. Feumaidh e a neart a ghleidheadh agus a shubailteachd,


[252] fliuch is tioram, fuar is teth; feumaidh e corp an duine a dhìon ann an atharrachadh fuachd is teas.

Bann air aodach clòimhe a beòlaiche ar sìnnsir chan ann a mhàin air aGhàidhealtachd ach ann am Breatainn air fad. Ach, an diugh, tha roghainn fharsainn aig gach neach; eadhoin aigesan as bochdana chrannchur.

Is saoil leam gun cuidicheadh e ar beachdachadh nan sealladh sinn air na ròineagan mar bhuidheannan air leth agus bu toil leam oidhirp a dheanamh air an cur fo chóig cìnn.

Anns achiad àite.
Ròineagan nàdurra a gheibhear á planndraismar canach, cuiseag anairt, agus mar sin.

Anns an dara àite.
Ròineagan nàdurra a gheibhear á ainmhidheanmar clòimh chaora, sìoda, fionnadh chàmhal, fionnadh ghobhar . . . .

Anns an treas àite.
Ròineagan bho stuthan nàdurra air an ath chruthachadh le daoinemar rayon (sioda ionnlachdach) casein . . . .

Anns acheathramh àite.
Ròineagan a gheibhear ás achreig, leithidasbestos.

Anns achóigeamh àite.
Ròineagan a ni daoine gu buileach á gual is ola. Is iad nasynthetic fibresmar a tha nylon, terylene, acrilon is orlon.

Faodar gach stuth a chuireas duine gu feum ann an aodach a chruinneachadh fo na cóig cinn sin, agus seallamaid orra fa leth.

(1) Fon cheann so is i ròineag achanaich no mar a their sincotanas motha a chuirear gu feum, ged tha a h-eachdraidh glé òg ri taobh eachdraidh clòimhe. Tha ròineag achanaich eadar leth-òirleach is òirlich am fad a réir na ceàrn den t-saoghal anns am fàs e. Is e an canach as fheàrr a gheibhear Canach nan Eileanan Cuainagabhail ainm bho na h-eileanan a tha ri cladach Carolina a Deas anns na Stàitein Aonaichte. Tha e eadar òirleach gu leth is òirlich agus tha e air leth meanbh is lìomhach. Air an làimh eile tha canach nan Innseachan goirid is garbh agus cha dean e aodach idir tha cho grinn ri seòrsan eile den chanach.

Mun do rinn daoine ìnnleachdan airson an canach a chruinneachadh, bha obair da-rìribh cruaidh ann a bhithga chur isga thrusadh fo theas na gréine. Tha an talamh air a threabhadh tràth anns an Earrach agus an sìol air a chur mu dhoimhne òirlich. Feumar an talamh a bhithga ghlanadh gu minig mun cuairt air na planndraisean. Tha mhìos


[253] eile mun sgàin am pluigean agus an tig an canach am follais.

Is e lìnn thruagh ann an eachdraidh achinne-daonna a bha sud a-nuair a bha daoine dubha bochd an Africa air an glacadh is air an cartadh thairis air aChuan Shiar mar bhrùidean, gu bhith saothrachadh ann an raointean canaich Amaireaga. Bi obair chruaidh, shlìgeach cuideachd a bhann a bhith asgaradh nan ròineagan canaich bhon t-sìol a tha croichte riutha, agus cha do rinn canach móran adhartais mar stuth airson aodach gus an do rinneadh inneal airson na h-oibre so ris an abair iad Cotton Gin.

Tha an canach a nis air a chur don mhuilinn agus do bhrìgh gu bheil cìreadh, càrdadh, snìomh, is fighe rudeigin coltach ri chéile ge be an ròineag a tha againn dhfhaodainn dòighean oibre nam muiltean fhàgail gu deireadh na sgeòil. Fàgamaid ma canach an sin an dràsda.

Is e cuiseag anairt achiad phlanndrais a chuireadh gu feum an seirbheis dhaoine, agus, ann an eachdraidh na h-Eibheit, tha fiosrachadh againn air iad a bhith adeanamh anairt bho lìnn nan lìnntean. Tha achuiseag anairt afàs, ann am meud as fhiach labhairt air, ann an Eirinn, san Fhraing, saBheilg, san Ruis agus ann an Ceann a Tuath Amaireaga. Tha achuiseag afàs á sìol agus anns an trusadh feumar a spìonadh leis an fhreumhaich; ma ghearrar i tha dath dorcha air an anart a gheibhear aisde. Thàtar atoirt dhith an t-sìl agusga bogadh ann an sluichd uisge airson a chonnlach a ghrodadh, oir is ann an teas mheadhon na connlaich a tha na ròineagan caola fada a chuirear gu feum. Tha na ròineagan so, a dhfhàsas gu fichead òirleach a dhfhaid, atoirt dhuinn anart a tha brèagha, glan, ach do bhrìgh gu bheil canach nas saoire oibreachadh, chan eil anart lìn an diughna aodach caitheamh mar a bha e aon uair. Tha neart air leth ann a tha ro-fheumail airson nithean mar siùil bhàtaichean, pìoban a ghabhas pasgadh air falbh, agus sgàil-bhratan de gach seòrsa.

Tha planndraisean eile coltach riutha sin ach tha na ròineagan garbh agus cruaidh agus chan eil iad idir freagarrach airson aodach bodhaig. ’Nam measg tha jute, airson am bheil baile mo chòmhnuidh fhéin (Dùn-), ainmeil; hemp agus sisal. Ni iad pocannan, ròpan, aodach-ùrlair agus mar sin.

(2) An nis, asealltainn air na h-ainmhidhean, chan fhiach mise ri sgeul a dheanamh air clòimh chaorach do Ghàidheil. Ach air sgàth an fheadhainn a tha eòlach air caoraich dhubha a mhàin bu toil leam facal no dhà a ràdha mu na gnethean eile de chaora a tha againn air feadh an t-saoghail. Tha feadhainn ainmeil ann ris an abrarCheviot , Leicester, Oxford, Lincoln, South Down, agus mar sin, ach is i achaora as ainmeile uile am Merino. Gheibhear bhuaipe suas ri naoi pùinnd ann an aon rùsg, agus tha na ròineagan suas ri sia òirlich dhiag a dhfhaid.

Tha eachdraidh fhada air achaora Merino. Bu bheathach Arabach i a chaidh àrach anns an Spàin, agus, airson lìnntean, chan fhaodadh duine caora no uan Merino a leigeil a-mach ás an dùthaich air eagal bàis. Dhfhàs rìghrean na Spàinne glé bheairteach le ceannaichean an t-saoghail atighinn a cheannach na clòimhe luachmhoir so, agus a[254]


[255] réir beul-aithris rinn an treas Rìgh Deòrsa suaip airson eich gheala agus fhuair Breatainn gréim air achaora Merino mu dheireadh thall.

Tha caoraich ro fheumail ann an dùthaich far nach eil an talamh freagarrach airson àiteach, agus, mar sin, tha àireamh mhór chaorach air monaidhean Amaireaga agus Astràilia.

Tha ainmhidhean eile air am bheil clòimh no fionnadh a chuirear gu feum agus a réir tiughad na ròineig their sinn riutha clòimh. fionnadh, no friodhan. Nithear aodach air clòimh chàmhal, llama, vicuna, alpaca, agus gobhair, ach chan eil mi agabhail beachd idir air ainmhidhean a bhithear amarbhadh airson am béin.

Mum fàg sinn ainmhidhean, feumaidh sinn sealltainn air an dòigh mhìorbhuileach anns an deasaichear ròineag an t-sìoda; an ròineag thana bunait air an aodach ghrinn, luachmhor a bha cho prìseil aig daoine bho thoiseach eachdraidh. Ann an dùthchannan blàth na Roinn Eòrpa, agus anns na h-Innseachan far am bheil an t-eòlas dìomhair aig an t-sluagh tha tuarasdal mór ann a bhithg àrach na leòmann-sìoda.

Tha an leòmann abreith uighean, agus, asda, thig na cnuimhean sìoda. Thàtargam beathachadh le duilleagan maol-dhearc a tha iad ag itheadh le acras geur fad mìos, adeanamh deiseil airson achadail mhóir. Tha na duilleagan ationndadh gu uisgenam maodail agus tòisichidh iad air an t-uisge a spùtadh a-mach á tholl mheanbhnam pearcaill. Tha so acruadhachadh an ròineig mheanbh shìoda a tha achnuimh asuaineadh mun cuairt is mun cuairt a cuirp mar shlige. An déidh mu shia ceud slat sìoda a shuaineadh mun cuairt oirre fhéin tha i acadal anns an t-slige agus ann an cóig-la-diag tionndaidh achnuimh gu leòmann agus brisidh i a-mach ás an t-slige. Ach mun dean i so tha an tuathanachga marbhadh le teas agus tha caileagan le mór sgilnam meuran atoirt nan ròineagan fada sìoda ás a chéile is adeanamh ceairlean dhiubh airson fighe.

Nan leigeadh iad leis an leòmann dùsgadh is an t-slige a bhriseadh bhiodh na ròineagan fada air an gearradh agus cha bhiodh iad cho luachmhor, ach feumar cuid de na leòmainn fhàgail beò airson tuilleadh uighean a bhreith.

(3) Seallamaid an nis air na ròineagan a tha daoine ag ath-chruthachadh bho stuthan nàdurra. Tha canach, agus planndraisean mar sin, de stuth ris an abair sinncellulose, agus tha fiodh craoibhe den aon stuth gun ach beagan eadar-dhealachaidh, agus an déidh móran rannsachadh chaidh aig daoine air fiodh craoibhe ath-chruthachadh gu ròineag ris an abair sinn sìoda innleachdach norayon. Tha am fiodh air a bhriseadh gu meanbh mar min-sàibh agus air a mheasgachadh le sòda agus stuthan eile agus tha e adolna uisge dìreach mar tha na duilleagan maol-dhearc ann am broinn na leòmann sìoda. Anns an staid sin thàtarga spùtadh a-mach troimh thuill mheanbh do lochanacidfar an cruadhaich ena ròineag dìreach mar a spùtas achnuimh a-mach a sìoda agus an damhan-allaidh a lìon. Tha na ròineagan air an nighe le bùrn agus tha grunnan dhiùbh air an toinneamh ri chéile. Sin mata an stuthrayonno mar a their sinnartificial silk.


[256]

Mar a thàtar ag ath-chruthachadhcellulosenan craobh, thàtar ag ath-chruthachadh stuth eile ris an abair sinproteina gheibh sinn ann an gnè chnothan agus ann am bainne ainmhidhean. Tha daoine comasach air an stuth so a chur an cruth ròineig agus aodach a dheanamh dheth, ach chan eil iad so buileach cho buan ris an t-seòrsa eile a gheibhear ocelluloseagus cha chluinnear uiread mun deighinn is a chuala sinn bho chionn beagan bhliadhnaichean air ais.

(4) Seallamaid gu h-aithghearr air aodach nach eil móran acaitheamh ach airson obair àraidh. Tha fir-faire anns gach baile a thagar dìon bho chunnart teine agus feumaidh iad air uairean aodachasbestosa chur ùmpa. Tha asbestosna chreig a thàtar amèinneadh agus brisear achreag sìos gu cruth ròineig a chàrdar is a dhfhighear mar clòimh airson aodach a dheanamh.

(5) Fon cheann mu dheireadh, chì sinn na ròineagan a tha daoine acruthachadh gu buileach bho ghual is ola ischemicalsmar sin. Rinneadhnylon , teryleneis nasynthetic fibresso le daoine a bhith rannsachadh a-mach ciod na h-eileamaidean a bha ann an canach, an clòimh is anns na ròineagan nàdurra, agus an sin afeuchainn ri na h-eileamaidean sin a chur ri chéile an tighean-ceàird, mac-samhail oibre nàduir ann am planndraisean is ann an ainmhidhean. Tha iad sonan stuthan a ghabhas leaghadh le mór theas, agus, leaghte, thàtargan spùtadh á tuill mheanbh Mun cruadhaich iad thàtargan slaodadh cho caols a ghabhas deanamh isgan gearradh gu faid a tha freagarrach airson snìomh is fighe, uairean leotha fhéin, agus uairean air am measgachadh le clòimh no ròineagan nàdurra eile.

Sin mata na ròineagan as cumanta airson aodach, agus mun crìochnaich mi an t-iomradh so seallamaid air na dòighean anns an oibrichear iad anns na muilltean air an rathad gu bhithnan còta, ’nan deise, ’nan léine nonan stocainn dhutsa na dhòmhsa.

Tha aon ròineag ro lag leatha fhéin agus feumar a toinneamh ri grunnan de a seòrsa. Ma tha an ròineag fada dhith fhéin mar sìoda tha e furasda grunnan a thoinneamh ri chéile, ach ma tha i goirid mar canach agus clòimh ruigeadh i amhuilinn an comh-shìneadh ri chéile ann an roileag. Tha an roileag air atarrainn a-machna faid agus aig an aon àm air a toinneamh ar réir an neart a thatar ag iarraidh anns an t-snàilean.

An déidh an snàilean a dheasachadh feumar fhigheadh agus tha móran agaibh nas eòlaiche air an obair sin na tha mise. Co-dhiùbh abram gum feum sinn dlùth de shnàilean air an sìneadh teann agus inneal leis an sgar sinn bho chéile iad, cuid suas agus cuid sìos atoirt dhuinn coram air snàilean cur a leigeil eadarra agusga ghlasadh gu teann. Aig gach buille den spàl tha an clò afàs leathad aon snàilean agus is fàs slìgeach e eadhoin anns na muilltean.

An déidh fhigheadh tha an t-aodach air a nigheadh agus air a dheasachadh airson na bùtha no airson an tàilleir. Faodar a dhath ann am mìle dath. Air uairean theid a dhath an déidh fhigheadh ach le clòimh co-dhiùbh is trice a dhathar i mun teid a càrdadh is a snìomh. Tha cuid eile a theid an dath anns an t-snàilean, mar as trice airson aodach a dhfhighear air bioran.


[257]

Is annasach gu dearbh an t-aodach a bhios sinn acaitheamh an uair a bheachdaicheas sinn air na stuthan a tha dol ann a bhìthga dhèanamh. Ach biodh sinn mar a bhitheas tha min dòchas gum meal sibh uile gach deisena torran troimhe-chéile. Feumar na ròineagan a chìreadhs a chàrdadh agus an deanamhnan roileagan. Tha na roileagan, an-uairsin, air an tarraing a-mach am faid, agus, aig an aon àm, air an toinneamh a réir an neairt a thàtar ag iarraidh anns an t-snàilean.

An déidh an t-snàilean a dheasachadh feumar fhighe, agus bithidh sibh fhéin eòlach gu leòr air an obair sin. An déidh na fighe tha an t-aodach air a nighe agus air a dheasachadh airson na bùtha no airson an tàilleir. Bithidh e air a dhath a réirs mar a tha feum. Air uairean théid a dhath an déidh fhighe, ach le clòimh co-dhiùbh, is trice i air a dath mus téid a càrdadh. Tha cuid de aodaichean ann a tha air an dath aig ìre an t-snàilein.

Sin agaibh sin mata. Agus chan eil agaibhse ra ràdha achSaoil a chuireas mi orm?”

titleCiod A Chuireas Mi Orm?
internal date1962.0
display date1962
publication date1962
level
reference template

Iain A. MacLeòid in Gairm 39 %p

parent textGairm 39
<< please select a word
<< please select a page