Balaich An Iasgaich
A dh’ aindeoin ìnnleachdan ùra agus ealain agus adhartas, tha móran de iasgach an t-saoghail fhathast an crochadh ris na gillean cruaidhe a tha ag obair mu na cladaichean, le eathraichean beaga, agus a’ toirt dùbhlan do thuinn ’s do thìde . . . . Tha eòlas a’ ghrinneil a tha ’nan claiginn nas cìnntiche naradara rinneadh riamh. Chì an sùilean anns an iarmailt comharran sìde air nach toir an radio, uaireannan, guth. Cha do dhealbhadh fhathast inneal a bhiadhas na linn bheaga cho sgiobalta sgileil ’s a ni am meòirean. Chan eil beairt a chàras toll ann an lìon sgadain cho grinn ’s a nì iadsan le seann shnàthad lìon.
Air an làimh chlì an so tha AONGHAS MACLEOID á Port Nis ag ullachadh gus a dhol a-mach. Tha e a’ biadhadh nan lìnn bheaga mum falbh e fhéin agus an triùir a bhios ag obair còmhla ris air tòir na h-adaig no na leòbaig. ’S dòcha nach bì an tarraing cho trom ’s a b’àbhaist, oir tha na bàtaichean sgrìobaidh a’ cur ás do’n iasgach mu chladaichean Leódhais. Tha ginealaichean de shàl ann am fuil Aonghais. Tha athair ainmeil airson togail bhàtaichean ann an Nis. Tha na gillean eile guineil chun a’ ghuga air Sùlaisgeir.
Ma tha na linn bheaga ri ’m biadhadh tha na linn sgadain ri ’n càradh ma théid biorach no cearban no eadhoin creag chearbach ’nan luib. An so shuas thàtar ag ullachadh airson an là- ’r-na-mhàireach ’s am bàta a’ dol seachad air Eilean Phabail air an t-slighe gu Steòrnabhagh.
A dh’aindeoin nam bàtaichean sgrìobaidh tha brod nan adagan fhathast a-mach far cladach Phort-nan-Giùran. Thug an dorgh i so am bàrr ach feumaidh an lìon a toirt air bòrd. Dìnneir mhath le buntàta tioram, gun ghuth air sàbhs no ceann gropaich!
Ach saoil càit an stad an dà chlostar leòbaig so thall? Coimheadaibh a’ mheudachd a th’annta taca ri crògan an Nisich. ’S dòcha gun dean iad iomadh ‘suipeir-éisg’ ann an aon de bhùthan Ghlaschu, air an suaineadh, còmhla ri slisean buntàta, ann an duilleag paipeir-naidheachd.
“Fàilte gu fearann air balaich an iasgaich
’g iomradh, ’s a’ tarraing ’s a’ gearradh a’ bhiadhaidh.
Coma leam leabaidh no cadal no biadhadh
Gu faigh mi mo lìon an òrdugh . . . .”
An ath turus a thogas sibh am fonn, no a cheannaicheas sìbh gréim éisg a tha tuilleadh is daor leibh, cuimhnichibh air na balaich sin air nach cuireadh cruadal an t-uallach bu lugha nan deanadh Pàrlamaid na dùthcha rud beag gus am beò-shlàint a ghleidheadh tèaruint dhaibh.
title | Balaich an Iasgaich |
internal date | 1962.0 |
display date | 1962 |
publication date | 1962 |
level | |
reference template | Seumas MacGeoch in Gairm 39 %p |
parent text | Gairm 39 |