Dolairean Shuardail
MURDAG NICCOINNICH
IS iomadh sgeul a chualar aig na bodaich an làithean ar n-òige ris nach do ghabh sinn móran suim aig an àm. ’Sann mar sin a bha mise a thaobh mar a thachair an Suardail; gu dearbh, ’sann a bha e air dol, cha mhór gu buileach, ás mo chuimhne gus an do dh’fharraid caraid dhiom an robh dad agam mu dheighinn. ’Sann a b’ fheudar dhomh aideachadh gur e glé bheag, ach chuir mi romham, e bhith idir ’nam chomas, gun lorgainn gach iomradh a bha ri fhaighinn, cho math ris na bha aigesan. Is iongantach gu dearbh an sgeul a fhuair mi.
Tha toiseach aice ann an Gibraltar, anns a’ bhliadhna ochd ceud deug agus aon thar fhichead. Bha long bheag dà-chrannach—an “Sìne” —a bhuineadh do Mharsanta Iùdhach, fear Maois Léibhi, ’ga luchdachadh le bathair luachmhor, anns an robh ola-mhilis, pàipeir, céir-sheillean, anise, meas a’ chruinn-ola, agus fìon-dhearcan caoinichte; ach, a bharrachd air a sin uile, bha ochd mìle deug thar fhichead dolair airgid—dolairean cruinn, cruaidh Spàinteach— ’ga chur ’na giùlain. Faodaidh sibh a bhith cìnnteach gur iomadh sùil shanntach a thugadh air an ulaidh-sa. Bha cuid ag ràdh gur h-ann á soitheach eile chaidh an t-airgead so a ghoid.
Biodh sin mar thogair, bha na dolairean ann am pocannan, a bha air an cur fodha gu cùramach am min-sàibh, am broinn buidealan—ochd buidealan dhiubh, taobh ri taobh. Bu mhór am fortan sin do dhuine bochd sam bith. Bha iad air an cur sìos gu faiceallach am broinn na luinge, far nach robh e furasda do neach sam bith faighinn thuca.
An uair a bha an cargo air bòrd, agus gach nì deas, uidheamaichte, chàradh na siùil rithe, is chuireadh a h-aghaidh ris a’ chuan mhór is ri a ceann-uidhe—Bhahia ann am Brazil.
Le soirbheas fàbharach, is gach nì mar a dh’ iarradh, cha toireadh an t-astar, da fhichead ceud mìle, fada idir.
B’ e fear Tómas MacIain, Sasunnach, a bu sgiobair agus cuide ris bha dithis Shasunnach eile, dithis Albannach á Montròs, Eadailteach, Frangach, a bha ’na chòcair, agus balach—Aindreadh Camelier—mac marsanta á Malta. B’ esan a bha ’na ghille frithealaidh, agus bha e a’ dol gu muir airson na ciad uaire.
Sin, matà, an sgioba.
Cha deach an “Sìne” fada air a cùrsa an uair a thòisich mórbhanaich agus cuilteanachd air bòrd. Bha amharus is sannd a’ togail cinn. B’ e an còcaire Frangach a bu mhàthair-aobhair dha so.
Mar a bha na làithean a’ dol seachad bha an-shocair ri fhiosrachadh—daoine a’ cur teagamh ann an cach a chéile. Fios cha robh aig neach gu dé na smuaintean a dh’ fhaodadh a bhith gu dìomhair a’ buaireadh ’s a’ brosnachadh a nàbaidh.
Gu fortanach bha Breatannaich san sgioba a bha móran na bu shuidhichte, agus ’sann a rinn iad nàdur de dh’ fheala-dhà de ’n chùis. Ach, mar a bha na làithean a’ dol seachad, bha e soilleir ri fhaicinn gur h-ann na bu mhiosa a bha cùisean a’ fàs. Cha robh an companas is an carthannas a bu chòir a bhith a-measg dhaoine, a bha a’ cur an aghaidhean ri cunnartas is dìomhaireachd a’ chuain, ’nam measg idir.
Bha so a’ cur gu mór air Strachan, fear de ghillean Mhontròis. Bha e toirt fa-near mar a bhà, is eagal air gu dé dh’ fhaodadh tachairt mura rachadh rudeigin a dhèanamh. ’Na bheachd-san cha deanadh dad feum ach srian a chur le làimh làidir, smachdail bho ’n sgiobair.
Chaidh e suas far an robh e. Chuir e an céill gu soilleir mar a bha cùisean ’na bheachd-sin. A nise mar a tha fhios againn, cha chuir am fear anns nach eil olc ciont ás leth neach eile, gun dearbhadh. “ ’S cìnnteach” ars esan ris fhéin “nach bu dùbhlan Frangach dhoibh uile.” B’ e a bharail nach robh aobhar iomagain ann, gun robh cus ’ga dhèanamh á neònachas an Fhrangaich.
Mar a bha na làithean a’ dol seachad bha e soilleir do ’n chòcair is do ’n Fhrangach nach taobhadh an còrr de ’n sgioba leotha anns na bha iad a’ cur rompa. Gu dearbh bha làn chìnnt aca gun robh an t-Albannach Paterson gu tur ’nan aghaidh, agus airson na feadhainn eile, bha iadsan a’ cumail an cuid smuaintean aca fhéin. Mean air mhean bha mar gum biodh neòil dhubh dhorcha a’ laighe le trom gheilt air inntinn nan uile.
’Se a’ chiad rud a thachair gun do dhochainn Pàruig mac a’ Ghobhainn a chas air chor is nach robh e comasach dha gluasad. Bha sin air an t-seachdamh là de ’n Og-mhìos sa’ bhliadhna ochd ceud deug is a h-aon thar fhichead. Thairg am Frangach àite ghabhail. Bha so a’ toirt cothrom dha fhéin is do dhlùth chompanach a bhith air faire còmhla, mar a thachair an déidh do ’n Sgiobair is an roinn a bha leis dol gu tàmh. Bha an dà eucorach a nis air a’ chlàr uachdrach an duibhre na h-oidhche.
Ann an camhanaich na maidne is na reultan loinneireach té an déidh té dhiubh a’ sìoladh á sealladh, is prìomh dhathan àillte na gréine ag òradh nan speur is gun deò air adhar, bha an “Sìne” le fìor bheagan gluasad a’ teannadh ris an laidhne le a siùil a’ placadh gu dìomhain ris na croinn. Bha an saoghal fhathast ’na shuain. Sìos an staidhir gu falachaidh faiceallach ghabh am Frangach gu seòmar an sgiobair le gunna ’na dhòrn. Dh’ fhosgail e an dorus agus, anns an dorcha, loisg e far an robh leabaidh an sgiobair. Ruith e sin suas air a’ chlàr-uachdrach gun chinnt aige co-dhiùbh na mharbh no na leòn e an sgiobair oir bha fhios aige gun dùisgeadh am fuaim gach neach a bha ’na chadal.
Leum am balach frithealaidh air a chois agus air dhà a cheann a chur an àird chunnaic e Hemann, an t-eucorach eile, a’ tighinn air Paterson a bh’ aig a’ chuibhle is ’ga bhualadh sìos le stoc a’ ghunna. Mu ’n àm so nochd an sgiobair, le làimh ri cheann is an fhuil a’ sileadh ’na shùilean. Ghluais MacIain cuideachd is mun gann a thug e sùil mun cuairt is a dh’ fhaighnich e gu dé bha tachairt, thug am Frangach
Rinn iad a nis airson am mùchadh.
Las iad teine, de fhiodh fliuch agus teàrr, anns an t-seòmar eile agus tholl iad an tallan, ach gun tachdadh an toit iad. Chaidh an teine chumail a’ dol fad cheithir uairean fichead, ’s bha na truaghain glaiste an sud, gun anail gaoithe ré shia uairean deug thar fhichead.
Ann an làn dùil nan Albannach fhaotainn rag tachta dh’ fhosgail iad am bòrd uachdrach, ach bha na balaich bhochda beò, ged a bha iad, am briathran a’ ghille bhig, “glé throm-chridheach.” Bu bheag an t-iongnadh!
Chaidh nàdur annlan a thilgeil sìos thuca bho àm gu h-àm ach cha d’ fhuair iad suas gu trì làithean an déidh sin, ri lìnn an Eadailtich a bhith guidhe ás an leth. Fhuair iad cothrom èaladh suas agus b’ éiginn daibh mionnachadh air a’ Bhìobull nach ìnnseadh iad dùrd gu bràth mu na thachair.
Bha an “Sìne,” aig àm na creach-sa, mu shia ceuman-cruinne tuath air cearcall meadhonach na talmhainn, ’s mu thimcheall air seòladh chóig làithean an iar air naCanary Islands.
Chaidh a nise a cur mun cuairt ’s a cùrs’ a shuidheachadh air taobh siar Alba.
Bha an sgioba, gu tà, làn amharuis air càch a chéile—imcheist air gach fear—air na mortairean, làn fiamh gun tigeadh an cionta am follais ’s gun tugte am bàta gu port; is càch fo eagal am beatha.
Nochd iad meud an teagaimh le iad uile bhith dol a chadal air an ùrlar àrd, ré ceithir latha deug, mun tug iad ceum sìos gu ’n leapaichean crochta.
Air an astar gu tuath, thugadh na buidealan, leis na dolairean, suas, ’s chuireadh na buinn ann am pocannan air an tàinig iad sa’ cheàrnluinge. Dh’ fholaich iad na pocannan so ann an cliathaichean na luinge. Tha so a’ ciallachadh gu robh dà shlige air an “Sìne,” oir rinneadh falachsan eadar an dà shlige.
Fa-dheòidh, thog iad fearann—Ceann Bharraidh. Chaidh Hemann air tìr am Barraidh. Thug e an t-ainm Caiptein Rodgers air fhéin; agus thuirt e gu robh e air slighe-cuain bho New York gu Archangel.
Cheannaich e bho Mhgr. MacNeil á Bhatarsaidh, caora, sia geóidh, cóig tunnagan agus tacair ime. Phàigh e so le bathar—baraille arain,
Cheannaich e, mar an ceudna, eathar mór fuasgailte le seòl. Phàigh e air a son le dolairean—dà ghinidh dheug, is cóig puinnd Shasunnach air an t-seòl.
Bha na creachadairean, a nise, ann an uisgeachan na dachaidh. Ach fuirichibh . . . .
Ann am Barraidh, chuala Hemann gu robh long luath a’ chrùin sa’ Chuan Mhòrthireach (cuimhnichibh gu robh móran anns an àm ud a’ deanamh buannachd mhath le bhith seachnadh na cìs-mharsantachd). Air a h-uile cor bha aca ris an long-sgrùdaidh a sheachnadh. Cha robh air ach cùrsa atharrachadh.
Dh’ ullaich iad eathar Bharraidh gu bhith deas ullamh aig mionaid sam bith, nam biodh aca ris an long fhàgail.
A-mach bho ’n Chirc, an Rubha Leódhais, chuireadh na pocannan airgid do ’n eathar. Chuireadh biadh ’nan cois, agus dh’ òrdaicheadh triùir sìos le tàl aig gach fear, gus an “Sìne” a tholladh fo ’n uisge.
Rinneadh sin agus, aig aon uair deug, ’s an oidhche dorch, thog an sgiobadh orra do ’n eathar; chuir iad an seòl rithe agus air falbh a ghabh iad, is an “Sine” a’ siubhal san dorchadas, is a’ lìonadh gu luath.
B’ e an dùil am mór-thìr a dheanamh dheth agus imeachd gu deas; ach bheothaich a’ ghaoth. Chathaich iad an aghaidh na gaoithe ’s na fairge, ach b’ fheudar géilleadh mu dheireadh, agus fearann a ghabhail, ann an Suardal, mu uair sa’ mhadainn a-màireach.
Chuir iad an t-eathair aig acair a chum a cumail tèaruinte is làn dùil aca gun deanadh iad tìr-mór dheth, nan tigeadh leasachadh air a’ ghaoith no fois air beucadh na mara. Chaith iad an oidhche anns an eathar, ach ’s ann a shéid an doineann gu ro uabhasach sa’ mhadainn, agus chaidh an t-eathar a thilgeil a-steach air a cliathaich air a’ mhol am Bò nam Bodach.
Chuir cunnairt gu spàirn iad a nis. Cha robh dragh mu nì ach na dolairean. Tharraing iad an t-eathar suas agus shlaod iad an t-airgead gu tìr, far na thog iad fasgadh air a’ chladach, le déileachan, ’s le canbhas.
A nise, chunnacas an t-eathar bho thìr a’ cathachadh ris an stoirm, mun do ghabh i cladach. A-measg chàich chunnaic cìobair an tighearna bhig i, bho ’n an Leas Gheal an Suardal. Chaidh an sgeul air feadh nam bailtean agus, air tùs, ràinig i cluasan fear an Tigh Chuspainn, an Steòrnabhagh. Chaidh Ruaraidh MacIomhair, ceannard an tighe, agus a mhac air ball a shealltainn mu ’n chùis neònaich-sa.
Cheasnaich e Hemann. Rinn an laoch sin seanchas dha gun teagamh—gun deachaidh an companach-seòlaidh ás an rathad aig Ceann Bharraidh, ’s gum b’ ann d’ a athair fhéin a bhuineadh a’ chulaidh.
Rannsaich MacIomhair gach cùil agus fhuair e pocannan dholairean, ach cha robh e buileach sàsaichte. Dh’ fhàg e dithis dhaoine an cois an sgiobaidh, gu faire chumail orra agus thog e air . . . .
Cha robh e fad air adhart, nuair a chuala e tàislich air a chùlaibh, agus air tionndadh dha, có fhuair e air a shàilean ach an gille-seòmair, le anail ’na uchd, agus cnead guil air. Bha an cìobair air a bhith aig na creagan agus chuala e ùpraid a’ phàisde ’s e streap ris na creagan. Chuidich e ’n àirde e.
Dh’ innis am balach a h-uile nì. Bha an t-amharus a bh’ aig MacIomhair a nise air a dhearbhadh, agus chuir e dithis dhaoine eile á Bòsdadh, le earail iad cuideachadh sam bith a bha mun cuairt fhaotainn; nan deanadh an sgioba oidhirp sam bith air teicheadh, bha iad gus an t-eathar a chur ’na spealgan agus an sgioba a cheangal.
Thug MacIomhair an gille Melìteach gu ruig Steòrnabhaigh.
Nuair a dh’ ionndrain Hemann an gille, chuir e an t-Eadailteach ’ga lorg; thill esan mar a dh’ fhalbh e. Làn amharuis, ghluais Hemann fhéin air a thòir.
Streap e am Bogha gus na ràinig e an còmhnard, ach có choinnich ris ach an dithis a thill MacIomhair. Ruith e, leis an eagal a’ cur luathas ’na shàilean. Chuir so iongnadh air na bodaich agus chaidh iad ’na dhéidh, an dùil gur h-ann a’ toirt a chasan leis a bha e. An uair a dhlùthaich iad ris, ’s a theannaich iad cruaidh air a shàilean, thilg e dheth a chòta ’s a pheitean. Thog gach ball fianais ’na aghaidh, oir chaidh an còta uaine chur gu ruig Dhun-Eideann far na dh’aithnicheadh, anns a’ chùirt, gum b’ ann leis an sgiobair a bha e. Ann am pòcaid a’ pheitein, fhuaireadh uaireadair an sgiobair.
Moch sa’ mhadainn, thugadh an sgioba uile suas gu Steòrnabhagh, ceangailte, ach a mhàin, Hemann. Dh’ fhàgadh a làmhan-san saor.
Thill MacIomhair agus Coinneach MacChoinnich, cléireach an fhir-chruinneachaidh chun a’ chladach. Fhuair iad móran phocannan dholairean tiodhlaichte anns a’ mhorghan. Thrus iad na chaidh aca air agus ghiùlaineadh na pocannan air dromannan dhaoine gu sabhal Banntrach Mhic’IlleMhoire ann an Suardal.
Tha e air aithris gun tug cuibhreann de ’n airgead a cheann fodha fheadh ’s a bha e air aoigheachd san t-sabhal, an Suardal, ach ciamar no càite chan eil fios. Tha fios cuideachd gur iomadh làn spaid talamhain a chaidh a thionndadh mu làireach an t-sabhail iomadh bliadhna an déidh so an lorg air fortan.
Bha e air aithris, anns an nàbachd, nach do ràinig a h-uile poca eadhoin gus an t-sabhal, gun thuit cuid de thuill anns a’ mhòintich, ’s gun deach an togail nuair bha a’ chadhailich seachad. Chualas mu ’n bhodach a bha ’g eubhach “An t-onair thar an t-saoghal” agus na buinn airgid a’ tuiteam troimh tholl a bh’ air a phòcaid.
Co-dhiùbh, tha e coltach gu robh dolairean airgid a’ dol bho làmh gu làimh an Steòrnabhagh, car iomadh bliadhna an déidh so. Tha fios, cuideachd, gum facas cailleach le cliabh làn céir-sheillean, ’ga reic, bho thigh gu tigh.
Biodh sin mar a bhitheas, chaidh groilleachan math dholairean a shlaodadh ann an cairtean, le eich na Banntraich, gu ruige Steòrnabhagh far na laigh iad, car àm, san Tigh Chuspainn—a bha aig an àm sin an Sràid Chromwell. Nuair a chaidh an cunntadh ann an Dun-Eideann, bha iad timcheall air seachd mìle dolair goirid—luach ceithir cheud deug not!
Agus a nise mu ’n “t-Sìne.”
Chaidh i ás an rathad air Ceann Tholstaidh, agus reic ughdarrais an Tighe Chuspainn an calldach, ’s a’ chuid de ’n luchd a thàinig air cladach—fiach dà fhichead not agus a cóig. Bha aon chist de chéir-sheillean a-measg an sprùillich.
Chaidh an sgioba a chumail fo fhaire ann an tigh-òsda air a’ Mhol-a- Tuath, ach cha b’ iadsan a chuir an tiomairt air a’ bhaile ach na cairtean leis an airgead. Tha e furasda gu leòr a chreidsinn nach robh beag no mór, sean no òg nach tàinig a-mach a dh’ amharc air an t-sealladh-sa a’ dol troimh na sràidean.
Thugadh Hemann ’s am Frangach fa chomhair cùirt an Steòrnabhagh. Leig am Frangach air nach robh Bheurla aige, ach bha duine uasal, Mgr MacGhille Ruaidh, anns a’ bhaile aig an àm. Dheanadh esan tapairsnich air an Fhrangais, ri lìnn e bhith còmhnaidh, car tacain, an Canada Iosal, agus fhuaradh thairis air an doilgheadas air a’ mhodh sin.
Chaidh an sgiobadh ’s na dolairean a thoirt gu Lìt anns a’ “Phrince of Wales.” An déidh ùine chaitheamh ann am prìosan Tolbooth thugadh iad gu cùirt. Thionndaidh a’ chuid eile de ’n sgiobadh ’nam fianaisean an aghaidh an Fhrangaich agus a’ chompanaich. Chaidh an dìteadh airson mort agus creachaidh air àrd a’ chuain agus dhìol iad le ’m beatha airson an ciont is bu mhath an airidh.
Sin matà mar a chual mise an eachdraidh air mar a thachair an Suardail.
title | Dolairean Shuardail |
internal date | 1962.0 |
display date | 1962 |
publication date | 1962 |
level | |
reference template | Murdag NicCoinnich in Gairm 39 %p |
parent text | Gairm 39 |