[278]

Teip Thaitneach

RUARAIDH MACGILLEATHAIN

MU dheireadh na Naoidheimh Linn Deug bha leabhar an uirsgeulaiche rig innse dhuinn ma phàist òg á Sgìre Uige a bha air mhuinntearas ann a Lunnainn agus ged a bha móran sluagh afuireach anns abhaile mhór sin bhiodh i uaireannan air a fiachainn le fadachd is cianalas. Dhaithris e cuideachd gum biodh i dol cuairt do phàirc fharsainn a bha faisg oirre gus an dugadh aghlasaich na sléibh-ionaltraidhna cuimhne agus gum biodh i ri bruidhinn Gàidhlig ri na féidh pheatail a bha anns achallaid mar a bhiodh cuid ag eubhach air achrodh aig an àirigh.

S iongantach gun tuigeadh na féidh móran don Ghàidhlig nas na thuigeas iad aBheurla phidgin a tha iad ri cluinntinn aig achoigreach a tha ann a Lunnainn an diugh.

Tha an cianalas mar sin ri leantainn Ghaidheal ann a Lunnainn fhathast agus tha e gu h-àraidhs gu tric abualadh an fheadhainn a tha aosd is euslan. Co-dhiù thàinig toileachas inntinnna lùib bho chionn ghoirid nuair a thadhail teip ghleusd nan òran orra. Goirid an déidh dhi tadhal rinneadh leth-bhreacan dhith airSeanchaidhShonag Liuirboist.

Chruinnich càirdeans eòlaich a chéilidh nuair a chuala iad gu robh i anns abhaile agus bho fhuair iad na leth-bhreacan bithidh iadgan toirt chun an fheadhainn a tha aonaranach agus gun chothrom as urrainn a thighinnga chluinntinn. Aig amannan eile bithidh iadga cur air a fón dhaibh agus uair no dhà chaidh a guth còrr air sia ceud


[279] mìle air falbh air a fón. Tha balach Arnoil ri toirt laighe na gréin gu bòidheachnar n-imrich shuaicheanta le ghuth cubhaidh agabhailNuair chì thu ghrian san àird an iar dol sìos aig crìoch an ,” agus tha fear Chirciboist mar gum biodh ega fhreagairt aseinn gu binn an aon seòrsa sealladh aig an taobh siar do Loch A Ròag. Ma tha osnaich no sileadh dheòir a-measg na cuideachd a thagan éisdeachd tha balach Arnoil aceadachadh sin dhaibhs e ri cuimhneachadh air àm a dhaomga dheanamh aotrom agus ri toirt sreath-sgrìobhaidh á òran ChàrlabhaighMo shùilean asileadh geds fhada bhuam bròn.” Mar an ceudna tha fear Chirciboist ri deanamh caoineadh dligheach nuair a tha e dol leotha gu Eitseal a laighe sìos gu suaimhneach air achluasaig anns an fhraoch, ’s an t-eòlas chuir e òg orra dha cho beòs ga bann an .

Ged nach eil òrain òganach Shiaboist cho cudromach, mar a theireadh sibh uaireigin, cha mhór nach cluinneadh tu feur afàs nuair a tha e tòiseachadh areubadh na h-abharsaic agus aseinn gu ceòlmhorCha mhol mi-fhìn an t-Saighdearachd cha dfhuair mi coibhneil i.” Tha e cheart cho math nuair a tha e tuiteam ann an gaol is àill mar shneachd agheamhraidh air mullach beanntan àrd.

Chuala sinn oirre labhradh ciùin agus bàrdachd thlàth-ghuthach ann asuidheachadh sèimh ruinn: “Eitseal Bheag” “Tom an t-Searraich” “Fuaim Tràigh UigagusCóig Peighinneangun ainmeachadh ach beagan dhe na h-òrain a tha oirre.

Tha guth an duine duilich a chur ann an òrdugh-airidh. ’Sann a bhios an t-suim a réirs mar a thuiteas a fonn air achluais a chluinneass a dhéisdeas. Co-dhiù shaoileadh sinne gun deanadh na seinneadairean so cluasmhothachail Britheamh aMhòid mar ionad-thasgaidh. Chan eil iad dhuinne a-steach air an dàrna cluaiss a-mach air an téile. ’Sann a tha iad afuireachnar cinn fad na h-oidhche bho chuala sinn sibh.

S binn guth an eòin far am beirear e ach tha iad so binn ann am móran àiteachan nach fhaca iad fhathast:—

Anna Mhoireasdan (Eòropaidh), Caitriana M. Mhoireasdan (Borgh) Cristiona NicLeòid (Arnoil) Coinneach Fhionnlaigh; Dòmhnall Iain MacGilleathain (Bradhagair a Tuath), Cris. M. NicLeòid (Bacabhat Street), Anna agus Mabel Dhòmhnaill Mhurchaidh (Glaschu), Caitriana Choinnich Uilleim agus Murchadh Chailein Ghilios (Siabost), Calum Dòmhnallach (Bhàlasaidh), Agnas Iain Ghreuim, Màiri Dhàidhidh, Amhlaidh, Murchadh Iain Choinnich, Iain Dhòmhnaill Dhòmhnaill, ’s an phàist òg a choisinn na duaisean a bàird aig seinn nan Tighean FoghluimDolag A. Nic Gilleathain agus Sìne Mhoireasdan (Bradhagair a Deas).

Chòrd sibh ri Fear Fort George a bha air chuairt againn agus bha sibh mar fhleadh-thoileachas do Alasdair Moireasdan, á Dail, a thainig pìos dhur n-éisdeachd. Bha e glé iongantach gur e an t-aon teist-dreach a chuir iad ar an teip le chéile. Thubhairt gach fearChan eil blas na Beurla orr’ .”

Tha Gàidhlig mhath orra gun teagamh agus tha i deanamh dearmaid agus dìmeas air còmhradh gun thoinisg, ciall no bladha tha


[280] feadhainn acur dha na puirt an diugh. Dhàicheidh sibh agus chuir sibh an aghaidh fear na Beurla a bha còmhradh air an réidio a thubhairt gur he ceàrd a bhann do Dhòmhnall Dubh, nach maireann. Nach fhada bho chuala sinn gur h-e Dòmhnall Dubh an fhìor-mharaiche teòma a mheall am “Press Gang” agus a shàbhail prìosanach Bharbhais air onfhadh nan tonn gun bhall-airm achHookah.” Achs e tha sin sgeul eile nach cuirear ceart ann a Lunnainn.

Bha siubhal Dhòmhnaill Chaluim sgapte is sgoinneil mun dfhuair e cruinn sibh air an aon teip ach bha shiubhal mithich, oir rinn ur guth an telebhisean dorch, an réidio sàmhach, chuir sibh criosan ciùil na bùth bho na féille agus stad sibh tuathalan aghramofon. Réisd bhiodh e freagarrach rann a thoirt á Cunntair Aonghais dhuibh:—

Thug sibh cuid a thrialladh
Measg an fhraoichs an fhianaich,
S greisean eile a dhiarraidh
Iarratas na h-òig,
S gum a fada binn sibh,
S aoibhealachdnur ceòl.

Ged a bhuineas Seonag do Cheann A Deas Ameirica tha i déidheil air aGhàidhlig. Tha i eadardhealaicht ri Ceann-a’ -Bhàigh a dhiùlt a dhol a dheanamh danns-an-t- sabhail còmhla ris an t-Siarach leis a leisgeul mhórchuiseach—“I cant do the country dances. ”

titleTeip Thaitneach
internal date1962.0
display date1962
publication date1962
level
reference template

Ruaraidh MacGilleathain in Gairm 39 %p

parent textGairm 39
<< please select a word
<< please select a page