[280]

Na Fir-Deasachaidh, Gairm. Oxford, 22/1/ 62.

Nach mór an smaoin e, a réir aStornoway Gazette, gura dòcha gur e Urdu as fhaide dhfhanas beò ann an Alba an àite Gàidhlig. Tha so gu cinnteach truagh agus tha mi an dòchas nach eil an gnothach cho dona neo cho eu-dòchasachs a thatar acumail a-mach.

Air réir an aona phaipeir tha e misneachail fhaicinn gu bheilear adeanamh a h-uile oidhirp a chum Gàidhlig ionnsachadh don chloinn aig a bheil aBheurlana cànan màthaireil. ’S dòcha nach biodh pàrantan an aghaidh Gàidhlig ionnsachadh mar chànan-céin nam biodh an comas ann, agus bu chòir buidheannan-teagaisg feasgair a bhrosnachadh anns gach àite airson iadsan a dhfhàg an sgoil.

Tha sinne an so an Oxford air còmhlan de dhaoine a chruinneachadh gu ionnsachadh na Gàidhlig. Tha sinn acruinneachadh airson ceithir uairean an uaireadair a h-uile seachdain. Tha nis còrr is bliadhna bhon thòisich sinn agus a h-uile ràithe sgoile, an àite bhith dol an lughad tha sinn adol bho neart gu neart, ged nach eil againn fhathast ach trì thar fhichead.

Ged nach robh facal Gàidhlig aig duine dhiubh an toiseach tha sinn comasach a nis air céilidhean a chumail a bharrachd air a bhith bruidhinn cho maths as urrainn dhuinn a-measg a chéile.

Bu mhath leam a chluinntinn bho chòmhlanan eile den t-seòrsa so a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig ann am bailtean Sasunnach eile, agus ciamar a tha iad afaighinn air adhart. Ma thòisicheas duine asgrìobhadh thugam seòladh iad an litir c/o Gairm.

Is mise, (GAIDHEAL.)

titleLitir à Oxford
internal date1962.0
display date1962
publication date1962
level
reference template

Gairm 39 %p

parent textGairm 39
<< please select a word
<< please select a page