[281]

An Sgeilp Leabhraichean

Gaelic -speaking Children in Highland Schools. (The Scottish Council For Research in Education). University of London Press, Ltd. 10/6.

Chaidh achomhairle ris an canarThe Committee on Bilingualism . . . . ”ath-stéidheachadh bho chionn sia bliadhna gus sgrùdadh a dheanamh air na ceistean cudthromach a tha co-cheangailte ri -chainnteas ann an Alba.

Ged a tha na ceistean sin abuntainn ri iomadh grunnan anns an dùthaich, leithid nan Innseanachs nam Poles a tha air an dachaidhean a dheanamhnan ceudan timchioll nam bailtean móra, is ann air aGhaidhealtachd fada, fada, as lìonmhora an dragh agus as cudthromaiche na ceistean.

Tha an leabhar so air a stéidheachadh air rannsachadh a chaidh a dhèanamhaon ann an 1957 anns na ciad-sgoiltean, agus aon eile ann an 1959 a-measg na cloinne aig an robh eòlas air choireigin air Gàidhlig air achiad bhliadhna anns na h-àrd sgoiltean.

Chan eil mise aleigeil orm gu bheil aithne mhór agam air cùisean foghluim no air riaghladh sgoiltean no air cuspairean co-cheangailte ri òrdachadh teagaisg no ionnsachaidh, agus is iad daoine a tha sgileil annta sin uile a chuir na sgrùdaidhean sin agus an leabhar so an uidheim. Ach a chionns gu bheil ùidh agam ann an cùisean a bhuineas don Ghàidhlig, tha ùidh agam anns an leabhar so, agus tha an leabhar acur uallach orm.

Canam, anns achiad dol a-mach, nach eil freagairtean no móran cho-dhùnaidhean an so. Chan e sin an seòrsa leabhair a thann. Tha e acur an céill mar a tha cùisean an diugh agus afàgail nan co-dhùnaidheans nam freagairtean (ma tha iad ann) aig feadhainn eile.

Air duilleagan 18 agus 19 tha an leabhar asealltainn mhaptha achiad fhear breac le Gàidhlig, mar a bha i aig deireadh na naoidheamh linn diag, bho chrìoch Pheairt chun aBhuta Leódhusaich. Anns an dara map (1951) tha am breacadh air sìoladh air falbh gus nach fhaicear e ach anns na h-iomaill a siar agus anns na h-Eileanan-a- Siar. Ach tha fios againn gur ann mar sin a thachair.

Seallamaid a nise air eiseamplair air an taghadh as an rannsachadh a dhainmich mi. An toiseach anns na ciad-sgoiltean (abhliadhna 1957) agus air achiad chlas so an àireamh ás acheud ( % ) aig an robh aGhàidhlig mar chainnt mhàthaireil.

Siorramachd Earra-ghaidheal 3.3 %
Sirramachd Inbhirnis 15. 9%
Siorramachd Rois 20. 2%

Sin na Siorrachdan gu h-iomlan, ach seallamaid air na h-eileanan anns na Siorrachdan sin far an sùilicheamaid aGhàidhlig a bhith na bu


[282] treise. Cuimhnichibh gur iad achlann air achiad chlas, no mu aois cóig bliadhna ris am bheil ar gnothaich, agus gur h-i acheist am bheil Gàidhlig aca mar chainnt mhàthaireil.

Eileanan Earra-ghaidheil 19. 1%
Eileanan Inbhirnis 67. 7%
Eileanan Rois 57. 5%

Tha an clàr a tha atoirt dhuinn nam figeirean sin cuideachd a toirt dhuinn nam figeirean airson achiad seachd clasaichean, agus tha e acur an céill, anns gach Siorrachd, gu robh barrachd air an t-seachdamh clas aig an robh aGhàidhlig mar chainnt mhàthaireil. Acur an céill, ma throgras sibh, gu bheil an àireamh a tha adol don sgoil leis aGhàidhlig mar achiad chànain asìor dhol nas lugha a h-uile bliadhna.

Seallamaid a nise air clann nan eileanan (ann an 1959 an turus so), aig an robh Gàidhlig mar achiad chànain, air achiad bhliadhna anns an àrd-sgoil.

Eileanan Earra-ghaidheil 26%
Eileanan Inbhirnis 72%
Eileanan Rois 56%

Tha so adearbhadh a rithist gu bheil an àireamh de chloinn a bha adol don sgoil le Gàidhlig mar chainnt mhàthaireil air a bhith asìor dhol an lughad, can bhon bhliadhna 1948 an-uair a rachadh amhór-chuid den fheadhainn a bha atòiseachadh anns an àrd-sgoil ann an 1959 don sgoil an toiseach aig aois cóig bliadhna.


[283]

Chan eil mise ach ataghadh eiseamplairean a tha furasda an tuigsinn, agus chan eil anns an fheadhainn so shuas ach, mar gum bitheadh, bun-stéidh nan rannsachaidhean. Ann an clàran eile, tha an leabhar afuasgladh cheistean leithid. “Cia meud leanabh aig an robh athair agus màthair a bha acleachdadh Gàidhlig anns an dachaidh? Cia meud leanamh aig an robh màthair aig an robh Gàidhlig agus athair aig nach robh?” “Cia meud athair agus màthair aig an robh Gàidhlig ach a dhionnsaich Beurla a mhàin don chloinn?” Bha 162 dachaidh den t-seòrsa mu dheireadh sin ann, no 22% .

Tha aon rud cinnteach. Tha an leabhar so adearbhadh gu bheil suidheachadh na Gàidhlige nas miosa na bha dùil aig móran againn, agus, ma nithear rannsachadh eile den aon seòrsa ann an sia no seachd a bhliadhnachan eile, bithidh, a réir choltais, an eachdraidh eagallach buileach.

Tha mi an dòchas gu ruig an leabhar so An Comunn Gàidhealach agus gach aon chomunn eile a tha astrì airson beatha na Gàidhlige, agus gun tarraing e iad fhéin agus Comhairlean an Fhoghluim còmhla feuch am bheil leigheas idir air achùis. Air mo shon fhéin dheth, a dhaindeoin cho -chàileils gu bheil an leabhars na tha aige ra ràdha, bu mhath leam meal an naidheachd a chur air achomhairle a dheasaich e, airson cho ciùin, sgileil, onarachs a chaidh iad mun gnothaich.

Ma tha duine déidheil air gréim fhaighinn air an leabhar bithidh sinn toilichte gach cuideachadh a thoirt bho Oifis Gairm.

FIONNLAGH I. MACDHOMHNAILL.

titleAn Sgeilp Leabhraichean
internal date1962.0
display date1962
publication date1962
level
reference template

Fionnlagh I. MacDhòmhnaill in Gairm 39 %p

parent textGairm 39
<< please select a word
<< please select a page