[215]

Cainnt Mo Dhaoine Fein

(Sean Ghàidhlig Srath-Ghlais)

Le MAC Ó BEAN CHOINNICH

IS e Giùthsachan, Srath-Ghlais, a bu dùthaich domhsa. Fa thuaiream na bliadhna ochd céud déugs a seachdad, dhionnarbadh an tuath agus na màlanaich as an cuid fearainn, le biùbhaidh Sasunnach a cheannaich am finteadh o Mhac Uisdein, los fiadhach agus iasgach a bhith aige. BeMac Uisdeina bha againn air ceann-snaoth (mac an déidh athar) de an teaghlach Fhrisealach aig an robh seilbh air Giùthsachan fad trì céud bliadhna. Ach is e bhann nach robh am fiadhach no fòs an t-iasgach, co math tuilleadh agus a bha iad tra bha tàinte na tuatha agus buar is gobhair nam màlanach air na leathaidean.

O an bhliadhna sin, thòisich Gàidhlig ri dol an laigead, cha bann o dhìth spéis di, ach o theircead daoine. Cha robh fàgta ann ach an deannan luchd-oibre a bha gu feum los sord a ghléidheadh air an oighreachd, agus coigrich gun Ghàidhlig, ach ceird aca air an cuirte feum, atighinn a steach orra.

Na daoine bu shine air am bu eòlach mi móige, rugadh iad an Giùthsachan fa thuaiream 1820, agus iad adreim gu nochad re linn domhsa bhith astreap gu deich. Rugadh pàranta mo phàrantan an Giùthsachan mu 1840. Is math fathast air chuimhne is air ùidh na fhuair mi de Ghàidhlig uatha-san uile, agus thaobh mi riamh dòigh-labhrach an gnàthais.

Is i Gàidhlig a bu bhéurla doibh daonnan. Bi cànain an sinnseara, agus cainnt choitcheann an cuid cloinne, agus cha robh ruamna maslaidhnan gnùisga labhairt. Cha robh ach glé bheagan de Shasnaig aca, agus cha robh feum aca oirre, is Gàidhlig aig gach gin a thigeadhnan caraibh isnan cainnt.

Rugadh mo phàrantanan dithis, an Giùthsachan fa thuaiream 1870. Is i Gàidhlig a bu bhéurla mhàthaireil doibh, ach bha iad co-dheas an Gàidhlig agus an Ainglis. Ach thugadh air an ghinealach sin creidsinn, aig maighstirean-sgoil bu mhór olcas (cha bu bhàs doibhsan an crochadh, agus tha an leithid ann fathast) gum bu tàireil, maslach a bha anns an Ghàidhlig, a bu chòir do gach Crìosduidh a leagail uaidhe gu tur is gun dàil: agus a bheireadh bacadh orra, agus air an cuid cloinne, fa an slighe a dheanamh anns an t-saoghal mhór bhrèagha seo a chruthaich an Dùileamh air sgàth agus son nan Anglo-Sasunnach a mhàin.

Faodar bith nach do shlugadh am baoth-fhoirceadal sin gu tur, ach bu iarbhuil gun do thionnsgain an droch ghnàthasnam measg, a bhith alabhairt Sasnaig ri an cuid cloinne, ge bi Gàidhlig a bha aca daonnan ri an co-aoisean féin. Mar is ion dùil a bhith ann, chaidh Gàidhlig agus an ginealach sin as le chéile á cearn mo bhreth.

Rugadh mi féin an Giùthsachan fa thuaiream naoi-céud-déug, agus cha biol mo cho-aoisean aig an robh Gàidhlig idir. Ach bha corra neach ann, mar bha mi féin, a thog beagan o éisdeachd nan sean[216]


[217] daoine, is iad ri agallamh, no ri aithris sgeul, agus Gàidhlig daonnan aca.

Bha ghnè de Ghàidhlig (dòigh-labhairt) an Srath-Ghlais roimhe, air an robh againnan sean dòigh” (noan deagh Ghàidhlig”) agusan dòigh Shiarach.” Bha andeagh Ghàidhligann o thàinig Gàidhlig an tùs. Theirte gun tàinig i colgdhìreach o shean Ghàidhlig (Scotbhérla) nan Scot á Dalriada gun bhuil o bhéurla Lochlainn no béurla Shasuinn. An coimeas rithe, cha robh anns andòigh Shiaraichach cainnt o an , oir ràinig ise Srath-Ghlais mu an t-seachdamh linn déug aig Garannaich agus Carannaich (MicDhòmhnaill is eile) agus Sàilich (MicRath) a thainigs a thuinich air fearann nan Siosalach.

Bha andeagh Ghàidhligsin an Gleann Moireastain agus Gleann Urchardain an tùs, mar a bha i aig Fàn-Spéich an céin a bha Gàidhlig aca an coitchinne anns acheàrn sin. Ach bha Dòmhnallaich á Gleann Garadh asìobadh trasd bràigh Moireasdain agus Urchardain cuideachd.

Is i andeagh Ghàidhligsin a bha aig mo dhaoine féin airneo is dòich nach biodh an t-ainm sin againn oirre. Theirte le cuid nach robh a leithid sin de Ghàidhlig an Srath-Ghlais riamh, agus iad eòlach a mhàin air an dòigh-labhraich Shiaraich ud, a bha na bu phailte ar féin, ge nach be sin di anns an t-sean aimsir. Ach is fada ceàrr iad. Is dòich gu robh cheàrnchainnt ann, céudas, ach re linn mo sheanar, gun tighinn air mo féin, cha robh an éis ach beagan coidhealaich a thaobh fuaim cuid focal, agus an dòigh-labhairt againne ag cordadh ri dòigh-litreachadh na Gàidhlig, eadar sean no freac-uarach, mar nach cord an dòigh Shiarach idir. Be so an deòchar eatorra:—

Andeagh Ghàidhlig

(1) ort, mart, 7c.
(2) boc, mac, bat, sop 7c.
(3) lann, mall, cam, fonn, toll, trom 7c.
(4) bochd, cleachd, 7c.
(5) céud, béul (no cèad, bèal) 7c.

Andòigh Shiarach

orst, marst 7c.
bochc, machc, baht, sohp 7c.
launn, maull, caum
founn, toull, troum 7c.
bochg, cleachg, 7c.
ciad, bial 7c.

Gheibhte andeagh Ghàidhligsin, tre iomadh ceàrnchainnt is blascainnt, o Cheann-tìr is Arainn gu ruig Cataibh is Rinn-Chat, an taobh deas is taobh sear na dùthcha, an thrian de an Ghàidhealtachd re linn do Ghàidhealtachd bhith ann. Gheibhte o Earra-Ghàidheal-fa-thuath gu ruig Leódhuis is Asaint, na pratagan-brìd sin, air an robhcainnt Shiarachagainn.

Theagamh gum bi cus agam ri ràdh fa dhéidhinnna cainnte Siaraich.” Is e is aobhar nach eil agam air, ach cainnt mo dhaoine a choimeasadh ricainnt nan Siarach,” nach cluinnear ach ise air chraol no aig Mòd an an diu o theasd Gàidhlig Albann as na ceàrnan am bfheàrr a labhradh i. Chan eil mi buileach sàsta aig an ainm sincainnt Shiarachagainn oirre, le bha i na bu treise aig muinntir Bhàideanach is Raineach na bha i aig cuid Siarach, agus cha robh i aig na Siar-Dheasaich idir. Thaceàrnchainnt mheadhonach


[218] aig ollamh á Dùn-Eidin oirre, ach cha robh i co làidir is co fadsgaoiltes a tha esan adeanamh dith. Agus cha chinnte leam an i fìor-chainnt nan cèarnan gu sear bhios air chlàir aige, no fuaid de an chainnt shiaraich ud a shìobnam measg mar a bha an sean Ghàidhlig féin ateastadh roimh bhéurla Shasuinn. Ach, cha robh an t-ainm sin, againne, ag ciallachadh gum bi sin cànain taobh siar na h-Albann, ach, a mhàin, gun do shìob i trasd oirnne o na cèarnan gu siar uainn féin.

Bha an dhòigh-labhairt sin anns an Eilean Dubh cuideachd. Bu tric leam cluinntinn aig sean bhodaich a shamhail seo de fhocal, spèac; agus cha be spéuc no spiac, spéuchc no spiachc, no spéachc, a bha aca. Agus focail eile fo an ionnas chéudna, .i. bu mhóenaiaaca; agus bu mhóènaéaca; agus cha robhchcan ionadcaca. Do réir béul-aithris, thàinig an dòigh-labhairt Shiarach do an Eilean Dubh aig luchd-leantainn Chloinn Choinnich, tra fhuair an fhine sin sealbh air roinn de an chèarn sin, ach mhair an sean deagh Ghàidhlig aig cuid co fadas a bha Gàidhlig ann.

Bha an sheòl an Srath-Spé cuideachd, ach tearbta o chéile, mar nach robh iad againn; andòigh Shiarachlàn is làidir aig Bràigh-Spéich (muinntir Bhàideanach) do an do shìob i o Loch-abar; agus andeagh Ghàidhligaig Fàn-Spéich. An Srath-Nàrunn agus an Srath Fhionn-Eireann bi andòigh Shiaracha bha na bu bhitheantanam measg, ri ar féin, ge nach be sin do anns an t-sean aimsir; ach chluinnte ansean dòighcuideachd, gu h-àraidh mu cheann sear nan srathan mus tigte a mach air machair Mhoireibh.

Am Baile Inbhir-Nis (ge gheibhearLeachcainn” (Leachkin) an ionadLeacainn” ’na ainm-àit, gun dol fad as abhaile) be ceart is cha be cyarst 7c. a theirte an céins a bhàtar alabhairt Gàidhlig. Agus bha Gàidhlig an éis fhathast aig ìslean an bhaile re linn mo sheanar (as Achadh-na-h- Eagluise, Giùthsachan, 1830-1920) ge do riaghladh am baile aig marsantan Gallach céudan bhliadhnachan roimh an tan sin. Air a los sin deth, bha sliochd nam marsanta Gallach féin air an deagh Ghàidhleachadh tre thìde, o bhuil eadar-phòsaidh. Mar dheisimireachd, bha teaghlach ann, agus Cuthbert a bu ainm doibh, agus be Clann Sheòruis a thàinig a bhith orra, agus làn an cinn de Ghàidhlig aca sealbhan ghlùn.

Chualas saobh-sgoilearan ag ràdhtheagamh nach robhas alabhairt Gàidhlig riamh am Baile Inbhir-Nis, agus gun deachas o bhéurla Chruithne gu béurla Shasuinn. Be seo a dheimhinBha Gàidhlig aig cuid am Baile Inbhir-Nis roimh bhliadhna an Dòmhnaich 600 (chan fhios duinn cia fada roimhe) le fhuair Colum Cille eadar-theangair am measg muinntir an bhaile, gun dragh, an àm feuma. Bha i fathast aig dùchasaich an bhaile (oir chan eil mi atoirt monaid air dream o chèarnan Gàidhlig-labhrach eile a thàinig a thuineadh anns an bhaile) re linn mo sheanar, mar a thuirt mi cheana.

Beagan mu dhéidhinn na dòigh-labhairt againn:—

eaFuaim e, agus an a ach anochdadh gur leathainn an consan a leanadh. ceart (cert), neart (nert): Loch-abar cerst: Bàideanach cyarst: gu sear is gu deas, cert no cyart.


[219] bean (benn), meall (mell): Loch-abar, -ùnn: Bàideanach, byà-ùnn: gu sear, benn no byann: Ceann-tìr, byann.

ioFuaim i, agus o ach anochdadh gur leathann an co-fhoghar a leanadh, fionn (finn), cionn (cinn), iolla (illa): Lochabar, fiùnn: cuid Leódhusaich agus Innse-Dùnaich * eile, feounn. Bidh cuid aleughadh ciunn nuair bhios cionn sgrìobhta aca, amhail gur ionann iad sin. Cha bionann iad againn. Theagamh gu robh iunn againnnar bruidhinn an cuid focal am bi ionn an Gàidhlig litreachail, ach is ciall mo ràdha gu robh diùras blos againn eatorra sinnar focail féin.

Is e theirimid cnoc, agus cha be croc no fòs crochc. Theagamh gu robh cr againne far am bi cn sgrìobhta aig cuid, ach rinn sinn diùras réil eadar cn is cr, tn is tr, gn is gr, mn is mr anns na focail againn féin, co-dhiù bha ar focail ag còrdadh ri Gàidhlig stannartaich litreachail no nach robh. Ach chualas bra gu mnà an Srath-Ghlais, ged nach robh sin aig mo gheil-fhine féin.

Cha bhiodh againn eadar rg, lg, rb, lb, rch, 7c. ach fuaimear beag a shiolpadh a steach gun chead. Far am biodh lide eilenan déidh, is gann gu robh am fuaim beag sin féin ann.

Theirimid dearbh (derv): Bàideanach derw a bha sga coltach ri deru, ach cha be sin a bhann, ach fuaim w co-fhogharail. Aig dream eile gu siar, deara-abh, dor-o- ocha, dear-a- ag, fàsan tremolo.

Bha fuaim n againn roimh r agus s, a mach o an fhocal màran (manran) a mhàin. Thug sin orm bhith sga teagmhach am bu chòir do n bhith anns an fhocal sin idir aig co conbhalachs a bha n againn an gach focal eile diubh sin. Be theirimid sonraich, is cha be sòraich; ceannsaich, is cha be ceausaich. ionnsaich .i. fuaim i (ee Sas.) ach n is s leathann: innsaich agus ì-saich aig Siar-Dheasaich agus aig Searaich: ì-u- saich aig Loch-abar agus rann thuath de Earra-Gaidheal: iùsaich agus iùnnsaich, Bàideanach, Bràigh Rois 7c.: eousaich (yowsaich) aig cuid Innse-Gàidhealaich (Leódhusaich 7c).

Is e dul, is chan e dol, a bha againn gu minic. Chualas dul aig Iar-Roisich. Tha dul aig Eireannaich ma is ceart mo mhothachadh, ach bha e pailt gu leòir an cainnt Albannaich nan linnte meadhonach.

Bu tric leinn canail am beil gu am bheil. Bha sinn cèarr a chionn nach e mùthadh air b a tha ann, ach lughdachadh air f.

Faodar bith gur as an m sin a dhéirich am b a chionn seo: Theirimid umpa, uimpe, ròmpa (romhpa), roimpe (roimhpe), ach is e uatha, uaithe, fótha, fóithe a bha againn is chan e uapa, uaipe, fópa, fóipe, ged bha sinn eòlach gu leòir orra sin. Is e sin ri ràdh, bha p againn far an robh m, agus far nach robh m cha robh p.

Tha blas againn an diu far an robh mlas anns an t-sean Ghàidhlig; tha blos againn o an ràdh am follus.

Os barr, chualas pratag-bhrìd aig dream o thaobh deas Loch Nis, nach robh againn féin idir. Theireadh iad am piar gu am fiar (am féur), ach an fhiar, an fheòir. Agus cuideachd am beò gu am feò (feò fuar achamhanaich .i. fèath fuar. . . . ). Chualas bra gu mna agus Banachainn gu Manachainn.

Innse-Dùna—‘Outer Isles

(Ri leantainn)

titleCainnt Mo Dhaoine Féin
internal date1962.0
display date1962
publication date1962
level
reference template

Mac ó Bean Choinnich in Gairm 39 %p

notesMac ó Bean Choinnich = Deòrsa Moss (see Gairm Index)
parent textGairm 39
<< please select a word
<< please select a page