An Aithne Dhuibh ...?
4. An t-Oll. Urr. Alasdair MacDhomhnaill.
“Tha sin coltach ris an fhear a bh’ann an sud . . . .” Agus faodaidh sibh a bhith cinnteach gum bheil sgeulachd bheag éibhinn air bilean An Ollaimh Urramaich Alasdair MacDhomhnaill. Faodaidh sibh a bhith cinnteach cuideachd nach còrd an sgeulachd ri duine sam bith nas fheàrr na chòrdas i ris fhéin—ris a’ mhinistear chumhachdach so a tha stéidhichte ann an Eaglais Mhór Chaluim Chille an Glaschu, ach a tha air a mheas mar am ministear fhéin aig Gaidheil Albann uile.
Rugadh Alasdair MacDhomhnaill ann an Cnoc-an-Torrain ann an Uibhist-a- Tuath anns a’ bhliadhna 1885. Chuir e seachad a cheud làithean sgoile ann an sgoil Chinn a’ Bhàigh agus as a sin chaidh e do’n Ard-Sgoil ann an Cinn a’ Ghiùthsaich. Their iad nach deachaidh balach Gaidhealach do Chinn a’ Ghiùthsaich riamh nach do thionndaidh chun na ministearalachd uair no uair-eiginn ach bha a’ mhinistearalachd a’ tarruing an Domhnallaich fada mus fhaca e Ard-Sgoil riamh.
An uair a chrìochnaich e anns a’ Cholaisde, ghairmeadh am ministear òg gu coimhthional Ghlinne Garaidh—coimhthional marbhteach a thaobh siubhal agus astair. Bha a’ cheud bhaisteadh cóig mìle fichead bho’n Mhansa, agus a’ cheud phòsadh dà mhìle thar fhichead air falbh. Cha robh Gàidhlig aig a’ mhinistear a bh’ann an Gleanna Garaidh roimh’n Domhnallach idir, agus tha cuimhne bhlàth aig An Ollamh Alasdair fhathast air a’ ghàirdeachas a rinn na seann daoine ris a’ cheud shearmon Gàidhlig a thug e fhéin dhaibh. Dh’fhuirich e trì bliadhna anns a’ choimhthional sin, ach ann an 1914 fhreagair e gairm gu Eaglais Ghlasaraidh.
Ach bha am barrachd feuma air còmhla ris na balaich Ghaidhealach anns an Fhraing agus chaidh e null còmhla ris na 5mh Camshronaich agus na 7mh Sìophortaich. Chunnaic sinn iad—croitearan agus iasgairean a tha’n diugh seachad air a’ mheadhon latha—aig am bheil cuimhne thlàth air ministear-airm Uibhisteach a bhiodh daonnan ’na throtan air feadh nan treinnsichean, a cheann ’s a ghuailnean an làn fhianuis nan Gearmailteach agus e a’ cur suas ùrnuigh an sud ’s a’ tairgsinn pìos tombaca an so. Bha am ministear-airm sin an uair sin mar a tha’m ministear coimhthionail an diugh— ’na mhinistear thar chàich seach gum bheil e ’na charaid thar gach caraid.
Thìll Alasdair MacDhomhnaill do Ghlasaraidh an déidh a’ chogaidh ach cha robh fada gus an deachaidh e do bhaile Stevenson. An deidh cóig bliadhna an sin chaidh e do Alloa ach bha a’ chridhe an geall air coimhthional Gàidhlig. Ann an 1929 fhuair e sin—an coimhthional Gàidhlig as iomraitiche an Alba—an uair a ghairmeadh e gu Eaglais Chaluim Chille an Ghlaschu an déidh an Urr. Iain Mac-an-Rothaich.
Am measg a dhaoine fhéin fhuair e cothrom ceart na tàlantan a bhuilicheadh air a nochdadh. Tha Gaidheil Ghlaschu buailteach tionndadh ris a’ Bheurla an ceann greise, ach chun an latha ’n diugh cha bhruidhinn esan facal Beurla nas lugha na bheir an dubh éiginn air e. Tha e ann an teas mheadhon gach aobhar Gàidhlig an Glaschu—aig cuirm, aig céilidh no ag òraid—agus an rud ris an cuir e a làmh ni e gu comasach, grinn, snasail.
Chan eil urram nach do chuir an Eaglais air. Ann an 1944 rinneadh Ollamh dheth; chuireadh air cheann Comhairle nam Ban agus air ceann Comhairle na Gaidhealtachd agus nan Eilean e; ann an 1948 rinneadh modaràtor dheth—an t-urram as motha as urrainn an Eaglais an Albainn a chur air duine sam bith. Bha e ’na charaid do’n Rìgh nach maireann, agus tha sinn a’ creidsinn gur e an aon mhinistear a rinn riamh altachadh Gàidhlig ann an Caisteal Bhalmoral. Arsa a’ Bhàn-righ ris an uair sin “Nach eil a’ Ghàidhlig ceòlmhor?” Tha sin bhuaithe-san co-dhiùbh. Am bliadhna, chuireadh urram mór eile air an uair a thugadh chun a’ Chrúnaidh e mar fhear-cuideachaidh do’n Oll. Pitt Watson.
Tha an t-Oll. Alasdair pòsda aig Charlotte NicAmhlaidh a Dùthaich MhicAoidh. Tha ise ’na boirionnach socair, ciùin, diadhaidh, a tha air a bhith ’na cùl-taice dha fad a bheatha.
Sin agaibh, mata, An t-Ollamh Urramach Alasdair MacDhomhnaill. Chan eil urram nach d’fhuair ’s nach do choisinn e, ach is e so meud an duine—gur e an t-urram as an uaisle e thar chàich, gun can a dhaoine fhéin ris fhathast “Alasdair Uilleim.”
title | An Aithne Dhuibh ...? |
writers | Finlay John MacDonald, Derick Smith Thomson |
internal date | 1953.0 |
display date | 1953 |
publication date | 1953 |
level | |
notes | NB. Cha robh ainm an ùghdair air fhoillseachadh san alt seo. Tha sinn a’ leantainn na sgrìobh Raghnall MacilleDhuibh gur e an co-dheasaiche Fionnlagh I. MacDhòmhnaill a sgrìobh an sreath ‘An Aithne Dhuibh...?’ air fad. (Gairm Index aig DASG) |
parent text | Gairm 4 |