[333]

Mar a Theich Sinn as a’ Champa

DOMHNALL IAIN MACDHOMHNAILL (Uibhist-a- deas)

RIAMH bhon chuala sinn gu robh sinngar cur a dhobair do mhèinn-shalainn bha sinn acur ar cinn ri chéile gun teicheamaid achiad chothrom a gheibheamaid. Ged a bha sinn cinnteach nach toireadh an teicheadh so an taobh a-mach do chrìochan na Gearmailt sinncha robh airgead no paipearan-aithnichidh againnbha sinn cinnteach gu sàbhaladh e dhuinn a dhol a dhobair trì cheud troigh fon talamh ann am mèinn-shalainn Merkers, amhèinn anns an robh roinn mhór de bheairteas òir na Gearmailt an tasgadh aig Hitler.

Bha sinn an déidh ruith air caochladh sheòrsachan obrach roimhe sin, agussann air tilleadh á càmpa-dìoghaltais, neo mar a theireadh iad fhéin Straf-Lagar, a bha sinn, an déidh trì mìosan a dhèanamh airson teicheadh á cuarraidh-chlach.

Bha sinn fortanach achiad latha ràinig sinn Merkers, oirsann os cionn an talmhainn a chuireadh a dhobair sinn, ach bha deagh fhios againn nach bfhada gus an cuirte sìos sinn, agus nuair a thachradh sin cha bhiodh an cothrom teichidh idir cho fìor mhath. Dhobraich sinn achiad latha bho shia uairean samhadainn gu sia feasgar, agus bha sinn fad an latha agabhail beachd air suidheachadh an àite, agus air gach cothrom a bha fosgailte dhuinn.

Bha Seòras (Geordie Skead)— ’sann á Lìte bha Seòrasairson feuchainn air falbh an latha sin fhéin, ach bha mi fhìn is Uilleam Mac-Thómaisgille mhuinntir Inbhir-Nisairson leigeil leis an oidhirp gus amhàireach. Bha fortannar fàbhar -rne-mhàireach cuideachd oir bha ceò gu math trom annchan fhaiceadh tu ach beagan shlatan romhadagus mu chairteal na h-uarach an déidh ar cur an gréim san obair, rinn sinn an comharra ri chéiles ghluais sinn a-null air ar socair gu cùl seana charbad chruidh a bha aig làimh. Nuair a fhuair sinn an carbad eadar sinns an geàrd, thug sinn na buinn dhi a-stigh do dhuaigneachd acheò agus ann am beagan mhionaidean bha sinn a-stigh sachoillidh dhumhail a bha mu astar lethcheud slat bhon charbad.

Lean sinn oirnn a-stigh na bu doimhne sachoillidh agus an ceann uair a thìde shuidh sinn sìos a chur ar comhairle ri chéile feuch gu an ath ghluasad a bhiodh ann. Cha bhiodh e sàbhailte siubhal a dhéanamh ri solus an latha— ’se samhradh a bhannagus cho-dhùin sinn gu feitheamaid ri tighinn dubhar na h-oidhcheadh. Cha robh biadh againn ach beagan chocolat, agus mun dàinig am feasgar cha robh sin fhéin againn.

Nuair a chiar an latha mu dheich uairean thog sinn oirnns rinn sinn ar rathad a-mach ás achoillidh, aseachnadh na rathaidean móra cho maths a burrainn dhuinn, ach nuair a thainig marbhan na h-oidhcheadh mhiontraig sinn chun a rathaid mhóir, agus chùm sinn air adhart ag earbsa anns an fhreasdail na bu mhotha na ann an gliocas. Chaidh cùisean leinn gu réidh, agus beagan an déidh ceithir uairean samhadainn chunnaic sinn baile beag romhainn, stìopal àrd na h-eaglaisna chomharra-tìrena theis-meadhoin, mar as gnàth ann am bailtean beaga dùthchail tir mór na Roinn-Eòrpa.


[334]

Bham baile beagna chadal, agus mar mheirlich san oidhche ghluais sinn gu fàillidh furachail troimhe, ’s thainig sinn a-mach air an taobh eile dheth gun droch thachartas sam bith. Bha e nis mu chóig uairean, agus bha fios againn gum biodh luchd-obrach atòiseachadh air gluasad agus bha sinn dìreach adol a dhfhàgail an rathaid-mhóir nuair a chuala sinn srann aigmotor -bike.Cha robh ùine againn air sinn fhìn fhalach, ’s cha robh ann dhuinn ach leantail oirnn ag earbsa gu saoileadh e nach robh annainn ach triùir dhe na Frangaich shaora. ’Sann atighinnnar coinneamh a bha e, agus nuair a bha e dol seachad chunnaic sinn gun sheall e gu geur oirnn le sùil gu math amharasach, ach chùm e air adhart.

Chuir so iongnadh gu leòr oirnn, oir chunnaic sinn rudeigin eile timcheall air anns an dol seachad nach do chòrd ro mhath idir ruinn: be sin am bràisde-suaicheantais a bha ann am broilleach na seacaid aige, am bràisde a bha sealltainn abhuidheann dha robh e. Bha fios is cinnt againn nach robh fàthamas no iochd ri fhaotainn bho fhear sam bith a bha giùlan suaicheantas nan Nazi, agus mar sin chuir e iongnadh oirnn a dhol seachad. Ach cha dfhuair sinn cus meòraichidh a dhèanamh air achùis nuair a dhfhairich sinn fuaim amhotor-bike atilleadh air ais, agus stad mo liagh ri ar taobh.

Dhfhaighneachd e sinn, ann an Gearmailt, agus air eagals gu faodadh beagan Beurla bhith aige fhreagair mise ann an Gàidhlig e, ged a thuigeadhs a bhruidhneamaid achànan aige-san cha mhór cho math ris fhéin. Thug e oirnn tilleadh air ais a-stigh dhan bhaile, ’s e fhéin atighinn gu socair air ar cùl. Bha sinn afaicinn nach robh reusan esan a chur an dàrna taobh, ged a bha e furasda gu leòr sin a dhèanamh, o chionn bha sinn afaicinn cròidhleagan dhaoinena seasamh aig oisein an taobh abhaile bhig mu cheud slat bhuainn. Chuir esan càchna faireachadh an toiseach mun do thill e a thoirt na h-aghaidh oirnne. Nuair a ràinig sinn far an robh na daoine eilena seasamh, chuir fear mór dubh abhràisde a-stigh do sheòmar-suidhe tigh-òsda sinn, agus thàinig na fearaibh eile a-stigh còmhla ris.

Bha suidheachain is bùird air feadh an t-seòmair, agus shuidh sinne sìos far na dhiarr esan oirnn air an dara taobh, agus shuidh càch mur coinneamh air an taobh eile, agus gunna aig gach fearga chumail stuaidhte ruinn.

An e so achrìoch?” arsa sinne ri chéile. Thuig sinn gu robh an t-àm atharrais-aineolais a chur an dàrna taobh, agus dhiarr sinn brath a leigeil a dhionnsaigh acheannard-airm a bfhaisge. Bha fios againn nan tigeadh saighdear nach robh math dhaibhsan turas a ghabhail ruinn, ach aig an aon àm bha sinn afaicinn gu robh sinn ann an làmhan nam fìor Nazis, agus gun dìon an airm Ghearmailtich againn. Ann a faclan eile, bha e soilleir gu leòr dhuinn gu robh sinn ann an cunnart ar beatha.

Chuir an suidheachadh anns an robh sinn geilt gu leòr oirnn, ach cha robh sinn adol a leigeil fhaicinn dhaibhsan gu robh laigse sam bith annainn. Chuala sinn am fear a ghlac sinn abruidhinn air afón ris aphoilis, ach bha eagal oirnn gur e fear dhen Ghestapo a thigeadh, ’s mar a milleadh sin achùis, cha dèanadh e co-dhiùbh dad na bfheàrr i. Dhinnis sinn gur e prìosanaich Bhreatannach a bhannainn, agus thug


[335] sinn dhà ainm achàmpa ás na theich sinn. Thuirt e gu robh fios aige gur eEnglische Sweinhundena bhannainn, agus thainig e nall gar n-ionnsaigh le pìos de ròpana làimh. Cheangail e làmhan Sheòrais an toiseach ri chéile air a bheulaibh, agus cheangail e na làmhan agam fhìns aig Uilleam air an alt cheudna. Fads a bha sin adol air adhart, bha càch acumail nan gunnachan cochte ruinn, air eagals gun deanamaid gluasad sam bith gus na bùird a thionndadh orra. Thuirt e ruinn an sin gu robh e dol gar ceangal ri cùl càr, agus adol gar slaodadh fad an rathaid chun achampa.

Cha robh e comasach dhuinne dad a dhèanamh ach éisdeachd ris anns an t-suidheachadh a bhann. Thionndaidh e mun cuairt an so le cuip de rubair dùbailtena làimh, agus ghabh e dhomh fhìn leatha mun cheann. Bha mi fortanach mo dhà làimh a bhith air mo bheulaibh, ged a bha iad ceangailte, oir rachadh agam air maodanns mo shùilean a dhìon o na stràcan. Bhachuip alùbadh mun cheanns mu na cluasan agam, agus air mfhacal-sa bha na stràcan goirt, ach diog cha do leig mi ás mo bheul, ach acumail mo dhà làimh, ceangailte mar a bhà iad, suas ri maodann. Nuair a thug e greis mar sin ormsa, thionndaidh e air Uilleam, a bhana shuidhe ri mo thaobh. Tharraing e achiad shràc gun fhios do dhUilleam, mun dfhuair e aodann a gheàrd le a làmhan, agus lùb am pìos dùbailte de cheann na cuipe air uachdar na sùil aige. ’S gann gun creideadh neach mura biodh ega fhaicinn cho luaths a dhat sùil Uilleim a-mach ás a cheann, agus sruth faladh aisde. Shàbhail e e fhéin air na stràcan eile, ach bha an t-sùil aige ann an droch shuidheachadh.

Nuair a bha a chòir fhéin dhen dochann aig Uilleam, thàinig e gu Seòras. Achiad shràc a fhuair Seòras, bhuail e e fhéin ris an ùrlar aleigeil air gu robh e ann am paiseanadh. Cha do dhobraich sin na bu mhotha, oir dheubh esan air fear de chàch, agus chùm am fear sin Seòras suas air ghruaig gus gum faigheadh esan a chuipeadh mun cheann.

Bha Seòras air a chuid fhéin fhaighinn, agus an Gearmailteach atighinn an dàrna turas a-nall gam ionnsaigh fhìn, coltas an fhìor mhortairna dha shùil, sgian chaol bhiorach an turas sona làimh, nuair a dhfhosgail an dorus agus nochd shaighdear á geàrd achàmpa ás na theich shin a-stigh chun an ùrlair. Cha robh sinne riamh roimhe nono dhéidh cho taingeil do Dhia shaighdear Ghearmailteach fhaicinns a bha sinn anns amhionaid ud. Bha sinn air aithneachadh gur e dóruinn-chràidh a bha gu bhith ann an turas so leis a sgithinn agus nach biodh iochd ri shealltainn.

Dheubh fear dhe na saighdearan dhan fhear dhubh e stad gu luath, agus na làmhan againne fhuasgladh. Chaidh so a dhèanamh, agus thionndaidh na saighdearan— ’se oifigeach a bhann a fear dhiubhair an fhear dhubh an uair sin, agus chaidh a chunnartan innse dha, ann am briathran nach robh faoin, a thaobh turas a ghabhail ri prìosanaich Bhreatannach a bha, air réir laighe-sìos lagh Geneva, fo chùram an airm Ghearmailtich. Bha am fear dubh acumail a-mach riutha nach robh sinnnar prìosanaich aon uairs gun do theich sinn ás achampa achnar saighdearan Breatannach agusnar nàmhaid dhan Ghearmailt


[336] , agus gur ann anns an t-suidheachadh sin a bha sinn nuair a ghlac esan sinn.

Chaidh sinne thoirt air falbh co-dhiùbh, aig na saighdearan, agus thug iad air ais chun achàmpa sinnamhèinn-shalainn aig Merkers. Cha dug iad a-stigh idir sinn, ach dhfhàg iadnar seasamh a-muigh sinn fo gheàrd, agus an ceann uair a thìde dhfhalbh iad leinn air ais gu Mühlhausen, am baile ás na dhfhalbh sinn gu Merkers. Chaidh Uilleam a chur dhan ospadal gun dàil. Ged a bha cnapan air na cinn aig an dithis againne uiread ri uighean chearc, bha sinn cho slàn fallains a bha sinn roimhe. Cha do chaill Uilleam fradharc na sùil idir, ach gu robh an t-amharc asealltainn na bu mhotha na an te eile. Mar dhìoghaltas airson teicheadh, thàinig oirnn latha air fhichead a dhèanamh air uisg is aran ann a seòmar beag prìosain, ach chaidh againn air ar puing fhìn a chur an céill— ’se sin, cha do dhobraich sinn anns amhèinn-shalainn, ’s cha do chuidich sinn oidhirp-chogaidh na Gearmailt.

Ma tha neach sam bith aig a bheil Gàidhlig agus afaotainn Gairm, acòmhnaidh faisg air Uilleam no air Seòras, bu thoigh leam an aisnis so a bhith air a h-eadartheangachadh dhaibh, ged a tha mi glé chinnteach nach do dhìochuimhnich iad fhathast gnùis aGhearmailtich dhuibh aig a robh achuip.

[Sanas]

titleMar a Theich Sinn às a’ Champa
internal date1962.0
display date1962
publication date1962
level
reference template

Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill in Gairm 40 %p

parent textGairm 40
<< please select a word
<< please select a page