Beul-aithris a Strath Fharragaig
IAIN MACAOIDH (Inbhir-Nis)
GU ìre bhig tha an luchd-Gàidhlig ann an Strath Fharragaig air caochladh, agus dh’ fhalbh gach eòlas a bh’ aca air seann òrain agus dàin leotha.
Ach aig rannsachadh a bha Cùirt an Fhearainn a’ dèanamh an uraidh, ’sann aig té de sheann luchd-Gàidhlig an àite a bha am fearann. Seann bhoireannach a bh’ innte is anns an tigh a bha i dealachadh ris, bha an dealbh a rinn Hogarth de Mhac Shimidh (Sìm a bha iomraiteach mu Bhliadhna Theàrlaich), agus cha do dh’ fhàg bean-an-tighe ann an dà bharail sinn ach gu robh i mór ás.
’Se bana-Fhrisealach a bh’ innte fhéin, is i ’na h-iar-ogha do Mhinistear Both-fhleisginn, Am Ministear Beag, a bha ’na mhinistear airm ann an Réiseamaid Mhic Shimidh. Tha aice mar sheilbh phrìseil fhathast rud no dhà a bhuineadh dhà, mar a tha aon de na putanan a bha ann an aodach an airm aige, cuide ri sginean is spàinean airgid ’s a leithid sin.
Taobh a màthar, bha fear de na sinnsirean aice ’na bhrocaire iomraiteach an Srath Fharragaig: is e sin Donnachadh Camshron, no Donnachadh Beag Brocaire. Air tùs bha Donnachadh Beag ag obair ag iasgach a’ bhradain ás leth Frisealaich Fhoithir, Clann Uisdein Fhrangaich. Bhiodh e ag iasgach aig an Rubha Ruadh an Loch Nis. Nuair a chaochail am fear mu dheireadh de Chlann Uisdein Fhrangaich reiceadh an oighreachd, ’s i domhainn ann am fiachan, agus cheannaich Donnchadh Beag dasc-sgrìobhaidh aig an roup, agus bha sin aige ’ga ghleidheadh mar ulaidh. Chaidh Donnchadh Beag an uair sin a dh’fhuireachd do ’n chroit a tha ogha a nis air fhàgail. Chomharraich i mach dhuinn gil air slios a’ chnuic mu choinneamh an tighe. ’Se an Slocan Cumh’g a bha aice air, agus b’ ann an sin a bha a’ phoit-dhubh aig Donnchadh Beag.
Tha caraid eile dhaibh ag ràdh gum bu mhac Donnchadh Beag do ’n Donnchadh Mór sin air a bheil iomradh ann an aon de na h-òrain a rinn Aonghus Camshron, no Aonghus Bàn, bàrd a mhuinntir Srath Fharragaig (faic Comunn Gàidhlig Inbhir Nis, Leabhar 28, d. 172):
Moch ’s mi siubhal sa’ mhadainn,
Dìreadh bruthaich leam fhìn,
Fhuair mi sealladh dhe ’n bhuidheann
’S iad air uidheam gu grinn;
Dunnach Mór ’s na coin bhreaca
Dol anns an astaraidh gun sgìos
Air thòir a’ bhalgaire bhuidhe
’S an tòir ’ga ruithe gu dian.
Roimh ’n chogadh mu dheireadh, bhiodh na seann daoine a’ bruidhinn air Donnachadh Beag car anns an aon dòigh.
Leis an ùidh a bhathas a’ gabhail ann an dealbh Mhic Shimidh, ’sann
Séisd:
Till dhachaidh, tiugainn dhachaidh,
Till dhachaidh, Mhorair Sìm,
Till dhachaidh, tiugainn dhachaidh,
Till dhachaidh, Mhorair Sìm.
Thuirt Fear Goirtlig ’s e ’g éirigh,
‘Ach thréiginn fhìn an Rìgh,
Is seachainn Crois na Ceusar
Airson càirdeas Mhorair Sìm.’
(Theagamh gur h-e Crois na Ceusadh as dòcha bhith ceart na Crois na Ceusar!)
Tha ceithir rannan de ’n òran so an Leabhar 28, Comunn Gàidhlig Inbhir-Nis, d. 323.
Ghabh a’ bhana-Fhrisealach an uair sin òran, agus tha pàirt dheth aig Comunn Inbhir-Nis (Leabhar 26, d. 336). Ach tha rannan aicese nach eil ann an leabhar Comunn Inbhir-Nis. A réir an leabhair sin, b’ e ùghdar an òrain “Domh’ll Mac Thormailt,” † a bha a’ gabhail tàmh faisg air Garrogie, am Bràigh Strath Fharragaig. Chailleadh e ri stoirm sneachda anns a’ bhliadhna 1826, agus fhuaradh marbh e air a’ chnoc os cionn Dhubhrais aig ceann an ear-thuath Loch Nis. Tha e soilleir bho ’n òran gu robh am bàrd ’na shaighdear ri linn cogadh Napoleon. B’ ann mar so a bha an t-òran aig a’ bhana-Fhrisealach:
Séisd:
Tha mi fo ghruaim gur nach dean mi ìnns’,
Gur tric mi smaointin ’s mi leam fhìnn
Nam foighinn fòirleis gu dhol air m’ eòlas
’Sann theid mi ’n Olaind le òrd an rìgh.
’S iomadh té chuir mo léin am bùrn,
Is bana-grùdair a rinn dhomh lionnd,
’S iomadh bocsa air a ghabh mi snaoisean
Agus aodainn a la’ar rium.
’S eòl dom fhìn rud nach eòl do ’n Airm,
’S eòl dom an Eiginn ’s an Caigeann Garbh,
’S eòl Caoirinn tha am Bun an Sgùmbain,
Tom a’ Chuathair sa’ Bheallaidh Gorm.
’S eòl dom Còr- ’n-laraich is Allt Tri Chrò,
Agus Meallagaidh is grinne feòir.
An El’ rig uaigneach far am bi an earbag
Agus Gar’agaidh is mi glé òg.
Bha a leithid sin a dh’ ainmeannan ann gun teagamh, a réir fear a mhuinntir Strath Fharragaig aig a bheil Gàidhlig agus a chuir seachad a bheatha a-measg nam beanntan agus nan àiteachan a tha air an ainmeachadh leis a’ bhàrd. Ach an àite Tom a’ Chuathair ’se bu chòir bhith ann Toll a’ Chuathair; an àite Bun an Sgùmbain, Bun Ruigh Sgùmbain; an àite Allt Tri Chrò, Allt Ruigh Chrò. Is e An Eiginn ainm creige os cionn Loch Chill-fhinn, far an tugadh oidhirp air mort a dheanamh ás déidh a’ chogaidh mu dheireadh. Is e An Crò a tha air bràigh a’ ghlinne troimh am bheil Abhainn Fionn-Eirinn a’ ruith, agus ’sann an sin a tha na h-uaighean Abrach, far an do mharbhadh Dòmhnallaich na Ceapaich leis an fhear-bhogha ainmeil Iain Beag MacAnndra, is iad a’ tilleadh dhachaidh leis a’ chreich.
Cho fad ’s a ghabhas, tha litreachadh nam facal a’ toirt seòladh air mar a tha iad air am fuaimneachadh, ach is dòcha nach bu mhisde beagan seòlaidh eile a thoirt seachad.
Tha ’S eòl air fhuaimneachadh mar am facal Beurla “shawl”; garbh mar garra, chan ann mar garroo; rium mar anns an fhacal Bheurla “rim” (car coltach ri Gàidhlig Leódhuis); labhar mar lawar; grinne mar gum b’ e gride a bh’ ann. Tha buille throm air Còr- ’n anns an ainm Còr- ’n-laraich, is gun ach buille glé aotrom air laraich (mar anns an ainm Crian-laraich).
Tha an aon fhonn air an òran ’s a tha air “Ochón a rìgh ’si mo rìbhinn donn Dh’ fhàg mi fo mhìghean is m’ inntinn trom,” le atharraichean beaga an sud ’s an so.
Is dócha gu faigheadh fear-tionail ealanta pìosan eile de ’n òran bho ’n bhana-Fhrisealach chaomh so. B’fhiach e an t-saothair cuideachd a’ Ghàidhlig aice a char air clàr, oir tha iomadh eadardhealachadh eadar i ’s a’ Ghàidhlig a tha dlùth oirre air taobh eile Loch Nis.
† Dh’ fhaoite an t-ainm so a choimeas ri sloinneadh an Obair-itheachan—Ruaraidh Ragh’ailt (Ragh le fuaim a mar anns an fhacal Beurla ‘car’ ).
[Sanas]
title | Beul-aithris á Strath Fharragaig |
internal date | 1962.0 |
display date | 1962 |
publication date | 1962 |
level | |
reference template | Iain MacAoidh in Gairm 40 %p |
parent text | Gairm 40 |