[340]

Tagair Tri Tulaich

1. Drochaid Thung. 2. Airighean An Rubha. 3. Cathair Bharbhais.

RUARAIDH MACGILLEATHAIN

BITHIDH sinn aleughadh anns na paipearan naidheachd gum beil buaireadh air feadh an t-Saoghail uile agus a réir naidheachdan na Gàidhealtachd chan eil na h-Eileanan an Iar falamh comhstri agus claidhmhaireachd.

Tha cuid ag ràdh gum bu chòir na tighean beaga tha timcheall Drochaid Thung a chur ri talamh. Chan eil móran eòlais againne air an astar sin agus fàgaidh sinn an crannchar aig muinntir aBhac.

Canaidh cuid eile gum beil làn thìde Airighean An Rubha, tha tighinn rudeigin dàna air mòinteach Shiaboisd, an iar thuath air Loch an Tobair, a shìobadh gun dàil o aodann na talmhainn. Gu dearbha bithidh sinn duilich deireadh Airighean An Rubha fhaicinn oirs cuimhne leinn a bhith leum fhèithichean Lèana-Leitir air an t-slighe dhan an dròbh, ach ged a bhiodh clann-nighean an Rubha ri fanaid oirnn dhfhuiligeadh sinn àite ionaltraidhs ionailt dhaibh fhathast. Dearbhaidh coisichean na mòintich òirnn nach e àite ionaltraidh no ionailt a tha iad ag iarraidh ach cnoc fradharcach, faisg air an rathad far am faicear iad ri faoineagraichnam bicìnis. Mas e sin an fhìrinn bha latha agus trusgan eile aig banachaigean Allt aBhioruachan.

Falbhaidh còmhradh an duine fada nas fhaide air amhòinteach air latha sèimh na tha beachd againn. Be sin a t-aobhar gun cuala sinn air amhadainn chiùin ud a nighean ag eubhach ri càchTrothaidibh ach am faic sibh na Siaraich adol dhan an dròbh.” Ann an tiota bhiodh iad air na tulaich ag amharc oimn mar gum be creutairean á saoghal eile a bhunnainn. Le athadh theicheadh sinne air falbh air sibheadh oir tha Donnchadh Leumrabhaigh nas eòlaich an diugh air nakulaksair cùlaibh aChùirteir Iaruinn na bha sinne air caobhagan Shesiadair an uair ud. Agus sheasadh iadsan air na tuims chan iarradh iad feobhas fearas-chuideachd aig ar dol seachad ach a bhith magadh oirnns chreideadh sinn gur h-e am port a bhiodh aca— “Na Siaraich gun bhròg gun chaisbheart ri dol seachad dhan an dròbh.”

Ach nam be an an diugh fhreagradh sinn iad le

Muinntir iomrall an Taobh Sear
A thog an imirich cho fad ás
S chaidh a dhionailt leis na cearcan
Mach far am biodh abhó ac’.

Aig ar dealachadh dheubhadh iad ruinnBheil Siarach nan osanan an nochd atighinn dham iarraidh?” Agus seach gu bheil e coltach gun teid Airighean an Rubha fhàsachadh bheir sinn beagan ruinn dhuibh air fonnMo shoraidh chum na Gruagaicheangus nach dìochuimhnich sibh ar n-aonachd.


[341]

S e crìochan bhailteans rìoghachdan
S fhearainn agus sgìreachan
S coireach nach eil sìth againn
Dhar-fhìribh mar bu chòir dhuinn.

Bha coinneamh-ràith ur Pàrlamaid
Gun eagal fiamh na fàbharrachd
Ged dhaontaich iad na h-àirighean
A chur gu làr len òrdaibh.

S na tobhtaichean neo-àbhaisteach
Air chùlaibh Thung is Chàrlabhaigh
Asmùideadh bharr nan làraichean
S smàl chur ris achòrr dhiubh.

S bi Earraid, Maors Siamalan
S bàilidhean ri siadaireachd
Dhur sealg air feadh na fiallaichean
Afìachainn ri ur fògradh.

S mas es gun teid ur fuadachadh
Tha tulaich air aBhuaim a-stigh
Gun chròdhan mart no buachaille
S nach gluais sibhs cuiribh ceò unnt.’

S ma theid sibh unntna dùilichibh
Gun cluinn sibh seinn na sùgradh unnt’;
Tha staid gun shuim gun chùram dhuibh
S an ùrlar dhùint fo chòinneach.

Ach sgeadaichibh an cliathaichean
S na sgrathan air na ceanglaichean
S falaichibh scorr an t-sìoltachan
S na mìosanbhiodhna seòmar.

S cuiribh tigh-ionnlaids àirneis unnt
S cuibhrig chloimhteach ràcairean
S bi bhanachaigs bian achàmhail oirr
Is spìocan àrd fo brògan.

S an àird am bòrd a dhinnseas dhuinn
Mu leabaidh-oidhches aphrìs aice,
Le bracaisd air ur truinnsearan
Mar chì sinn air aMhòr-Thir.

Bha mòran unntbha luachmhor leinn,
Bha sonas, saorsas suaimhneas unnt,’
S beghrian bu tric ar n-uaireadair
Troimhn dorus chluain gun chòmhla.

[342]
[343]

’S b’ e geugan fraoich ar bousdairean,
S acheap a stòl a bannsa leinn,
Ri cluinntinn eòin an t-Samhraidh
Muigh air lanntairean na mòinteach.

S ma sgaras sinn na crìochan ud
S gach gàrradh-crìoch a dhiadhaidh sinn
An dùilm bi fois is fialaidhachd
Mar shìon òirrne ri dòrtadh.

Rithist tha sinn afaicinn gu bheil fear Siorrachd Rois an aghaidh Moireasdanach a chur air Cathair Bharbhaisna Cheann-Cinnidh. Thubhairt e gur h-e fear do Chlann Mhic Leòid a bairidh a bhith blàthachadh an t-suidheachain, a chionn gur h-ann do Chlann Mhic Leòid a bhuineas Eilean Leódhuis air fad. Bha sinn déidheil a bhithn cuideachd gach cinneadh os cuimhne leinn agus shaoileadh sinn gun gabhadh Ceann-feadhna dòigheil a thaghadh ás gach treubh. Mar a fhaigh MacLeòid Cathair Bharbhais chan eil duine den achinneadh aige ann an gin de na bailtean soBhalsaidh, Crothair, Tacleit, Toboson, Circibost na Fìbhig, agus roghnaicheadh cuid dhinn Cathair Fhìbhig sam bith ro te Bharbhais, oirs cuimhne leinn teaghlach a Chlann Ic Leòid a bhith ann is bha cholas gu robh iad toilicht agus aoigheil gu leòr fhads a bha iad ann.

Bithidh sinn gu tric asmuaineachadh gur h-e ainmeanan gun Mhac is fheàrr. Tha iad nas fhasa a litreachadhs a sloinntearachd saBheurla. Chan fhaod sinn a bhith adeanamh cus uaill áMacoir ma theid sinn a-null air clach mhìle Phàruig na sìos air Gàrradh domhainn aGhreumaichsann a tha Mac a bhithnar n-ainmna dhuiligheadas dhuinn mar a bi sinn afalbh le teisteanais ar n-aois mur n-amhach mar tèarainneach Muillear Lacasdail . . . . †

Aig àm achogaidh nach iomadh fear ann a seiribhis aRìgh, nach maireann, a sheas air abhrat-ùrlair air beulaibh Oifigeir o nach burrainn dha ainm a litreachadh ceart, agus bha sinnenam measg. Cha robh fios againn bha ceartMcL., MacL., Macl. na iomadh dòigh sam bith eile a chithear sgrìobhte iad. Mar sin bu chòir dhuinn a bhith cho seòlta ris na Moireasdanaich, Clann aGhobhainn, agus naTamsanaich.” Nuair a theid iadsan chun na Galltachd na measg na Beurla gearraidh iad air falbh amMacagus cha bhi unnta achMorrison,” “SmithisThomsonagus litrichidh amhor-chuid sin anns aBheurla.

Fàgaidh sinn a réisd Cathair Bharbhais aig na Moireasdanaich a chionn nach eil Macnan ainm. ’Se Mac no Nic a tha ann an uile chreutairean na talmhainn; a réisd tha sinn den bheachd gu bheil Mac roimh ainm sam bith anabharra.


An Siorraidh Miller, a thuirt anns achùirt an Steòrnabhagh: “You are talking as if the sheep were walking about with their birth certificates tied round their necks. ”

titleTagair Tri Tullaich
internal date1962.0
display date1962
publication date1962
level
reference template

Ruaraidh MacGilleathain in Gairm 40 %p

parent textGairm 40
<< please select a word
<< please select a page